NA COIGRICH
(2) An t-Arm agus an Néibhi
le Màrtainn Dòmhnallach
“The Ministry of Defence are notorious empire-builders. Once they have a foothold in an area they look for reasons to expand.” — TAM DALYELL, M.P.
Tha cuimhneam air fàisneachd a rinn Dòmhnall a’ Phosta nach maireann turas bho chionn dà bhliadhna is mi am Beinn-nam-fadhla a’ cnuasachd mu ghearasdan an Airm.
“Tha mi smaoineachadh anns na bliadhnaichean tha romhainn gun tig an t-Arm a-stigh ann a sheo, cus nas mutha aca na th’ann an dràsda,” thuirt e. “Bidh barrachd dhe’n Arm ann na bhios ann de’n t-sluagh a bhuineas dha na h-eileanan fhéin.”
A réir coltais a nise gum buail an latha sin Beinn-nam-fadhla an ceann dà bhliadhna eile. Ma theid gnothaichean gu réidh tha an t-Arm an dùil gum bi cairtealan am Baile-mhanaich do 750 oifigeach is saighdear, agus tighean do 270 teaghlach Airm, roimh dheireadh 1975.
Gan gabhail cruinn còmhla, mnathan, clann is saighdearan, dh’fhaodadh corr is cóig ceud deug de mhuinntir an Airm a bhith ann aig an aon àm o sin a-mach.
Agus seo ann an eilean anns nach robh ach 954 duine aig Census 1951. Theagamh nach robh na bu lugha buileach de Bhaghlaich ann an 1971 ged a tha an àireamh a nochd san Census, 1355 duine, a’ cleith sin a chionn’s gum bheil na saighdearan agus luchd-ceàirde ’nam measg.
Gun teagamh, cha dean a’ mhór-chuid dhe na saighdearan ach dàil beagan mhìosan fhad’s a chuireas iad eòlas air an “Rapier,” prìomh rocaid-dìon na dùthcha seo. Agus cuiridh iad seachad a’ mhór-chuid dhe’n ùine an dàrna cuid sna cairtealan neo aig eacarsaidh air an raon.
Ach tha an t-Arm am beachd na cairtealan a chumail cho làn ’s is urrainn dhaibh; cho luath ’s a dh’fhalbhas aon bhuidheann bidh buidheann eile ann ri’n sàil.
Agus fanaidh na saighdearan pòsda — an 270 teaghlach airWinfield WayisTuzo PlaceisTindall Closeis na sràidean eile a tha comharrachadh cho mì-Ghaidhealach ’s a tha baile ùr Bhaile-mhanaich — fanaidh iadsan fad dha na tri bhliadhnaichean agus còrr uaireannan. Gheibh an clann pàirt dhe’n àrach san eilean agus bidh iad air an aon treasda ri clann na croite san sgoil.
Tha e coltach cuideachd nach eil Tam Dalyell fada ceàrr ’na bheachd nuair a tha e ag ràdha gur e nàdur Ministrealachd na Dìonachd a chrògan a sgapadh aonuair ’s gun greimich iad.
Có dhe na croitearan a thog an aimhreit an 1957, nuair a ghabh an t-Arm thairis an gearasdan bho’n RAF, a chanadh gum biodh iad ag iarraidh còir air 1350 acaire eile de dh’fhearann an 1968? Ach is dòcha gun canadh; is dòcha gur e an dearbh amharas sin a dhùisg am buaireadh.
Co-dhiù na co-dheth, tha e deimhinne nach robh e san amharc an 1969 ach 160 tigh a thogail dha na teaghlaichean ged a tha an àireamh sin air leum gu h-iongantach — agus gun fhios, fhad’s is aithne dhomh—gu 270 an diugh.
An iomadach dòigh bheag, fhiata tha impireachd an Airm air sgaoileadh—caobag fearainn ga ghlacadh an seo; an cuan saor ga bhacadh do’n iasgair an sud; feansa far an robh machair réidh agus tigh ga thogail far nach robh sùil ri tigh.
Agus air an aon dòigh tha ìmpireachd Ministrealachd na Dìonachd air a bhi a’ sgapadh, mean air mhean, air feadh chinn a tuath Alba air fad.
