[66]

EOLAS AIMSIR (2)

le D. A. MacGilleathain (Stafainn)

THA ghloinne tuiteam.” ’S beag oirnn sin a chluinntinn, oir mar is trice tha an aithris aciallachadh gu bheil an sìde air thuar tighinn nas miosa. Ged a dhinnseas gloinne-sìde tha tachairt faisg air aon àite, chan eil e air dòigh ach mar aon snàithlean ann an cur is dlùth na beairte móire air a bheil rian na h-aimsir ga dealbh. Ann an àitean eile bidh aghloinne ag éirigh agus feumar am brat a leudachadh le iomadh sanas air tha tachairt fad is farsaing, chan e mhàin air muirs air tìr achmóran nas ciogaltaichegu h-àrd anns an adhar.

Tha mìltean de chùnntasan ri lorg agus ri cheartachadh mus cuirear ri chéile achairt-shìde is fhasa tuigsinn a chì sinn ann am pàipear-naidheachd no air an TV. Tha staid na meidh-adhair(barometer)air aon àirde ga chur air an aon sreath mar a tha àird an fhearainn air map. Tha gach àite leis anaon chudtromair an ceangal ri chéile le sgrìob ris an canarisobaragus mar tha cuartagan air map airson àirde na beinne no lag no gleann chì sinn cearcaill mar seo air cairt-sìde cuideachd. A chionn gu bheil na rian-sìde is cumantaAird is Isle (A. agus I. air an dealbh) — air an riaghladh air dhòighean air an robh aithne o chionn fhada (seall air 1. agus 2. san dealbh), tha e nas fhasa innse tha buailteach air tachairt, ma dhfhanas gach air an t-seòl cheudna. Ach tha trì ceistean ag agairt freagairt chothromach ma tha an tionnsgal ri bhith ceart: (1) An gluais an rian-sìde(system)gun cùrsa atharrachadh? (2) An siubhail e aig an dearbh astar? (3) Am fuirich e anns an aon chumadh agus aig an aon mheudachd? Ma thig atharrachadh sam bith air mar a tha, bidh iomrall no dhà air mar a bhitheas!

Mar a thubhairt mi, tha e do-sheachainte feumail neart agus cùrsa na gaoithe a mheas ann an deich sreathan co-dhiù gu àirde 60,000 troigh no barrachd, maille ri tomhas mean air blàths (no fuachd) agus dampachd na h-iarmailt aig gach àirde. Tha sinn eòlach gu leòr air pàirt den sgeul a dhinnseas na neòilFeusag nan Gobhar, Rionnach, ‘buailemun ghréin agus dathan sònraichte aig àm éirigh is laighe gréine.


[67]

(1) Tuaitheal
Gaoth fhuar atighinn fada ma thuath ( *T ) aséideadh on iar-thuath air na h-Eileanan.

[Dealbh]
(2) Deiseil
Blàths atighinn a deas ( *D ) aséideadh air na h-Eileanan.

[Dealbh]
(3) Roinn
Nuair tha daghaidh saghaoith tha ìsle air an làimh dheis agus àirde air an làimh chlì.

[Dealbh]
(4) An Eagaibh
Tha ghaoth on aon àirde air gach oir den rian cogus cuibhle/‘gear’ .


[68]

Tha dhòigh co-dhiù air am fiosrachadh seo a dhioghluim gun siubhal air sgiathan na gaoithe. (1) Le Radio Sonde, noballoona tha sìor dhìreadh lebocsa dubhfo sgéith a tha cur fios air ais le chànan neònach fhéin mu na toimhsean a dhainmich mi air staid na h-iarmailt, gus mu dheireadh an spreadh am bolg. Tuitidh an canastair beag air ais gu sàmhach gu làr, mar uiseag, le obair crìochnaichte! (2) Le rocaidean-sìde a thatar alosgadh gu àirde mhór airson an aon adhbhar. Tha taighean-soluis agus bàtaichean móra air astair-cuain alìonadh a-staigh mìrean eile den dealbh-bhriste seo.

