O THIGH GU TIGH
A’ Reic Leabhraichean an Tiriodh
le DOMHNALL E. MEEK
CHUIR an gnothach beagan eagail orm an toiseach—mise a’ dol o thigh gu tigh air feadh an eilein a’ reic leabhraichean Gàidhlig—is bha an t-aithreachas orm gun do thairg mi dad a dhèanamh idir. ’S na parsail a bha a’ tighinn leis a’ phosta toiseach an t-samhraidh a h-uile aon cho mór ri poca-bolla ’s a’ cheart cho trom. Shaoil mi gu feumainn dol a dh’iarraidh a’ bharra-roth g’an toirt dhachaidh! “Bidh tu fortanach ma phàidheas tu am faradh leis na reiceas tu,” arsa m’athair le co-fhaireachadh nuair a ràinig mi an dorus. Cha dubhairt mi móran ach bha mo chridhe gu math dubhach. Shlaod mi m’eallach suas gu’n lobhta ’s sheall mi air. Seadh, bhithinn fortanach gu dearbh nan reicinn gin, an déidh na chuala mi mu’n chath an aghaidh na Gàidhlig anns na h-Eileanan a Siar bho’n latha a thàinig long Lochlannach gu’n àird sin—cha chuireadh seachdain no dhà ceart obair nan lìnntean. ’S dh’fhàg mi na torran leabhraichean shuas an sud car greis feuch am faighinn misneach is comhairle.. Ach fad na h-ùine bha guth beag làidir ag ràdh, “Feuch e co-dhiù, chan fhaigh thu dad mura feuch thu.”
Latha no dhà an déidh sin, thàinig lasag bheag misnich is chuir mi romham gun toirinn mo cheud ionnsaigh air litreachas na Gàidhlig a sgaoileadh gu ionadan iomallach Thiriodh. Dh’fharraid mi de m’ athair có a bu choltaiche leabhraichean Gàidhlig a cheannach sa’ choimhearsnachd, is dh’innis e dhomh. Bha aon no dhà ann co-dhiù, ’s bha am feasgar a’ gealltainn a bhith tais, math airson a’ ghnothaich, oir cha bhiodh na croitearan aig an fheur. Chuir mi deannan leabhraichean sa’ bhan is sud a-mach mi air mo dheagh armachadh airson na còmhraig.
Thàinig mi gu’n cheud tigh, far an robh mo charaid, Calum MacIlleathain, no mar a their sinn uile ris san eilean, Calum Shaluim, a’ fuireach. Rap mi air an dorus agus dh’iarr a’ bhean-tighe aige, orm tighinn a-stigh. “Tha mi a’ dèanamh cleas nan ceàrd an diugh,” arsa mi-fhéin, “a’ dol o thigh gu tigh a’ reic, chan e canachan is crogain idir, ach leabhraichean Gàidhlig.” “Seadh,” arsa Calum,
Thug mo cheud mharsantachd misneach mhór dhomh agus bha mo chridhe na b’àirde a’ dol gu na tighean eile. Chòrd e rium a bhith a’ seanchas ris na daoine, agus a bhith a’ faicinn ciod iad na leabhraichean a b’fheàrr leotha. Bha iarraidh air leabhraichean a bha a’ buntainn ris an eilean fhéin, agus air a thàilleamh sin, reic mi àireamh mhath de’n leabhar aig an Ollamh Dòmhnall MacLaomainn nach maireann, a bha a’ deasachadh Duilleagan Gàidhlig “Beatha is Obair” fad còrr is dà fhichead bliadhna. B’e an aon ghearan a bh’aca gun robh an leabhar ro ghoirid! Cha robh leth-bhreac “Na Bàird Thirisdeach” agam idir, agus bu mhór am beud, oir bha móran iarraidh air. Coma leibh, bha féill mhath air “Sporan Dhòmhnaill” a dh’aindeoin na prìs mhóir a bha e (fhuair mi eadhon[74]