Eadar am Parbh, Baile-dhubhaich air taobh sear Rois agus Caol Loch Aillse air an taobh siar, tha na h-urchraichean ’s na bomaichean is natorpedoesa’ dùmhlachadh. Feumaidh saighdear an latha’n diugh a bhi a’ sìor-ionnsachadh sgilean ùra, feumar armachd ùr a dhearbhadh, agus chan eil a h-aon seach aon dhiubh sin soirbh far am bheil cus sluaigh anns an rathad. Ach air raointean falamh na Gaidhealtachd cha chuirear dragh ach air corra chroitear agus iasgair neo dhà, agus chan eil croitear neo iasgair mór ann an sùilean Lunnainn.
B’e cion farsaingeachd air an dà raon-dearbhaidh anns a’ Chuimrigh a thug air an Arm Baile-mhanaich a leudachadh, agus tha an RAF a’ fiachainn ri dachaidh ùr a lorg air taobh sear Rois a chionn’s gum bheil an riaghaltas am beachd port-adhair a thogail air an fhaiche a bh’aca an Sasuinn. Mar as motha a bhios an sluagh a’ dùmhlachadh mu dheas agus am fearann a’ fàs gann, is ann as motha a bhios an riaghaltas a’ sgrùdadh na Gaidhealtachd son làraich dha’n armachd.
* * *
“Uaireannan bidh mi smaoineachadh gum biodh e cho math a bhi fo shàil a’ Ghestapo,” thuirt té am Baile-mhanaich rium an turas ud bho chionn dà bhliadhna. “Chan fhaod thu càil a dheanamh an seo gun chead o’n Arm.”
Gun teagamh, b’ann le facal a bha i oir chan eil dad de choltas eadar dol-a- mach an Airm agus brùidealachd meàirlich Hitler.
Ach aig an àm ud bha beagan buairidh a’ dol. Cha robh croitearan Ghéirinnis is an Iochdair an Uibhist-a- Deas a’ faighinn a’ bhàrr a-stigh leis cho tric ’s a bha na saighdearan a’ losgadh air an reinnse; bha barrachd cloinne san t-seann sgoil ’s na thoilleadh
Far am bi gearasdan mór sam bith bidh buairidhean dhe’n t-seòrsa o àm gu àm, oir chan eil rùn an Airm agus math an t-sluaigh a’ tighinn a réir a chéile ach ainneamh.
B’ann le buaireadh a bhaisteadh an reinnse bho chionn cóig bliadhna deug neo mar sin. Bha mi an Dun-éideann san oilthigh aig an àm agus tha cuimhne agam air na dealbhan sna pàipearan-naidheachd: croitearan dùra le grampa ’nan dòrn ag ràdha “Seach seo cha tig saighdear! ”; sagart a’ brosnachadh a shluaigh gus an dualchas a dhìon; tighean tughaidh agus tràighean geala.
Agus tha cuimhneam cuideachd air uirghioll càirdean na Gàidhlig an Dun-éideann, ’s an Glaschu ’s an Lunnainn. Luchd an éilidh ’s na sgoilearachd is móran glòir mu“heritage”agus“this last stronghold of Gaelic culture. ”B’ainneamh fear dhiubh a chairt bàthach neo a thog grìleag á talamh fuar air foghair reòta. Tha amharas agam gun robh na croitearan a cheart cho diùmbach dhiùbh-san is de luchd nam pàipear ’s a bha iad de’n Arm.
Co-dhiù thainig còrdadh neo co-éigneachadh, neo rud-eigin eadar an dà fhacal (tha a’ chrìoch cho tana is nach fhaicear i gu math tric) agus bha an t-Arm stéidhichte an Uibhist.
O sin a-mach tha corra shradag bheag de mhì-run air nochdadh ach cha tug taobh seach taobh ionnsaigh mhór sam bith air a chéile. Tha na h-iasgairean air am bacadh o phàirt de’n chuan o àm gu àm, ach cha d’fhuair an t-Arm na bha dhìth orra gu buileach; fhuair iad còir air barrachd fearainn, ach air chùmhnant ’s gum faigheadh na croitearan fheum son greis co-dhiù; agus tha na dannsaichean mar as àbhaist anGymBaile-mhanaich oir b’fheàrr leis an Arm am mnathan a bhith a’ fulang seach aimhreit a thogail.
Mas ann aig an Arm tha làmh-an-uachdair a thaobh cumhachd is seòltachd, tha iad gu math faiceallach an diugh ga chur an sàs. Fhuair iad cus droch chliù a thaobh buairidh an Uibhist mu thràth.
