[155]

TOISEACH IS DEIREADH

Iasgach nan lion-mhóir air Taobh Siar Leódhais

( ’Sann bho Thormod MacLeòid, de Sliochd Iain Uallaich, a fhuair sinn na sgeulachdan seo)

Acair Cloich

Nuair a bha mi òg, mu 1900, a-mach á Port Mór Bhragair eadar iasgairean Arnoil agus iasgairean Bhragair, bha ochd bàtaichean móra, bataichean deich troigh fhichead a dhfhad.

Air latha grianach tioram bha amol geal le sgaoilteach thruisg agus langa, saillt, acruadhachadh. An urra ris an sgaoilteach bha fear coimhead nan speur, air eagal gun tigeadh uisge. Nuair a bhitheadh coltas uisge air, bha tarpalain ga sgaoileadh thairis air an iasg.

Tha na leanas air aithris le Aonghas MacPhàil Arnol, no Aonghas Maois, a tha an diugh còrr air 94 bliadhna dhaois. Baithne dhàsannan seann aois cuid de na daoine air an tug e sgeul. Agus cuid na meadhon aois air an robh e glé eòlach. Bha Aonghas fhéinna latha trang air iasgach na lion-mhóir. Bha gus an dearbh latha air an tàinig crìoch air an obair.

iasgach nan lion-mhóir: an Geamhradh, an t-Earrach, gu toiseach an t-Samhraidh, bha am bàta mór air acair. Cha ghleidheadh an acair iarainn greim anns aghrunnda gainmhich. Be clach mhór fhada, cho trom s gur ann air éigin a thogadh sianar dhaoine treun i. Bha an acair cloiche freagarach: leis gach tulgadh mara a luasgadh am bàta agus a ghluaiseadh an acair bann bu doimhne sìos saghainmhich a laigheadh achlach.

Bha slabhraidh ceangailt ann an slag, grabhta ann an teis mheadhon na cloiche, air ceann eile na slabhraidh bha càbal, agus air ceann achàbail, puta acaireach.

Aig cridhe na tràigh, am bial na mara, cheangaileadh an t-slabhraidh ris achloich, leis an lìonadh iomairear an eathar chun aphuta; tharraingear an càbal agus an t-slabhraidh teann air bòrd. Leis an lìonadh, thogadh an eathar achlach bhon aghrùnnd agus iomairear an eathar gu ionad acarsaid abhàta. Ann an sin leigear achlach sìos air aghrùnnda gainmhich, far am


[156] fanaidh i an iasgaich, ’na h-acair fìor-chinnteach don eathar aisig (coble) agus don bhàta mhór.

Be Aonghas Choinnich Ghuirm MacLeòid, sgiobair cho ainmeils bha am Bragairna linn. Cha robh a dhaghaidh aig sgiobair am Bragair an t-slabhraidh a cheangal ris achloich-acrach. Dhfheumadh e feitheamh gus an tigeadh an Gobha. Bann fo ùghdras aGhobha agus a gheur-shùil acoimhead thairis air achùis a bfheudar an obair a bhi dèanta.

Cha robh iasgairean Arnoil an urra ri Gobha Bhragair. Cha robh iad umhail dha. Cheangladh iadsan iad fhéin an t-slabhraidh ris achloich-acrach.

Tormod MacLeòid,
de Shliochd Iain Uallaich.


Toiseach iasgach nan Lion-mhóir ann an Nis, timeheall 1876/77

Bho aithris Aonghais MhicPhàil, Arnol. 1968.

Bha fear ann an Siabost ris an abarar Coinneach Gobha, Moireach, ciùrair throsg is langa. Thug Coinneach Gobha leis á Arnol dithis mharaichean cho foghainteachs bha air an Taobh Siarnan latha: Iain Gearan mac Iain Podge agus Dòmhnall a bhràthair, de shliochd Dhòmhnaill ic Nèill.

Thug iadsan leotha sgoth a fear, sìos a Nis, gus an sealladh iad do dheagh mharaichean Nis. an dòigh air an lion-mhór a bheartachadh, a bhiadhadh agus a chur.

Bha ag an ám sin: Càrlabhagh, Siabost, Bragar agus Arnol aig iasgach langa agus trosg, leis an lion-mhór, tren Gheamhradh agus tren Earrach. Bho thigeadh latha Bealltainn cha ghabhadh na ciùrairean an trosg. Fhads a bha an aimsir fuar tren Gheamhradh agus tren Earrach bha an trosg gu math. Ghabhte an langa tren t-Samhradh cho fads a gheibhte i.

Cha robh sàr-mharaiche Nis fadag ionnsachadh gnìomhachd na lion-mhóir. Bha iad easgaidh dàna, mar a tha iad gus an lathan diugh.

Thill Iain Gearan agus Dòmhnall air ais a dhArnol, ach dhfhuirich Coinneach Gobha ann an Nis. Bha Clobhs ann an Steòrnabhagh ris an abairear Clobhs Choinnich Gobha.

Tormod MacLeòid,
de Shliochd Iain Uallaich.


[157]

Direadh Iasgach nan lion-mhóir mach á Bragair agus á Arnol 1907-1910

Aithris Aonghais MhicPhàil, Arnol, a tha an diugh 1970 còrr air 94 bliadhna dhaois.

