NA COIGRICH
le Màrtainn Dòmhnallach
AM bliadhna dh’iarr Ard-sheanadh Eaglais na h-Alba air Rùnaire na Stàite rannsachadh a chur air chois fiach an robh na Gaidheil an cunnart an dubhadh ás fo bhuaidh nan Gall a bha air an dachaidh a dheanamh ’nan dùthaich.
Agus nan robh an cunnart sin ann dh’òrdaicheadh gun tugadh an Rùnaire breith air “dé bu chòir a dheanamh son an cunnart a sheachnadh, agus cothrom a thoirt dha na Gaidheil fuireach ’nan dùthaich fhéin le’n cànain Gàidhlig fhéin.”
’Se rud buileach ùr a tha seo. Chan aithne dhomh gun do mhìnich buidheann-riaghlaidh sam bith eile (chan eil mi a’ cunntas buidheann phoiliticeach leithid na Nàiseantaich) a’ cheist ann am briathran buileach cho soilleir.
Sheachainn Coimisean nan Croitearan riamh a’ chrìoch chunnartach eadar Gall is Gaidheal. Chuir iad ás an t-sealladh i fo fhaclan mìne mar“the crofting way of life”a tha a’ cleith barrachd na tha iad a’ soilleireachadh.
Agus a dh’aindeoin an ainm agus an gealladh a bha anns a’ bharrantas a thug beò iad, chaidh aig Bòrd Leasachaidh na Gaidhealtachd air an cùrsa stiùireadh thuige seo gun gann aideachadh gum bheil leithid a rud ri “Gaidheal” neo “Gàidhlig” a’ boinealt ri’n gnothach.
Gun teagamh chualas an glaodh “A’ Ghaidhealtachd dha na Gaidheil” roimhe; bho sgoilearan is fir-ealdhain mar Fraser Darling is a leithid, neo bho bhuidhnean beaga de nàiseantaich. Ach a thaobh buaidh air riaghaltas neo air sluagh ’se guth an fhàsaich a th’aig an sgoilear agus, thuige seo co-dhiù, cha treasa guth nan nàiseantach.
B’e monmhur gearain a-measg mhinistearan Ghaidhealach a thug gu àirde gairm an Ard-sheanaidh. Mar sin faodaidh sinn a chreidsinn gum bheil e a’ friamhachadh á iomaguin air choireigin a tha mar threamhlaidh a-measg an t-sluaigh.
Agus chan eil teagamh nach eil e nas fasanta air Ghaidhealtachd an diugh na bha e riamh a bhith a’ gearain air a’ choigreach nar measg.
Tha mi a’ smaoineachadh air an té a thuirt rium am Beinn-na-Fadhla gum bu cho math a bhith fo shàil a’ Ghestapo ri bhith fo smachd an Airm; air a’ bhalach òg anns a’ Chaley am Portrigheadh le a chnàmhan nach fhada bhiodh cothrom gluasad aig Sgitheanach air rathad-mór neo ùrlar tigh-seinnse le “tourists na galla”; air a’ chroitear Ratharsarach is e ’na shradagan dearg cuthaich a chionn’s nach deanadh an Siorrachd a chuir tarmac gu dorus nan Gall an dàrna ceann an eilein an aon chobhair air an starran chaol, starrabach a bha eadar a chroit-san is an saoghal mór.
Agus air a’ chaillich shocair an Dearbhaig am Muile a cheartaich gu sìobhalta mi nuair a mhol mi bòidhchead a’ bhaile dhith.
“Tha,” thuirt i, “neo’r thaing bòidheach as t-samhradh ach chan fhaic mise ach dusan solus bho na sia taighean fichead sin air oidhche gheamhraidh. Chan eil an seo ach‘holiday homes’.”
Comunn nan Gall as t-samhradh agus geamhradh fada nan smuain a-measg taibhsean a muinntreach.
Ma leughas sibh an “Inverness Courier” an ceartuair chì sibh litrichean gach seachdain, trì ’s a ceithir dhiubh còmhla, a’ cur sìos air a’ Ghall is an smachd a th’aige air Ghaidhealtachd. Ach bidh iad uile fo fhar-ainm.
Cha chluinn thu am brunndail gearain ach anns na cùiltean; agus cha chluinn thu idir e mura Gaidheal thu. Mas ann ri clàr a’ Ghoill a tha an còmhradh tha modh neo beul-briagha (neo is dòcha sodal) a’ cur casg air an smuain mus teid i ’na facal.
Agus ma thig an cànran am follais gu soilleir an làthair dhaoine tha an-fhois a’ gluasad a-measg a’ chomh-thionail.