* * *
“Ach chan urrainn dhuit sùil a bhith agad gum faod thu gearasdan mór a shuidheachadh ann an àite mar a tha Uibhist gun bhuaidh air choireigin a bhith aig air beatha an t-sluaigh,” thuirt oifigeach rium an latha roimhe.
An deaghaidh a dheanamh cinnteach nach robh gnothach agam ris an S.N. P. chuir e seachad leth-uair air am fón ag innse dhomh
Do dh’fhear le thogail ’s le theagasg is e duine tuigseach a bh’ann, ach cha robh e idir a’ tuigsinn dé a’ cheasnachadh a bh’orm mu’n Ghàidhlig.
“Nach feum iad a’ Bheurla ionnsachadh co-dhiù?” thuirt e.
Ach bha móran aige ri ràdha a bha gun teagamh fìor.
“Feumaidh tu cuimhneachadh gun do chuir an t-eilean so eòlas air beairteas ri linn an Airm nach biodh aca ás aonais,” thuirt e. “A bharrachd air na saighdearan tha an t-Arm fhéin a’ toirt cosnadh a nise do còrr is 120 duine, agus tha eileanaich ’nam measg. Bho chionn beagan bhliadhnaichean bha eadar ceithir is cóig ceud duine ag obair aig na companaidhean a bha togail a’ chàmp agus na tighean agus tha dà cheud dhiubh ann fhathast. A chionn’s gun tainig an t-Arm chaidh tuarasdail suas gu’n aon ìre ri tir-mór, agus fhuair eileanaich òga cothrom air obair eile seach a bhith todhaigeadh bhuntàta neo a’ falbh bho’n tigh.”
Tha seo gun teagamh fìor. Ach tha e cuideachd fìor gur ann far tir-mór a thainig móran dhe’n luchd-ceàirde agus nach robh air fhàgail do mhóran dhe na h-eileanaich ach pollaireachd nan claisean. Agus co ris a thionndaidheas iad nuair a thig an sceime seo gu crìch an 1975?
“Feumaidh tu thuigsinn nach teid gnothaichean bàs cho luath sin idir,” thuirt an t-oifigeach. “Aonuair ’s gum fàs sceime cho mór seo, tha e an còmhnaidh ag iarraidh rudan ùra a chur ris, neo seann rudan ath-ùrachadh. Bidh am port-adhair ri leudachadh, feumartelephone exchangeùr a thogail, theagamh nach bi rathaidean ùra a dhìth oirnn. Agus a bharrachd air sin chan urrainn dhuit suas ri mìle duine a shuidheachadh ann an ceàrnaidh sam bith gun obair a thoirt do mhuinntir an àite a’ frithealadh orra. A chionn’s gum bheil sinne am Beinn-nam-fadhla tha fear an sud ’s an seo — an Oifis a’ Phuist, ann am bùth, a’ draibheadh làiridh neo càr –– a’ faighinn cosnadh nach biodh ann mur a biomaide ann.”
Ach tha taobh eile air a’ cheist cuideachd, mar a chuir an t-Urr. Aonghus Mac a’ Ghobhainn, uair ’na fhear-comhairle aig Siorrachd Inbhirnis agus an diugh ’na phadre san Arm, ’nam shùilean.
“Tha sinn a’ faicinn gum bheil muilleanan is muilleanan de notaichean air an cosg an dràsda air na tighean agus na h-obraichean ùra tha an t-Arm cur an àirde an seo. Agus tha sinn a’ faicinn gum bheil àiteachan an taobh an iar Beinn-nam-
Ach tha an t-amharas daonnan ann gum bheil muinntir Inbhirnis nas deònaiche éisdeachd ri iarrtasan an Airm na tha iad ri iarrtasan nan croitearan.
Gheibh thu cuideachd caran an aon seòrsa amharais mu’n Arm. An t-amharus gur ann mar as motha gheibh iad as motha a bhios iag ag iarraidh; am faireachadh daonnan gur iadsan na maighstirean agus muinntir an àite na seirbhisich.
Ach an Uibhist tha toinneamh a bharrachd anns a’ chùis.
* * *
A bharrachd air a bhi ’na ghearasdan a-measg sluagh sgapte, tha an t-Arm am Beinn-nam-fadhla ’na chnap choigreach a-measg sluagh Gaidhealach. An ceann dà bhliadhna ma dh’fhaoidte gum bi dithis Ghall san eilean mu choinneamh gach Gaidheal.