Nuair a chaill sinn na streangan

Bha sinn acur a-mach á Tràigh Dhalmóir, aig iarraidh easgagan airson biadhadh an lion-mhóir. Nuair a tharraing sinn na streangan bha gu leòr biadhadh againn air son dol dhan chuan, ach cha robh an aimsir freagarach.

Shuidh achomhairle ach gu a bfheàrr dhuinn a dheanamh; dol dhan achuan nan è dhol dhachaidh. Thubhairt fear den sgiobaBheil sibh afaicinn an toll dearg ud os cionn Bhearnaraigh Bhig”? Fhreagair fear eileMur eil fionnadh air an toll dhearg; bidhidh sinn ceart gu leòr.”

Nuair a chual iad seo, thug an sgiobair . . . . An Ceannaiche, maraiche deanta faicealach: duine aig an robh ùghdarras . . . thug: an sgiobair òrdugh seòl a chur ris an eatharGabhaibh a nis ur sgianan agus biadhaibh ur dubhain, ach mun tig an latha marach bidhidh aghaoth aséideadh cruaidh ás an àrd an iar-dheasagus mar a thubhairt bfhìor. Nuair a thàinig an latha bha. ’ghaoth aséideadh agus am muir ag éirigh.

Cha burrainn dhuinn dubhan a chosnadh.

Cha robh ach cùl a thabhairt. Dhfhàg sinn na streangan far an robh iad agus be achiad fearann a chunnaic sinn Sgeir Dhail, a-mach á Nis.

Na linn an cuir aig 40 aitheamh.

Aig 50 aitheamh agus aig 60 aitheamh bha grunnda làthaich. Anns a ghrunnda làthaich bha gach iasg air gach dubhan air itheadh fo ites bho lann leis na logais.

Thubhairt fearLeigeadh sinn leis air aBhut gus an tèid seo seachad.” “Cha leigarsa fear eile, “saoilidh iad gur ann aig aiseag mhonach a bha sinn, gun dubhan againn air bòrd.”

Dhobairich sinn suas bho Nis gu Bragair an aghaidh na gaoithBha e sia uairean feasgair nuair a rainig sinn Bragair. Chaidh sinn dhachaidh gus an deigheadh an t-Sàbaint seachad.

Tràth air madainn Di-Luain dhfhalbh sinn a dhiarraidh nan streangan caillte, ach a bha còmhla ruinn ach an seann sgiobair Aonghas Og. ’S esan a bha riaghladh leis achomhairle a fhuair e bhon aCheannaiche nach burrainn a bhi còmhla ruinn: bha an t-each aige tinn.

Agus ma thog e ceart a a dhinnseadh dha, bha e deich mìle mara clì. Nuair a dhfhàs sinn sgìth sgrìobadh air son dubhain


[158] far nach do chuir sinn iad thubhairt mise ris an sgiobair, Tormod Aonghais, “Gu math dhut a bhi sgrìobadh air son dubhain far nach do chuir thu iad.” Fhreagair e a ni mise dheth, nach eil an duine sin ariaghladh ann an seo,” “Ni thu dheth a chur gu Nic GilLéigh a bhean, ann an Arnol. “Seòlaibh iars an sgiobair, agus chuir sinn Aonghas Oig air tìr ann am port Bhragair gu a shlighe féin a dheanamh a dhArnol. Thill sinn air ais acheum chois chiannta agus chaidh sinn chun na streangan cho còmhnard agus gun do thog sinn iad air achiad sgrìob.

Nise fhuair sinn a h-uile dubhan agus bha dusan cwt thurabaid air an dubhain: iad air a bhi trì latha an cuir. Bha dùil againn gu robh fiach ar saothair againn. Bha dùil againn ri deich tasdain a cwt co-dhiù. Nuair a ràinig sinn am port bha na ciùrair Muraican Beag air ar coinneamh.

Dhfhaighnich e dhinn an dfhuair sinn na dubhanan. Thubhairt sinn ris gun dfhuair sinn a h-uile dubhan agus gu robh iasg againn cuideachd, timcheall air deich no dusan cwt turabaid, agus a bheireadh e orra. Chrath e a cheann agus thubhairt e nach burrainn dha an ceannach idir. Ghabh e suas am mol agus shuidh e ri fasgadh eathair a bha sabhruthaich.

Chaidh acheist a chur ris a rithist agus thubhairt eBholl nach bi sibh air ur beiteadh bheir mi lethchrun a cwt orra.” Cha robh ciùrair eile ann gun deigheadh sinn. Cha robh feum air bith anns tairgse a thug Muraican Beag dhuinn. Roinn sinn an t-iasg oirnn fhìn agus thug sinn an t-iasg dhachaidh.

Cha do chuir mise dubhan tuille a-mach á Bragair

Mar seo, eadar 1907 agus 1910, sguir muinntir Arnoil agus Muinntir Bhragair de dhiasgach na Lion-mhóir. Lean seann daoine ann an Nis ri iasgach na Lion-mhóir greis an deidh seo.

Tormod MacLeòid,
de Shliochd Iain Uallaich.

titleToiseach is Deireadh lasgach nan Lion-mhóir
internal date1971.0
display date1971
publication date1971
level
reference template

Tormod MacLeòid in Gairm 74 %p

parent textGairm 74
<< please select a word
<< please select a page