[120]

AN CLO-MOR

le Iain Moireach

Air an àrd-ùrlar, caileagan òga cuimir gun mhóran chudthrom aodaich orraElaine NicDhòmhnaill, Olwyn Atkinson, Gwendoline Edmonds, Marian St. Claire agus Ruth Priorri luadhadh achlò. Màiri Moireasdan le còmhlan gasda de bhoireannaich eile á Barraidh ri seinn air clàr . . .

Bho dhòrn gu dòrn, clò nan gillean,
Iomair o , clò nan gillean . . .

Chithinnnam cheann iad, ’s mo shùil air na caileagan. Dhfhairichinn dealbh ga reubadhnam mhac-meanma.

Achse annas agus ìomhagh ùr a bhann air fad; ballet ga dhanns ri òrain Ghaidhlig.

Se Dolìna Niclllinnein a tha agabhail nan òran. Sia air fad, cho eadar-dhealaichte ri Calum Sgàire agus Dheidhinn dhan a


[121]

Ghealaich Leat, agusse cuis-iongantais a thann mar a tha i fhéin agus na dannsairean (aig nach eil smid Gàidhlig) ri cumail an gleus ri chéile. Le pìosan clò agus modh-dannsa nach ro a riamh saGhaidhealtachd, tha na nìghneagan agus aon fhear, Gernot Petzold, ri deilbh air beairt nan òran seann sgeul a fhreagradh air ionad sam bith a tha ri uchd agus an taing achuain . . . “muir mór nan tonns e ri trom cur eadrainn.”

Am fear a chur am ballet air dòigh, Stiùbhart Hoops á Lunnainn, thainig gu mór fo bhuaidh òrain luaidh a chuala e ann an Dartington Hall, Devon. Chuidich Seòras Reid, a tha ag obair aig STV e, agus thagh Dolìna na h-òrain. Nach math gu bheil an leithidean ann, a sheallas gu bheil beòths gu leòr anns aGhàidhlig fhathast . . . saoil an e na Gaidheil a tha ri fannachadh?

titleAn Clò-mór
writersJohn Murray
internal date1972.0
display date1972
publication date1972
level
reference template

Iain Moireach in Gairm 78 %p

parent textGairm 78
<< please select a word
<< please select a page