NA H-ONRACHDAIN
Le TORMOD DOMHNALLACH
THA sinn a’ ciallachadh leis an fhacal ònrachdain, ceatharnaich ’s threun air nach eil fiamh no gealtachd ann a bhi seasamh a-mach air leith bhon a’ mhór shluagh air sgàth beachd no barail mu rud sam bith; no ma dh’fhaodte a roghainnich a bhi cur seachad am beatha ’nan ònar gun a bhi an eisimeil comuinn no cuideachd feadhainn eile. Gheibhear cuid de na h-ainmean as motha an eachdraidh a-measg na feadhnach sin.
Feumair a chumail air chuimhne nach ann san aon mholltair a rinneadh gach dàrna duine. Tha sin a réir freasdal glic an Tì a chruthaich ’s a dhealbh iad, oir cha bhiodh an cinne-daonna anns a’ choitcheann ach air fìor dhroch càradh nam biodh a h-uile neach de’n aon inntinn ’s de’n aon nàdur. Cha bhiodh a bhi beò aig a’ chuid bu mhotha de shluagh an domhain, oir bhiodh a h-uile neach ag iarraidh a bhi leantail na h-aon obair, na h-aon cheàird, ’s a’ deanamh raghainn de’n aon chuspair, biodh e ’na leannan, ’na dhreuchd, no ’na fhòghlum. Càit’ am biodh dùil ri rian no riaghailt ’na leithid sud mu de shuidheachadh? ’Se bhuil a bhiodh ann gum biodh cùisean gu léir a’ dol triomach air thearrach. Cha bhiodh ceartas no cothrom air an nochdadh ach do’n fhìor bheagan a-mhàin. Ro thric, rachadh neart thar cheart. Is cinnteach, uime sin, gu bheil gliocas neo-chrìochnach an Uile Chumhachdaich ga chur féin an céill ’s ga dhearbhadh ann a bhi cur eadar-dhealachadh eadar duine is duine, treubh is treubh, mar a chuir E eadar tìr is tìr.
Biodh iad ceart no ceàrr, tha spéis nach beag agam do dhaoine air nach eil eagal no nàire a bhi air a meas ’nan ònrachdain, eadar-dhealaichte bho dhaoine eile.
Tha esan nach gluais leis an treud, aig am bheil a mhisneachd na dh’imicheas leis féin, is ’na shlighe féin, fada no goirid, duilich no deushainncach ’s gam bì i; leis an suarach ged a ghoirear ònrachdan deth, a’ dearbhadh gur fìor ghaisgeach e.
Tha saobh-chrabhadh nan Gàidheal a’ foillseachadh dhuinn gur ann mar seo a tha ann an saoghal nan spiorad, mar an ceudna.
Nach lìonmhar na bithean, no na spioradan air am bheil iomradh againn a bhuineas do na saoghail neo-fhaicsinneach ’s a nàdur féin, a
chleachdadh féin, obair féin, ’s a dhòigh féin air a thoirt do gach diubh fa leth.
Is ann mu ònrachdain saobh-chrabhaidh ar dùthcha a tha mi gu bhi a’ labhairt ann an seo is bheir mi geàrr iomradh air cuid dhiubh mar a leanas.
A’ Bhean Nighe
Ged nach facas riamh i ach ’na h-aonar, a réir coltais ’sann de theaghlach nan sìdhichean a bha a’ Bhean Nighe agus bha dleasdanas air leth air earbsa rithe. ’Sann ùine gheàrr mum biodh bàs anns a’ bhaile a chìte i agus gach uair dhiùbh sin, bhiodh i ri taobh lòn no allt agus smùid aice air nighe léine mhairbh an aoin a bha gu caochladh. Mar a bhiodh i nighe an aodaich, sheinneadh i marbhrann tùrsach. Tha e air aithris nan tachradh do’n aon a chitheadh i, tighinn air a cùlaibh gun fhios dhith agus breith orra gu teann mu a teis-meadhon, gum feumadh i a thrì iarratasan a thoirt dha. Ach ’se duine ainmeil a fhuair riamh cho faisg sin air a’ Bhean Nighe. Cho luath ’s a chitheadh i neach a’ tighinn, rachadh i á sealladh a’ fàgail a teachdaireachd dhuilich agus a crònan tiamhaidh ’na déidh. Chuala mi gun gearradh a’ Bhean Nighe leum na b’fhaide na ghearradh aon duine no beathach air an d’fhuaireadh eòlas. Có a nis a bha dol dh’fhaotainn greim oirre?
A’ Ghruagach
Mar bu trice, is ann an ám an fheasgair a bhiodh a’ Ghruagach ri faicinn a’ ruith ’s a’ dannsa cho guanach, aotrom a-mach ann na buailtean a-measg na spréidh. Tha còrr is ceithir fichead bliadhna bhon a chunnacas mu dheireadh i anns an Eilean Sgitheanach. Ach mar a bha seann bhean ag innse dhomh, bha i ri faicinn an uair sin a h-uile feasgar samhraidh a’ ruith cho beò, sunndach, suas is sìos feadh nan raointean agus bréid fhada, rìomhach mu h-amhaich a’ crathadh anns a’ ghaoith.
