RATHARSAIR
le MAIRTINN DOMHNALLACH
THA fhios aig an t-saoghal mhór a-nise gur ann an Cooden an Sussex a tha Dr. John W. R. Green a’ fuireach, is gur ann leis a tha Taigh Mór Ratharsair is dha-na-tri eile de thighean móra an eilein. Cha robh e an Ratharsair ach aon turas anns na deich bliadhna bhon cheannaich e na taighean sin, agus tha iad uile a-nise air a dhol fàs. Tha Green fhathast—aig ám sgrìobhaidh co-dhiù—a’ diùltadh dealachadh ri fiù’s an leth-acaire de chladach creagach air am bheil na h-eileanaich cho feumach mar laimrig.
Mar sin chan ioghnadh gun do thoill an dotair còir fuath an t-saoghail—ma bha an t-uachdaran Gallda riamh ann nach esan e? Cha do chuir e lasair ri tughadh, gun teagamh, ach nach do chasg e beò-shlaint nan daoine, is nach duirt e gun robh e son Ratharsair a chumail ’na Phàrras shàmhach, is mur còrdadh sin riutha gun robh an rathad cruaidh fo’n cois? Nach robh sin fhéin a cheart cho marbhteach ri long Chanada a’ feitheamh aig a’ chidhe?
’Se mo bharail gun robh—is gum bheil. Ach a dh’aindeoin sin chan eil ann dhuinn ach saothair an asgaidh a bhith cosg ar fearg air Green. Nan robh an toil is an dìchioll ann bha an dòigh ann air cur ás dha, is tha fhathast. ’Se Bòrd an Aiteachais a thug a Ratharsair e; ’se Bòrd Leasachaidh na Gaidhealtachd fo bhuaidh St. Andrew’s House a dh’ fhàg ann e; agus ’se Comhairle bheag fhaiceallach Shiorrachd Inbhirnis bu mhotha chur maille air an aiseig. Air a’ cheann thall ’siad na Gaidheil a dh’fhàg Ratharsair mar a tha e.
Tha mi cinnteach nach bi fhios againn gu bràth carson a chreic Bòrd an Aiteachais cóig taighean—trì dhiubh mór—ri Green air prìs cho suarach ri dusan mìle not. Neo carson a chreic iad aon taigh beag ris an 1965, is aon leth-dusan eileanach ga iarraidh, is e fhathast gun an tuathanachas a cheannaich e an 1962 a phàigheadh. Dé ’n dàil mhór a bha air a’ Bhòrd Leasachaidh? B’ann an 1966 a dh’iarr George Willis, Ministear na Stàite, orra cnuasachd a dheanamh air beòshlaint Ratharsair, is Russell Johnston an deaghaidh dol-a- mach Green a thogail an Taigh nan Cumantan dà thuras.
Bha deireadh 1969 ann mus do leig am Bòrd ris gun robh iad am £110,000 a chosg air tigh-òsda iasgach ath-bheothachadh san eilean. O sin a-mach gus na thòisich aimhreit na h-aiseig cha chualas guth: cha deach sian a dheanamh is cha deach sgillinn dhe’n airgiod a chosg. Tha am Bòrd a’ cumail a-mach nach eil iad deònach cosgais a dheanamh mur a bi aiseag ann an toiseach. Bheil
Ach tha an cumhachd aig a’ Bhòrd le cead Rùnaire na Stàite cuid Green a cheannach a dh’aindeoin. Saoil nach i ’n fhìrinn gum bheil am Bòrd cho beag sgoinn is nach seas iad ri’m maighsteirean an St. Andrew’s House; is có anns an fhàrdraich sin, fo riaghladh nan Tóraidhean, a chuireadh sìos air uachdaran ge b’e call a dheanadh e air sluagh?
Ach air a’ cheann thall, mar a thuirt mi, ’siad na Gaidheil fhéin as coireach gun do sheas Green cho fada. Bha Comhairle Shiorrachd Inbhirnis cho faiceallach mu’n sgillin ’s gun tug iad seachd bliadhna mus tug iad an taic ri aiseig. Agus bhon thòisich an aimhreit mu dheireadh seo dé ’n cuideachadh a fhuair sluagh beag Ratharsair bho na h-eileanan eile? An cualas guth a’ Leódhasaich ’s an Sgitheanaich ’s an Uibhistich? Càite bheil Co-chomunn nan Croiteirean neo fiù’s An Comunn Gaidhealach?
Ma dhearbh Ratharsair aon rud, dhearbh e nach eil Bòrd Leasachaidh na Gaidhealtachd is gach buidhean eile dhe sheòrsa ro-chùramach mu thaobh siar na dùthcha. Tha an uair aig na h-eileanan eile rabhadh a ghabhail. ’Se Ratharsair an latha’n diugh, Leódhas is Eilean Sgitheanach is Uibhist an latha màireach.
title | Ratharsair |
internal date | 1972.0 |
display date | 1972 |
publication date | 1972 |
level | |
reference template | Màirtinn Dòmhnallach in Gairm 79 %p |
parent text | Gairm 79 |