AN LOINIDH
Uilleam Watson Bochanan (a tha an urra ris an “Centre for Rheumatic Diseases” an Glascho).
“Mìle marbhaisg ort, a dhéididh,
Thar gach galair
’S duilich leam mar dh’fhàg thu m’eudail
De na fearaibh;
Bheir gach tinneas eile dhuinne
Fànadh ’s fàth furtachd,
Ach ’s e bheir thus’, a bhruidear mhilltich
Ionnsaidh mhort oirnn.”
Tha an duine so cho lapach le arthritis is nach urrainn dha gluasad as aonais cuideachadh.
Carson is e an déideadh a tha Uilleam Ros ag ainmeachadh mar an tinneas as miosa de thinneasan an duine? Nuair a bheachdaicheas sin air an àmhghair a tha an cois arthritis—agus sin fad bhliadhnaichean móra—tha e ’na fhìor chuis-ioghnaidh carson a tha cho beag de sgrìobhaichean a’ toirt iomradh air an tinneas so. Chan eil Shakespeare ga ainmeachadh idir, ged a tha e bruidheann air cha mhór a h-uile tinneas eile, agus chan eil guth air anns a’ Bhìobull. Cha do rinn duine de na seann dealbhadairean ainmeil dealbh air arthritis. Agus chan e idir tinneas ùr a tha ann an arthritis. Chithear o chnàmhan ar ceud athraichean (cleas an “Java Man”) gu bheil e air fear de’n fheadhainn as aosda de na tinneasan air a bheil eòlas againn; tha na “mummies” a thog ceann nuair a bha iad a’ togail dàm Aswan nan seann Eipheiteach. Bha Hippocrates a’ toirt an ainm arthritis do’n tinneas ris an can sinn fiabhras rheumatas an diugh, agus bha na Greugaich cuideachd eòlach
Bha sgoileirean an t-seann saoghail de’n bheachd gu robh stuth (no, “humour”) geur a’ tighinn mar fhallus troimh chraiceann duine fallain ach gu robh uaireannan an craiceann ro dhìonach son ruith a leigeil leis an stuth so: nuair a bha so a’ tachairt, bha an duine a’ fulang cràdh anns na fèithean agus anns na h-altan. Ach, tha an saoghal air iomadh car a chur dheth o’n latha sin. An diugh, tha fhios againn gu bheil còrr is ceud seòrsa de arthritis ann, agus tha fhios againn air an deagh chuid mu’n deidhinn. Chan eil mise dol a dheanamh iomradh a so ach air a dhà no trì de na seòrsaichean arthritis as cumanta.
Tha arthritis a’ bualadh mu leth de’n t-sluagh aig àm air choireigin ’nam beatha. Dhiubh so, chan eil mu 40 anns a’ cheud a’ faireachdainn ach beagan cràdh ’san uillinn no ’sa ghualainn an dràsda ’sa rithist (no, “fibrositis” ); chan eil a’ chuid mhór aca so a’ frithealadh an dotair idir, ach a’ toirt faochadh dhaibh féin le bhith suathadh Sloan’s Liniment air a’ bhad tha goirt. ’Se osteo-arthritis a th’air mu 25 anns a’ cheud a tha fulang le arthritis. ’Se daoine tha treiseag aoise no sa’ mheadhon-latha as buailtiche dh’an a so ach bidh e air feadhainn eile cuideachd. Tha leum-droma air mu 15 anns a’ cheud: tha e gu h-àraidh bitheanta a-measg fhireannaich òga. Tha rheumatoid arthritis air mu dheich anns a’ cheud. ’Se droch thinneas—is tinneas leanailteach—a tha so. Tha eadar muillion agus muillion gu leth am Breatainn air a bheil e. Gheibhear caochla sheòrsaichean de arthritis air an deich sa’ cheud nach do dh’ainmich mi fhathast: tha gout, ankylosing spondylitis agus fiabhras rheumatas air an fheadhainn as cumanta.
Anns a’ chunntas a leanas, tha mi dol a ruith air na seòrsaichean as cumanta de arthritis.
Osteo-arthritis
Mas mìnich mi an tinneas so, bu chòir dhomh facal no dhà a ràdh mu na h-altan—có ris a tha alt coltach agus ciamar a tha e ag obair. ’Se alt an t-àite far a bheil dà chnàmh a’ dol an eagaibh a chéile. Tha còmhdach de chartilage righinn mu cheann gach cnàmh, airson a
dhìon. Tha an t-alt air fad air a chòmhdach le balg agus tha seòrsa de lìnigeadh air a so ás a bheil stuth tèachdach a’ sìleadh: tha an stuth so ag olaigeadh an alt airson gun gluais e siùbhlach, farasda.
Ann an alt sa’ bheil osteo-arthritis, tha an cartilage tha so air caitheamh—tha i air a bleith air falbh—agus tha an cnàmh, mar thorradh air a so, a’ suathadh anns a’ chnàmh eile agus a’ séid is, uaireannan, a’ fàs cho gleansach ri ìobharaidh. Tha spuirean de chnàmh a’ nochdadh air taobhannan an alt, agus uaireannan, tha iad so a’ bristeadh: chì sinn sin anns an dealbh X-ray so.
