AN CIOBAIR HEARACH AGUS ANDRA NOBLE
Naidheachd bho’n Urr. Iain MacAonghais, A’ Chananaich
BEAGAN bho’n dara cogadh, thachair dhomh coinneachadh ri Lachlainn MacIlleathain Watt. Fhuair mi mo cheud eòlas air is mi ’nam oileanach an Dun Eideann. Duine sònraichte, searmonaiche cumhachdach, seanachaidh fiosrach aig an robh eòlas domhainn agus farsainn air eachdraidh agus beul-aithris a dhùthcha, bàrd binn, agus sgoilear aig an robh aithne neo-chumanta air seann litreachas Albainn. Bha an inntinn aige cho beothail is nach b’urrainn dha bhi fada ’na thàmh. Aig an àm dhomh coinneachadh ris air sràid àraidh an Inbhirnis, bha e trang a’ cruinneachadh beul-aithris sam bith co-cheangailte ris na ceisdearan agus foirfich eile a bha ainmeil anns a’ Ghaidhealtachd anns na linntean a dh’aom. Air taobh a mhàthar, bhuineadh e do Dhunbheagain, agus bha amharus aige gun deachaidh mise àrach an Gleann Dail, faisg air an Dùn. Thòisich e air mo cheasnachadh mu Andra Noble, ceisdear a bha a’ saothrachadh anns a’ Ghleann anns an dara leth de’n naoidheamh linn deug. Bha Andra marbh mus am b’urrainn dhòmhsa eòlas a chur air, ach chuala mi mo mhàthair a’ bruidhinn air glé thric. Duine sìobhalta neo-lochdach, agus cha robh smal air a chliù. Duine nach robh déidheil air a bhi smachdail mar a bha cuid de a dhreuchd. Aig an àm, dhìochuimhnich mi aon sgeul éibhinn a bha a’ foillseachadh gu robh Andra còir, nuair a bha e ’na Dhonnchadh òg, glé choltach ri peacaich mhì-chùramach eile. Bha Andra a’ fuireach anns a’ Ghleann, ann an taigh beag a chaidh ullachadh air àrd-lobhta os cionn na h-Eaglais Shaoir. Bha am ministear a’ còmhnaidh anns an Lòn Mhór, seachd mìle air falbh, agus mar sin, bha cùram spioradail a’ Ghlinne mar bu trice air guaillean Andra. Bha an sluagh gu beag uile co-cheangailte ris an Eaglais Shaoir. A-nis, aig an àm ud, bha na trì bailtean sin, Ramasaig, Lobhargill agus Idrigil làn de dhaoine, ged a tha iad an diugh buileach fàs. Thar a’ mhonaidh a tha gan dealachadh o’n Ghleann, tha an t-slighe mu thrì mìle. A’ leantainn an fhrith-rathaid, tha an t-slighe mu shia mìle. Bha Comunn Gaidhealach nam Ban a’ cumail taic ri sgoil airson mu thrì fichead pàisde a bhuineadh do na trì bailtean. Bha aig Andra a bhi glé thric
Bhuineadh e do na Hearadh. Bha e fo fhasdadh aig Fear Uiginis (neo Fear Ostail). Tha an dà bhaile taobh ri taobh, mu dhà mhìle o’n Dùn. Bha an taigh aige ri taobh na drochaid a tha a’ giùlan rathad Ghleann Dail thairis air abhainn Uiginis. Gus an latha ’n diugh, tha an drochaid sin a’ giùlan an ainm “Drochaid a’ Chìobair Hearaich.” Mar a chuala mise, b’e duine beag làidir ruighinn a bha ann. Bha facal geur eirmseach aige airson gach cùis, agus bha e ainmeil airson geur-labhairt agus bearradaireachd. Tha e coltach gu robh e anabarrach mì-thlachdmhor ’na ghnùis, ach cha robh cion maise a’ cur dragh sam bith air. Aon rud anns an robh e moiteil, b’e sin an aois mhór a ruig e, gun bheud, gun euslainte. Bha fear a mhuinntir an Dùin, a bha air falbh thairis airson iomadh bliadhna, ach a bha dhachaigh air an t-samhradh seo airson ùine bheag. Ghabh e sgrìob aon latha gu abhainn Uiginis, agus chunnaic e bodach beag liath ’na sheasamh ri taobh an rathaid. “An ainm an Aigh,” ars esan ris fhéin, “am bheil esan beò fhathast. Bha dùil agam gun do shiubhail e iomadh bliadhna air ais.” Leig e air nach d’aithnich e am bodach. Chuir iad fàilte mhodhail air a chéile. “Latha briagha” ars an coigreach. “Nach maiseach an dùthaich seo air a leithid seo a shìde.” Dh’aontaich an cìobair, is e a’ ceasnachadh ’na ìnntinn có a bha aige. “Bha mise còrr math is fichead bliadhna an Canada, is cha d’rinn mi ach tilleadh dhachaigh ’san Dùn air son mìos no dhà. Nuair a bha mise ’nam bhalach, bha seann bhodach a’ fuireach anns an taigh seo. Bha e ’na chìobair aig Fear Uiginis, tha mi a’ smaoineachadh. Shiubhail mi iomadh ceàrn de’n t-saoghal, ach chan fhaca mi duine riamh cho grànnda ris. Bha e ’na sheann bhodach nuair a b’aithne dhòmhsa e. Is fheudar gun do chaochail e iomadh bliadhna air ais. Is e an cìobair Hearach a chanamaid ris.” Cha do chuir e dragh sam bith air a’ chìobair gu robh ainm aige fad is farsainn airson a dhuaichneachd, ach chuir e an cuthach dearg air gun canadh neach sam bith gun d’fhàiling a spionnadh is gun robh e san uaigh. “Mise marbh” ghlaodh an cìobair. “Is
Bha an cìobair sgileil agus dèanadach ’na cheàird, ach bha e cleachte a ghnothaichean a sheòladh ’na dhòigh fhéin, gun chomhairle bho dhuine sam bith. Aon mhadainn, bhuail e air gum bitheadh e iomchaidh agus càirdeil gun tadhaileadh e air a luchd-eòlais ann am baile Ramasaig. Bha Ramasaig mu dheich mìle o a dhachaigh, ach cha do chuir sin iomagain sam bith air a’ chìobair. Bha a frith-rathad a’ suaineadh mu ghualainn Beinn a’ Fhraoich, troimh an Ghearradh Mhór, thairis air Beinn na Còinntich, agus o sin sìos gu baile Ramasaig. Bha an cìobair acrach, pàiteach, agus beagan sgìth nuair a ruig e mu dheireadh dachaigh a dheagh charaid, fear MacCalmain, tha mi’m beachd. Cha robh eagal sam bith air nach fhaigheadh e an deagh ghabhail ris anns an dachaigh choibhneil sin. “Am bheil duine staigh?” ghlaodh e, is e fosgladh an doruis. Ach dé a choinnich a shiùil ach a’ mhór chuid de mhuinntir Ramasaig ’nan suidhe gu dòigheil, sòluimte anns a’ chidsin, agus Andra Noble, ceisdear a’ Ghlinne, air an ceann. Bha an Ceasnachadh a’ dol air adhart, agus balach òg, is coltas diùid, nàrach air, a’ gleachd ris “A’ Ghairm Eifeachdach” neo ri “Fìreantachd tre Chreideamh.” Bha a h-uile coltas gu maireadh an Ceasnachadh uair no dhà fhathast. Cha robh an smuain sin a’ còrdadh idir ris a’ chìobair, pàiteach, acrach mar a bha e. Chuir e roimhe gun cuireadh e stad air an deagh obair, is bha a dhòigh fhéin aige air sin a dhèanamh. Chuir e fàilte chridheil air a’ chuideachd. “Cha leig sibh a leas am balach laghach sin a cheasnachadh. Tha fhios agam gu bheil na ceistean aig air a theangaidh.” Agus an sin, sheall e air Andra, agus snodha gàire air, agus thubhairt e: “A, Andra, is mi fhìn tha toilichte bhur faicinn an diugh is sibh a’ coimhlionadh dleasdanas cho beannaichte. Chan ann mar seo a bha e uaireigin. Nach iomadh oidhche aighearach a bha aig an dithis againn a chionn fada ann am baile Phortrìgheadh. Ach bha sin mun tainig atharrachadh nan gràs oirbhse. Ach am bheil cuimhne agaibh air an latha ud air mullach Dhruim Uidh, an latha a bha sibh fhéin agus an Ceàrd Mór a’ sabaid. Chan fhaca mise tuasaid cho tapaidh o’n latha sin fhéin. Is mi fhìn a bha uasal asaibh gun do ghabh sibh air.” Dé a b’urrainn Andra bochd a dhèanamh ach crìoch chabhagach a chur air a’ Cheasnachadh mus cuimhnicheadh an Cìobair Hearach air tuilleadh de sgeulachdan mì-tharbhach. “Seinnidh sinn salm anns a’ cho-dhùnadh” ars esan. Sgaoil a’ choinneamh, agus fhuair an cìobair ann an ùine ghoirid cuirm na bu taitniche leis na teagasg Andra.
title | An Ciobar Hearach agus Anndra Noble |
internal date | 1973.0 |
display date | 1973 |
publication date | 1973 |
level | |
reference template | Iain MacAonghais in Gairm 85 %p |
parent text | Gairm 85 |