[109]

LAGH UR NAN CROITEANBEACHD

bho
Iain Ruairidh MacAoidh, Inbhirnis

THA an sgeim seo a tha romhainn a-nist eadar-dhealaichte bhon chiad fhear ann an iomadach dòigh. Gun teagamh bha rudan san sgeim sin a bha neònach is uireas bhach agus nach tigeadh gu ìre. Bha rudan ann cuideachd, siuds a seo, a bha glé fhaisg air a bhi meallta. Ach bha cuspair ann a tha sasgeim seo, ’se sin a bhi toirt còirichean fearainn dha na croitearan, co-dhiù còirichean dha na taighean aca is na pàircean a tha mun timcheall. Chan eil guth ann air bhi toirt còirichean beinne, monaidh is machrach dhaibh nas motha na bha sachiad sgeim, dhaindeoin cho briathrachs a bha e air achùis. Air a thàilleabh seo bidh chòir aig gach duinecòir uachdarain air thaobh taighean (is na pàirceannan lùib) agus còir croitear air thaobh beinne, monaidh is machrach. Tha e furasd fhaicinn an leithid do bhùrach a bhitheas ann ach faodaidh Coimisean nan Croitear is Cùirt an Fhearainn sin a leasachadh nuair a ruigear e.

Ach, an déidh uiles gu léir, an dean asgeim seo feum dha na daoine? ’Se sin acheist. ’S dòcha gun dean e rudeigin air an son gu h-àraid do neach a tha air son a thaighe a reic. Gheibh an duine sin aphrìs a dhiarras e bho na Sasunnaich is na Goill. Pàighidh iadsan prìs sam bith airson Shangri-la dhaibh fhéin air aGhàidhealtachd, agus tha mìltean is mìltean dhiubh ann, ’s dòcha ceud dhiubh air son gach taigh a tha ann air aGhaidhealtachd, agus bidh barrachd ann fhathast dar a thig na h-Eòrpaich. ’Se gu bheil taighean cho gann a tha deanamh prìsean cho àrd agus chan eil coltas idir ann gum bi aghnothach móran nas soirbhe sna lathaichean a tha tighinn chionns nach fhaighear cead “planning” air son taigh ùr a thogail air a’ Ghaidhealtachd ach le éiginn. ’Se sin a mhill sgeim Bòrd na Gàidhealtachd an uiridh.

Ach ma thig achd ùr bidh ruith sgrathail aca airson na taighean a bhitheas saor an uair sin bho bhuaidh Lagh nan Croitear alatha an


[110] diugh agus cha bhi e furasda diùltadh na tairgsinn fiadhaich a bhitheas ann, gu h-àraid ma bhitheas beòshlaint nan Gaidheal cho leibideach suarachs a bu ghnàth leatha a bhi. Nan robh leasachadh luachmhor fàbharach ann aig an aon àm cha bhitheadh asgeim seo idir cho cunnartach. Cha builear dhan rud a bhi alùib a chéile ach chan eil guth air sin a bhi ann. A réir coltais bidh reic mhór ann do dhaoine beartach on Cheann a Deas agus bhitheadh na prìsean ro mhór air son Gaidheal òg sam bith a bhitheadh ag iarraidh taighe.

Chan eil feum an t-saoghail a bhi cantail mar a chanas na daoine a tha craobh-sgaoileadh na sgeime seo gum bi còir pre-emption ann mar chnap-starradh don reiceadh seo. Chan eil ann an còir pre-emption ach còir a thaig uachdaranfeudalnosuperiora bhi faighinn cothrom ceannach taigh avassalma bhitheas a’ vassalairson a reic. Ma tha ansuperiorairson an taigh fhaighinn feumaidh e pàigheadh aphrìs as àirde a gheibh a’ vassalanns anopen marketann an tairgse sgrìobhte bho chuideigin eile a tha ga iarraidh. Ach ma tha a’ vassalden bheachd gu bheil aphrìs sin ro bheag faodaidh e tòiseachadh a-rithist agus cumail air gus am bi e riaraichte. Feumaidh e an uair sin an taigh a thairgsinn dhansuperioraig aphrìs sin agus faodaidh ansuperioran t-àite ghabhail aig aphrìs sin, ma thogras e.

Chan urrainn dha prìs nas ìsle thairgsinn air a shon. Agus chan urrainn dosuperioriarraidh airvassala thaigh a reic ach a-mhàin ma tha a’ vassaldeònach a reic agus sin air anopen marketsachiad dol-a- mach mar a thubhairt mi. Ach an t-uachdaran nosuperiorair oighreachd far a bheil tòrr mór thaighean chroitearan a phàigheadh prìsean anabarrach a h-uile turas a thig taigh air anopen market”—agus bidh sin tric a réir choltais. Is dhèanadh e leis nan robh e beartach gu leòr a h-uile taigh a cheannach; cha reiceadh e rithist iad aig prìsean fàbharach do mhuinntir na dùthcha, co-dhiù.

Sin an cunnart, ma tha, cunnart nach bi Gàidheil ann fhathast. Their feadhainn gur e sin dìreach na tha dhìth air cuid dhe ar riaghladairean agus gu bheil iad afaicinn sasgeim seo deagh chothrom a bhi faighinn cuidhteas nan croitearan gu buileach. Chuireadh sin crìoch air a’ “Highland Problemgun sgillinn dechompensationa phàigheadh. Tha sinn ann an dòigh mar gum biodh sinn acluicheRouletteRuiseanach.

Air a thàilleabh seose mo bharail gur e mearachd thruagh a tha ann a bhi cur Achd nan Croitear a thagainn chun na sitig. ’Si ghléidh na daoine air aGhàidhealtachd an aghaidh uachdarain shanntach sglàmhach.

Si chùm sìos màl agus prìsean. Tha ina cùl-taic do dhaoine gun móran airgid car mar a tha na Rent Restriction Acts sna bailtean.


[111]

Gun teagamh tha i feumach a-nist air a leasachadh a siuds a seo agus bhitheadh sin air a bhi furasda gu leòr a dheanamh nan robh ar riaghladairean air a bhi deònach. Ach chan e leasachadh a tha sasgeim seo ach milleadh.

Ach tha mi an dòchas gu bheil mi ceàrr neo cha bhi ann an ceann fichead bliadhna ach fàsach ach airson mìos sabhliadhna nuair a bhitheas na Goill is na Sasunnaich aig an taigh airson na holidays aca. Bhitheadh e cho math éisdeachd ri comhairle Ruairidh MhicThómaisna bhàrdachd mus bi e ro anmoch:

“ ’S nuair a ruigeas tu Tìr aGheallaidh
mura bi thu air taire,
coinnichidh Sasunnach riut is plìon air,
a dhinnse dhut gun tug Dia, bràthair athar,
còir dha anns an fhearann.”

[Bidh sinn toilichte cluinntinn bho duine sam bith nach eil ag aontachadh leis abheachd seoNa Fir-Deasachaidh.]

titleLagh ùr nan Croitean
internal date1973.0
display date1973
publication date1973
level
reference template

Iain Ruairidh MacAoidh in Gairm 82 %p

parent textGairm 82
<< please select a word
<< please select a page