Bha e mar chleachdadh aig gach té a rachadh do’n bhuala, nuair a bhleodhnadh i an crodh, tonn math de bhainne a dhòrtadh ann an toll mu uiread soitheach, a bha ann an cloich mhóir, a chun ’s gu faigheadh a’ Ghruagach deoch bhainne. Mur a deante sin, dh’fhaodadh iad a bhi cinnteach nach biodh deur bainne aig a’ chrodh anns a’ mhadainn.
Is aithne dhomh cnoc anns an sgìreachd anns an do rugadh mi anns an Eilean Sgitheanach, ris an can iad Cnoc a’ Ghruagaic agus tha clach de’n t-seòrsa so fhathast ri bhi air a faicinn a mulluach a’ chnoic.
Loireag
’Se bean-shìdh a bha ann an Loireig a bhiodh tric ti faicinn anns na taighean luaidh. Bha ùidh aice ann an calanas agus bu ghnàth
Nuair a dh’éireadh e shuas oirre, bheireadh Loireag air uairean droch sgiùrsadh do na mnathan le slait, nam be is gum biodh iad milleadh is rag ann a bhi gabhail a comhairle, no mur a tachradh gu seinneadh té dhiubh am fonn mar bu chòir dhi.
’Se creutair glé bheag, meanbh ann am bodhaig a bha innte. Bha fìor dhéidh aice air deochan bainne agus b’e cleachdadh nam mnathan nuair a bhleodhnadh iad an crodh a-muigh air a’ mhòintich, steall de bhainne blàth a thaomadh ann an toll air mullach cloiche, mar a bhiodh iad a’ fàgail aig a’ ghruagaich. Nam b’e agus gun rachadh dearmad a dheanamh air an dleasdanas seo, dheanadh Loireag droch dhìoghaltas a dh’aon chuid air na banachaigean no air an spréidh.
Chaidh Loireag a-steach do thigh ann an sgìre is aithne dhomh air latha fliuch, fuar, san earrach. Thachair do bhean an tighe a bhi glé thrang anns a cheart ám a’ fuine.
Dh’iarr Loireag cead suidhe aig an teine car tacain airson i féin a gharadh. Nis, dh’aithnich an té eile air a trusgan uaine nach buineadh a’ bhana choigreach do’n t-saoghal seo agus nuair a thuig i gur i Loireag a bha ann, ghabh i car de chlisgeadh agus gu miolainneach thuirt i rithe, (a’ gabhail seòrsa de leisgeul oir bha i coma ach faotainn cuidhteas i) gun robh i cho dripeil le a h-obair ’s nach b’urrainn dhi neach sam bith a leigeil eadar i agus an teine. N’ar a chuala Loireag sud, dh’fhàs i cho feargach agus gun do ghuidh i gum biodh an leanabh a bha air a siubhal a dh’easbhaidh gliocais agus céille ga bhreith. “Agus,” ars an t-sean bhoireannach a dh’innis dhomh an naidheachd “fhuair Loireag a guidhe. Nuair a rugadh an leanabh, Cha robh e coingeis no glic.”
Peallag
B’ann am bitheantas dlùth do lòin agus aibhnichean a bhiodh Peallag ri bhi air a faicinn. Chan eil e coltach gu robh fasanan no spaidealachd an latha a’ cur cus dragh oirre. Cha do thog i riamh a falt, ni motha bha e ’na chleachdadh aice a bhi gabhail saothair
Caoineag
Chaidh fìor spiorad na taibhseachd a bhuileachadh air Caoineag, mas e is gun do bhuilicheadh air urra a riamh e. ’Sann ùine gheàrr mum biodh bàs anns an nàbachd a bhiodh feadhainn ga cluinntinn a’ tuireadh airson an aoin a bha gu falbh, ach ged a bha gu leòr de dhaoine ann a chual i iomadh uair ré am beatha, chan eil iomradh air a thoirt dhuinn gu facas ach glé ainneamh i.
Nam b’e agus gun éibheadh an neach a bhiodh ga h-éisdeachd— “Có tha siod?” ’se am freagradh a bheireadh Caoineag gu coitcheann— “Có a tha ach Caoineag bheag a’ bhròin,” agus an còrr fiosrachaidh cha toireadh i seachad.
Is ann an lagan ùdlaidh agus an cois easachan is uillt ann an glinn uaigneach, mar bu trice, a bhiodh Caoineag ri cluinntinn agus bha i ’na cuis-eagail mhóir do luchd falbh na h-oidhche gu h-àraidh.
’Se cogadh ainneamh a ghabh àite an Alba nach cualas a caoidh air feadh nan sgìreachdan do’m buineadh feadhainn de na saighdearan a bha gu tuiteam air blàr a’ chatha.
Chualas i mu àruinn Phortrigheadh beagan gheamhraidhean mun do bhrist a’ chiad chogadh-mór a-mach. Chaidh a’ chùis a thoirt fa chomhair a’ phears’ -eaglais, an Urramach Tormod MacLeòid, ministear cho fòghluimichte agus cho buadhmhor ’s a sheas riamh an cùbaid anns a’ Ghàidhealtachd. B’e a bhreathnachadh aig an ám gu robh eagal air gu robh cogadh no dosgain chràitich dlùth, a bheireadh aobhar caoidh do iomadh dachaidh anns an tìr. Mar a thubhairt b’fhìor. Ged a bha esan fo’n fhòd n’ar a thòisich cogadh a’ Chéasar, chaidh móran de òigridh a’ bhaile a mharbhadh anns an Fhraing.
