I CHALUIM CHILLE
le Domhnull Mac Cumhais
“The Ithica, Cyprus is Rhodes
Ionmhuinn le clann nam fonn;
Ach I Chaluim Chille, ’s i gràdh gach filidh
Chaidh altrum an Albainn nan sonn.”
SIN mar a sgrìobh an Siorram MacNeacail. Agus nach b’fhìor a labhair e? Ann a bhith a’ deanamh iomraidh air Eilean Ithe cha bhiodh e ach iomchuidh gun tòisicheamaid le Calum Cille fhéin a thainig air tìr ann am Port a’ Churraich bho chionn faisg air mìle ’s ceithir cheud bliadhna air ais. Thug esan agus a chompanaich ainm agus àite do’n eilean bheag so nach d’fhuair lùchairt rìgh riamh ann an Albainn.
Is math a bha fios aig Calum Cille gum biodh sin mar sin. Air an là mu dheireadh d’a bheatha, anns a’ bhliadhna 597, tha e air innseadh dhuinn gun do dhìrich e tulach beag a tha air beulaibh na h-Eaglaise Móire, agus air dhà amharc mun cuairt air gach sealladh àluinn a bha f’a comhair, dh’fhosgail e a bhilean, agus a’ coimhead ris na nèamhaibh, bheannaich e gu sòluimte an t-eilean bòidheach so mar a leanas— “Ged is beag agus is bochd an t-àite so, gidheadh gheibh e urram mòr fhathast, chan ann a mhàin bho Rìghrean na h-Albann, ach bho rìghrean coimheach agus bho chinnich a tha fad as.” Is iongantach gu dearbh mar a thainig an fhàisneachd so gu teachd, agus tha i air a dearbhadh gach bliadhna. Gach samhradh, tha mìltean de luchd turuis as gach ceàrn de’n domhainn a’ cur cas air tìr an I.
Buinidh I do Shiorramachd Earraghaidheil agus do sgìreachd an Rois Mhuilich. Tha caolas mara mu mhìle air leud eadar e fhéin agus
Tha an t-eilean mu thrì mìle air fad agus mu mhìle air leud. Dlùth ri oir na mara, air an taobh an ear, tha “Am Baile Mór” far a bheil a’ chuid as motha de na tighean air an suidheachadh.
NA SEANN LARAICHEAN.
Deas air a’ bhaile mhór tha “Bagh nam Martaireach” —an t-àite anns am b’àbhaist daibh cuirp nan rìghrean ’s nan uaislean a chur air tìr.
Os cionn a bhaile mhóir tha “Tigh nan Cailleachan Dubha.” Bha eaglais mhór aca an so a thogadh anns an dara linn deug—ochd troighean deug is dà fhichead air fad, agus fichead troigh air leud. Agus ged a tha i nise gun mhullach, tha cuid de na ballachan a’ seasamh fhathast. Am measg nan seann leacan a tha ri’m faicinn an so, tha leac-lighe na Ban-Aba Anna—a’ Bhaintighearn Anna Nì Mhic Dhomhnaill ’Ic Theàrlaich, a b’àrd bhan-Aba ann an I, ’s a chaochail sa’ bhliadhna 1511. Tha a cruth air a shnaidheadh air an lic agus aingeal air gach taobh fo thaic a cinn. Air ceann eile na lice tha dealbh na h-Oighe Moire le coron air a ceann, an leanabh Iosa ’na gàirdeanaibh, agus a’ ghrian agus a’ ghealach os a cionn.
[Dealbh]
Làrach tigh nan Cailleachan Dubha.
Ri taobh an rathaid, mu choinneamh Eaglais na Sgìreachd, far am faic na h-uile i—tha Crois Chuimhne MhicGhilleathain, clach eireachdail a tha air a snaidheadh gu h-ealanta le dealbhan Ceilteach. A reir beul-aithris, sin an t-àite far an do dhealaich Calum Cille ris an each bhàn ris an robh e cho ceangailte, beagan roimh a bhàs. Biodh sin mar a bhitheas e, bha e ’na chleachdadh cumanta anns na seann linntean croisean de’n t-seòrsa so a thogail mar thaisbeanadh air meud an urraim Dhà-san a cheusadh air a’ chrann. Tha cuid a’ cumail a mach gun robh trì cheud agus trì fichead dhiubh so aon uair san Eilean. Ach chan eil dearbhadh sam bith air a sin.
REILIG ODHRAIN.
Chan eil cladh eile an Albainn cho ainmeil ri Réilig Odhrain—cladh fairsing làn de leacan-lighe, dlùth air an eaglais Mhóir, far am bheil tiodhlaichte rìghrean agus cinn-feadhna a bha ainmeil agus cumhachdach ’nan là fhéin. Tha iad a’ cadal an sin an diugh taobh ri daoine agus mnathan còire an eilein, ann an suain a’ bhàis.
