[53]

AN DUINE AGUS NA H-EALAIN

le Coinneach Ros

CHAN eil e soilleir san dol-a- mach, fhaicinn gu n dàimh a tha eadar fir-saidheans atomhas laghan na cruinne, feallsanach ameòrachadh air nàdur na beatha seo, fear-sgrìobhaidh acur sìos a bheachdan air pàipear, diadhaire le a shoisgeal, agus fear-ealain acruthachadh ìomhaighean an ceòl, no an deilbh no an cloich; ach tha gach fear dhiubhna chànain fhéin ataisbeanadh modh-seallaidh air a iuinibhears. Thuirt fear-eigin gun robh gach ginealach mar bhàta aseòladh ri còrsaichean na tìre, agus gach duine air bòrd acoimhead nan seallaidh san dol-seachad; bidh fear atomhas asdair is fear atogail dheilbh, fear le bocsa-pheantaichean is fear asgrìobhadhna leabhar. Cha dean thu mach an toiseach an t-aomadh a tha eatorra, ach tha iad uile acoimhead air an aon chòrsa air an aon t-sealladh; agus tha an sealladh, mar ghinealaich no linn, ag atharrachadh le seòladh na luinge.

Tha mar sin làmh-ealain an duine fo bhuaidh ghluasaid nan tìmean mar a tha gach eile; bidh dealbhachadh de gach seòrsa air a stiùradh le gné-smuaint is feallsanachd, le modhan-politiceach is rian-caontachd, noeconomics, ”a thìm fhéin. Air a shon sin chan eil ealantachd ag éirigh a-mach á, no mar thoradh air, modhan-beatha no smuaint an duine; is e a thann modh-seallaidh eile, eadar-dhealaichte bho chàchna rùnsna ghnè. Taisbeanaidh sgrìobhaiche e fhéin ann am foclan air pàipear, agus peantair ann an ìomhaighean air canabhas, ach tha iad le chéile, air dhòigh afoillseachadh an aon cheum an eachdraidh an duine; tha, mar sin, co-dhiù ann an doimhneachd, gnè smuaint is ealain an duine aruith taobh-ri-taobh.

Ma tha an duine agus a chuid ealain cho dlù sin da chéileoibribh-ealain ag atharrachadh le caochlaidhean tìmeil an duine– –feumaidh gur ann a chionns gur e chan e mhàin foillseachadh, ach eadhon gnè phàirt, den duine a tha sna h-ealain. Tha rud eile atighinn am fradharc an seo: faodaidhan duinea bhith aciallachadh an t-saoghail chomunnaichan cinne-daonnano an duine mar phearsa; agus faodaidh modhan-ealain a bhi gam foillseachadh le chéile, eadhon aig an aon àm. Riochdaichidh oibribh-ealain, mar ionnstramaid so-fhaireachdail, càilean, tagraidhean eagalan, is fairichidhean dhaoine gu coitcheann, den aon


[54] chreidimh, no chultuir, no den aon thìm no shliochd; agus aig an aon àm faodaidh duine adhartach a bhithna aonar afosgladh slighe, an dòighean ùra, gu modh-smuainte, no dòigh-ealain, a tha gu léir ùr, a tha ri teachd.

Ged a tha sin mar sin, cha bhuilich làn-eòlas air gnè nan tìmeaneachdrachail, poiliticeach, is eilean comas oirnn a bhi adeanamh fàistinne neo-mheata a thaobh na modhan-ealain a dhfhaodas éirigh aig àm àraidh; ged a tha dlù dhàimh aig modhan-ealain ris na tìmean gidheadh, is saoghal air leth iad, le an laghan fhéin; tha ealainna h-ionnstramaid shònraichte, ann an oirceasdra na beatha, le a modhan-fàis is gluasaid fhéin, agus, na ciad modhan co-dhiù, le breith, tighinn-gu-ìre, agus caochladh gu dòighean is gnèthean ùra.

Chaidh a ràdh gur e iarradas air a bhi agabhail seilbhe, air a bhi acomharrachadh rud a-mach dha fhéin, a tha an ealain, ann am beatha an duine, cuideachd tha e soilleir gur e tha innte, dòigh a thaig an duine air a bhi ga phòsadh fhéin ris an t-saoghal nàdurraicha bhi acur an lughad an t-eadar-dhealachaidh eadar es an saoghal mun cuairt, acur mar sin srian air a chuid eagalan, fa chomhair nam bagraidheana bha o thùs co-dhiùalìonadh an t-saoghail. Tha na gnothaichean-ealain as tràithe a chaidh a lorg, anochdadh thuar: an aon thuar tha an duine astrì ri a chomharradh fhéin a chur air an t-saoghal, ri bhi, mar-gum-biodh, acur ainm fhéin air; ’s an tuar eile, tha e ag oidhearpachadh a bhi agabhail seilbh air an t-saoghal, ga dheanamh dhà fhéina chuid fhéin air am bheil e airson gréim a dheanamh. San thaisbeanaidh sin, tha strì ri bhi adeanamh greime, air a nochdadh, a bhith a gabhail seilbhe, araon le bhi acur a chomharradh fhéin air a bheatha mun cuairt, no le bhi adeanamh greime air mar chopaidh no ìomhaigh, leis an dean e mar a thoilicheas e: san nochdadh, tha e asireadh co-chomunn a bhi aige ris an t-saoghal nàdurraich, le bhi, sachiad mhodh, acur a chomharradh fhéin air, no, san dara modh, adeanamh greime air.