Gainisg
’Sann a-measg fòlach agus luachair fhada mu bhruachan allta agus an oir lochan a bha Gainisg a’ còmhnaidh. ’Se creutair glé bheag ann a meudachd a bha innte agus is ann roimh ànradh aimsir a bhiodh i ri cluinntinn a’ tuireadh ’s a’ bròn airson an fheadhainn a bha gu bhi air an call anns an doinionn air muir no tìr:
“Gainisgeag bheag a’ bhròin
A’ sileadh deòir a sùla.”
Their iad gainisg ris an t-seòrsa feòir a tha fàs air tanalaichean nan loch.
Glaistig
Bha eagal mór aig daoine roimh Ghlaistig anns na seann làithean. Sheachnadh feadhainn a bhiodh a’ tighinn dhachaigh anamoch bhàrr a’ chéilidh sruthan uisge agus lochan uaigneach, oir is ann mu’m bruachan a bhiodh Glaistig a’ tàmh.
Bha com boireannaich air a’ chreutair seo agus a’ chuid eile ’na gobhar. Nach bu leòr aon sealladh dhi fhaicinn airson an goistidh bu chruadalaiche a chur á cochall a chridhe leis an eagal!
’Se stìc a bh’ann an Glaistig anns an robh móran de phratan aimlisgeach, nì a dh’aobhraich gun robh a leithid de uamhainn aig luchd siubhail an anamoich roimpe. Dh’fhàgadh orra gum biodh i a’ cur snaimeannan air badan de luachair a bhios a’ fàs thairis air na ceuman coise airson a bhi leagadh nam bodach chòir a bhiodh a’ gabhail an rathaid. Chuala mi mu bhodach sònraichte de’n a chuir i car, fichead uair, ma chaidh aon deth, mun d’fhuair e fa-dheòigh le riasladh nach bu bheag, a-steach air gàrradh na croite aige féin.
Ma bha na cuilbheartan seo a’ toirt àbhachdais do Ghlaistig, ’se glé bheag sùgraidh a bheireadh na bodaich ás agus cha bu bheag an ioghnadh an déidh an tàire le dìol bodhaig agus eagal.
An Uraisg
Mar bu trice, is ann mu àird’ fheasgair a bhiodh cuid a’ faicinn na h-Uraisg is e ag iasgach ri taobh aibhne.
Bha grath oillteil, mi-thalamhaidh, air ’aogaisg ’s air a bhodhaig, a lìonadh duine sam bith le geilt is uamhas. Bha fhalt is fhiaclan anabarrach fada agus ingnean fada, biorach mar an ceudna.
Bu mhinig a nochd an Uraisg e féin ri taobh neach a bhiodh ag iasgach. Thigeadh e am fradharc gu balbh, dìomhair agus dheanadh e seanchas ri aon nam b’e agus gun leigeadh an eagal leis fantainn ga éisdeachd.
Ged a bha an Uraisg seòlta gu glacadh neach, bhatar ag ràdh nan tachradh do’n aon sin a bhi cròdha gu leòr gun robh e ’na chomas a’ char a thoirt ás an Uraisg is tarsainn ás agus faotainn dhachaigh gun dochann no cron.
Frid
Bu bheag am bodach sìdhe am Frìd, aig an robh a dhachaigh ann an còsaibh nan creag agus anns na bruachan. Bha e a’ tighinn beò ar an aon lòn ri sluagh an t-saoghail seo, nì a rinn gun robh e ’nan eisimeil airson a theachd-an-tìr. Cha robh dad a bhiodh ri sheachnadh, no eadhon an sprùilleach a thuiteadh bho’n bhòrd nach robh air a ghleidheadh gu cùramach aig bean an taighe. Rachadh sud fhàgail
Cha robh e idir ceadaichte gun rachadh uiread agus mìr arain no biadh a thuiteadh air an làr, a thilgeil san teine, Nam b’ ann air a’ bhlàr a-muigh e, dh’fheumte fhàgail anns a’ bhad anns an do thuit e le àithne an t-seann duine.
Tha sinn a’ faicinn gu robh fialaidheachd nan Gàidheal a’ dol a -mach eadhon gu Frìd nan creag.
Eigir
Cha chualas mu Eigir nar dùthaich roimh theachd nan Lochlannach, a thug air tùs an ainm agus am beul-aithris mu dhéidh do’n Ghàidhealtachd.
A réir beachd nan Lochlannach, b’e Eigir aon de na dée mhara aig an robh uachdaranachd air a’ chuan, no pàirt de’n chuan. An ceann linn no dhà, thàinig e gu bhi ’na dhia nan troichean agus nan spìocairean an saobh-chràbhadh nan Gàidheal.
Cairbire
B’e Cairbire a b’ainm do’n teachdaire ris an do dh’earbadh, a réir beachd nan seann Ghàidheal, a bhi a’ giùlain spioradan nam flath
An àite e a leantail air an t-seann chùrsa, a’ treòrachadh nan gaisgeach agus nam flath gu Flath Innis, chuireadh air slighe eile e, an uair seo gu bhi toirt an aingidh gu ionad am peanais.
Lean am beul-aithris ceudna ann an àiteachan cho fada a-nuas ri ceud bliadhna air ais. Chuala mi naidheachd mu thaibhsear air an do thachair Cairbire agus a charbad oillteil, ann an àite uaigneach de’n tìr, air oidhche dhorcha gheamhraidh. Bha an carbad a’ siubhal le dian luaths gu ionad féin. Air do’n taibhsear sùil shnuagach a thoirt air, dh’aithnich e fear de na bha ’na bhroinn, droch thighearna fearainn a rinn geur fhòirneart air a thuath. Cha robh an duine gun iochd ach air caochladh, is e an siod ’na shuidhe eadar Sátan agus fear stiùiridh na còmhdhail!
