AN “TITANIC” ’S AN “GULF-STREAM’
le Pàdraig Moireasdan (Griomsaigh)
(1) Launch na “Titanic” ann am Beal-feirste
Bha mi aig an àm seo mar aon dha’n sgiobadh a bh’air bàta bha deanamh seirbheis eadar Glascho agus Belfast, aRedbreastaig Burns. Fàgail Ghlascho ma ochd uairean feasgar agus a’ tadhal aigPrinces Pier, Guraig. Seòladh oidhche. Bha sinn am Belfast tràth sa’ mhadainn. Cha robh againn ri car a dheanamh ach srulach nighe sìos air a clàr gu feasgar. Beagan deisealachd airson crodh a ghabhail air bòrd airson Ghlascho. B’e ’n còmhradh ’s gach àite ’m biodh beagan cruinn, lathalaunchna Titanic. Mar a thig gach cùis gu ceann thàinig an latha seo cuideachd. Bha gach sean is òg a b’urrainn gluasad am Belfast aig bruaich na h-aibhne, ag amharc a-null tarsainn far a robh am bàta ainmeil, a bha cho sàbhailte air a dèanamh agus nach gabhadh i cur fodha, ge b’e dé tubaist a thachradh dhi. A bhàrr air a seo, bha i gu “bréid-ghorm” a bhuannachd do’n rìoghachd seo, le a luaths air sàl, thairis air gach bàta bha ruith eadar rìoghachdan aig an àm.
’S bochd mar a thachair. Bha a’ làn ag éirigh agus tugaichean aig làimh, nuair chuala mi neach aig mo làimh chlì ag ràdh “Siud còmhlan aig a toiseach dol ga baisteadh,” a bhristeadh botal champagne m’a toiseach, agus na facail no dhà: gu robh buaidh leis an Titanic. Ceann tiotain thòisich i ri gluasad sìos air na lunnan cho séimh, ciatach, mar gum biodh i tuigsinn gu robh móran de dh’urram an earbsa rithe a bhuannach dha maighistirean leis bu leis i.
Nuair shocraich i i fhéin air uisge na h-aibhne agus gach greallaich nach buineadh dhi air dealachadh rithe, thug bodach beag a bha ri mo thaobh gu sàmhach ré na h-ùine, e fhéin ’s a chompanach a’ smocadh pìob-chrèadhadh, a phìob ás a bheul, agus thubhairt e ri chompanach: “Mark me word, Pat, she’ll be an unlucky ship. ”
Faodaidh gu bheil iad lìonmhor nar measg a theireadh gum b’fhaoineis briathran an t-seann duine. Ach cha b’ann dhiubh a bha sgiobadh san robh mise. Thubhairt iad a dh’aon ghuth gu
(2) An“Gulf-stream, ”soitheach-seòlaidh trì-chrannach
Bha déidh mhór agam fhìn, agus companaich eile, faighinn air falbh, eadhon aon turas, ann an soitheach-seòlaidh. Bha sinn airson falbh sa’ Ghulf-stream ach cha ghabhadh am ‘Meat’ ar n-ainmean a chionn gu robh gu leòr aige sa’ leabhar. Thubhairt e nam bitheamaid aice latha bhiodh i seòladh, ‘làmhan’ nach do thionndaidh suas, gu faigheamaid an t-àite aca. Bha triùir againn aice. Ach dé chuir iongnadh mór oirnn ach nach robh gluasad sam bith an crann, na neach ri fhaicinn air a clàr. Cha robh coltas beatha idir san t-soitheach. Choisich sinn a-null gu oifis bheag far a robh fear a b’aithne dhuinn, a bha coimhead ás déidh ’s a’ frithealadh dha na bàtaichean le uisge — “water man. ”B’aithne dhuinn am fear seo gu math, Sgitheanach, Uilleam Mac Lure. Dh’innis Uilleam dhuinn mar a thachair o mhadainn ud. Thainig an sgiobadh air bòrd an deagh àm. Tacan ás an déidh thainig fear nach b’aithne do aon dha’n sgiobadh. Leig e ás a phoc-aodaich taobh a-muigh a‘Forecastle. ’Le ceum socair gun cabhag sam bith, choisich e sìos clàr an t-soithich gus an do chuir e mór-chuairt oirre, ag amharc suas ri gach crann is spàrr agus gach nì man cuairt air. An uair sin thill e air ais gu a phoca. Thog e air a ghualainn e agus choisich e air a’ ghangway gu tìr.
Bha na seòladairean a’ cumail sùil air. Cha do chòrd a nì a rinn e riutha agus ’se thachair thog fear ma seach a phoca fhéin, gun fhacal, agus choisich iad air falbh. Dh’fhàg fear na dhà dhe na meataichean i ’nan déidh. Mar seo bha am Maighistir gun làmhan a dh’obraicheadh na siùil. Bha e air falbh gus anShipping OfficeanJames Watt Streetfiach am faigheadh e beagan sheòladairean a bheireadh an long man cuairt gu Liverpool far an robh i a’ faighinn a’ chuid ma dheireadh dh’an charago. Rinn mise agus mo dhithis chompanach cabhag ás a dhéidh.
Air ruighinn dhuinn thachair Gaidheal rium a bha còmhla rium greis ann am bàta. “Seo,” ars esan, “an cothrom a bha sibh ag iarraidh air soitheach-seòlaidh. Tha mis’ ,” ars esan, “a’ falbh innte. Thugainnibh dh’anUnion Office,saighnigibh air ball.”
Ghabh sinn a chomhairle. Ach an nì tha ’n dàn ’se thachras. Cha ghabhadh na cléirich sin ruinn mar a pàigheadh sinn ás ùr aUnionacasan, B.S. U. Bha sinn nar buill dh’an N.S. U., an seannunionceart. O nach éisdeadh iad ruinn, choisich sinn a-mach. Dh’fhalbh anGulf -stream.Cha do ràinig i thall thairis riamh, ’s cha mhò fhuaireadh lorg dé ’n tubaist a thachair dhi, ach gu faca bàta sa’ chuan mhór‘life-buoy’agus an t-ainmGulf - streamair.
title | An “Titanic” ’s an “Gulf-stream” |
internal date | 1973.0 |
display date | 1973 |
publication date | 1973 |
level | |
reference template | Pàdraig Moireasdan in Gairm 85 %p |
parent text | Gairm 85 |