[216]

SGEULACHD NA LAIRE BIGE

Air a h-innse le Dòmhnall MacNéill (nach maireann) á Barraidh, agus air a sgrìobhadh le M. Bruce Watson, á Obar-Dheadhain, o chionn cóig bliadhna fichead

Bha sean tuathanach ann agus bha mac aige air an robh gaol mór aige. Nuair a bha am mac aige ochd bliadhna deug a dhaois, thuirt am balach òg aon riathair nach robh an obair apàigheadh cho math. “Tha mise afalbh a shiubhal an t-saoghail feuch an dèan mi mfhortanors am balach. Well, bha an athair abristeadh a chridhe agus thuirt e ris abhalachChan eil sìon agam a bheir mi dhuit ach mo bheannachd agus alàir bheag a thanns a stàbull.”

Samhaduinn chaidh an tuathànachs a mhac sìos chun astàbull agus thug an tuathanach a mach alàir bheag agus thug e a bheannachd don ghilles don làir bhig agus thill e a steach.

Bha am balach falbh air muin na làire bige fad an làtha gus an do laigh aghrian. Dhfhàs an oidhche dorchas am balach gun fhios aige càite an robh e. Mu mheadhon-oidhche, chunnaic e solust air meadhon arathaid agus mar bu ghiorra bha e dol gu solusts ann bu shoilleire bha e fàs. Nuair a ràinig iad asolust, leum an gille bho muin na làire bige agus chunnaic e gur e ròinneag òir a bhann. Thog e suas is chuir ena phòcaid i.

Ghabh iad air aghaidh agus an ath-oidhche an déidh sin, chunnaic iad solust eile. Rinn iad dìreach air an t-solust, agus nuair a ràinig iad e, be bhann taigh tuathanaich. Chaidh am balach chun an taigh agus bhuail e aig an dorus. Dhfhosgail an tuathanach fhéin an dorus agus dhfhoighnich e dha gu bha e ag iarraidh. Fhreagair am balach gur e obair a bha e ag iarraidh. Thuirt an tuathanach ris gun toireadh e obair gu leòir dha agus thug e cead don bhalach alàir bheag a thoirt a stigh gun stàbull còmhla ri na h-eich aige fhéin. Thuirt e cuideachd gum bitheadh aig am balach ri dhol sìos chun astàbull gach feasgar am bial na h-oidhche agus na h-eich a chur air dòigh.

A h-uile oidhche, thug an tuathànach sgillinn don ghille airson coinneal a cheannach gus am bitheadh solust aige anns astàbull. A


[217] a h-uile oidhche, chùm am balach an sgillinnchionn nach robh feum aige air sam bith ach an ròinneag a thug e ás a phòcaids chuir e air an an treasd i. Thug an ròinneag dha barrachd soluist na trì coinnlean.

Aon oidhche, bha am balach trang leis an obair a bha aige ri dèanamhs cha chuala e an tuathànach atighinn a stigh gus an robh e ri thaobh. “Càitan dfhuair thu asolust sin?” thuirt an tuathanach, “Tha mise toirt dhuit airgiod a h-uile oidhche agus tha mi a nis afaicinn gu bheil solust agad fada nas fheàrr na trì coinnlean,” agus thog an tuathanachna làimh an ròinneag òir a bha toirt an soluist, agus thuirt e ris abhalach, “Tha mise gad chur fo gheasaibhs fo chrosadh nan naoi mnà-sìdhe suilbhirean( ?) a chuir air seachran an laogh beag aonaghinna mhàthair, mur toir thu thugamsa air làimh deas a nighinn a chaill an ròinneag so.”

Bha am balach fo mhór chùrams cha robh fios aige gu a dhèanadh e agus nuair chaidh an tuathanachna chadal, chaidh am balach sìos chun astàbuill. Thionndaidh alàir bheags thuirt i ris, “Gu tha cur cùram ort?” Dhinnis e dhi mar a bha cùisean. Thuirt i ris, “Leum air mo mhuin.” Rinn e sin, ’s chaidh iad mar aghaoth. Air arathad, thuirt alàir bheag ris, “Nuair a stadas mi aig caisteal arìgh, leum bho mo mhuins falaich sìos fon rathad mu choinneamh agheata. Bithidh an geata fosgailte an nochd agus théid mise steach gu caisteal arìgh agus nuair a thig amhoch-mhaduinn, thig arìgh a mach agus chì e aphònaidh àluinn ag itheadh mu chuairt achaisteil. Eighidh e air abhana-phrionnsa a thighinn a mach a choimhead aphònaidh. Nuair a chì abhana-phrionnsa mise, canaidh i gum bu toigh leatha marcachd air mo mhuin. Bithidh mi cho modhail ri uan agus nuair a théid abhana-phrionnsa air mo mhuin bithidh dithis gam chumail ach bithidh mi fhéin cho modhails gun can i ri na daoine gun dèan i fhéin an gnothach, agus an uair sin, leigidh iad ás mi. Nuair a chì thu sin, thoir leum o chùl arathaid agus buailidh tu air mo mhuin air cùlaibh na bana-phrionnsa.”

Rinn balach dìreach mar a thuirt alàir bheag ris, ’s chum e a shùil air na bhatachairt, ’s nuair a chunnaic e alàir bheag atighinn a mach bhon gheata le nighinn arìgh, thug e dearg leum bho thaobh arathaid agus bhuail e air a cùlaibh air muin na làire bige. Dhfhalbh iad mar aghaoth gus an dràinig iad taigh an tuathanaich.