Thuirt Dòmhnall MacThómais aig Mòd Uibhist am bliadhna gun robh an t-Arm a’ mùchadh dualchas an àite, is gum bu chòir sgoiltean air leth a thogail do’n dà shluagh nan robh ceartas gu bhith ann do’n Ghàidhlig. Saoil cia-meud duine a thuirt ri choimhearsnach air an rathad dhachaidh an oidhche ud: “Cha b’e siud àm neo àite an leithid a radha.”
Sgrìobh ban-Bharrach dha’n “Ghazette” a dh’fhoighneachd ciod idir a bhiodh muinntir tìr-móir a’ smaoineachadh mu’n charthanntachd a bha dualach do’n Ghaidheal nuair a leughadh iad a leithid anns na pàipearan.
Ach a dh’aindeoin ’s an leisg a th’oirnn ar n-iomaguin a mhìneachadh gu fìor, saoilidh mi gun do nochd e ann an dòighean fiatach bho chionn bhliadhnaichean an seo.
An ann dìreach mu chaoban fearann croite a bha an aimhreit eadar na croitearan is an t-Arm an Uibhist-a- Deas bho chionn còrr is cóig bliadhna deug, neo an robh amharus gun ainm mu’n Ghall air a chùl cuideachd?
Tha mi deimhinne nach b’e gaol Sàbaid Dhé an aon rud a phiobraich còmhstri na h-aiseig san Eilean Sgitheanach an 1965. Thachair mi ri cus a bha an aghaidh aiseig Sàbaid a chionn’s nach robh innte ach rud eile a bha an Gall (anCaledonian Steam Packet Co.) a’ sparradh oirnn a dheòin neo dh’aindeoin.
(Tha cuimhne agam cuideachd gun robh roinn dhe’n t-sluagh air an nàrachadh leis an aimhreit a bh’ann. “Dé bhios daoine mu dheas idir a’ saoiltinn dhinn,” chanadh iad riut air sràidean Phort-rìgheadh—ann am Beurla.)
Saoilidh mi gum bheil sinn a’ teannadh ri aimsir sam bi ar n-iomaguin mu’n choigreach a’ tighinn am bàrr nas trice agus móran nas follaisiche na chleachd i. Tha na pàipearan-naidheachd mu thràth air“white settler”a thogail mar fhacal, agus ’se facal cumhachdach a th’ann; chan aithne dhomh gum bheil e cumanta a-measg an t-sluaigh fhathast, ach cha ghabhainn ioghnadh an òigridh a thogail.
(Chan eil fhiosam có dhealbh am facal, ach is iad na h-oileanaich nàiseantach a bhios a’ tadhail an Eilein Sgitheanaich gach samhradh a chuir m’a sgaoil e. Nach iongantach cuideachd gur e maighstir-sgoile Gallda a thug piseach air a’ Ghàidhlig an Ard-sgoil MhicNeacail, agus gur e uachdaran Gallda a chuir soighnichean Gàidhlig air rathaidean Phort-righeadh. Agus rugadh dithis de dh’oifigich a’ Chomuinn Ghaidhealaich air taobh thall na crìche. Ma tha e rud-eigin éibhinn Gall bhith strì ri Gall air sgàth na Gàidhlig, nach eil e rud-eigin nàrach dhuinne cuideachd?)
Ma tha fhios againn mu thràth air tomhas de bhuaidh a’ choigrich oirnn, dé am feum a dheanadh an rannsachadh a dh’iarr an t-Ard-sheanadh? Nach bu cho math gluasad gun dàil gu’n darna cuid de’n iarrtas (a’ chuid as duilghe comh-lionadh) agus dòighean a lorg air a’ Ghaidhealtachd a ghléidheadh dha na Gaidheil?
Ach a dh’aindeoin ’s ar cnàmhan ’s ar gearan chan eil mi idir cinnteach gum bheil eólas mhionaideach sam bith againn air àireamh nan coigreach nar measg, càite am bheil iad a’ tadhal, agus na dòighean anns am bheil am buaidh oirnn ag obrachadh.
A bharrachd air àireamh luchd-Gàidhlig a chunntas anns gach ceàrnaidh, agus àireamh an fheadhainn sin a rugadh an Sasuinn neo an dùthchannan thairis, chan eil an Census a’ deanamh leth-spreidh sam bith eadar Gall is Gaidheal.
Ach fiù’s le aireamh nan Sasunnach air Ghaidhealtachd chi sinn nach ann gun adhbhar a tha cùram air an Ard-sheanadh.
