[53]

Na Boireannaich

Boireannaich nan Eilean

Tha boireannaich nan eileanan annasach. Tha dòigh aca air a bhi togail an cuid chloinne a tha làidir susbainteach, agus gu math duilich meur a chur air. Tha faireachdainean aca aig ámannan cho geur ri losgadh, agus chan eil feagal orra an fheadhainn as nimheile a leigeil ris, ’se sin an fheadhainn a dhfhaireas a h-uile duine againn aig ámannan, ach nach aidich sinn dhuinn fhìn.

Ge be a thog anaidheachd
Na bann falainn in gàire
S na biodh aon neach air a banais
Gus a leig a leanabh ràn ás.”

Bha iad math dha rìreabh air bàrdachd, air seinn, air obair chruaidh, air dibhearsain. Cuideachd, bha rud nach canadh iad acunntadh acheart uimhir: gad lìonadh le ciont le bhi toirt aon osann, no toirt do chasan bhuat le fhacal mas fhìor neo-chiontach. Mar sin bha smàb air leth aca air an teaghlaichean, agus nach iomadh balach fhathast tha cho sona ri bròg còmhla ri mhàthair an tac an teine, ’s ged a be fineach a bhiodh ann, thig e an deidh sin dhachaigh ás abhothan aig cairteal gu reug oidhche Shathuirn. Am broinn na dachaigh mar sin tha a facal tric ariaghladh, agus nuair a bhiodh a fear air falbh air son mìosan móra ri seòladh, bha dol aice air an teaghlach a cheangal rithe fhéin gu math daingeann. Dheanadh i obair sam bith bho bhith bleoghan na gu bhi buain mhònach, ach ma bha i air taobh a-muigh a dachaigh fhéin dhfheumadh i bhi sàmhach. Cha robhas idir asireadh a beachd air fearann, air tìde, no air rotaichean. Bha aice ri bhi gu math umhail a thaobh a cainnt agus a giùlan a-muigh, aguss dòcha gur ann air sgàth sin a dheadh aice air casg a chur air a teaghlach a-staigh gun mhóran a ràdh.

Sann mar sin a tha i gus a an diugh, agus a-staigh an àiteigin air cùl a claiginn tha mi cinnteach geil fhios aicair. Tha a h-aodach an diugh eadar-dhealaicht’, tha a taigh còmhdaicht ann an carpets, tha càr aice, faodaidh joba a bhi aice a-muigh cuideachd, faodaidh cothrom a bhi aice air airgead, faodaidh i bhi fuireach anns abhaile mhór. ’Se tha sin uachdar na cùise.

Tha i suathadh glé mhór ri eaglais, bhon chan eil móran ann a i an cuideachd dhaoine air falbh bhon taigh ach sin fhéin. Chan eil uallach na cloinne atuiteam air an duine ann, agus tha e gabhail air fhéin gun téid e chéilidh barrachd, agus gun téid e dhan abhothan gu uairean beaga na maidne.

Ach fuirich thusa, ille, tha an dòigh a ghabh thu air a cumail shìos adeanamh cinnteach gur i as làidire tha am broinn do


[54] thaigh ged nach aithnich thu e. Leis cho ceacharrs tha i dol le do dhòighean mhì-shuimeil, théid i dhan eaglais, agus cuiridh i a gnè agus creud a h-òige an tac a chéile. Cha bhi e fad sam bith gum bi thu aice air ghoc amhaich aleantainn caithe-beatha nach do smaoinich thu bhan dàn dhut.

chanas nach eil i làidir agus nach aithne dhi a gnothaich?

Norma Nic Leòid.

titleBoireannaich nan Eilean
internal date1972.0
display date1972
publication date1972
level
reference template

Norma Nic Leòid in Gairm 81 %p

parent textNa Boireannaich
<< please select a word
<< please select a page