Ann an sgoil Bhaile-mhanaich, sgoil ùr a thogadh bho chionn beagan is bliadhna gu leth, tha 70% dhe’n a’ cheud gu leth duine cloinne á dachaidhean an Airm. De chlann an eilein fhéin anns an sgoil chan eil an diugh ach mu’n treas cuid a ni beagan còmhraidh air choireigin an Gàidhlig.
“Leis mar a tha an suidheachadh ’se fìor bheag de Ghàidhlig is urrainn dhuinn a theagasg, ged a tha sinn a’ fiachainn ri cumail a’ dol,” arsa Fearchar MacIllinnein, an t-àrd mhaighstir-sgoile. “Cuideachd, tha e ’na uallach oirnn gum bheil clann an Airm a’ sìor fhalbh ’s a’ tighinn. Air a’ char as fhaide tha iad an seo mu dhà bhliadhna, ach gu tric cha bhi iad an seo ach ’s dòcha bliadhna neo bliadhna gu leth. Tha iad a’ tighinn ás thall thairis, nuas á Sasuinn, ’s tha iad air a bhi am móran sgoiltean, is mar sin tha iad car air dheireadh air a’ chlann a th’againne agus feumaidh sinn móran ùine thoirt seachad dhaibh.”
’S iad na duilgheadasan seo — duilgheadasan nach eil aig sgoil sam bith eile air Ghaidhealtachd gu faisg an aon ìre — a tha a’ tionndadh cuid de dhaoine gu’n bheachd gum bu chòir dà sgoil a bhi ann, sgoil do mhuinntir an eilein agus sgoil air leth dha’n Arm. Is e seo a bha am beachd Dhòmhnaill MhicThómais nuair a thog e ghuth aig Mòd Uibhist am bliadhna.
“Ann an Cyprus agus anns a’ Ghearmailt tha an sgoiltean fhéin aig clann an Airm,” thuirt e. “Am Beinn-nam-fadhla ’s an Uibhist-a- Deas tha còir aig an Arm a sgoiltean fhéin a ruith agus cead a leigeil le ar clann-ne am foghlum fhaighinn taobh stigh an dualchas fhéin.”
Tha an t-Arm an aghaidh seo.
“Is ann a tha sinne a’ fiachainn ri measgachadh le muinntir an àite, chan ann sinn fhìn a sgaradh bhuapa,” thuirt oifigeach rium. “Agus chan eil mi idir cinnteach am biodh e laghail dhuinn ar sgoil fhéin a bhith againn taobh a-stigh crìochan Bhreatainn. Is e gnothach eile a th’ann thall thairis.”
Feumaidh sinn cuimhneachadh cuideachd nach b’ann an dé a thòisich a’ Bheurla air beul-fodha a chur air a’ Ghàidhlig am Beinn-nam-fadhla: bha càmp an R.A. F. am Baile-mhanaich bho thoiseach a’ chogaidh mu dheireadh.
“A’ chlann a rugadh an 1940, tha iad sin còrr is deich bliadhna fichead an diugh, agus chan fhac iad sian ach an t-Arm co-dhiù,” thuirt mo charaid, Dòmhnall a’ Phosta nach maireann. “Tha iad sin air tòiseachadh air a’ Ghàidhlig a chall is mar sin tha a’ chlann aca ga call.”
Agus is e a’ cheist eile dé an tomhas de dh’fhoghlum “taobh a-stigh ar dualchas fhéin” a th’againn air Ghaidhealtachd an diugh co-dhiù? Tha amharas agam gur iomadh sgoil anns na h-eileanan, le làn chothrom air Gaidhlig a theagasg, a tha a’ deanamh nas lugha na sgoil Bhaile-mhanaich a dh’aindeoin nan duilgheadasan.
Ach ’se mo bheachd fhìn, nam bidhte son Gàidhlig a ghleidheadh neo fiù’s ath-bheothachadh am Beinn-nam-fadhla, gum feumte sgoiltean air leth a thogail; agus aig an aon àm feumaidh sinn a bhith faiceallach nach eil sinn gar mealladh fhéin le bhith a’ creidsinn gum fóghnadh seo son a cumail beò.
Mar a thuirt Maighstir Iain MacIlleathain, sagart an Iochdair, rium:— “Feumaidh tu cuimhneachadh gum bheil a’ Ghàidhlig a’ dol bàs a cheart cho cinnteach ann an àitean far nach eil buaidh idir aig an Arm. Agus cuimhnich cuideachd nach eil an t-uabhas measgachadh eadar na saighdearan agus muinntir an eilein ach is dòcha anns an sgoil fhéin.”