Thug e toileachadh mór dhomh air aon de mo thursan tadhal air Gordon Donald ’s a bhean ’s a theaghlach a tha a’ fuireach ann a’ Bhalla. ’S dòcha gu bheil móran dhibh eòlach air ainm Ghordon mar thà, oir bidh e a’ cur sgrìobhaidhean ann an “Gairm” o àm gu àm. ’Se Lunnainneach a th’ann ri bhreith ach sàr Ghàidheal ’na dhòigh. Dh’ionnsaich e a’ Ghàidhlig( ’s dòcha gun tug a bhean deagh chuideachadh dha, oir ’se ban-Thirisdeach a th’innte!) agus an diugh bruidhnidh e i cho siùbhlach ri duine air a’ Ghàidhealtachd. Chan e a-mhàin sin, ach tha a chlann, triùir bhalach, a’ cheart cho déidheil air a’ Ghàidhlig ’s a tha an athair. Bu chòir dhuibh fhaicinn mar a chòrd leabhraichean beaga a’ Chomuinn Ghàidhealaich riutha! Cuiridh mi geall gun d’fhuair “Na Trì Mathain” is “Peasan, Cuilean nan Cuaran” an leughadh an oidhche sin fhéin! Agus cha b’iad sin an aon fheadhainn ris an do chòrd na leabhrain. Bha na dealbhan briagha agus an litreachadh soilleir gasda a’ tàladh nam pàisdean( ’s nam pàrantan cuideachd!) g’an ionnsaigh. Dh’innis aon de luchd-teagaisg Sgoil Chòrnaig-mhóir dhomh gun robh a’ chlann a’ toirt nan leabhraichean beaga sin do’n sgoil g’an leigeil fhaicinn dhi! Nach mór na tha sin fhéin ag ràdh airson na h-oidheirp so gus
Bha beagan aig an luchd-teagaisg ri ràdh mu leabhraichean-cloinne cuideachd, rud tha glé nàdurra. Thadhail mi aon turas air a’ Mhnaoi-Phòsda Nic Phàil a tha a’ fuireach ann an Còrnaig, ’s a’ teagasg ann an sgoil Bhaile Mhàrtainn. Dh’innis i dhomh mar a bha cùisean san sgoil aice, agus an sin dh’fharraid i dhiom am b’ aithne dhomh leabhar sam bith anns an robh bàrdachd a bha freagarrach do chloinn “oir,” ars ise, “mura faigh a’ chlann rudan beaga a tha freagarrach dhaibh, chan eil nì ’s cìnntiche na gum faigh a’ Ghàidhlig bàs.“ Thubhairt mi rithe nach b’aithne dhomhsa ach “Aithris is Oideas” is gun cuirinn leth-bhreac thuice cho luath’s a ruiginn Glaschu. A nis, chan eil mi cìnnteach co-dhiù a nì ’s gus nach dèan “Aithris is Oideas” an gnothach, ach tha mi cìnnteach á aon rud—tha cùisean air atharrachadh gu mór ann an sgoiltean na Gàidhealtachd seach mar a bha iad eadhon fichead bliadhna air ais agus chan eil aon fhacal Gàidhlig aig a’ chuid as motha a tha a’ tighinn ùr do’n sgoil gach bliadhna. Mura téid suim a ghabhail dheth so, faodaidh sinn soraidh slàn fhàgail aig ar cànain is ar dualchas gu sònraichte. Tha fhios agam gu bheil Gàidhlig ga teagasg ann an sgoiltean beaga Siorramachdan Inbhirnis is Rois is Chromba a nis ach, a réir mar a thubhairt a’ Bhean-Phòsda NicPhàil, agus feadhainn eile a tha ri teagasg, chan eil fhathast gu leòr a leabhraichean freagarrach ann gus tlachd nam pàisdean a chumail air a’ Ghàidhlig. Tha leabhraichean “Ghairm,” leithid “Alasdair agus Màiri” luachmhor anns an dòigh so, agus tha mi toilichte a ràdh gun do reic iad gu math ann an Tiriodh. Agus faodaidh mi a ràdh a bharrachd gun robh duine no dhà ag iarraidh faclair beag grìnn leis an cuidicheadh iad an clann—rud nach eil ri fhaotainn an ceartuair. Tha Faclair MhicEachainn ann ach tha e gu math lochdach, ’s chan eil e a’ dol ach letheach-rathaid. ’S tha Faclair Dwelly ro mhór agus ro dhaor airson na cloinne bige. Tha mi an dòchas, ged tha, gun leasaich an Comunn Gàidhealach a’ chùis an ùine nach bi fada.
