[49]

FAINNEACHAN

le EILIDH WATT.

Is math leo an diugh éisdeachd a dheanamh ri beachdan na mnathan: mar sin thachair dhomh bhi ann an comunn sianar fhear. Bha an deasbaireachd adol air adhart is mi afeitheamh cothrom dol an sàs an uair a thuit mo shùil air làmhan an fhir a bha anns achathair is mhothaich mi nach be mhàin aon fhàinne a bha e acaitheamh, ach fhàinnefear air gach làimh. Thug mi sùil air mo shocair timcheall abhùird: cha robh fear seach fear nach robh acaitheamh fàinne. Air mo làmhan fhéin a tha ri bithdhèanamh cha robh fàinne ged is bean phòsda mi. An robh air fàinneachanno an cionadeanamh gnè de thaisgealadh oirnn? Nuair a fhuair mi tìde a bhi beachdachadh air seo thainig mi gun cho-dhùnadh gun robh.

Carson a tha neach acosg fàinne? Am bitheantas a chionn is gun dearbh fàinne luachmhor air meur ghrinn nach eil an làmh ri obair throm, shalach, a tha ro thric air dhroch phàidheadh. “Status symbol” mar a their iad. Anns an Ròimh, bho chionn fada, an uair a bha tràillean adeanamh an obair shalach, bha fir is mnathan acosg fàinneachan gus sealltainn don t-saoghal gun robh iad beartach, saor, is nach robh iad ri obair. Theagamh gum be an aon chleas is a bha aig muinntir Shìna a leigeadh fàs le iongan am meòirean gus foillseachadh nach robh iad ri obair. Anns an Ròimh bu mhath leis na tràillean gun gabhte iad mar dhaoine saor is bu mhath leo fàinne a chosg ach bhacadh an lagh iad. Dhfhaodadh tràill meur a chall nam faighte e is fàinne air a mheur. Aig ám chan fhaodadh neach fàinne òir a chosg mur robh athair is a sheanairnan daoine saor ged dhfhaodadh e fàinne airgid a chosg mur be tràill a bhana athair.

An diugh is e fàinne pòsaidh, no fàinne geallaidh pòsaidh is tric a chithear tha e nis fasanta gun cosg fear pòsda fàinne air an treas meur den làimh cheàrr. Ach bha uair eile dha sin. Nuair a bha daoine na ba bhochda is ri obair na bu truime, bainneamh a bha fàinne geallaidh ri fhaicinn agus bainneamh a bha fàinne pòsaidh òir ri fhaicinn a-measg daoine cumanta. Bu tric a chosgadh iad fàinne umha. Bha e saor is bha e marsainneach, nach eil an t-òr. Mar bu trice bha am fàinne air a dheanamh ann an coltas làmh ann an glaicean a chéile. Ro am pòsadh bhitheadh na làmhan air


[50]

an dealachadh is cha robh amhaighdeann acosg ach aon chearcall gus an robh an chearcall air an toinneamh air latha aphòsaidh. Bha na làmhan air an cur ann an glaicean a chéile mar shamhla air cumhnant marsainneach.

Ceud bliadhna, no mar sin air ais, chìte fàinne air a chaitheamh mar chuimhnichean air neach a bha air caochladh. Aig ám bhi deanamh tiomnadh bu tric gun cuireadh feadhainn bheartach airgead air thaobh gus an ceannaicheadh an fheadhainn a bu docha leo fàinne caoidh. Ach is e an cùmhnant a bhann gun cuireadh am fear a bha cosg leithid seo a dhfhàinne suas facal ùrnaigh air son anam an fhir a dhfhalbh a h-uile turas a thuiteadh a shùil air an fhàinne a bha e acosg, is anns am bu tric leo a bhi giùlan dual den fhalt aig an fhear a chaochail. Air son achuid mhór chaidh an seòrsa fàinne seo á fasan chionns gum bheil na Pròstanaich an aghaidh a bhi ag ùrnaigh air son na mairbh. Ach theagamh nach e sin an reuson gu tur. Bha feadhainn de na fàinneachan seo neo-thlachdmhor ri linn is gun robh cuid dhiu adealbh claiginn gun sùilean, gun fhiaclan os cionn chnàimh a bha tarsaing air a chéile, samhlachail air abhàs. Ach ged dhfhaodadh sin a bhi -thaitneach bu mhiosa buileach dhaibhsan a bha acaitheamh fàinne anns an robh fiacail ás deud an fhir a dheug, far an trice a bhitheas clach luachmhor.

Ach bhon ám a bha minam phàisde anns an sgoil saoilidh mi gur ann air fàinne aPhàp a bu trice a chuala mi iomradh. Bha gach teachdaire bhon Phàpis bu lìonmhor iadafaotainn fàinne Phàp leis gus am faithnichte e. Ach an latha roimhe leugh mi gun dfhuair am Pàp am fàinne òir a chaidh a dhealbh dha fhéin. Thuirt mi rium fhéin gum bu mhath nach robh luchd ceàird cho fadalach, dàileach, anns an aimsir a chaidh seachad is bha iad an diugh air neo bha gnothaichean air dhol bàs.

Ach dhfhiosraich mi bhon uair sin nach e gheibheadh am Pàp an dràsda ach fàinne òiranulus piscatoris mar a their iad, no mar a dhfhaodas sinne a ràdh, fàinne an Iasgair. Is e an Naomh Peadar an t-iasgair a thathas aciallachadh is air an fhàinne tha an Naomh Peadar air a dhealbh ag iasgachadh á báta. Tha ainm aPhàp air a ghràbhadh air taobh a-stigh an fhàinne is air don Phàp bàs fhaotainn tha am fàinne air a bhriseadh is air a leaghadh is deanar fàinne ùr don Phàp ùr.

Ciamar a nis a chuireadh e fàinne le teachdaireis bha e iomchuidh gun aithnichte gum bann bhuaidhe bha am brath. Tha mi nis atuigsinn gun robh ioma fàinne air a dheanamh de stuth saor. Umha, tha mi acreidsinn. Bha am fàinne seo mór, trom, is air a chaitheamh air acheud mheur den làimh cheart. Bha e de stuth saor gus nach bfhiach a ghoid no an teachdaire a mharbhadh air a shàillibh. Bha e mór gus am bitheadh e soirbh aithneachadh; agus mór gus an coisinneadh e spéis don fhear leis bu leis e.

titleFàinneachan
writersEilidh Watt
internal date1971.0
display date1971
publication date1971
level
reference template

Eilidh Watt in Gairm 77 %p

parent textGairm 77
<< please select a word
<< please select a page