NAIDHEACHDAN A UIBHIST-A- DEAS
Bho Iain MacMhaoilein
Naidheachd Nighill
’Se fìor dhuine gasda a bh’ann a Nigheal. B’e saor a bh’ann ach chuireadh e làmh ri ceàirde sam bith, agus rachadh aige air deagh naidheachd innse cuideachd. Bhiodh te aige airson aobhar sam bith, is mar a bitheadh cha bhiodh e fada dianamh suas te. Bha e cho ealanta sin.
Sin mar a thachair oidhche bha siud. Bha fear do ghillean a’ bhaile aige a bha ga chosnadh sa’ bhaile mhór air tighinn dhachaidh air chuairt, agus bhiodh gach fear a thigeadh a’ dianamh céilidh aig Nigheal. Bha fear so ag innse dha mu eòlaich ris na thachair e bhon a bha e stigh an uiridh.
A, orsa Nigheal, sin mar a thachras na daoine. Nach robh Ruairidh MacIain ’ic Eóghainn, gille a mhuinntir a’ bhaile ud thall a tha air a bhith dol gu muir bhon bha e ’na chnapach, ag innse dhomh fhéin uair a chaidh am bàta anns an robh e air tìr ann an droch uair sa’ Mhediterranean, agus cha b’e droch stoirm a bh’ann idir ach ceò. Bhuail i an cladach gus nach mór nach deach i ’na clàran. Ach, co-dhiu, fhuair iad aisde agus mar as trice a nì iad, chum na gillean Gaidhealach a bha innte ri chéile.
Bha iad a’ coiseachd suas bho’n chladach ’s iad a’ bruidhinn ri chéile nuair a mhothaich iad do dhuine mór agus còta fada dubh air mar a th’ort fhéin ann an sin, arsa Nigheal, agus ad chruaidh dhubh air, a’ dianamh dìreach orra.
Nuair a ràinig an duine mór iad is e thuirt e“ ’Se Gaidhlig tha sibh a’ bruidhinn” is e fhéin a’ bruidhinn anns a’ Ghàidhlig. “Co ás a tha sibh?” Fhreagair fear gun robh iad á Albainn. “Agus an dé an ceàrn do dh’Albainn ” arsa an duine mór. Fhreagair am balach a bha bruidhinn gun robh ás an taobh an Iar. “Agus gu dé am bad de’n taobh an Iar” arsa an duine. “As na h-eileanan,” orsa an gille.
“Seadh gu dearbh!” arsa an duine. “Sin an dearbh eilean ás do dh’fhalbh mi fhéin ach is cian na linntean bho’n uairsinn.”
Bha e ann a siud agus tuathanachas mór aige de chrodh maol dubh, agus e fo Lagh an Turcaich, a’ Dha Na Tri Mhnathan aige,
Niall Eile
Bha Niall Eile ’na dhuine dòigheil ann an cuid de dh’obraichean, agus abair thusa gun robh facal deiseil dha.
Fhuair a bhan-nabaidh uinneag ùr agus bha fios aice gun cuireadh, Niall a-stigh dhi an uinneag ùr. An là bha so chunnaic i e a’ coiseachd a-mach an rathaid agus chòmhlaich i e. Mhothaich i gun robh deise Shàbaid air agus thuirt i “Mura b’e gu bheil an deise mhath ort a Nill dh’iarrainn ort an uinneag a chur a-stigh dhomh.” “Nì mise sin,” ors esan, “ma gheibh thusa dhomh sean bhriogais a shàbhaileas i so.”
Dh’fhalbh ise stigh agus thainig i mach le bloigh de bhriogais agus ors ise “Tha te an so ach chan eil gobhal idir innte.” “Cia thusa a so i,” orsa Niall, “agus cuiridh mi fhìn gobhal innte.”
Bha cù mór gibeach mollach aig Niall agus cha robh e air a mharbhadh le obair. Dh’fhàg sin e gu reamhar sleamhainn. Là bha so thadhail duin’ uasal air Niall. Arsa an duine “Nach ann agad fhéin tha an cù briagha an so a Nill.” “ ’Sann,” orsa Niall, agus “Ged nach eil móran aige de mhaoin an t-saoghail-sa tha còta béin air.”
Bhuail an déideadh Niall agus b’fheudar dha na fiaclan a thoirt às. Bha e a’ gearain ri nàbaidh mu chall na fiaclan. “Och,” arsa an nàbaidh, “gheibh thu feadhainn ùr ghallda ’nan àite agus bithidh iad an asgaidh.” “Bha ’n fheadhainn a bha agam an asgaidh cuideachd nuair a fhuair mi iad,” arsa Niall.
Bhiodh Dòmhnall a’ coimhead thairis air a sgiobadh a bha ag obair air rathad mór na sgìreachd, agus bha e riamh fo’n bheachd gun dianadh e fhortan air “pools” a futbal. Bha turas aig Niall ri Dòmhnall agus chaidh e far an robh a luchd obrach airson bruidhinn ris. “Càite a bheil Dòmhnall,” arsa Niall. Thuirt fear, “Tha e thall sa’ bhothaich a’ dianamh nam “pools.” “Nach iomadh pool a th’air an rathad tha so ri dhianamh nan dianadh e iad,” arsa Niall.
Fiaclan nan Rodan
(Te eile de naidheachdan Nighill.)
Bha e air a ràdh a-measg nan Gaidheal bho shean gum feumadh na rodain a bhith a’ sìor chriomadh rudeigin gun stad air neo gum fàsadh na fiaclan aca cho fada agus cho luath agus nach rachadh aca air am beòil a dhùnadh mu dheireadh.
An oidhche bha sud bha grunn ghillean air chéilidh an tigh Nighill agus gum b’e so an dearbh chòmhradh a bha eatorra, agus bha e ’na cheòl-gàire mór dhaibh.
Cha robh so a’ còrdadh ri Nigheal a bha creidsinn an rud a bha air a ràdh mu na rodain.
“A,” ars esan, “tha e ceart gu leòr gum feum na rodain a bhith criomadh agus bheir mise dhuibh dearbhadh air a sin.
“Nuair a stad a’ muileann mine sa’ bhaile ud shìos a bhleith bha iad a’ dol a dhianamh tighean còmhnaidh dheth agus is e mi fhìn a fhuair an obair airson gach uidheam bha ’na bhroinn a chur a-mach.
“Bha mi ris a sin nuair a mhothaich mi gun robh sail air a fad os cionn aiseal mór a’ mhuilinn, agus gun robh toll anns an t-sail goirid do’n bhrà, agus bha cuibhrig de shadach mun cuairt an toill. Thug mi an aire cuideachd gun robh struth uisge tighinn bho roth mhór a’ mhuilinn agus i struthadh sìos leis an t-sail chun an toill agus i toirt an t-sadaich sìos do’n toll.
“Bha e cur iongnadh orm gu dé am brochan a bha shìos agus chuir mi an sàbh air an t-sail aig an toll. Gu dé fhuair mi ann an sin ach còs rodain is i air a lìnigeadh gu briagh agus far am biodh am biadh ’s an t-uisg’ aige, agus DA EIGHE aig innte.”
title | Naidheachdan á Uibhist-a-Deas |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Iain MacMhaoilein in Gairm 69 %p |
parent text | Gairm 69 |