Chuir mi seachad deannan math làithean a’ reic leabhraichean an Tiriodh, agus cuiridh e ioghnadh oirbh a chluinntinn nach robh mi ’nam ònar! Có bha san eilean aig a’ cheart àm ach buidheann de dh’Fhianaisean Iehòbhaidh agus iad fhéin a’ dol ás an druim o thigh gu tigh! Ach mo chreach! Shaoil aon teaghlach nuair a chunnaic iad a’ bhan a’ tighinn gum bu mhise aon de na Fianaisean ainmeil sin! Gu fortanach dh’aithnich iad mi nuair a ràinig mi an tigh no chan eil fhios agam dé dh’fhaodadh a bhith air tachairt! Chan fhosgladh aon tigh a dhorsan rium idir an latha ud, agus saoilidh mi a nis gur h-e sin an t-adhbhar. Ged a tha mise is iomadh neach eile fada an aghaidh creideamh coirbte nan daoine sin, chan urrainn dhomh ach so a ràdh—nam biodh muinntir na Gàidhealtachd
B'e aon de na tighean mu dheireadh san do thadhail mi air mo chuairtean a’ reic nan leabhraichean, an tigh sa’ bheil mac is ogha is iar-oghachan Eóghainn Mhóir MhicIlleathain (air an tug mi tarraing aig toiseach mo sgrìobhaidh) a’ fuireach ann an Goirtean Dòmhnaill. Bha spéis aig Eóghann Mór do’n Ghàidhlig, agus tha sin aig a mhuinntir ’na dhéidh—ceithear ginealaichean faodar a ràdh, le dualchas farsaing, fada, de sgialachdan, beul-aithris is ceòl. Nuair a dh’fhàg mi an tigh, bha mi ag ràdh rium fhéin cho bochd ’s a bhiodh an gnothach nan cailleadh a’ ghinealach mu dheireadh an tlachd ann an seann litreachas na Gàidhlig is nithean eile co-cheangailte rithe a chionn ’s nach robh leabhraichean freagarrach san tìr. Ach bha adhbhar misnich ann cuideachd a bhith a’ beachdachadh gun do mhair a’ Ghàidhlig cho fada ann an aon teaghlach—agus gum faodadh teaghlaichean eile de’n cheart leithid a bhith air feadh na Gàidhealtachd. Mar a thubhairt Mac Mhaighstir Alasdair:—
“Mhair i fòs
Is cha téid a glòir air chall,
Dh’aindeoin gò
Is mìoruin mhóir nan Gall.”
Chaidh a’ chòmhrag leam fada na b’fheàrr na bha mi an dùil aig toiseach tòiseachaidh, b’fheudar dhomh aideachadh aig a’ cheann thall, is cha do leig mi leas a bhith fo dhìobhail misnich. Fhuair mi deagh chothrom a bhith a’ faicinn dé na leabhraichean a bha an sluagh ag iarraidh, agus dé bha fhathast gan dìth, agus tha mi fìor thoilichte a ràdh nach eil móran air fhàgail de’n tòrr mhór de leabhraichean Gàidhlig a bh’agam air an lobhtaidh toiseach an t-samhraidh.
title | O Thigh gu Tigh |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Dòmhnall E. Meek in Gairm 69 %p |
parent text | Gairm 69 |