AN NOLLAIG ANN AM BETLEHEM
le MAIRI NICGHILLIOSA
BETLEHEM Ephratah—beag am measg mhìltean Iudah.’ Baile beag, de dheich mìle duine, air spiris air mullach cnocan Iudea—ach chaidh iomradh air feadh an t-saoghail. Anns a’ chànain Eabhrach ’se Bet Lehem a chanas iad, a’ ciallachadh Tigh an Arain. Chan eil fhios carson a thugadh an t-ainm so air—mar a h-e ’s gu robh móran eòrna a’ fàs anns na h-achannan mun cuairt.
Tòisichidh eachdraidh a’ bhaile so ann an linn an t-Seann Tiomnaidh. Ann a’ leabhar Ghenesis tha e air aithris an uair a bhàsaich Rachel, bean Iàcoib, athair clann Israel, gun do thioidhlaiceadh i air an t-slighe gu Betlehem. Tha an uaigh aice ri fhaicinn fhathast, le gàrradh is craobhan timcheall oirre. Cluinnidh sinn, cuideachd, mu Rut, a’ bhana-choigreach, a thainig á tìr Mhòab, agus a lean a màthair-chéile air ais gu dùthaich chlann Israel. Ràinig iad Beltehem aig àm fogharadh an eòrna. B’ise sean-sean-seanamhair Dhàibhidh, bàrd agus rìgh Israel, a bha ’na bhuachaille air an cnocan mu chuairt air Beltehem. Anns an eachdraidh aig Dàibhidh tha e air innse gu robh tobar de dh’fhìor uisge ’n taobh geata a’ bhaile. Ri linn na fàidhean bha sùilean an t-sluaigh ri Betlehem oir is ann o theaghlach Dhàibhidh agus o bhaile Dhàibhidh a bha dùil aca ris a’ Mhesiadh. Ach chaidh na
Caoraich is eòrna, cnocan uaine is achannan torrach, buachaillean a’ cur seachad na h-ùine ag ionaltradh nan treudan—agus is ann a dh’ionnsaigh so, ann an coimhlionadh na h-ùine, a thàinig a’ sgeul mhór aoibhneis.
Nollaig ann an Israel, is càit am biomaid ach ann am Betlehem. Ann am mìos meadhonach a’ gheamhraidh ann an Israel chan eil fuachd is reothadh ann mar a tha againne san dùthaich so. Tha frasan troma ann, a’ sileadh uisge, a bhios a’ drùidheadh troimh ’n talamh ’s e cho cruaidh an deidh teas an t-samhraidh. Bidh iad ag ùrnaigh gu dùrachdach airson an uisge so. An uair sin thig a’ ghrian le blàths beò gu luath ás a dhéidh, is ann an trì mìosan eile bidh iad a’ buain an eòrna.
Air feasgar a’ cheathramh latha fichead de’n Dùbhlachd thig sluagh as gach ceàrna dhe’n t-saoghal a thoirt a-stigh na Nollaig ann am Betlehem. Tha Latha na Nollaig aig eaglaisean taobh Siar an t-saoghail eadar-dhealaichte ri mar a tha e aig eaglaisean an taobh an Ear. Tha sinne a’ cumail an cóigeamh latha fichead de’n mhìos agus iadsan an cóigeamh latha deug an déidh sin. Tha so a’ ciallachadh gu bheil féill na Nollaig a’ dol air adhart ann am Betlehem airson fad dà mhìos.
A’ chiad uair a chaidh sinn gu Betlehem bha e ann a’ rìoghachd Iòrdain. Tha na h-Arabaich ’na sluagh càirdeil is coibhneil, agus aoidheachd air a thoirt don’ choigreach ’nam measg a tha dol fada seachad air mar a chleachd sinne—seadh air a Ghaidhealtachd fhéin!
Baile Bhetlehem.
