“Gnothaich Bhoirionnach”
Le MURDAG NICCOINNICH.
BHO dhùinear a’ chiad sgoil, bithidh móran a’ togail orra, air muir, ’s air tìr agus anns na speuraibh le cloinn ’nan cois. Is e fìor thrioblaid a tha ann an droch stamaig air a’ leithid so de astar. Thug an lighich cungaidh-leighis ris an abrar “Avomine” dhomh an uiridh agus bheirinn a’ chomhairle oirbh so fheuchainn. Cha robh tinneas air bith air an nighinn bhig—chòrd am muir rithe da-rìreabh!
Fhad’s a tha mi a mach air a’ chloinn, tha fios math gu leòir againn gur h-ann làn bàidh agus deagh-thoil a tha an té a ruitheas le dà ghàirdean sìnte mach ’s i ’g éigheach ard a cinn: “Trobhad, a ghràidh.” Ochan ’s e stùirc a bhitheas oirre an uair a theicheas am pàisde a tha sgìth annasach. Gus am fàs clann rud-eigin eòlach tha e nas glice gun ùpraid idir a dheanamh mu’n timcheall.
IS e rabhadh gun cheist dhuinn gun ith teaghlach aon leòmainn ceud punnd clòimhe anns a’ bhliadhna. Smuainichibh car tiotaidh air a sin—suas ri deich ar fhichead dheiseachan nam fear, no cóig ceud stocain shnàth. Is ann fad an t-samhraidh a bhios iad-san trang am measg an aodaich gheamhraidh nach eileas a’ cleachdadh car ùine. ’S e an leòmann bhoirionn cuideachd colann na h-uilce. Chan fhaicear ise ro thric agus i anns na cùilean dòrcha—is e a céile chithear air an sgéith. Tha “Mothdoom” cho math ri ainm—cuiridh e crìoch air na plàighean gun teagamh, agus gheibhear a nis e airson a spùtadh anns gach oisinn.
Mur faigh sibh so, tha “Paradichlorobenzine” furasda gu leòir fhaotainn a nis; ged is amaladh-cainnte as ainm dha, tha fìor ghràin aig an leòmainn air an stuth so.
DEAGH naidheachd anns a’ phaipeir bho chionn ghoirid—gu bheil dearg eagal am beatha air luchd deanamh bhréidean-bròige nach fhad a gheibh iad reic sam bith air na th’ aca air an làmhan. Bho thàinig “Nylon” is ann a tha iad a’ seasamh car fada—agus bha feum air! Dh’ fhigh mi a’ chiad phaidhir do fhear an tighe a bhliadhna na tìde so agus càil a choltas caitheamh chan eil orra fhathast. Bha mi de’n làn bheachd nach seasadh an t-aodach cainbe fhéin ris. Ged a dh’ fheuch mi iomadh seòrsa, ’s e “W.G. Luxury Nylaness” as fheàrr gu buileach. Tha “Nylaness” mar shnàth trì duail agus gheibh sibh e ann an dath dubh, geal, gorm no buidhe. Cha tàinig mi air a leithid riamh, nach caill dath, nach téid a steach agus a sheasas ri sàilean gach sean agus òg.
Tha aodach ùr eile air tighinn a nis—“Terylene.” Ma tha sibh an tòir air sgiort, thatar ’gan deanamh ann an “Terylene,” le pleatan mu ’n timcheall. Cha ruig sibh a leas càil a dh’ eagal a bhith oirbh ’gan nighe, oir tioramaichidh na pleatan air ais mar a bha iad gun iarunn a dhol faisg orra. Dh’ fheòraich mi ann am bùth no dhà an so agus thuirt iad riùm nach robh iad ro phailt fhathast.
GED nach eil a’ bhó cho pailt anns gach bàthaich ’s a bhà, tha feum ùr ’ga chur air a’ bhainne-thiugh bho thòisich còmhstri eadar gach té mu lìomhadh an ùrlair. Dh’ innis ban-Leódhasach dhomh gur h-ann le clùd bog le bainne-tiugh a bha ise ri toirt sgrìob air an ùrlar as deidh a nighe—agus gu deimhinn chitheadh tu d’ fhaileas ann!
Mas e ur crann an seòrsa craicinn nach fuiling fuachd no teas, tha truas mo chridhe agam ribh; oir is droch charaid e. Thurchair mi air lighich-craicinn a thuirt rium nach robh ungadh ann, ge bè air bith cho àluinn am botul anns an robh e, no cho tlachdmhor, cùbhraidh, daor ’s a bha e, a b’ àillidh a chumadh an snuadh na am bainne ùr. “Cleachd,” thuirt e, “beagan bainne ùr, agus glan d’ aghaidh gu daonnan leis agus ’s math a dh’ fhaodas tu na botuil bhrèagha a thilgeil a mach.”
Co-dhiùbh, chan eil am bainne-tiugh ro fhurasda dhuinn uile fhaotainn; ach tha lìomh miorbhuileach ùr airson àirneis ann, ris an abrar “Topps.” Ma chuireas sibh air bòrd e mar lìomh sam bith eile, cumaidh suathadh le clùd tioram e sgiamhach car thrì mìosan. Ach chan e sgéimh a mhàin, oir cha dean bùirn an làrach grannda glas mar as àbhaist dha. Tha so gu sònraichte freagarrach airson balla an t-seòmair-nighe, no an t-seòmair deasachaidh, oir cha dean toit deargadh idir air; is ann a tha an lìomh so a’ tilgeadh dheth gach uisge fuar agus blàth.