Fideal
Tha cuid de lochan fìor-uisg’ ann anns am faighear dialtagan àrd, garbh, agus feur fada, dòmhail a’ fàs, aig am bheil freumhaichean domhainn sìos anns an uisge ’s a tha anabarrach cunnartach gu bhi ribeadh creutair sam bith a chailleas a chasan anns an doimhne, air chor is nach faigh a bheò ás. Chan ioghnadh leam ged a bhatar a’ cur air na lochan ceudna gu robh usp, ris an cante am Fideal a’ tàmh annta ’s a bha an còmhnaidh ag eunach air duine sam bith a bhiodh a’ tathaich an ionaid.
Tha loch faisg air Loch Ma’rui air am bheil an ainm Loch na Fideil, mun robh sgeul aig deagh sgoilear àit’ -ainmean, mo charaid nach maireann an t-Urramach Teàrlach MatDhonnchaidh.
Chaidh am Fideal ás déidh fear do’m b’ainm Eóghann, “Ceum air do cheum, Eóghann,” ars am Fideal. “Ceum air do cheum Fhideil,” ars Eóghann a’ dlùthachadh ris an usp. An cràic a’ chéile gun do ghabh iad! B’e crìoch na streup gun do mharbh Eóghann am Fideal, ach mharbh am Fideal Eóghann!
Colunn Gun Cheann
Is ann a’ leantail MhicDhòmhnaill, triath Mhòrair a bha Colunn Gun Cheann. Bha a’ Cholunn ’na freiceadan a’ cur dìon air féin agus air oighreachd. Anns an ám ud, cha mhór gun robh ceann-feadhna de chinnidhean na Gàidhealtachd aig nach robh sùil-dhìleas de’n t-seòrsa, bho’n t-saoghal eile, mar thearmuinn dha agus da chuid.
Chan fhuilingeadh Colunn Gun Cheann do aon sam bith uiread agus coiseachd troimh fhearann MhicDhòmhnaill, an neach le’m bu dàna a dheanamh, thigeadh a’ Cholunn gun fhios gun aoidh gun fhaireachadh, is cha robh fàthmas ann ach bàs dha’n chulaidh-thruais.
B’e fear de chloinn MhicLeòid, an neach mu dheireadh a mharbh Colunn Gun Cheann, airson an iomraill seo.
Chuireadh mar fhiachaibh air Iain Garbh Macille Chaluim, Ra’arsa, dìoladh iomlan agairt airson bàis fhir cinnidh is b’éigin dhà-san aghaidh a thoirt air a’ Choluinn.
Moire, is ann an sud a bha an cath eadar an dithis, bho laigh gréine gu soilleireachadh an ath latha. Cha tug an dàrna gaisgeach buaidh air a’ ghaisgeach eile, ach le cuideachadh a’ Bhìobuill agus coinneal choisrigte, dh’fhuadaicheadh Colunn Gun Cheann a-mach ás an dùthaich gus gum b’éiginn dhi còmhnaidh a ghabhail tuilleadh aig bonn Beinn Edra anns an Eilean Sgitheanach.
Laigh dubh-bhròn air a’ Choluinn n’ar a chuireadh fo bhìnn i Mòrar fhàgail agus air an t-slighe do’n Eilein, rinn i port a bha i ’seinn gus an do ràinig i a ceann-uidhe, port sunndach màrsaidh— “Is fada bhuam fhìn bonn Beinn Edra” —a chluinnte iomadh linn an déidh an ama ga chluich air a’ phìob-mhóir.
An déidh-làimhe, thachair Colunn Gun Cheann ri caochladh Sgitheanach a-muigh anns a’ mhonadh. B’e am pìobaire Bruce Iochdar Stafainn, an duine mu dheireadh a chunnaic a’ bhéist is e air latha ceòthach samhraidh a’ saodachadh a’ chruidh thun na h-àirigh.
Thug e leis a’ phìob-chiuil, is n’ar a dhlùthaich e ri bonn na beinne, có thigeadh am fradharc a-mach ás a’ cheò ach gum b’e Colunn Gun Cheann. Cha robh aig Bruce ach an crodh fhàgail far an robh iad agus tilleadh gu baile, ach airson e féin a dhìon bho’n Choluinn, shéid e suas a’ phìob is chuir e rannan puirt ri chéile air a’ chaoin a rinn Colunn Gun Cheann a’ fàgail Mhòrair:
Is fada bhuam fhìn bonn Beinn Edra,
Is fada gun teagamh bhuam Bealach a’ Bhorbhain.
Dh’fhàg mi ’n crodh-laoigh aig bonn Beinn Edra,
Dh’fhag mi na laoigh aig Bealach a’ Bhorbhain.
Cùl nam bealaichean, bonn nam bealaichean,
Cùl nam bealaichean, Bealach a’ Bhorbhain.
Chan fhacas a’ Cholunn riamh bho’n uair sin ach cluinnear am port thun an là an diugh.
