“IS E CRIOCH ARAIDH AN DUINE ...”
le OIGHRIG NICCORCADAL
RINN am ministeir searmon sòlaimte oidhche na Sàbaid air bàs obann agus air sìorruidheachd. Cha robh aon duine anns an eaglais nach robh an-fhoiseil ga éisdeachd, agus bha móran diumbach ás a chuid bruidhne chionn ’s nach robh am bàs gann ach air tadhal air a’ bhaile.
“Tha e cho math nach robh bean a’ Chaimbeulaich an sud an nochd,” bha iad ag ràdh. “An truaghan bochd, cha b’fheàirrd i e, agus dragh gu leór mu’ claigeann mu thràth. . . . Nach ann rithe a thachair an saoghal cruaidh—ach có air thalamh a chreideadh gun deanadh e fhéin a leithid sud? Maighistir sgoile mar a bha e, duine glic, feumail, dol a ghabhail a bheatha fhéin. . . . Ach is eudar gun robh rud air choireigin ceàrr, ged tha, —tha iad ag ràdh gun robh e tromachadh air an deoch bho chionn greis air ais—agus chuir duine na dithis uimhleachd air, air an t-seachdain so chaidh—chuir gu dearbh. . . . Tha fios gun e an ceann a chaidh ceàrr—bha thuilleadh ’s a chòir foghluim aige co-dhiù—ach tha iad ag ràdh cuideachd gun deach bràthair a shin-seanair ás a rian ’s gun ann ach duin ’òg. ’S dòcha gun robh laige sin anns an teaghlach. . . . ”
“Nach b’iongantach gun do dh’fhalbh Alasdair Ruadh a-null chun an tiodhlaigidh, agus gun fada on thill e dhachaidh o’n mhuir? Cha chualas guth riamh air móran comainn a bhith eatorra—ach ’s cinnteach gun ann chionn ’s gun deach iad troimh’n ionnsachadh còmhla. Ach tha e neònach gun sealladh an duine ceannraigeach ud modh do’n bhàs fhéin. . . .” “O tha e gu math searbh dha chuideachd co-dhiù, eadar nàire is a h-uile rud, tha fios gu bheil iad glé dhuilich gha thòrradh. . . . Ach tha e cho math nach eil clann, neo bhiodh an gnothach truagh buileach. . . . ”
“Sin sibh, a chlannaibh an Diabhuil,” ars Alasdair Ruadh ris fhéin a’ tilleadh air ais air a’ bhàta dh’an eilean. “O, chuideachd mo ghaoil, neo-ar-thaing nach tug sibh urram dha fhad’s a bha e
’S i bha snog Màiri—agus bha i laghach cuideachd. Rinn e suarach oirre nach do phòs e i, agus fios aige mar a bha i. Ach cha leigeadh an t-eagal leis—bruidheann dhaoine, agus athair ’na eildeir anns an eaglais. Nach damainde bhith peacachadh air sgàth na h-eaglais . . . . Ge bith ciamar a chaidh dhi an déidh falbh ás an Oilthigh—nach iomadh bliadhna bho’n uairsin! Is eudar gum fac e mu ’bàs anns a’ phàipeir, agus chuir e dragh air. Sin a thug air tighinn air chéilidh ormsa air an t-seachdain so a chaidh. Bha dùil agad ri beagan comhurtachd, nach robh? Ach ’se fhuair thu ach droch bheul. ’S dòcha gun robh mi car cruaidh ort, ach bha ’n deoch oirnn le chéile—agus choisinn thu co-dhiù na thilg mi ort.
Thug thu fhéin mo dhìol dhòmhsa airson beagan fhiachan a bh’agad orm air Ghalltachd—cha robh annamsa ach drungair gun òigh. Thusa, ’s gun thu ach air cùl a chur ris an té bha giùlan do phàisde—nach beag an t-ioghnadh ged nach biodh duine teaghlaich agad nuair a phòs thu. Ach chaidh dhutsa gu math, agus chaidh mise a dholaidh le gòraiche. Shiubhail mise an saoghal ged tha, agus chunnaic is chuala mi barrachd ann an seachdain is a thachair riut fad do bheatha. Rinn thus’ air na h-eileanan cho luath ’s a b’urrainn dhut— ’s math a bha fios agad càit am faigheadh tu an t-urram nach do choisinn thu.
Sin agaibh am maighistir sgoile—duin’ ionnsaichte agus fìor dhuin’ uasal ’na dhòigh. Tha fios gun robh do chridhe an toiseach tòiseachaidh air at le càirdeas is gaol do d’ nàbuidh, ach cha do mhair sin fada. Bha iad ga thràghadh mar a bha gach latha dol seachad le suarachas is còmhstrith ’s le naidheachdan beaga robach—gus mu dheireadh thall, dh’fhàg iad agad slige-chreachainn lom, falamh. Bha soillse cogais agad nuair a b’aithne dhòmhs’ thu, ach chaidh sin a smàladh mar a chaidh an còrr. Rinn thu pòsadh math, ’s rinn thu cinnteach gum faicte anns an t-searmon thu a h-uile Sàbaid. Bha thu fhéin is a’ ministeir glé mhór aig a chéile, agus cha robh guth air àicheadh tuilleadh. Bha thu fada stigh air an dotair is air a’ bhàillidh— ’s chan fhacas riamh taobh a-steach tigh-seinnse thu—thusa a dh’òladh na gheibheadh tu anns an uaigneas. Ach thugadh dhutsa cliù duin’ uasal, agus cha ghabhar air Alasdair Ruadh ach mac stròdhail is misgeir.”
Bha ’m bàta nis a’ tarraing dlùth ris a’ chidhe, agus leis a sin
“A mhamaidh,” arsa gille beag a bha sìor-bheachdachadh air Aladair pìos air falbh, “seall an duine neònach a tha sud, agus e bruidhinn ris fhéin. Saoil an e Gàidhlig a th’aige?” Thionndaidh Alasdair, agus ged a bha an gàire follaiseach air a bhilean, bha dhà shùil marbh ’na cheann.
“ ’Se, ille bhig, Gàidhlig a th’agam,” ars esan, “agus a dh’aindheoin cùise, chan eil agam ach an aon Ghàidhlig isd a th’agaibhse.”
title | “Is e Crìoch àraidh an Duine” |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Oighrig NicCorcadal in Gairm 67 %p |
parent text | Gairm 67 |