AN CROTAL CORCUR
Criomag de dh’eachdraidh na h-Albann, air a h-innse le Bruce Watson
ROIMH ’n bhliadhna 1857, nuair rinn W. H. Perkin “Mauveine,” a’ chiad dhath co-thàthach, bha na h-uile dathan air an tarraing á lusan de iomadach seòrsa. O chionn fhada, anns a’ Ghàidhealtachd, b’e crotal aon de na lusan so a bha air an cleachdadh. Tha dà sheòrsa, co-dhiù, de chrotal ás an d’tharraingeadh stuth-dhathan, crotal dubh (Parmelia Saxatilis) agus crotal còrcur (Lecanora Tartarea). Bheir a’ chiad sheòrsa dath ruadh-dhonn do chlòimh agus bheir an dara seòrsa dath dearg dhì. ’Se an crotal còrcur a tha ’na chuspair do’n eachdraidh a leanas.
Anns a’ cheathramh mu dheireadh de’n ochdamh linn deug bha cèard-umha, Deòrsa Gordon, ag obair ann an Lunnainn agus aon là thachair e bhith a’ càradh coire mhóir de dh’umha ann an tigh-dhath far an robh iad a’ dathadh le stuth-dhath ris an tuirteadh “Archella.” Nise, b’ann bho chrotal eile (Rocella) a rinneadh “Archella” agus bha e air a dheasachadh a-mhàin ann am Florence. Bha Deòrsa Gordon ’na dhuine geurchuiseach ’s ghabh e beachd air an obair a bha a’ dol air adhart mun cuairt air. Thug e fainear, cuideachd. gun robh an gnìomhachas glé choltach ris na chitheadh e nuair bha e ’na bhalach anns a’ Ghàidhealtachd. Thàinig an smuain ’na inntinn gum bitheadh e comasach stuth-dhath co-ionnan a dheasachadh bho’n chrotal san dùthaich so fhéin.
Air dhà tilleadh gu h-Albainn, dh’innis Deòrsa a smuaintean do mhac a bhràthar, Cuthbert Gordon, a bha aig an àm sin ’na lighiche ann an Dun-Eideann. Cha b’fhada gus an d’thionnsgain an dithis Gordonaich dòigh air stuth-dhath a dhèanamh á crotal còrcur agus stéidh iad tigh-ceàird ann an Lìte. Dh’ainmich iad an stuth-dhath so “Cudbear” —geàrr-fhacal air Cuthbert.
Anns a’ bhliadhua 1777, choinnich na Gordonaich ri Gàidheal eile, Deòrsa Mac-an-Tòisich, athair do Theàrlach, cho ainmeil
Fo threòrachadh Mhic-an-Tòisich shoirbhich a’ chuideachd fìor mhath agus ann an ùine ghoirid, bha 250 tonna de chrotal chòrcur air a thrusadh sa’ bhliadhna bho chreagan na Gàidhealtachd ’s nan Eileanan an Iar airson cumail ris an tigh-ceàird ann an Glaschu.
Thugadh an aire bu ghéire innleachdan an tigh-ceàirde a chumail dìomhair. Thogadh balla ro àrd mun cuairt air agus b’fheudar do’n luchd-obrach bòideachadh nach fhoillsicheadh iad ciamar a rinneadh an stuth-dhath. Thuilleadh air sin, cha tugadh obair do neach sam bith aig nach robh a’ Ghàidhlig. Is beag an t-iongnadh, mar sin, ged a bhitheadh “The Secret Works” aig muinntir a’ bhaile air an tigh-ceàird.
Chaidh cùisean gu math leo fad mu fhichead bliadhna, ach, mar as motha bha an t-iarraidh air a’ chrotal a’ fàs, b’ann bu teirce a dh’fhàs e agus thàinig an là nuair nach robh faisg air foghantas dheth anns a’ Ghàidhealtachd airson feuma an tigh-ceàirde. An uair sin, ann an 1794, shiubhail Mac-an-Tòisich, duine neartmhor mar a bha e, gu Suaine far an d’rinn e cùmhnant ri Gustavus Adolphus IV gum faigheadh e crotal còrcur bho’n rìoghachd sin. Bha a’ mhalairt so cho buannachail ’s gu robh fiach £6000 de chrotal sa’ bhliadhna air a thoirt gu h-Albainn á Suaine gu ruig mu 1838.
Is còir dhuinn an t-urram as motha a thoirt do’n triùir fhear so airson na h-oidhirpe a rinn iad am muinntir fhéin a chuideachadh nuair bha cruaidh fheum aca, ach ’sann do Mhac-an-Tòisich a dh’fheumas sinn an cliù as motha thoirt, oir is iomadh gnothach eile a rinn e gu cor an t-sluaigh a leasachadh ré àm fuadachd nan Gàidheal—ach is e sgeul eile a tha sin.
Mas e an fhìrinn gum b’e an t-airgead a bheireadh an crotal a-steach do’n Ghàidhealtachd a thug dhuinn an seanfhacal “Is fheàrr a’ chlach gharbh air am faighear rudeigin na chlach mhìn air nach faighear dad idir,” is e cuimhneachan iomchuidh do Mhac-an-Tòisich a th’ann.
title | An Crotal Corcur |
internal date | 1970.0 |
display date | 1970 |
publication date | 1970 |
level | |
reference template | Bruce Watson in Gairm 71 %p |
parent text | Gairm 71 |