Cailleach Nan Gàg
’Se fìor bhòchdan a bha ann an Cailleach Nan Gàg, a bhiodh pàrantan a’ muigheadh air feadhainn bheag a bhiodh a’ cur an umhail do a màthair a bhi gan nighe. Nam b’e agus gun cuireadh clann bheag an aghaidh an glanadh gu riaghailteach, rachadh innse dhaibh gun tigeadh a’ chailleach fhiadhaich, chrosda ud thun an taighe agus gun toireadh i air gàgan goirt a bhi fàs air a’ chraiceann. An ath uair a thigeadh i bhiodh sgian gheur ’na làimh gu bhi sgrìobadh ’s a’ gearradh nan gàgan air falbh.
Bu leòr iomradh a thoirt air an ainm Cailleach Nan Gàg airson an leanabh bu ghràiniche air e féin a nighe, a thionndadh gu bhith titheach air uisge agus air siabunn.
Am Fuath
Tha seadh ann anns an robh am Fuath coltach ris am Bhampire, a’ chùis-uabhais anns an robh a’ chuid bu mhotha de luchd àitichidh na Roinn Eòrpa uaireigin a’ creidsinn. Bha an dà bhiast ud a’ cur tir is nigheanan òg gu bàs tre bhi traoghadh an cuid fola.
Dh’èaladh am Bhampire a-steach gu socair, seòlta, gus am faigheadh e ri taobh an aoin air an robh e sealg ’s an sin le cruinn-leum chuthaich, rachadh an cluipear ’na amhaich. Le fiaclan fada, biorach mar snàthaid, ghearradh e a’ chuisle mhór agus dheòghladh e a shàth de fhuil air an robh e a’ beathachadh mar bhiadh. An sin thad thilleadh an allabharrach air ais do’n uaigh ás an do rinn e éirigh. Chaidleadh e ’na chiste-laighe gus am biodh feum air an ath thràth fola.
Bhatar a’ cumail a-mach gur e bh’anns an Bhampire ach corp duine a bha gu h-iomlan fo riaghladh an droch spioraid tré a bheatha air thalamh agus eadhon an taobh thall de’n “bhàs,” is an déidh dha air a thiodhlacadh fo’n fhòd, gu robh a cholunn air a cumail le a sheann mhaighistear ann an trannsa as an robh e gu cunnbhalach air a dhùsgadh gu bhi sireadh fuil ùr an ceann gach tìde.
Shiubhleadh am faochaire a’ faghaid thall ’s a-bhos air feadh na tìr, eadar dol fodha na gréine agus brisdeadh na maidne. Chumadh an Bhampire air a’ tadhal na h-aoin nighinn n’ar a gheibheadh e ’na cadal i is dh’òladh e a fuil, oidhche an déidh oidhche, gus am faigheadh i am bàs.
’Se bh’anns an Fhuath ach creutair, no mar bu chòir a ràdh.
deamhan, a bhaineadh do’n t-saoghal eile. Bha esan (no ise) mar an ceudna ag òl fuil a’ chuspair air an robh e an tòir. Thigeadh e gu diamhair g’a ionnsaigh ’na chadal is stobadh e a’ bhiodag ’na chridhe, no ghearradh e a chuisle, gus an sileadh an neach ceudna am boinne deireannach gun dùsgadh ás a shuain bith-bhuain.
Cha robh mi ach glé bheag n’ar a chuala mi sgeulachd air a sin ann an Eilein a’ Cheò. B’e ainm na sgeul—Airigh na h-Aon Oidhche, is cha robh eilean san àird’ an iar anns nach cluinnte i uaireiginn.
Bha innse air an sgeul seo, cho math ’s a chuala mi, air a dheanamh leis an Urramach Dòmhnall MacChaluim, a rinn saothair mhór a’ cuideachadh nan croitearan san Eilein Sgitheanach far an robh e ’na mhinistear, agus fadheòidh an sgìre nan Loch, an Leódhas.
Is ann an Leódhas a fhuair MacChaluim an sgeulachd a dh’aithris e mar a leanas.
Carson a their iad “Airigh-na-h- Aon Oidhche” ris an làraich so?” thubhairt mi ri tuathanach àraidh a mhuinntir Mharbhaig, an Sgìre-nan-loch, agus sinn a’ dol air thurus le chéile, là geal, grianach troimh ’n t-sliabh tha eadar Cromór agus Marbhaig, nuair a thàinig sinn chum an ionaid air am bheil an t-ainm so.
“Air son,” fhreagair e, “gur h-e aon oidhche na bha daoine chòmhnuidh innte. Agus tha sgeul mu thimcheall sin.” Agus seo an naidheachd mar thuit i o bhilibh:
“Anns na làithean o shean bha tuathanach ann an Cromór ris an abradh iad: “Fear-an-taigh-mhóir.” Is aithne dhut làrach a thaighe anns a’ bhaile sin. An àirigh shamhraidh so, ris an abair sinn “Airigh-na-h- Aon-oidhch,” thog an duine seo, ’na là agus a thoirt an aire air a’ chrodh a bha ’g ionaltradh mu thimcheall chaidh an dithis nighean òg dh’fhuireachd innte.
“Air a’ cheud oidhche, mu dhol foidhe na gréine, thàinig cailleach bheag, bhochd a-steach do’n àirigh, agus ghabh na h-ingheanan rithe gu math. Nuair a ghabh iad an suipeir le chéile thubhairt a’ chailleach: ’Càit’ an caidil cailleachag an nochd?’ ‘Caidlidh cailleachag,’ fhreagair té dhiubh. “ris a’ bhalla.’