Bha a’ ghrian a’ dol fodha nuair a dh’fhàg sinn Ierusalem, agus bha e dorcha nuair a ràinig sinn Betlehem. Ach cha robh Betlehem dorcha—bha na sràidean làn soilleireachd, na cluig a’ bualadh a-mach, agus muinntir a’ bhaile làn spiorad na féille. Bha na bùthan aca fosgailte aig an àm son, a’ reic marsantachd a bheireadh
Rinn sinn ar rathad, mu dheireadh, a dh’ionnsaigh Eaglais a’ Bhreith, an eaglais as sine san t-saoghal. ’Sann le Eaglais na Gréige a tha i, ’s tha i air a togail air an àite far a bheil iad a’ smaoineachadh a bha an tigh-òsda anns nach d’fhuaireadh rùm, dà mhìle bliadhna air ais. Tha dorus na h-eaglais cho ìosal ’s gu feum neach cromadh a’ dol a-stigh. Ri linn Cogaidhean na Croise b’àbhaist dhaibh a bhith a’ marcachd troimh dhorus na h-eaglais. Airson stad a chur air so, leag iad àirde an doruis. Tha eaglaisean na h-Airde ’n Ear fìor eadar-dhealaichte ris na h-eaglaisean againne. Tha iad àrd, farsainn, dorcha, làn dhaoine air ghluasad, sagartan a’ crònan, sluagh ag ùrnuigh, dealbhannan no ‘ikons’ air a’ bhalla, agus fàile na tùise.
Tha a h-uile duine a’ dèanamh air aon àite am broinn na h-eaglais. Le coinneal nar làimh theàrnaich sinn sìos a dh’ ionnsaigh sgàil-thigh, beag, cumhang, far an robh de shluagh a’ càrnadh air muin a’ chéile ’s gur gann gum b’urramaid anail a tharraing. A meadhon a làir tha rionnag airgid, agus is e so a tha sealltainn làrach na prasaich—tha iad a’ cumail a-mach.
Tha e doirbh innse ciamar a bu chòir do dhuine an t-àite so a mheasadh aig a’ chiad sealladh. Shaoil sinne an toiseach nach gabhadh e bhith na bu mhiosa, na cho fìor fhada bho mar a bha sinn an dùil a bhitheadh Stàbull Bhetlehem. Ach sheas sinn ùine ghoirid, agus thug sinn sùil air a’ chuid mhór dhe na daoine a bha ag adhradh ’nan dòigh fhéin timcheall air a rionnag so, agus b’fheudar dhuinn aideachadh gu robh sonas ’nan aodainn agus gàirdeachas ’nan cridhe airson cothrom a bhith pògadh clachan a làir.
Mu mheadhon oidhche bhriagha chiùin, sheas sinn a’ coimhead air a’ ghealaich a’ deàrrsadh air cnocan Bhetlehem, agus sheinn sinn laoidhean na Nollaig gan tuigsinn ás ùr, san àite far an do thachair am mór iongnadh so.
’Se Arabaich dhe’n a’ chreideamh Chrìosduidh as motha tha fuireach ann am Betlehem, ’s tha na h-uimhir de sgoiltean is de mhanachainn ’s de dh’ eaglaisean ann. Tha e duilich ri fhaicinn gu bheil móran dhe’n chloinn a-measg nan Arabach dall, no goirid
Feasgar, chaidh sinn a dh’ionnsaigh Achadh nam Buachaillean, aig bonn nan cnocan air taobh tuath a’ bhaile. Bha sluagh mór còmhla—is cha b’iongnadh oir bha iad a’ ròsladh chaorach, is fhuair sinn uile pìos feòla a chumadh ar cridhe ruinn fhads a bha sinn a’ seinn.
Smaoinich sinn gum bitheadh e gu math fuar nan robh buachaillean a’ cadal air na beanntan aig an àm do dhe’n a’ bhliadhna, ged a bhitheadh iad ann am Betlehem.
’Se sìth an cuspair a bu chòir a bhith air ar n-inntinn aig àm na Nollaig. Tha Betlehem an diugh ann an dùthaich Israel, agus tha na h-Iùdhaich air ais ann am baile Dhàibhidh. A rèir collais chan eil móran sìth ann a sud fhathast. Ach a h-uile Nollaig, air feadh an t-saoghail ’se dùrachd gach duine gun coimhlionar teachdaireachd Bhetlehem is gum bitheadh sìth air thalamh is deagh ghean a-measg dhaoine.
Nuair a bhios neach sa’ Ròimh, feumaidh i bhith mar na Ròmanaich. ’Sann air beulaibh mosque ann a Hèbron a tha Màiri NicGhillIosa anns an dealbh so.
title | An Nollaig ann am Betlehem |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Màiri NicGhillIosa in Gairm 69 %p |
parent text | Gairm 69 |