[49]

DANNSA ANNS AN FHASAN UR
le MARIBAL NICMHAOILEIN

Gu dearbh bha mi fhéin afaireachdainn gu math aineolach an uair a thàinig mi a Ghlaschu an toiseachagus chan eil ann ach mhìos! Co-dhiù bha a h-uile sian cho ùr agus cho eadar-dhealaichte dhomh. Bha an Oilthigh fhéin cho cianail mór agus ceudan do dhaoine adol seachad orm: cha robh an còrr mór anns nach tug mi mo chasan leam air ais a dhUibhist! Bha mi afaireachdainn a cheart cho neònach anns an Talla far an robh mi afuireachtha trì cheud gu leth afuireach innte agus cha baithne dhomh duine beò agus bha leithid de dhorsan agus de staidhirichean ann agus, gu cinnteach, ghabhadh an òinnseach seo an rathad ceàrr.

Co-dhiù bha a h-uile sian gu math gus an tàinig oidhche Di-Sathuirne agus chaidh mi gu dannsa a bha anns an talla far a bheil mi afuireach. Cha robh mise riamh aig dannsa ann an Glaschu chun a siud ach gu dearbha cha dhì-chuimhnich mi ann an cabhag e oir bha e cho eadar-dhealaichte bho rud sam bith aig an robh mise riamh.

Thòisich mi air deanamh deiseil gu math tràth air an fheasgar aguss mi bha afaireachdainn spaideil aig naoi uairean an uair a dhfhalbh mi sìos agus bha mi asmaoineachadh air an oidhche mu dheireadh a bha an dreas ud ann. ’Sann an Loch nam Madadh a bha an dannsa ach thubhairt mathair nach robh a chrith air mo chluais falbh ás an tigh le aodach cho goirid siud agus co-dhiù gum bithinn cho sgìth ag éirigh air son falbh a Ghlaschu an ath latha. Fhuair mi timcheall air co-dhiù agusse bha math an dannsa agus an uairsin adèanamh ruighle air gainmheach Sholais agus Seumas air abhocsa . . . .

8/6, Mary,” chuala mi-fhéin agus choimhead mi agus bha robairneach ann an sin ag iarraidh an airgead. Smaoinich thusa h-ochd tasdain agus sia sgillin agus bha an dannsa astad aig leth uair an déidh aon uair deug. Cha do phàigh mise riamh barrachd air ceithir tasdain aig an taigh.


[50]

Chaidh mi a-steach agus choimhead mi thugam agus bhuam fiach an robh mi anns an àite cheart ach feumaidh gu robhged nach robh ceòl idir ann bha feadhainnna suidhe neo acoiseachd mun cuairt. Cha robh fios agam co-dhiù bu chòir dhomh dhol agus suidhe sìos no ach cha b'urrainn dhomh seasamh an siud mar gum biodh bodach agus iad air am bata a thoirt bhuaithe agus air fhàgail gun chothrom coiseachd.

Bha an rùm gu math mór agus faodaidh mi ràdh gu robh e dorcha oir cha chreid mi nach e sholus a bha ann agus cha robh iad sin fhéin ach mùgach gu leòr. Ciamar a burrainn do dhuine sam bith dannsa ann? Chan fhaiceadh iad robh iad adol agus bha fios gum biodh a h-uile duine abualadh na chéile. Co aig a bha brath ach chitheadh sinn thachradh.

An sin chunnaic mi nighean a bha air achlas Bheurla agam anns an Oilthigh atighinn a-steach agus chaidh sinn gu taobh thall na talla agus shuidh sinn. Cha robh mi afaireachdainn cho spaideil an uairsincha mhór nach robh a h-uile duine agus dreasaichean orra sìos gu an sàilean air neo pìos math seachad air aghlùin agus bha mise ann an sud lemini.” Abair gun robh sin fasanta gu leòr aig an tigh achsann a bha mi an Glaschu agus gu cinnteach bha deifeir mór eadar an àite. Bha na fir iad fhéin (am beagan a chithinn anns an t-seòrsa solus a bhann) gu math neònach air an còmhdachbriogais “dungaree” no “chorduroy” a bhair a chuid a bu mhotha aca agus léine bheag ghoirid phinc no buidhedathan a chitheadh tu air nigheanan.

Thòisich an ceòl an ceann greis agus be sin an ceòl eile! Bha e cianail cruaidh agus bha am fear a bha seinn aleumadaich agus ationndadh mar gum biodh fear nach robh glic ach chaidh ìnnse dhomh gun ann a bha seo, mar gum bitheadh, acur barrachd blas air acheòl.

Bha e acur ioghnadh orm fad an latha gu an seòrsa dannsa a bhiodh sinn adèanamh oir bha fios agam nach burrainn dhuinn ruighle no dad mar sin a dhèanamh agus bha uallach orm nach bithinn air chothrom a dhèanamh ach cha leiginn a leas eagal sam bith a bhi orm. Shuidh mise far an robh mi an uair a thòisich an ceòl agus mi an dòchas gum faighinn dannsa o chuideiginn. Ach ged a bhithinnnam shuidhe fhathast chan fhaighinn dannsatha an dòigh sin air a dhol amach á fasan agus tha na nigheanan uile ag éirigh agus adannsa còmhladh air meadhon an ùrlair agus ma tha duine dha na fir ag iarraidh dannsa thig e a-nall agus bheir e putag dhut.

Dhéirich mi fhéin a dhannsa cuide ri càch agus be sin an dannsa! Tha thu aseasamh an sin ag obair ri do làmhan agus ma thogras tu faodaidh tu do chasan a ghluasad an dràsdas an rithis. Dhfhairich mi làmh air mo ghualainn agus thionndaidh mi agus rinn mi dannnsa


[51]

cuide ri fear beag bàn a bha an sin. Chan urrainn dhut bruidhinn fhéintha an ceòl cho cruaidh agus cha chluinneadh tu do ghuth fhéin. An ceann dha no trì mhionaidean stad an ceòl agus dhfhalbh e ach tha na nigheanan afuireach far a bheil iad gus an tòisich an ceòl a rithis agus tha an aon rud atachairt.

Chan eil móran sam bith agam fhéin mun obair seotha e mar gum biodh éiginn air na boireannaich iad fhéin a shealltainn dha na fir agus cha mhotha na sin a tha an aon seòrsa tlachd anns an seòrsa dannsa udtha e cho marbh. Cha mhotha na sin a tha e càirdeilchan eil, man dubhairt mi roimhe, thu afaighinn cothrom bruidhinn. ’Sann a bhiodh sinn aig an taigh afaighinn a h-uile naidheachd eadar Loch nam Madadh agus Loch Baghasdal aig na dannsaichean!

Chrìochnaich an dannsa mu leth uair an déidh aon uair deug agus dhfhalbh sinn uile suas a staidhir. Tha mi air a bhi aig grunnd dhannsaichean bhon uair ud agussann a tha iad acòrda rium glé mhath oir tha mi nas eòlaiche air mar a tha gnothaichean ag obrachadh, ach bidh mi glé thaingeil faighinn gu dannsa math Gaidhealach aig ám na Nollaig!

titleDannsa anns an Fhasan Ur
internal date1970.0
display date1970
publication date1970
level
reference template

Maribal NicMhaoilein in Gairm 73 %p

parent textGairm 73
<< please select a word
<< please select a page