Tha an t -alt ìosal fallain gu leòr. Anns an alt àrd, chì sinn mar a tha an cartilage air caitheamh agus an dà chnàmh air a thighinn ri chéile agus air at.
Chan eil fhios againn dé tha ag aobharachadh osteo-arthritis. Bha daoine dha’n bheachd chon a so gur ann sa’ chartilage a bha e tòiseachdainn, ach tha cuid a nise smaoineachadh gun dòcha gur e an “ola” tha so—an “synovial fluid” —a tha a’ fàs mì-fhreagarrach agus gu bheil so a’ toirt air a’ chartilage caitheamh: ( ’Se so mar tha tachairt an einnsein càir: mura h-eil ola
Tha glé thric osteo-arthritis a’ bualadh barrachd air aon duine anns an aon teaghlach, agus tha daoine a th’air an aire thoirt dh’an a so uaireannan a’ cumail a-mach gu bheil e leantail ann an teaghlach. Ach tha an tinneas so cho cumanta ’s gun dòcha nach eil ann ach tubaist gu bheil e tric air daoine a tha càirdeach dha chéile. Chan eil dearbhadh sam bith gu bheil osteo-arthritis a’ leantail ann an teaghlach ach bithidh droch chnàmhan uaireannan ‘anns na daoine’ agus faodaidh so tighinn gu osteo-arthritis. (Gheibhear so an coin cuideachd: bidh na polasmain a’ cur X-ray air cuilein Alsatian mas tòisich iad gan ionnsachadh; mura h-eil cnàmhan a’ chruachainn a’ dol ’na chéile ceart, tha fhios aca gum bi osteo-arthritis, no’s neònach, anns a’ chù nuair a dh’fhàsas e mór).
Tha seòrsa de osteo-arthritis ann ris an canar ochronosis— ’sann glé ainneamh a tha e togail ceann—agus ’se dìth enzyme àraidh a tha ga aobharachadh. Tha an tinneas so air a bhith air dithis co-dhiù ann an Leódhus. Tha seòrsa neo-àbhaisteach eile ann a gheibhear uaireannan an ceann an ear Siberia agus am Mongolia agus ’se biadh a tha ga aobharachadh—gràn agus gnè àraidh de “fungus” ’na mheasg.
A thaobh an t-seòrsa de osteo-arthritis air an eòlaiche sinne, bidh cuid a’ ràdh gu bheil coire aig cus ithe agus cus cuideam ris. Nise, tha e, gun teagamh, glé thric anns na h-aobrannan aig boireannaich thiugha, ach tha e cheart cho tric anns na corragan aca. Cuideachd, ged a tha cuid a luchainn an dà chuid reamhar agus dona le osteo-arthritis, nuair a chuireas sinn iad fhéin is luchainn caola, fallainn còmhladh, gheibhear àl bhuapa a tha an dà chuid reamhar, fallainn agus caol, làn lòinidh. Chan eil, ma tha, co-cheangal dearbhta eadras osteo-arthritis agus reaimhre.
Ma théid cnàmh a bhristeadh faisg air an alt agus nach slànaich e ceart, tha so uaireannan ag aobharachadh osteo-arthritis. Tha eich-réisidh buailteach do osteo-arthritis anns an “aobrann”; ach cha ’reid mi gu bheil luchd réis-na-beinne nas buailichte dha na tha duine sam bith eile!
Tha an tinneas so a’ bualadh iomadach alt, ach ’se cnàmh an droma—gu h-àraidh aig an amhaich agus os cinn a’ chruachainn—na h-altan beaga anns na corragan, an cruachan, na glùinean agus an òrdag mhór a bhios e bualadh mar as trice. Tha e anns na corragan aig móran: tha e gam fàgail teth is dearg agus glé ghoirt. Chithear làmhan san dealbh so anns a bheil osteo-arthritis, agus na cnapan cruaidhe aig na h-altan a tha ’nan comharra air an tinneas (so a’ chorrag a th’anns a X-ray gu h-àrd).
Cha ghabh osteo-arthritis leigheas. Ach tha e comasach beagan faochadh a thoirt do’n duine a tha fulang leis. Mas ann san aobrann no sa’ ghlùin a bhuaileas e duine, ’s
an cnàmh
an ceap iaruinn
am bàla iaruinn
an cnàmh
an smior
Tha cas a’ bhàla air a ceangal ann an cnàmh na sléisde le cement agus tha an ceap spìceach air a cheangal san aon dòigh ris a’ chruachan. Ged is e obaréisean mhór a tha so, bidh an duine air a’ chois mu chóig latha ás a deigh. Tha dotairean an Alba a’ strì ris an obaréisean so a dheanamh nas coimhlionta, ach feumar aideachadh nach eil sinn fhathast uabhasach cinnteach aisde. Tha dotairean is einnseiniars a’ co-obrachadh a so.
title | An Loinidh |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Uilleam Watson Bochanan in Gairm 69 %p |
parent text | Gairm 69 |