“Anns an ionad naomha so,” ars an Deadhan Mac an Rothaich a bha air chuairt san Eilean sa’ bhliadhna 1549, “Tha trì iomairean—Iomaire Rìghrean Alba far am bheil ochd is dà fhichead de rìghrean na h-Albann; Iomaire Rìghrean Eireann anns am bheil ceithir de rìghrean na h-Eireann; agus Iomaire Rìghrean Lochlainn anns am bheil ochdnar de rìghrean na tìre sin agus aon de rìghrean na Frainge.” Tha an Rìgh Coinneach MacAilpein air adhlacadh an so agus an Rìgh Donnchadh agus—a rèir beachd cuid—an Rìgh MacBheathain.
Ann an so cuideachd tha Iomaire nan Cinn-feadhna far am bheil leacan agus uaighean àireamh mhóir de laoich threuna—Aonghas Og MacDhomhnaill, Tighearna Ile agus Chinn-tìre—Ailean nan Sop, o’n tainig teaghlach Thorr-loisg—Tighearna Cholla—MacGhilleathain Dhubhairt agus Loch Buidhe—MacGuaire Ulbhaidh agus Iain Peutan, an t-Ollamh Muileach. Iad sin agus móran eile.
Ann an so cuideachd, tha uaigh agus leac Marsaili Nic Ualraig-Friseal (Marjory Kennedy-Fraser), agus mun cuairt air an lic tha na briathran “Thig crìoch air an t-saoghal ach mairidh gaol is ceòl.”
Tha eaglais bheag gun mhullach am meadhon Réilig Odhrain—a’ cheud tigh cloiche, their cuid, a chaidh a thogail san Eilean, agus math-dh’fhaoidte an togalach as sine an Albainn.
AN EAGLAIS MHOR.
Tha an Eaglais Mhór taobh na h-àirde tuath de’n chladh. Tha i cóig troighean deug agus cóig fichead am fad, agus trì troighean fichead air leud. Tha tùr àrd ag éirigh ’na meadhon anns a bheil glag àluinn a chuala móran d’ar luchd leughaidh air an ràdio. Agus tha uinneagan na h-Eaglaise Móire air an snaidheadh gu h-ealanta. Aig ceann na h-àirde ’n ear de’n eaglais tha Altair de mhàrmor, agus làimh ris an altair tha uaigh an Aba MacFhionghuin, air a bheil leac le a dhealbh. Air ùrlar na h-Eaglaise tha leac Mhic Leòid Dhunbheagain.
Am muigh air a chùl tha làraichean Tigh-nam-Manach, agus Tigh an Easbuig, far an do ghabh Easbuigean Earraghaidheil còmhnaidh an déidh do’n Eilean Mhanainneach a bhith air a dhealachadh uaithe. Tha làrach na Muilne agus na h-Atha fhathast ri’m faicinn, ged tha an t-àite san robh an linne-mhuileann a nis gun uisg ann.
Anns a’ bhliadhna 1899, thug Seòras, Ochdamh Diùc Earraghaidheil agus uachdaran Ithe, seachad An Eaglais Mhór, Eaglais nan Cailleacha Dubha, Réilig Odhrain, agus na làraichean aosmhor do dh’Eaglais na h-Albann. Bha an Eaglais Mhór aig an ám sin gun mhullach ceart ach beag air bheag thogadh na ballachan briste agus a nise, o chionn iomadh bliadhna, tha seirbhisean air an cumail anns an eaglais mar a bhà bho shean.
NA LAITHEAN O SHEAN.
Tha e nàdurra do dhuine a bhith ag amharc air ais a dh’ionnsaigh nan làithean o shean an uair a ghluaiseas e troimh sheann làraichean I Chaluim Chille. Cha do chuir duine riamh an céill fhaireachdainnean ann an cainnt cho grinn ris an Ollamh Somhairle MacIain (Samuel Johnson) a thadhail anns an eilean maille ri chompanach Boswell, anns an ochdamh linn deug.
“Bha sinn” thubhairt e“ ’nar seasamh air an Eilean ainmeil sin a b’àrd lòchran fad linntean do Ghaidhealtachd na h-Albann, as an d’fhuair cinnich fhiadhaich agus ceatharnaich bhorba sochairean eòlais agus beannachdan na saorsa . . . . cha chulaidh fharmaid an duine sin nach mothaich a ghràdh d’a dhùthaich air a neartachadh air blàr-catha Mharatoin no a chràbhadh air a blàthachadh am measg làraichean briste I Chaluim Chille.”