“Caidlidh cailleachag,’ fhreagair an té eile, “ris a’ bhòrd.’
“Ach thubhairt a’ chailleach féin: ‘Caidlidh cailleachag anns a’ mheadhon.
“ ’S e bun a bh’ann gun d’fhuair a’ chailleach a toil agus gun do chaidil i anns a’ mheadhon.
Mu mheadhon oidhche dh’fhairich an té bha ris a’ bhòrd an fhuil bhlàth aig a piuthair a-nall fòipe san leabaidh. Leum i a-mach ás an àirigh mar a bha i. agus rinn i air Cromór. As a déidh ghabh a’ chailleach, ann an riochd eich-uisge.
“Nuair a nochd an nighean ri Cromór leig i an éibh, agus chual
“Chaidh am baile mach ’na coinneamh, agus nuair a dh’innis i dhaibh mar a thachair, thòisich iad air caoidh na h-ighinne, agus ’sann air a shon sin a thug iad ‘Cath-Caoidh ’ mar ainm air an ionad ud.”
“Dh’fhalbh a h-athair an coinneamh an eich-uisge agus leis a’ chlaidheamh gheàrr e dheth an rùsan agus e ’leum a-mach air loch tha eadar Marbhaig agus Calabost, ris an abair air a shon sin, muinntir Mharbhaig Loch-na-Gruagaich.”
’Se bha ann an seo, da-rìreadh, am Fuath, a chaidh an toiseach ann an cruth na caillich agus a rithisd ann an cruth an eich-uisge, oir b’e a chleachdadh a bhi dol ann an iomadh riochd airson a rùintean a choimhlionadh, ach mar bu trice, is ann an riochd boireannaich a chìte am Fuath.
Is ann an dà chruth ’s an dà chruth a-mhàin, a rachadh an t-each-uisge. Do bhoireannaich thaisbeanadh se e féin mar ghille òg air leith dreachmhor, airson an tàladh da ionnsaigh, ach do fhir, mar each nàdurra.
Tha dearbhadh eile againn nach e idir an t-each-uisge, ach am Fuath, a chaidh do Airigh-na-h- aon-oidhche, n’ar a mharbh e a’ ghruagach le a fuil a dhòrtadh. Chan eil aon iomradh air an each-uisge a dheanamh a leithid sin de ghnìomh an-iochdmhor, oir cha robh fa’near da ach leannanachd agus a bhith daonnan an comunn nan caileagan. B’fhada bhuaithe mort fuileachdach an Bhampire no an Fhuath.
Thog sgeulachd coltach rithe seo m’aire is mi dol troimh an t-seann Mhìosachan Ceilteach a chaidh a chlò-bhualadh anns a’ Chéitein 1895. Is ann anns a’ Bheurla a sgrìobhadh i. Tha mi an seo ga cur ann an Gàidhlig, a’ chànain anns an deach a h-innse air tùs le cìobair ann an Cinntàile:
“Tha ùine mhór ann an nis bho’n a ghabh an nì a tha mi dol a dh’aithris dhuit àite, ach faodaidh thu a ghabhail mar sgeul fhìor, oir chuala mi an toiseach i aig m’athair. Dh’innseadh dha-san i le athair féin, a rinn a cluinntinn mar bhalach beag bho’n aon neach a thàrr ás beò de’n triùir dhaoine òg a ghabh fasgadh ann an àirigh Creag-a’ -bhàis.
B’ ann de Chlann Choinnich a bha dithis de na fir agus b’e Caimbeulach bho thaobh Loch Odha, a bh’anns an fhear eile.
Chionnich an triùir ghillean ri chéile air Di-h- aoine àraidh aig aiseag an an t-Sròm agus choisich iad cuideachd thar mhonaidhean Chinntàile am beachd taigh-òsda Chluainidh a ruigheachd, nan rachadh leotha, mu fheasgar Di-sathuirne, rud a bha furasd’ a dheanamh muar a b’e gun deach an glacadh ann an an-uair ghailbhich.
[236]Chaidh na speuran ’nan craobh-lasair le dealanaich agus ’nan dàil tàirneanaich gun sguir a’ toirt an fharum bu chianail air mactalla nam beann ’s nan gleann gach taobh mun cuairt.
Thàinig a’ chuideachd, co-dhiù, gu bothan àirigh Creag-a’ -bhais, a bha an uair ud tughta, dìonach, seasgair. Chuireadh teine air gu grad agus fhuair na h-allabanaich iad féin a gharadh gu math mu thimcheall.
Air do Chlann MhicCoinnich a bhi faireachadh car sgìth, cadalach, laigh iad sìos le chéile air seid de fhraoch tioram a chunnaic iad thall ann an oisean an taighe, ach shuidh an Caimbeulach, duine mór, làidir, air rùghan de sgrathan an cois a’ ghealbhain, agus a’ toirt a-mach tromb á phòcaid, theann e air a cluich gu ceòlmhor, rud bu mhath a b’aithne dha.
Cha b’fhada gus na chuir an ceòl tiamhaidh a chompanaich ’nan trom shuain.
An ceann greis, air do’n teine a bhi dol sìos, dh’éirich an Caimbeulach a chur an tuilleadh connaidh air agus am feadh ’s a shuidh e rithisd ’na àite a chluich na tromb, dh’fhairich e ann féin gu robh làthaireachd feadhainn eile, a thuilleadh air Clann MhicCoinnich, maille riutha.