Earra-Ghaidheal (1961)
Sluagh Coigrich Coigrich anns a’ cheud
1961 1971
An t-Oban 6,869 475 7% ––
Ard-na-Murchann 1,493 101 7% ––
Latharna 8,293 872 10½% ––
Muile 2,343 210 9% ––
Tiriodh & Colla 1,143 72 6½% ––
Ile, Diùra & Colbhasaidh 4,286 178 4½% ––
Cataibh (1961)
Asainn 831 42 5% ––
Diùrnis 1,112 41 4% ––
Inbhirnis (1971)
Bàideanach 5,740 825 7% 14%
An Gearasdan 4,215 445 9% 11%
Loch Abar 11,910 1,355 8½% 11½%
An t-Eilean Sgitheanach 7,365 575 3½% 8%
Barraidh 1,090 30 2% 3%
Na Hearadh 2,880 90 2½% 3%
Uibhist-a- Deas 3,870 375 10% 10%
Uibhist-a- Tuath 1,725 45 1½% 2½%
Siorrachd Rois (1971)
Steòrnabhagh 5,150 310 4½% 6%
Leódhus 15,175 330 2% 2%
Geàrrloch 1,785 210 7% 11%
Loch Carrain 1,145 150 5% 13%
Loch Braoin 1,565 260 7% 16%
Ceann t-Sàile & Loch Aillse 2,360 300 6% 12%
N.B.
1 Chan eil cunntais 1971 son Earra-ghàidheil is Chataibh deiseil fhathast is mar sin ’se àireamhan 1961 a tha seo. ’Se àireamhan 1971 a chleachd mi son Inbhirnis is Rois.
2 Tha “coigrich” an seo a’ ciallachadh daoine nach d’rugadh an Alba. Sasunnaich a th’anns a’ mhór-chuid le breacadh a rugadh thairis.
3 Tha Census 1971 a’ gabhail a-stigh luchd-cuairte a-measg nan coigreach, ach chan eil Census 1961. Mar sin bidh àireamh nan coigreach an 1971 caran nas àirde nas còir, ged nach biodh móran luchd-cuairte ann an April.
Agus ged a tha treallaich air choireigin de luchd-cuairte air an cunntas an 1971, chì sinn gur ann a’ sìor mheudachadh a tha àireamh nan coigreach.
Chì sinn cuideachd na ceàrnan as fheàrr leotha. Loch Abar, a’ gabhail a-stigh Mùideart, agus taobh siar Siorrachd Rois (shaoilinn gum biodh Earra-ghàidheal a’ meudachadh cuideachd) agus breacadh dhiubh a’ tòiseachadh anns an Eilean Sgitheanach. Tha na h-Eileanan mu’n Iar gun móran atharrachaidh ach gum bheil an t-Arm am Baile-mhanaich fhathast a’ nochdadh am figrichean Uibhist-a- Deas.
Cha b’uilear dhuinn cuimhneachadh nach e an aon seòrsa dhaoine a tha dol gu gach ceàrnaidh, agus mar sin nach ionnan’s mar a bhios am buaidh air dualchas an àite ag obrachadh. Bidh e romham sin a mhìneachadh nas doimhne an airteagalan eile.
Ach chan eil na figrichean seo idir a’ soilleireachadh fìor mheudachd a’ chunnairt, oir chan eil iad a’ comharrachadh na ceudan de Ghoill a rugadh an Alba agus a rinn an imrich mu thuath. Mar sin tha na coigrich nar measg fada fichead nas pailte na tha nochdte an seo, ged a tha an àireamh seo eagalach gu leòr.
Dh’fheumte an seòrsa cnuasachd a tha dhìth air an Ard-sheanadh son dealbh chothromach a thoirt dhuinn, ach is i a’ cheist am faigh an iarrtas éisdeachd bho Rùnaire na Stàite.
Bidh an gnothach ga dheasbud a rithist aig Ard-sheanadh na h-ath-bhliadhna, agus ma thug iad beagan misneachd dhuinne, na Gaidheil, bruidheann nas fosgailte mu’n chunnart a tha bagairt oirnn, rinn ministearan an Ard-sheanaidh, Goill a’ chuid mhór dhiubh, móran feum mu thràth.
Nach tàmailteach gum feum sinn a bhith cho fada am freasdal a’ Ghoill son am misneachd sin a lorg.
title | Na Coigrich |
internal date | 1973.0 |
display date | 1973 |
publication date | 1973 |
level | |
reference template | Màrtainn Dòmhnallach in Gairm 84 %p |
parent text | Gairm 84 |