Ach ged a bha I ’na h-àrd lòchran fad linntean, thainig linntean an dorchadais. Linn an déidh linn bha I as eugmhais eaglais no adhradh follaiseach an Tighearna.
Mar a thachair do Chapernaum a bha air àrdachadh gu nèamh, bha I air a tilgeil glé ìosal sìos.
Bu chianail an t-atharrachadh so do’n Eilean a cho-phàirtich solus an t-Soisgeil do dhùthchaibh agus do rìoghachdaibh eile. Ach tha là nas fheàrr a’ teachd mun cuairt.
Chuir Eaglais na h-Alba coimhthional air chois bho chionn còrr is ceud bliadhna air ais, agus mar an ceudna an Eaglais Shaor leth-cheud bliadhna ’na dhéidh sin. Chaidh an dà choimhthional comhla aig ám aonaidh nan eaglaisean, agus a nis tha iad ’nan aon treud fo aon bhuachaille dìleas—An t-Urramach Eòghann MacGhilleathain, ministear I Chaluim Chille.
Ann am pàirt, co-dhiùbh, tha sin a’ toirt coimhlionaidh do na briathran a labhair Calum Cille tamall beag mun do chaochail e—
“I mo chridhe, I mo ghràidh,
An àite guth manaich, bidh geum bà;
Ach mun tig an saoghal gu crìch
Bithidh I mar a bhà.”
Thainig a’ cheud chuid de’n fhàisneachd gu h-eagnaidh mun cuairt anns na linntean dorcha, ach co-dhiùbh a bhios I gu bràth cho ainmeil ’s a bhà i, chan eil e glé fhurasda a ràdha. Có aig a tha fios gu dé na h-atharraichean a chithear anns na bliadhnachan a tha ri teachd, agus có is urrainn a ràdha ciod a dh’fhaodas tachairt?
AN“IONA COMMUNITY. ”
Ach ged nach eil e ro choltach gum bi I gu bràth mar a bha an t-eilean ri linn Chaluim Chille, gidheadh chan eil làraichean I cho briste
Tighean còmhnaidh an Eilean Ithe.
Anns na seann làithean an uair a bha Prionnsachan na Roinn Eòrpa ann an aineolas air meadhonan nan gràs, b’e an solus a chaidh a lasadh an I a sgap an dorchadas a bha a’ cuartachadh gach tìre. Mar sin cha bhiodh e mì-fhreagarrach gur ann a Eilean I a thigeadh, uair eile, san fhicheadamh linn, an teachdaireachd bheannaichte sin a bheireadh ath-bheothachadh dhuinn uile, agus a dhùisgeadh am barrachd de spiorad a cheartais agus an truacantais air a bheil a leithid de fheum aig rìoghachdan an domhainn.
MNATHAN AGUS LUCHD-TURUIS.
Ann an làithean Chaluim Chille, tha e air a ràdha nach fhaodadh
Tha na mìltean de luchd turuis as gach ceàrnaidh de’n t-saoghal a’ tighinn leis a’ bhàta agus a’ cur cas air tìr san eilean gach bliadhna. Tha móran eile a’ gabhail an aiseig thairis air Caol Ithe bho Fhionnphort san Ros Mhuileach. Chan eil teagamh nach eil cliù an naoimh ainmeil a’ tarruing móran, ach tha móran eile a’ tighinn bho bhliadhna gu bliadhna air an tàladh le maise is sìth is càirdeas an àite.
Siùbhlamaid far an àill leinn an I air là samhraidh—gu mullach Dùn Ithe, an cnoc as àirde, gu Cùl Bhuirg agus machair an taoibh siar, gu Ard Annraidh agus Ceann Sear—tachraidh oirnn anns gach àite àilleachd ùr. Amhairc mun cuairt agus nach glòrmhor dreach na mara—Muile nam fuar bheann mór—Colla—Diùraidh—Eilean nam Muc—Ruma—Canaidh—Eige—Ulbhaidh—iomadh àite eile f’a chomhair do shùla. Air gach taobh an Cuan Siar. Amhairc air an làr agus faic an trusgan uaine leis a bheil an t-eilean bòidheach so air a chòmhdach.
Ann an aon fhacal, tha mìle nì r’a fhaicinn, agus r’a chluinntinn a tha a’ tarruing cridheachan dhaoine a tha taingeil cùl a chur rè tamaill ri gleadhraich is ùpraid a’ bhaile mhóir.
title | I Chaluim Chille |
writers | Donald John MacCuish |
internal date | 1954.0 |
display date | 1954 |
publication date | 1954 |
level | |
reference template | Dòmhnull MacCumhais in Gairm 7 %p |
parent text | Gairm 7 |