Oirthir Tim, le Cailein T. MacCoinnich
(Clo-bhualaidhean Gairm. 15 t)
“Ann an seagh no dhà ’se leabhar sònraichte a th’ann an “Oirthir Tìm.”
Tha sinn a’ cur fàilte chridheil air an toiseach a chionn ’s nach ann tric a thig leabhar de rosg Gàidhlig, gu h-àraidh de sgialachdana o’n chlò. A’ toirt sùil air mo sgeilp leabhraichean chì mi gum bheil na leabhraichean bàrdachd pailte gu leòr, ach chan eil na sgialachdan goirid ach tearc. Tha Oilthigh Ghlaschu air cuideachadh mór a dhèanamh mar tha ann a bhith a’ lìonadh na beàrn so le bhith a’ toirt dhuinn “Rosg nan Eilean,” agus á Oilthigh Obar-dheadhain thàinig an leabhar prìseil aig Iain Mac a’ Ghobhainn, “An Dubh Is An Gorm.”
A rithist, math dh’fhaoidhte gum faodar coimhead air foillseachadh an leabhair so mar aon de chomharraidhean na h-aimsir ann an iarmailt litreachas na Gaidhlig. Mar tha anns an linn so tha na bàird air àite urramach a chosnadh dhaibh féin an taobh a-muigh de chrìochan na Gàidhealtachd. Nuair a thig co-chruinneachadh ùr de bhàrdachd Albannaich am follais chan eil e idir ’na annas a bhith a’ faicinn saothair nam bàrd Gàidhealach, mar a tha Hay, MacAmhlaigh, Mac a’ Ghobhainn, MacGhill-eathain agus MacThómais a’ faighinn an aon inbhe ri bàrdachd MhicCaoig agus MhicDhiarmaid. ’S dòcha gum faicear a nis an t-ath-bheothachadh ceudna ann an sgialachdan Gàidhlig—ann an tomhais, tha so air tachairt mar tha ann an Gairm. ’Se comharradh gealltanach a th’ann gun d’fhuair am B.B. C. dà fhichead agus trì de sgialachdan anns a’ cho-fharpuis a chuir iad air chois bho chionn ghoirid, agus gun robh còrr is fichead dhiubh sin cho math agus gun cluinnear air an réidio fhathast iad.
Tha adhbhar gàirdeachais eile againn a thaobh an leabhair so. ’Se so a’ chiad sgrìobhadh, a chunnaic mise co-dhiù, a fhuair cuideachadh le cosgais a’ chlò-bhualaidh o chomhairle nan Leabhraichean Gàidhlig. Tha mi ’n dòchas gum faic sinn móran leabhraichean, an dà chuid rosg agus bàrdachd, anns na bliadhnachan a tha romhainn, a dh’inniseas dhuinn anns an Roimh-ràdh gun d’fhuair iad cuideachadh o’n chomhairle.
Tha sinn toilichtc “Oirthir Tìm” fhaicinn cuideachd oir bheir e cothrom dhuinn rannsachadh a dhèanamh air sgialachdan MhicCoinnich ’s iad air an cruinneachadh còmhla. Roimhe so thàinig iad a-mach ann an Gairm no air an réidio, ach tha grunnan math againn an so san aon leabhar airson beachd a ghabhail orra. ( ’Se rud luachmhar a bhiodh ann nan cruinnicheadh feadhainn eile de ar sgrìobhaichean an saothair ann an leabhar mar so—bhiodh e math na pàipearan aig Somhairle MacGhilleathain, no na h-òraidean
’Sann ri “saoghal a’ cho-a- thràth eadar latha ’s oidhche” a tha na sgialachdan so a’ déiligeadh. Ma bhios uallach air an leughadair gum bheil sin a’ ciallachadh gum bheil iad doirbh a leantainn faodaidh e misneach a ghabhail. Ged a tha an leabhar a’ buntainn ri cuspairean diamhair, chan eil e mar a tha cuid de sgialachdan an latha an diugh, le dòigh smuain a tha duilich a thuigsinn.
O thoiseach gu deireadh gach sgialachd bidh aire an leughadair air a cumail. Chòrd an fheadhainn as giorra san leabhar rium gu h-àraidh, agus ma tha neach a’ dol a cheannach “Oirthir Tìm ” nach eil eòlach air sgrìobhaidhean Mhic Coinnich chomhairlichinn dha sgialachd ghoirid, mar a tha “Am Bonn” (t.d. 145) a leughadh air tùs. Bheir sin dha roimh-bhlasad air na th’ anns na sgialachdan as fhaide.
Tha a’ chainnt anns am bheil na sgialachdan air an sgrìobhadh nas fhaisge air Gàidhlig “Caraid nan Gàidheal” na tha i air Gàidhlig Iain Mhic a’ Ghobhainn. Saoilidh mi gum bheil e freagarrach
Tha an leabhar so air a dheasachadh gu cùramach. Ann an àite no dhà tha an t-aon fhacal air a litreachadh ann an dà dhòigh- e.g. “sgeulachd” air seacaid an leabhair ach “sgialachd” san “Roimh-fhacal,” “air leam” air t.d. 145 ach “ar leam” air t.d. 152. Tha an litreachadh “somharraichte” air t.d. 145 caran annasach.
Tha Mgr. MacCoinnich ri mholadh airson leabhar cho taitneach a sgrìobhadh, agus tha ar taing aig Gairm airson fhoillseachadh. Ma tha neach sam bith a tha a’ leughadh an iomraidh so nach do cheannaich “Oirthir Tìm” tha mi’n dòchas gun cuir iad ga iarraidh. Bheir e misneachadh do’n ùghdar—ach gheibh iad fhéin leabhar a chòrdas riutha.
Ruairidh MacLeòid
title | 2 |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Ruairidh MacLeòid in Gairm 67 %p |
parent text | An Sgeilp Leabhraichean |