Sùil gun tug e timcheall agus có a chunnacas ach triùir de bhoireannaich bu bhriagha air an do dhearc a dhà shùil riamh. Thàinig té dhiubh le fiamh càirdeil a’ ghàire far an robh e. Shuidh i air rùghan eile de chip ri thaobh, agus a’ sìneadh a làimhe rinn i ionnsaigh air an tromb a thoirt bhuaithe.
Chùm an Caimbeulach greim teann air an inneal agus rinn e àite ullachadh do’n dithis nigheanan eile ri taobh an teine. Cha tug iadsan dad de bhuidheachas airson na carantachd seo, ach dh’ìarr gach té air e thoirt an aire do chomfhurtachd an aoin a shuidh ’na chomunn agus a’ deanamh gàire neònach, thubhairt iad á beul a’ chéile, gun sealladh iadsan ás an déidh féin.
Thug an t-òigear greis air seanchas ris an rìghinn mhaisich. An ceann tacain shìn ise gun fhios dhi féin, a cas ri clach-an-teinntean, ach ma shìn, dé a chunnaic am fear eile a’ nochdadh fo a trusgan fada, geal ach ladhar an fhéidh!
Lìonadh am fleasgach le leithid de uamhainn agus nach b’urrainn e gluasad, ach chaidh aige, critheanach ’s mar a thachair dha bhi, gun nì a a dheanamh a bhrathadh fhaireachdainn.
Thàinig e thuige féin gu grad agus air dha fios a bhi aige gu robh éifeachd seunaidh anns a’ cheòl a chumadh fo smàig spiorad an uilc air an robh geur mhothachadh aige a bhi ro dhlùth, is ann a thog e a rithisd air cluichd na tromb.
Cha bu luaithe a rinn na thug ise sùil chrosda, amharasach air is dh’àithn’ i dha e a sguir de’n cheòl air neo gun dùisgeadh e an
Bha an dithis fhear ’nan cadal, ach b’e cadal a’ bhàis a bh’ann. Bha an sùilean mar shùilean gloine, fosgailte gun deò annta, ag amharc suas ri mullach an tighe agus sruth pailt de fhuil a’ sruthadh bho gach fear dhiubh sìos gu meadhon an ùrlair.
Cho luath ’s a thug a’ bhaobh ri thaobh fa-near gum fac an Caimbeulach a chulaidh dhéisinn a rinn a brath thug a làmh sitheadh an rathad na tromba ach thàinig stad innte mar gum buaileadh peileir i.
Thuig an Caimbeulach gun rachadh aige air tàirsinn as le bheag nam b’urrainn dha cumail air an tromb gus am brisdeadh an latha.
Sgìth, claoidhte agus air a sgreamhachadh leis na thachair mu thimcheall, chùm e air a’ cluich nam port is aig a’ cheart ám thagair e ’na chridhe nach dìobradh an comas seo gus an saoradh éirigh na gréine e bho’n chomunn mhallaichte a bha san aon taigh ris.
Chum an té a shuidh ri thaobh a sùil gu furachar, fosgailte airson cothrom cur ás do’n fhear dha’n do dh’altrum i goimh bàis, nì nach robh dol leatha a dheanamh cho fad’ ’s a lean an ceòl.
Mu dheireadh thall thàinig an cruth-atharrachadh a b’oillteil air aogasg an triùir bhoireannach a chuir am barrachd eagail air an fhear chiùil. An àite nam bilean dearg a bu bhoidhche leis toiseach na h-oidhche, cha robh an siod air gach aghaidh ach gob crom, fada, biorach iolair fiadhaich nan stùchd, is guib an dithis dearg ’s a’ sileadh le fuil nan òganach a bha sìnte ’nan cuirp mharbh an gàirdeannan nan àbhair.
A làn chreidsinn gu robh a bheatha an urra ris a’ cheòl chùm an Caimbeulach roimhe a’ cluich gus na dh’fhairich e crith a’ tighinn ’na làimh agus aig a cheart ám, leig an triùir a ghabh esan mar mhnathan sìdhe na sgreadan a b’ eagalaiche asda is chaidh iad ás an t-sealladh.
Rud nach robh iongantach, thuit an òigear gu làr ann an laisge ach air dha a bhi ’na dhuine calma, thàinig e mun cuiart gu h-aithghearr. A’ tilgeil a bhreacain dheth, rinn an Caimbeulach ’na leum air an dorus agus creididh mi nach do chuir neach riamh fàilt’ air grian na maidne a’ nochdadh os cionn Creag-a’ -bhàis a bu taingeile na e.
Gun aon sùill a thoirt ’na dhéidh, rinn e ’na dheann dearg air an taigh seo agus ’sann anns a’ cheart fhàrdaich a dh’innis e sgeul an uabhais an toiseach.
Bha bròn a’ Chaimbeulaich airson a dhithis chompanach comh-ionnan ri a spéis dhaibh. Dh’fhuirich e anns an dùthaich gus am fac e dhà charaid fo’n talamh agus air là an tìodhlacaidh dhearbh
Gus an là an diugh chan eil duine anns an tìr leis nach b’fheàrr nam b’éiginn e, oidhche a chur seachad a’ cadal anns an fhraoch air slios fuar a’ mhonaidh na dol faisg fàire air Airigh Creag-a- bhàis. Chual gu leòr a thachair a dhol seachad air a’ cheart bhothan anns an anamoch, ceòl tiamhaidh tromb, le osnaichean mar a chluinnear bho neach a bhios a’ gleac ris a’ bhàs agus nì bu ghairsinnich buileach sgal chruaidh agus glag-ghàireachdaich dheamhain.”