Seallamaid an toiseach air an duine acur a chomharradh fhéin air gnothaichean, mar a chuireas fear aig am bheil spréidh no caoraich a chomharradh air na h-ainmhidhean. An toiseach bhiodh na comharraidhean glé shìmplidh; dheanadh an duine copaidh de sgreabaidhean a dhfhàg math-ghamhna air ballachan nan uamh nuair a bhiodh iad ageurachadh an spuirean, adeanamh sgreabaidhean e fhéin rin taobh. Mar a lean an duine air sin a dhèanamh, thug e adhartachadh air na comharraidhean a dhfhàg e; agus cha bfhada gun do chuir e làrach a bhoise air abhalla, ann an cailc-ruadh, mar bu trice an sin atarraing


[55] timcheall air cruth a làimhe. Chì sinn clann-bheaga fhathast, acleasachd le bhith acur làrach am boisean ann am poll; gu dearbha tha sudna phàirt a nise de theagasg-ealain sna sgoiltean, le criadh, is dathan eadar-dhealaichte.

Biad cnàmhan nan ainmhidhean a bha e ag ithe, a chuir dealbhachadh-ghnothaichean an inntinn an duine an toiseach; ri taobh gearradh na sgeine leis an do rùisg e an cnàmh, rinn e comharraidhean eile (fhuaireadh gu leòr dhiùbh sin le àrsairean), adol a sin gu bhi acur cumaidh ùir air achnàmh, cumadh a thòisich air gréim a dheanamh air inntinn an dealbhadair; cha bfhada gun robh e trang gan snaidheadh a dhaon ghnothach. Anns na cruthan a rinn am prìomh-dhuine mar sin, lorgar laghan bunaiteach, air an robh gach iomadh cruth a bha ìnnleachd an duine adol a dhealbh, air an stéidheachadh. Bho sin cha bfhada gun tàinig an duine gu bhith acreidsinn gun robh buaidh dhìomhair aige air nithean is ainmhidhean is daoine le bhith adeanamh copaidh dhiùbh; tha mar sin dealbhan àrsaidh nan uamhan co-cheangailte ri sealg is cogadh is creidimh ri deas-ghnàthan is cleachdaidhean cinneachail is treubhail. Chaidh mar sin o thùs uile bhith an duine an gréimna dhealbhachadh; riochdaich e a chuid iarradasan uile le dealbhachadhiarradas air clann is sliochd airson bàis nàmhaid, airson rèitich dhroch-spioradan, airson beatha as deigh abhàis agus airson iomadh ceist eile a dhfhaodadh éirigh.

Tha dealbhan mór an t-saoghail aithnichte dhuinn, ged a dhfhaoidte nach robh sinn am broinn talla-dhealbh riamh; mar a drinn sinn càil eile, dhfhosgail sinn leabhar uair anns an robh ath-fhoillseachadh air, ’s dòcha, Leonardo no Rembrandtno fear eile mar sin; agus thuig sinn iad, mar dhealbhan de dhaoine, no de chuspairean san t-saoghal mun cuairt oirnn no den t-saoghal nàdurrach. Ach mar a tha fhios againn, tha móran dhealbhan gan deanamh an diugh nach tuig sinn san dòigh ud idir, aig nach eil, ris an t-sùil, dàimh sam bith ri beatha an t-saoghail as aithne dhuinn. (Tha na modhan ud cuideachd ann an ceòls an sgrìobhadh na linne seo). Ann an seo tha am feartmaise,” agus as ciall , a tighinn a-stigh.

Dhéirich beachdan is teagasg mu mhaise an toiseach san t-seann Ghréig, co-cheangailte ri feallsanachd àraidh mu staids mu inbhe an duine. Chuir an teagasg ud an àird os cionn gach rud sachruthachadh, beatha agus corp an duine, agus luachan daonnda; cha robh anns na diathan fhéin ach daoine, a bha an seòrsa de dhàird-inbhe os cionn chàich. Cha robh ann an araon creideamh agus obair-ealainagus anns an duine, mar am priomh an nàdur– –ach àrdachadh is grinneachadh air nàdur fhéin. Tha an Apollo


[56] Belvedere, agus an Aphrodite a Melos fhìor-sgèimheachadh air cruthan daonnda— ’nan samhlaidhean air amhodh-seallaidh ud.

Anns na linntean co-thìmeil seo, fo bhuaidhpsychologyagus saidheans thòisich daoine air oidhearpan a dheanamh air a bhith adealbhachadh chruthan-smuainte agus bheachdan mun bheatha seo, gun a bhith gan deanamhnam pàirt de dhealbhachadh mun t-saoghal a tha fon t-sùil, air canbhas, agus an cloich; faodaidh sinn Picasso agus Braque ainmeachadh mar phrìomh fhir-ealain samhodh seo. Chan eil e aleantainn idir gu bheil gach fear a sgròbail air pàipear no canbhas, ’na fheallsanach; tha móran an diugh (mar anns na h-ealain eile) astreap air a chairt-mhóir a tha dol leis an t-sruth; tha e cho riatanach a bhi san fhasanged nach biodh an tuigse as lugha agad air nàdur no gnè nan tìmean, no eadhon air dreuchd na h-ealaineachd.

Air a shon sin, is e modh-seallaidh air a iuinibhears a tha na h-ealain uile asireadh, luachan neo-thìmeil, a tha thar staid is chrannchuir an duine; thapsychologyis feallsanachd is maite is diadhachd, uile air an cuartachadh anns na h-oidhearpan seo a tha an duine adèanamh, airson gréim fhaotainn air, agus aonachd a bhi aige ri, bun agus ciall a bhitheachd air an talamh.

titleAn Duine agus na h-Ealain
internal date1973.0
display date1973
publication date1973
level
reference template

Coinneach Ros in Gairm 85 %p

parent textGairm 85
<< please select a word
<< please select a page