[308]

FACAL NA DHA BHO ALBA NUADH

leis a’ Mhnaoi Uasail Flòraidh Cheanadach

THAINIG muinntir mathar á Mòrar. So a shloinneadhGilleasbuig Dhòmhnuill Eóghainic Dhòmhnuillic Iòsaig. ’Si Nic-a- Phearsain bu mhàthair dha.

Thainig muinntir mo mhàthar á Mùideirtso a sloinneadhCairstìona Aonghais Alasdair (Mór) ’ic Alasdair. ’Si Anna Aileinic Ruairi a màthair. Thainig isann mun cuairt air 1800. Thàinig iad a-nall á Albainn gu ruig Alba Nuadh. Acheud suidheachadh bha acan toiseachse Tìr Mór. An ath àite rinn iad dachaidhean, ’sann an Ceap BreatainnEilean mór thann an Ceap Breatainn, ’nam shùilean-sa, ach tha i beag air dealbhan.

Bha cóignear againn san teaghlach, Eóghan, Aonghas, Mairi Anna, Flòraidh (mi fhéin) agus Mòrag: chaochail mo dhà bhràithrean ann a Boston USA. Phòs Màiri is Mòrag ann a New Yorktha Màiri air n-ais còmhla rinn an dràsd. Tha teaghlach aca uile. Rugadh sinn air baile cheud acair do mheudabhainn bhòidhich Margaree aruith troimh mhachair far am bitheadh sinn deanadh feòir. Cnocan a suds a so far am biodh crodh is caoraich acriomadh. Tha beachd agam air ceithir eich agus searrach a bhith seasamh anns an t-sabhalcòmhla ris a sin bha -fhichead caora len cuid uain air feadh nan cnocan.

Bha bainne, gruth, uachdar agus ìm pailte. Bha cearcan agus coileach air an ceann, aig a h-uile tuathanach. Bhiodh sùil againn air chiad chearc air a bhiodh guirrachadh nead a chur air dòigh tràth samhradhbhithear a taghadh seòrsaichean do dhuighean bhon tigeadh iseanan a dhfhàsadh mór tràth, dhòigh gun deanadh iad dìnneir mu mheadhoin an t-samhraidh. Bha chlann uabhasach trang ag obair còmh ri pàrantan. Bhiodh mo bhràithrean bho aois ochd bliadhna gus na dhfhalbh iad a chosnadh, acurs abuain bunàta, neap. currain agus càl: chuireadh iad acfhuinn air na h-eich, dhobairicheadh iad air an fheurs air aghràinne. Dhobairicheadh iad casruisgte gus a robh iad cóig bliadhna deug. Bha na nigheanan trang sgùradh ùrlar le gainmheach agusse bhiodh glan gealleigeil (bleoghan) crodh, biathadh laoigh, deanadh amhuighe, piocags acìreadh na clòimhe agus ceud rud eile mun t-sabhal agus mun tigh. An diugh tha saoghal air atharrachadhtha na nigheanan agus


[309]

na gillean òg adol don sgoil airbustha tighinn ionnsan doruisbha sinne coiseachd trì mìle don sgoiltha brògan is stocainean orra bhon àm a choisicheas iad. Bhitheadh sinn dol don sgoil casruisgte. Nuair a bha sinn afàs suas mun a smaointich sinn air falbh air feadh an t-saoghail, ’se saoghal a bha laghach. Nuair a bhiodh an oidhche geamhraidh fhada car sàmhach chìthear solus lanntair atighinn mun cuairt troimh rathad beag caol troimhn t-sneachda nach robh cho àrd ris na cuithichean sneachda a bhiodh air a rathad mhór. Dhfhuiricheadh sinn gu meadhoin oidhche a dhéisdeadh ris an t-seanachas. An ath oidhche thigeadh feadhainn a ghabhadh òrain a thainig a-nall á Albainn an cois na daoine còir a dhobair cho cruaidh a-measg na coille mhóir agus geamhradh gàbhaidh. Molaidh duine an diugh gu bheil dùthaich nan tuathanach math. Cha dean iad car mar eil rudan deiseil rompa.

Bha mios riamh agam air aGhàidhlig. Bha bàigh agam ri Gaidheal gum bé àite choinnichinn iad. Fhuair mi coibhneas agus eireachdas an uiridh nuair a rinn mi mo thuras go Albainn. Bha mi anns an Oban a-measg daoine chuir a-mach an cridhe gum thoirt mun cuairt do na beanntan. Chuir iad mu chóig cheud mhìle le càr a shealltainn na dùthcha nach leig mi air challnam chridhe. Bidh cuimhne agam air coibhneas cloinn Fhionagain, Carmichael, MacNeil, chloinn Fàrlain. Bha mim Barraidh, Uibhist-a- Deas, Mallaigan ath bhliadhna tadhailidh mi orra rithist.

titleFacal no Dhà bho Alba Nuadh
internal date1970.0
display date1970
publication date1970
level
reference template

Flòraidh Cheanadach in Gairm 72 %p

parent textGairm 72
<< please select a word
<< please select a page