Sin, facal air an fhacal, aithris a’ chìobair, bho am bheil sinn a’ faicinn gun do ghabh gille Taobh Loch Odha ’na cheann gum b’e triùir de mhnathan sìdh ris an robh a ghnothach ach mar a thubhairt sinn mun an each-uisge, cha be sud idir gnéith no cleachdadh nan sìdhichean. ’Sann daonnan a’ sireadh cothrom gu bhi cuideachadh muinntir an t-saoghail seo, a bhiodh iadsan. A réir gach sgeòil, cha do dh’fhalbh á sìdhein, aon a rinn gnìomh na bu mhiosa na gille no nighean òg a threòrachadh maille riutha do’n t-sìdh-bhrugh, far nach robh ach subhachas is aighear is ceòl a dheanadh bliadhna fhada cho goirid ri leth-uair an uaireadair. Ge b’e àite anns an do thachair bean-shìdh ri mac an duine, dh’fhàgadh i e, cha b’ann ’na chairbh gun anail ach le buadhan a chumadh ainm air mhaireann agus rath a leanadh a shliochd thun an t-seachdamh glùn.
Bha dòigh eile ann airson a char a thoirt ás an Fhuath nam faiceadh neach a’ tighinn e air a’ bhlàr a-muigh is e ann an riochd usp no uilebheist. Chuairticheadh am fear-siubhail e féin gu luath leis a’ Chaim. B’e seo cearcall a bhiodh daoine a’ cur orra féin an ám gàbhaidh no cunnairt. Cha robh aig aon ach seasamh anns a’ bhad anns an robh e agus samhla cearcaill a tharraing timcheall air le a bhata air an talamh agus cha robh cumhachd olc sam bith a b’urrainn a ruigheachd an taobh a-steach do’n riomball.
Bheir sinn fa-near gu robh na draoidhean a’ cur a muinghinn gu làidir ann an Dia na gréine. Tha a’ ghrian a bheir buaidh air cumhachdan an dorchadais a’ ruith a réis ann an cearcall agus mar sin bha an cearcall ’na nì ro éifeachdach ’nan creideamh.
Bha bodach Sgitheanach air oidhche shoilleir, ghealaich gheamhradh, a’ dol dhachaigh far a’ chéilidh, glé anamoch. Am feadh ’s a bha e dol thar monadh fiadhaich, a bha eadar am baile do’m buineadh e agus am baile anns an robh e air chéilidh, thuit dha a shùil a thogail gu druim dorcha a bha beagan astair bhuaithe. Ach ma thog, dé chunnaic e a’ deanamh air gu dìreach, luath, ach uilebheist ghailibhich nach fac e a riamh roimhe ’na bheatha.
Thàinig crith-uamhainn air is cha robh sin iongantach. Ach mar bha am fortan an dàn, chuimhnich e air a’ Chaim.
Ann am mionaid na h-uarach tharraing a Caim farsaing ann an ainm na Trianaid mun cuairt dha le a bhata air an raon.
Cho luath ’s a sheall e a rithisd, bha an uilebheist ’na deann a’ tighinn dlùth. Leum esan gu teis-meadhon a’ Chaim agus shuidh e an sin.
Nuair a thàinig an uilebheist, bha coltas oirre gu robh i ag iarraidh a reubadh, ach cho luath ’s a ràinig i cearcal a’ Chaim cha rachadh aice air dol mìr no òirleach a-steach air.
Lean i air dol timcheall taobh a-muigh a’ chearcaill ’na dian ruith fad’ na h-oidhche gu beul an latha, ach bha esan tèarainte ’na bhroinn. N’ar a bhrist a’ mhadainn, chaidh an uilebheist ás an t-sealladh agus fhuair am bodach dhachaigh.
“Carson,” arsa mi féin ri seann duine, “nach eil daoine a’ faicinn nan creutairean mì-chneasda ud an diugh? Càit an deach gach Loireag is Caoineag is Glaistig is Uraisg is Fìdeal is Fuath. Gu déa dh’éirich dhaibh?” B’i freagairt an t-seanachaidh do’m cheist: “Chaidh an iompachadh troimh bhuaidh a’ chreidimh Chrìosdail!” As an sin chan eil mi cho cìnnteach, ach ás an seo, tha mi dearbh chinnteach—iompachadh ann no ás, chan e mise a dh’iarradh a dhol gam baisteadh!
A’ Bhean Nighe, A’ Ghruagach, Loireag, Peallag, Caoineag, Gainisg, Glaistig, Frìd, Eigir, Cairbire, Cailleach Nan Gàg, Colunn Gun Cheann, An Uraisg, Fìdeal, Am Fuath—nach e mi fhìn a shiùbhleadh an astar airson aon sealladh dhiubh fhaicinn còmhla a’ dannsa Ruidhle-thulachain air mullach na Croigil anns an Eilein Sgitheanach!
title | Na h-Onrachdain |
internal date | 1971.0 |
display date | 1971 |
publication date | 1971 |
level | |
reference template | Tormod Dòmhnallach in Gairm 75 %p |
parent text | Gairm 75 |