An Sgeilp Leabhraichean
Iain Aonghas MacLeòid, Criomagan Ioma-dhathte
(Techmac, Dun-Eideann. 1973. £1 .25)
Ann an Gàidhlig tha éis mhór oirnn cho beag agus a tha againn de leabhraichean a tha a’ bruidhinn air nithean ùra an t-saoghail mar ealdhain(science), obraichean ola, rocaidean, clo-bhualadh, telebhisean 7c. Tha leabhar air ùr thighinn a-mach a tha a’ déiligeadh ri grunnan math dhiubh. Chan e a-mhàin gun d’ruith e air cóig cuspairean deug ann an 116 taobhan dhuilleag, ach tha e leudachadh air iomadh taobh do gach cuspair aig an aon àm. Tha a’ Ghàidhlig siùbhlach, glan, furasda a leantainn agus chan eil e a’ deanamh ana-caitheanaich air facail. Tha sin a’ fàgail gu bheil e a’ sgrùdadh gach cuspair gu math mionaideach agus a’ mìneachadh an toisich agus an deiridh. Nuair a leugh mi a’ chiad earrainn, “Dé a chuireas sinn umainn?” shaoil mi gun deach e ris ciatach. Thagh e gach ròineag: cloimh, cotan, rayon agus naidhlon 7c agus bha facal freagarrach mu’n bhuidheann do’n robh iad agus dé bhatar a’ deanamh dhiùbh.
Leugh mi leabhraichean air“Organic Chemistry”nach do làimhsich an teaghlach“Methane,” “Butane” (Calor gas) ,paraifin, gu céir nan coinnlean, idir cho soilleir no ann cho beag de bhriathran.
Anns an leabhar seo tha thu air do thoirt gu doimhneach na talmhainn far a bheil tuineachas nam beanntan teine, anns a bheil, troimh theas ro theth, agus fàsgadh nam mìle tonna chun na h-òirlich, an daoimean air a h-ath-cruthachadh bho ghual dorch dubh gu leug lainnireach, fìor shoilleir, ghlan. Chun a seo dh’fhairtlich e air na feallsanaich as dèanadaich daoimein a dheanamh anns a bheil meud as fhiach bruidhinn air.
As déidh seo faodaidh tu éirigh air sgiathaibh na gaoithe maille ri uisg a’ chuain agus a bhi air do dhòirteadh air Gearasdan Loch Abair maille ri tuiltean a’ gheamhraidh. Mur a bheil sin a’ còrdadh riut faodaidh tu leughadh mu’n chiad rocaid a chaidh a losgadh air an Scarp an 1934. Tha i ainmeil an eachdraidh oir b’e sud a’ chiad oidhirp air nì sam bith a chur bho àite gu àit’ eile[90]
Ach chan eil an leabhar gu léir air an aon mhodh. Tha caibideil ann air mar a thog Seoc tigh math ann am baile gun e cosg cus dha. Chan eil fhios agam an e sin a thug air tòiseachadh air a bhi a’ deanamh fhìona. ’S aithne dhomh iomadh fear a bhios ris a’ chur-seachad sin. ’S tric leotha innse dhomh mar a bhios a’ dol leotha ach aig deireadh na tha iad uile geallmhor air am fìon a neartachadh le stuth cruaidh. Tha ’n t-ùghdar fialaidh gu leòr le comhairle, ach bu toigh leam beachd bodaich na Hearadh fhaighinn air drama dheth.
Ma leughas fear an leabhar seo air a shocair gabhaidh e iongnadh air na dh’ionnsaich e, ann an saothair cho tlachdmhor goirid. Ach chan fheum e a bhi sùileachadh gun do thuig e a h-uile nì. Oir mar a thuirt an seanfhacal “Tuigidh fear-leughaidh leth-fhacal.” Tha earrainnean de’n leabhar a tha ceart leotha fhéin ach feumaidh fear barrachd saothair a dheanamh airson a dhol nas doimhne. ’Se ’n t-iongnadh gu bheil e cho soilleir.
Nuair a leudaich eòlas dhaoine ann an“science, ”cha robh móran a-measg nan Gaidheal a dh’fhiach ri a mìneachadh do’n co-Ghaidheil. Dh’fhàg sin an cànan gann de dh’fhacail a tha a’ ciallachadh an dearbh nì a tha a’ Bheurla a’ cur sìos. Chan eil ann ach dìth cleachdaidh, agus is math a dh’fhaoidte nach do shuidh daoine còmhla ri chéile ach an aontaicheadh iad gu dé na facail a bu fhreagarraiche. Chan eil teagamh nach ann bho’n Bheurla a thig a’ chuid mhór dhiubh airson dà aobhar: gur h-i as fhaisge air na Gaidheil an diugh, agus gur h-ann innte a thòisich móran de na facail a tha cleachdte, cuid a dh’éirich am Breatann is cuid an Saor Stàitean Ameireagaidh.
Anns an leabhar seo gheibh sinn ainmean nan eileamaid ann am Beurla agus an Gàidhlig: oxygenagus ocsaidhgean, hydrogenagus haidhrogean, nitrogenagus naitrogean, iodineagus ìodainn. Tha faisg air an aon dhuilicheadas aige richemistryagus cemeiceachd.
Mar a tha ’n t-ùghdar ag ràdh anns an roimh-ràdh, ’sann bho òraidean a chraobh-sgaoil e air a’ Bh.B. C. a thaghadh na cuspairean. Chan eil fhios nach b’e sin an t-aobhar nach eil an leabhar cunbhalta ann an litreachadh. Ach ’s bochd nach do rinneadh sgioblachadh air na h-ainmean ud, agus poingean beaga eile. Tha “Cumhachd an Smùirnein” a’ tòiseachadh: “Air latha samhraidh bho chionn sia bliadhna fichead chualas gun do leagadh inneal spreadhaidh air baile Hiroshima.” Bhitheadh e na b’fheàrr a ràdh “Anns an Iuchar 1945.” Anns an aon chaibideil, “chan eil buileach ceud‘element’anns an t-saoghal gu léir.” Tha 104 na barrachd ann an diugh.
Tha litreachadh ann air nach robh mi eòlach: preis an àite prais, ceanna daoine an àite chinneadh daonna, Iosrailich an àite Israelich. Ach chan eil an sin ach neoni an taca ris an taitneas a th’anns an leabhar uile.
Tha na deilbh freagarrach agus cuid dhiubh ’nan deilbh làimhe éibhinn (le Calum MacFhearghais).
Saoilidh ml gum faca mi cuid de na cuspairean ann an Gairm no leabhraichean eile, e.g. Rubair, ach chan eil sin a’ lùghdachadh na tha sinn an comain Iain Aonghais MhicLeòid airson an leabhair, agus Techmac ’s a Chomunn an Dun Eideann airson a chlo-bhualadh. ’S math as fhiach e £1 .25.
IAIN PADRAIG MOIREASDAN.
title | 1 |
internal date | 1973.0 |
display date | 1973 |
publication date | 1973 |
level | |
reference template | Iain Pàdraig Moireasdan in Gairm 85 %p |
parent text | An Sgeilp Leabhraichean |