Nuair a chunnaic an tuathanach abhana-phrionnsa thuit e ann an gaol mór rithe, ach thuirt i ris gun fheumadh an duine a phòsadh ise brògan-dannsa a sean sheanmhar a thoirt thuice as a rùm cadail sachaisteal. Chuir sin an tuathanachna stàid.

An oidhche sin, chaidh am balach sìos chun astàbuill a rithist fo chùram. “Gu a tha cur dragh ort a nis?” orsalàir bheag agus


[218] dhinnis am balach dhi na thuirt nighean arìgh ris an tuathanach. “Leum air mo mhuin,” orsalàir bheag, ’s mar a bha iad adol gu caisteal arìgh, thuirt i ris abhalach, “Théid thusa air falach san aon àite san robh thu roimhe agus théid mise steach gu caisteal arìgh, ’s tionndaidhidh minam chalman agus théid minam iteach suas gu similear an rùim far an robh nighean arìgh acadal. Théid mi sìos troimh an t-simileirs bheir mi a nuasnam ghob brògan-dannsa na sean sheanmhar. Tionndaidhidh mi air aisnam làirs nuair a chì thu mitighinn a mach, thoir dearg leum air mo mhuin.”

Thachair sin mar a thuirt is ghabh iad mar aghaoth gus an dràinig iad taigh an tuathanaich. Thug esan na brògan-dannsa do nighinn an rìgh ach thuirt i an uair sin ris fhéins ris an tuathanaich, “Am fear a phòsadh mise, feumaidh e toirt thugamsa an caisteal a thug mo sheanmhair dhomh, agus a chur air achnoc a tha muigh an sud san aon staid.” Chuir so an tuathanach fo chùram mórs thuirt e ris abhalach, “Bhon rinn thu cho math, gu a tha thu dol a dhèanamh a nis?”

Nuair a bha càch fo thàmh, chaidh am balach sìos chun astàbuill agus thuirt alàir bheag ris, “Gu a tha cur cùraim ort a nis?” Dhinnis e dhi gu thuirt nighean arìgh. “Leum air mo mhuin,” orsalàir bheag agus air arathad thuirt i ris abhalach. “Nuair a ruigeas sinn caisteal arìgh, théid thusa air falach san aon àites théid misenam chalman, ’s théid mi stigh gu siteag arìgh gus am faigh mi slige uigh. Nuair a gheibh mi an t-slige, bheir mi leamnam ghob i, ’s théid mi suas chun achaisteils cuiridh mi mo ghob fon chaisteals togaidh mi e, ’s cuiridh misan t-slige e. Thig mi mach air miteachs nuair a chì thu minam làir a rithist, thoir dearg leum air mo mhuin.”

Rinn i mar a thuirt is dhfhalbh iad mar aghaoth gus an dràinig iad taigh an tuathanaich agus dìreach mar a thuirt alàir bheag, bha an caisteal air a chur air bonn air achnoc san aon staids bha e roimhe. Nuair a chunnaic abhana-phrionnsa an caisteal, thuirt i. “Am fear a leumadh anns abhoiler luaidhe goil agus a thigeadh a mach gun bheum gun dearg, is e sin an duine a phòsadh mise.”

Chaidh am balach sìos chun astàbuill a rithist fo mhór chùram agus dhfhoighnich alàir bheag dha a bha cèarr air a nis. Fhreagair e, ’s dhinnis e dhi mar a thuirt nighean arìgh. “Gheibh thu botul fo bhun mearball, suath thairis ort fhéin air fad es cha bhi cùram ort.” orsalàir bheag. Rinn am balach dìreach mar a dhinnis i dhas chaidh e air ais gu taigh an tuathanaich.

Bha nise am boiler luaidhe deiseils bha nighean arìgh acoimhead. Leum an tuathanach don bhoiler an toiseach agus leagh e. Leum am balach annna dhéidh agus thàinig e a mach gun bheum gun dearg.


[219]

Nuair a chunnaic e, an uair sin, gun do bhuannaich e nighean arìgh, chaidh e sìos chun a stàbuill a rithists thug e taing don làir bhig airson na rinn i air a shon. “Tha aon rud,” orsalàir bheag, “a dhiarrainn ort mun téid thu chadal le nighinn arìgh an nochd; thig a nuas gam choimhead a rithist.” Gheall am balach gun dèanadh e sin ach bha abhanais cho urramachs arralachs gun do dhìochuimhnich e air alàir bhig. Nuair a fhuair e gu leabaidh le nighinn arìgh, ’sann an uair sin a chuimhnich e oirres air a h-uile rud a rinn i dha. Leum e mach ás aleabaidhs chaidh e sìos chun astàbuills bha alàir bheagna sìneadh air an ùrlars i dlùth air bàs. Shil e deòirean os a cionn agus thog i a ceanns thuirt i ris. “Bha mi cinnteach gun dìochuimhnicheadh tu mi air oidhche do bhainnse. Ma tha thu airson taing a thoirt dhomh airson na rinn mi air do sgàth, beir air mearball agus dragh air aiss air aghaidh mi.” Thug am balach earball na làire bige air a ghualainn leis nuair a dragh e i, leum ina caileig àluinn air a bheulaibhs thuirt i ris, “ ’S mise nighean an rìgh eile as ainmeile nan a phòs thu. Co-dhiù, a nis, mas fheàrr leat mise, an déidh na rinn mi air do shon, nan a phòs thu, cuir do dhà làimh mu mamhaich.” Rinn am balach mar a thuirt is e ag ràdh, “ ’S fheàrr leam thusa ceud mìle uair.” Dhfhalbh iad le chéiles bha iad toilichte fad am beatha.

titleSgeulachd na Làire Bige
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

M. Bruce Watson in Gairm 67 %p

parent textGairm 67
<< please select a word
<< please select a page