Tha iomadh bliadhna o thòisich sinn ri leughadh mu na Bàtaichean-Sìde a tha glacadh iomall a-muigh an trusgain bho bheil atharraichean a dhfhaodas sinne ruighinn ann an latha no dhà gan altachadh féin. Gu tric chan eil e cneasda bhith air fàire chunbhalaich, ann an onfhadh aChuain an Iar, gun fhois, gun fhasgadh, gun acair, eadar Innis Tìle agus na h-Azores. Tha am freiceadan tapaidh seo le gach inneal as goireasaiche na chéile acur uatha cunntais gu tric air tha tachairtnan nàbachd, mar a chumas luchd-forrais biathadh ri beartan tranga nam pàipearan móra. Tha iad le chéile pailt cho gionach air achunntais as ùiregach uair agus aig an uair. Tha seachd rìoghachdan (le Breatunn) acuideachadh le cosdas is uidheamachadh na h-obrach seo.

Thug mi tarraing cheana air an innleachd as ùire, as luaithe shiùbhlas agus as fhaide sealladh na gin a chàchanSatellite—a tha tarraing dhealbh fad is farsaing os cionn gach sian, far nach eil sìde idir! Tha faid is leud, àirde is doimhnena fradharc agus cho fads a ghabhas dèanamh an ceartuair tha ciorb mhath den dealbhna sealladh.

Ach tha h-uile adhartas atoirt cabhag ùrna chois. Mar as farsainge an t-eòlas is ann as motha àireamh nan nithean a tha ri sgrùdadh. Feumar dòigh fhaighinn air déiligeadh gu sgiobalta ris achathadh fhiosan a tha tòrradh suas o gach taobh, mun tig an ath làdach. Cha dean feum ach computer. As aonais, rachadh an obair a thacadh le cabhag abhiadhaidh!

Ann an 1966 bha computer ann ris an canteComet.’ Bha e feumail agus èasgaidhna latha, ach an ùine ghoirid bha e fhéin ro shlaodach. ’Na dhéidh thainigAtlas,’ famhair da rìreadh a shluigeadh deich uimhir ri bhràthair agus a chnàmhadh a dhìota ann an treas cuid na h-ùine. Ach cha bfhada gun robh esan buidheach cuideachd. Cha chumadh e cagnadh ris na bha mu choinneamh.

Mu mheadhon an Fhoghair 1972 chaidh an computer as motha fhathast fo ghleus air chosg £3½ — a fhreagras 600,000,000 òrdan


[69] samhionaid, ged nach cuirear e gu dhùlan gu deireadh na bliadhna seo. Tha an t-inneal mìorbhuileach seo ann an togail mhór ùr ann am Bracknell faisg air baile Reading.

Tha luchd-forrais an t-sìde am beachd, le cuideachadh achomputer ùir, gum bi iad a dhaithghearr comasach air cunntas reusanta a thoirt air an t-sìde bhios romhainn airson cóig latha na seachdain roimh làimh. Nas fhaide na sin is ann as -chinntiche bhios an fhàisneachd. Nach math gach rud air am bi coltas.

Ach cha sguir an gnothaich aig a sin. Tha dòchas nach fhad ùine gum bi Taigh-Sìde mór greadhnach fo stiùireadh Còmhlan de Rìoghachdan Eòrpach a chuireas an làn-fhiosrachadh-san ann am banca agus a roinneas achosgaisagus chan e sin am beag. Nas fhaide na sin chan urrainn dhuinn a dhol an dràsda.

Ach nach fhada thainig sinn o na tuairmean, eagnaidh mar a bha iad, agus o gheasalanachd na gealaich ùir!

An iomadh dòigh tha cùrsa nan sian agus uaigneas nan speuran acumail fo sgòd an comhairlean dìomhair fhéin:

Thugainn thuirt an Rìgh, fuirich thuirt aghaoth.’
Cha treabh bliadhna dha chéile! Tha sin fìor fhathast.

titleEòlas Aimsir (2)
internal date1973.0
display date1973
publication date1973
level
reference template

D. A. MacGilleathain in Gairm 85 %p

parent textGairm 85
<< please select a word
<< please select a page