TIR IS OLA
le Màiri NicLeòid
MUR a toirear sluagh air ais chun na Gaidhealtachd le beò-shlainte chumas teachd-an-tìr riutha faodaidh sinn a bhi coma dhan an t-saothair a chuireas sinn ás ar deidh a’ strì ri cainnt agus dualchas a chùmhnadh no eadhon Gàidheal agus Gaidhealtachd. Chan eil mi idir a’ ciallachadh gluasad sluaigh mar a tha a’ tachairt a’ bhliadhna seo fhéin chun an earra-thuath de ar dùthaich ri linn oibrichean na h-ola, ach gluasad sluaigh a chum na glinn ’s na cnuic, na h-òban ’s na caoil; sluagh a theid air ais chum na talamhainn ’s nan nì, ’s gu sireadh am beò-shlaint air muir ’s air tìr mar a chleachd ar sinnsearan; sluagh òg an treun an neairt a dh’àraicheas òigridh fhallain a chumas taca riutha ’nan obair-làitheil; sluagh a thuigeas gu bheil an latha th’ann a’ dearbhadh nach urrainnear an t-òr no an t-airgead ith, agus nach fhada cheannaicheas an cosnadh aig deas na aig tuath na dh’fhóghnas de’n bhiadh a theid ’nam broinn, agus gu bheil eismhealachd am pàigheadh-seachdain a tha an urra ri oibrichean is dreuchdan nam bailtean-móra a’ tionndadh searbh, is iad fo throm-chìs an riaghaltais ’s a’ dol, a réir coltais, an coinneamh uimhir eile ’s na th’aca mar a thà de chìs.
Tha sia bliadhna na barrachd bho nach b’urrainnear sithionn a cheannach bho feòladairean air a’ Ghaidhealtachd ach glé ainneamh seach gun robh tuathanaich nam fiadh (na h-uachdarain) a’ deanamh barrachd fortain gha reic ris na h-Eòrpaich. An taobh a chaidh na féidh, theid an crodh agus tha iad a’ tòiseachadh a’ dol an taobh sin am bliadhna fhéin, agus is mór mo bheachd gun teid na caoraich an ath-bhliadhna airson an aon aobhair; oir a thaobh sanntachd ghlamhach chan eil móran eadar-dhealachadh eadar mór-thuathanaich-stoc an latha ’n diugh agus tuathanaich nam fiadh an latha an dé. A’ fasan a stéidhicheas na tuathanaich mhóra, leanaidh na tuathanaich mheadhonach gu dlùth, mar a
Is deic dha gach neach is uile-bhuidheann seo a bheachdachadh ma tha iad airson seirbheis a dheanamh dha an co-chreutairean chan ann a-mhàin air Gaidhealtachd ach air feadh fad Alba, agus seirbheis cuideachd dha an cainnt ’s an dualchas.
A thuilleadh air na nithean a thuirt mi cheana an fheàrr obair na h-ola (is na thig bhuaip’) fo chuing mì-fhallain—le bàs cìnnteach dha ar dualchas ’s ar cànain—na obair chroit is iasgachd is a leithid sin le saorsa pearsanta, ’s sin le obair nàdurrach na talamhainn is na mara a’ tighinn ri dualchas cainnt agus duine? Có bha riamh an ceann a chosnadh ghlaist, mar gun canadh duine, am broinn oifis bho thoiseach obair-latha gu deireadh obair-latha no cuartaichte le uallach dhaoine eile mu a chlagann bho gach taobh, nach eil tur-eòlach air an tachdadh ’s am mùchadh tha ag iadhadh neart na h-inntinn agus a’ phearsa, air dhòigh ’s gum bheil e dualtach bhi fann gun threòir ri aghaidh mì-cheartas a staid anns an t-saoghal? Có riamh a chuir seachad na h-uimhir a dh’ ùine—air cho goirid—a’ cothachadh ri muir no ri talamh ge b’ann a’ siubhal no ’g obair– –nach d’fhuair spionnadh beò-fhradharcach is neart-inntinneach is pearsanta dha réir a thug dhaibh tapachd air an seasadh iad gu làidir ri aghaidh mì-cheartais agus éigin?
Ged as suarach leis an luchd a tha a’ lorg fortain teachd-an-tìr na croit ’s an iasgachd is mór an toil agus am brìghealachd tha buileachadh air nàdur agus dualchas sluagh a tha sàs annta, agus nach eil sin nas prìseil na an t-òr, ’s air sgàth sin fhéin bu chòir dha cuibhrinn luachmhor de dh’ionmhas an riaghaltais a chur a mach air beathachadh òigridh bhiodh deònach an talamh a chur gu feum mar chroiteirean no tuathanaich bheaga, is toradh na mara shealbhachadh ag iasgachd air an ceann fhéin, agus connadh a chosnadh bho’n riasg no bho’n choille. Nì sam bith a dh’fheumalachd bhiodh orra thaobh dachaidhean no rathadan gu croit na mòinteach na cala, no thaobh an teaghlaichean bhi lag bu chòir cobhair-beathachadh bhi aca dha réir, ach dh’fheumtadh faire chumail bho àm gu àm gun robh an obair làitheil dha chur steach agus am piseach bhathas ag iarraidh r’a fhaicinn a’ tighinn air stoc ’s air talamh. ( ’S minic-a chualas mu phàrlamaid Hiort ’s cha bhiodh seòrsa pàrlamaid sin mach á àit’ an seo). Cha bhiodh, gu dearbh, an cobhair sin ach anns an fhasan nuair a
Tha mi de’n bheachd a chionn gu bheil tuarasdal agus prìsean a’ dol an àirde gun sguir, gun tig an latha dh’fhaodas duine ràdh gur fhiach teachd-an-tìr air a’ chroit agus aig an iasgachd an t-saothair, agus nach cailleadh sinn air nan deidheadh na beachdan seo a chuir mi an sgrìobhadh an cur gu dearbhadh, fhads a bhiodh roimh-ullachadh ann air a cur air chois le uile-bheò-fheuman daoine comasach dìleas daingean a sheasadh ri còmhstri naidheachd agus neo-aonachd sam bith a thigeadh bho taobh sam bith ’nan aghaidh.
title | Tìr is Ola |
internal date | 1973.0 |
display date | 1973 |
publication date | 1973 |
level | |
reference template | Màiri NicLeòid in Gairm 83 %p |
parent text | Gairm 83 |