“Is e mo bharail-sa gum bheil prógraman cloinne air an telebhisean, agus is ann dha’n chlann a tha cuid dhe na prógraman as fheàrr a tha am BBC a’ deanamh, is e mo bharail-sa gur iadsan naimhdean nas motha dha’n Ghàidhlig na an t-Arm.”
* * *
Tha Caol Loch Aillse agus taobh Siar Rois a nise a’ dol a dh’fhiosrachadh tomhas dhe’n bheairteas agus tomhas dhe na trioblaidean a dh’fhuiling Uibhist ri linn an Airm.
Bidh suas mu dhà cheud duine ag obair ann air a’ cheann thall agus bidh glé fhaisg air an dàrna leth dhiubh de mhuinntir an àite, neo co-dhiù a’ fuireach ann. Theagamh nach teid tuarasdail suas, dìreach mar a thachair an Uibhist, agus bidh barrachd airgead san àite, agus mar sin barrachd feum air luchd seirbhis anns na bùithnean agus anns a’ Phost Oifis agus ann an companaidhean beaga eile dhe gach seòrsa anns an sgìreachd.
Bidh na h-iasgairean a’ gearain. Tha iadsan air am bacadh bho chuid as torraiche dhe’n chaolas eadar Ratharsair is tir-mór na Comraich. Bidh sùil an amharuis aca air an Néibhi son greis. Shaoilinn, mar thachair an Uibhist, gum bi an dà bhuidheann a’ toirt corra ionnsaigh air a chéile bho àm gu àm, eagal’s gun teid crìochan na cumhachd a leudachadh taobh seach taobh.
Bidh cosgais air Siorrachd Rois. Feumar co-dhiù leth-cheud tigh a thogail do’n Néibhi (is dòcha barrachd). Feumar an sgoil a leudachadh agus feumar seirbhisean na slàinte a leasachadh.
Gun teagamh togaidh an Siorrachd barrachd airgid ás a’ Chaol ann an cìsean, ach saoilidh mi gum bi iad ùine mhór mus dean iad suas na chur iad a-mach.
’Se baile còrr is leth-Ghallda a th’anns a’ Chaol co-dhiù; baile a thogadh le daoine a thainig a-stigh ás gach ceàrnaidh ri linn an réile tighinn agus ri linn an Néibhi a bhith ann mu thràth fad dà chogadh. Is ann nas Gallda buileach a dh’fhàsas e ri linn an imrich ùir seo.
Ann an dòigh bidh barrachd buaidh aig na seòladairean air beatha a’ bhaile na bh’aig an Arm an Uibhist a chionn’s gum bi iad a’ fuireach a-measg nan daoine seach a bhith ann an càmp air leth. (Bu chòir a ràdha gum biodh fada bharrachd buaidh aig mìle Gall sgapte ’nan dachaidhean fhéin air feadh Uibhist, na tha aig mìle saighdear air an cròdhadh ann an càmp.)
Theagamh anns a’ Chaol agus an Uibhist nach bi cuid ann a dh’fhanas nuair a bhios iad saor o cheanglaichean an seirbhis.
Ach tha aon rud annasach air tachairt a thaobh a’ Chaoil mu thràth. Tha iomagain air Ministrealachd na Dìonachd mu na gàrraidhean-ola a thathar a’ fiachainn ri chur air adhart faisg air a’ Phloc. Mur a tig iad ri’n càil tha iad deònach cur ’nan aghaidh.
Cha bhi fhios againn dé thachras gun cluinn sinn co-dhùnadh Rùnaire na Stàite air an rannsachadh a tha dol air adhart.
Ach tha a’ chùis a’ togail na ceist seo.
Nam biodh cuideigin son deagh obair a chur air adhart am Beinn-nam-fadhla, a bheireadh cosnadh do cheud neo leth-cheud duine, eil fhios dé cho deònach ’s a bhiodh an t-Arm leigeil leis a dhol air adhart?
Chan eil teagamh nach ann aca a bhiodh am facal mu dheireadh anns a’ chùis.
title | Na Coigrich, (2) An t-Arm ’s a Néibhi |
internal date | 1973.0 |
display date | 1973 |
publication date | 1973 |
level | |
reference template | Màrtainn Dòmhnallach in Gairm 85 %p |
parent text | Gairm 85 |