Ach is iomadh ball-àirneis air an téid sgròb gun fhiosd, nach gabh a chleith. Mas ann de dh’ fhiodh dorch a rinneadh e, tha mi de’n bheachd gu ’m falaich “Three-in-one Scratch Remover” e. An toiseach cuiribh rud beag air gach sgròb agus nuair a thiormaicheas e, suathadh beag eile air an àirneis gu léir. Cha chreid mi nach e sùil gheur a ni a mach an sgròb as deidh sin.
MA thug thu sgrìob air mullach an tighe le “distemper” am bliadhna cha robh thu ’nad aonar idir—ach chan fhada gus am bì. Bha fear bùthadh ag ràdh rium nach mór gu robh e ’faighinn reic idir air “distemper” an diugh agus is beag an t-iongnadh. Tha an “Emulsion Paint” anns gach dath againn a nis, agus ma chuireas sibh an sàs e aon uair cha toir sibh sùil ur cinn air “distemper” tuilleadh. Faodar a nighe cho tric ’s a thograr agus chuireadh pàisde air balla e gun spriteadh no saothair. Am bheil mullach gach rùm agaibh geal? Feuchaibh ri dath a chur air. Rinn mi mullach aon rùm gorm ’s tha e snog.
NI an sùithe salachar righinn ma thuiteas i air brat-ùrlair. Air ur beatha na fliuchaibh e! Crathaibh “Fuller’s Earth” no “Talcum Powder” no rud-eigin de ’n t-seòrsa sin air fheadh. Gabhaibh dha le sguab nach eil ro chruaidh. Ma dh’ fhàgas e làrach ann, suaithibh luideag le “Carbon Tetrachloride” air, agus is math as fhiach e an t-saothair.
CHA do dheàrrs a’ ghrian air a’ chuid bu mhotha againn san t-samhradh a chaidh agus ma tha an seanfhocal r’ a chreidsinn ’s e a’ bhòtunn as trice bhitheas oirnn na a’ bhròg san t-samhradh so cuideachd. Their iad “Ma thig ùr-fhàs air an uinnsean roimh an darach, théid ar dearg bhàthadh fad an t-samhraidh.” Mu dheireadh na Màirt thachair dhomh bhith cuairt troimh choill an Dun Eideann. Ged a bha gach darach fhathast sa mheadhon gheamhraidh, bha a h-uile uinnsean air na thuit mo shùil a’ fàs bòidheach le ùr-fhàs uaine. Ach có aige tha fios? Is miosa eagal na cogadh!
MA tha dùil ri cuideachd agus gun aran-milis càileir a stigh ni sibh so gu h-aithghearr. Cuiribh leth-phunnd Cocoanut agus cairteal puinnd siùcair ann an soitheach. Measgaichibh iad gu math le aon ugh. Nuair a ni e leantainn beagan r’ a chéile lìonaibh gucag uighe leis; tionndaidhibh gach làn gùcaig a mach. Ma fhliuchas sibh a’ ghucag an dràsda ’s a rithist le bùirn fuar thig iad a mach gu h-àluinn. Tha sirist air barr gach aon diubh glé thlachdmhor. Cuiribh do àmhainn a tha meadhonach teth iad gus a bheil iad bàn-ruadh. (Rabhadh beag—feuch nach cuir sibh barrachd air aon ugh annta ged shaoileas sibh gu bheil e car tioram.)
IS iomadh bean-tighe a tha gu math nas socaire dheth an diugh agus cothrom aice còcaireachd le inneal-deasachaidh agus àmhainn air nach fheum i mòine no gual a chur. ’S e an rud, cho daor ’s a tha an teas so, agus cha chreid a’ chuid mhór gu bheil iad a’ caitheamh a’ cheart uimhir de ’n teas luachmhor so ’s a tha iad a’ cur gu feum, mur eil na soithichean deasachaidh aca freagarrach. Cha dean an sgeileid a shuidhe air éibheal an tac an teine càil ach crois. Ged a chosgas “pana” trom “aluminium” suas ri punnd Sasunnach, tha ìochdar chòmhnard air, a ghlacas an teas gu h-iomlan. Thatar ’gan deanamh a dh’ aon ghnothaich gus an teas as motha fhaotainn ann an ám goirid; agus cha bhi sgillinn agaibh orra mu cheann bliadhna.
Dh’ fheuch mi am pana enamel a bha math gu leòir, eadhon air gas, leis a’ bhuntàta air “electric cooker” agus thug e fichead mionaid na b’ fhaide na thug am pana “aluminium” trom an ath là.
“Bha trod mhór agam fhéin ’s aig Seòras an raoir,” arsa Màiri. “Abair gu robh cur a mach oirnn ri chéile fad an fheasgair—ach fiach riut na dh’ fhosgail e a bheul aon uair.”
title | Gnothaich Bhoirionnach |
writers | Murdag MacKenzie |
internal date | 1954.0 |
display date | 1954 |
publication date | 1954 |
level | |
reference template | Murdag NicCoinnich in Gairm 8 %p |
parent text | Gairm 8 |