[92]

An Aghaidh Choimheach. Le Iain Moireach. Gairm, 1973.
£0 .90, paipear; £1 .25, cruaidh.

Man tha làn fhios aig a h-uile balach-sgoile anns an latha a thann an diugh tha tòrr a bharrachd air sgeulachd a tha goirid ann an sgeulachd-ghoirid. Bho dhobraich Poe is Chekhov is Maupassant is D. H. Lawrence is O. Henry is Salinger is na ceudan eile oirre, tha aghnè sgrìobhaidh seo air a thighinn gu ìre le riaghailtean fhéin, riaghailtean a tha cheart cho mìnichte is a tha laghan annovelno an dràma no abhàrdachd.

Gheibh thu sgeulachdan-goirid le beag no mór de stòraidh unnta ach chan e na tha unnta de stòraidh tha cunntadh. Chan eil anns astòraidh ach tarraing air an croch an ùghdar beachdan is faireachdainnean air dhòighs gum buail iad an leughadair len uile chumhachd. ’Se tha thu lorg staid-inntinn an ùghdair, an dòigh air a bheil e faicinn an t-saoghail. Man eil thu ag iarraidh ach stòraidh no iàrna, faigh a’ “Hotspurno mas boireann thu amPeoples Friend. ”Agus na bi asmaoineachadh a bharrachd gu bheil càil agam-sa an aghaidh iàrnaichean. ’S iomadh stòraidh


[93] mhath a leugh mise an uiridh anns a’ “Hotspurbha na balaich afàgail anns abhathroom isqueue ’nan seasamh air taobh a-muigh an doruis. Ach bha mise riamhnam amadan a dhfheumadh rudeigin a bhith aige ri leughadh ged a becatalogueJ.D. e.

A-nis gu leabhar Iain Mhoirich. A cheart cho luaths a leughas tu a cheud sgeulachd, tha fios agad gur e a tha agad an seo fear a tha air a cheàird a thoirt a-mach. ’S aithne dha a ghnothaich. Tha e anns acheud sgeulachd, “An Aghaidh Choimheach,” abuntainn air nithean a tha acur dragh air gu leòr de mhuinntir an fhicheadamh linnaonranachd, cho beags a dhaithnicheas sinn fiùs an fheadhainns fhaisg oirnn, cho eadar-dhealaichtes a tha an fhìor dhuine bhon ìomhaigh a tha e aleigeadh ris ris an t-saoghal, ’s cho duilichs a tha e briseadh troimhe gu co-fhulangas no coinneachadh-inntinn ri duine eile air biths cho càirdeach.

Tha cus dhan a bhitear asgrìobhadh anns achànan againne air a sgrìobhadh mu dheidhinn rudan an latha an . Cha ghabh sin a ràdh mun sgeulachd seo. Tha i air a cur ri chéile gu innleachdach, seòlta. Is ann a shaoileas tu uaireannan, man a tha thu gluasad bho fhear gu fhears bho ám gu ám leflashback, gur e a thagad film.

Agus tha i air a sgrìobhadh an Gàidhlig thlachdmhor, chàilmhor cuideachd. Tha seòrsa de Ghàidhlig ann a tha acur eagal mo bheatha orm-sa — polysyllablesmhóra phurpaidh aleantainn a chéile man sreath cháraichean air an A9 air latha samhraidh, Gàidhlig nach cualas á beul duineachs dòcha bho fhear ann an cùbaidbho chionn ceud bliadhna. ’S fhada bho thuirt Wordsworth nach biodh litreachas fallain fada an uair a dhfhàgadh cainnt còmhraidh cainnt sgrìobhaidh cus air chùl. ’S iomadh rud ciallach a thuirt Uilleam còir anns na lathaichean mus do dhfhàg e sinn airson làn a dhùirn dhan airgead.

Tha Gàidhlig eile aig Iain Moireach, Gàidhlig an latha an diugh– –air a h-àrdachadhs a glanadhs a deanamh beagan spaideil gun teagamhGàidhlig nàdurrach man a chluinneas tu an diugh air an t-sràid i, le cnapan Beurlana measg. Tha e ga toirt dhuinn man a tha i, warts anall. ’Se Gàidhlig Leódhais a thann cuideachd– –cainnt nan ceàrd, a réir abhodaich Sgitheanaichach, n deifir, tha i leums abreabails adannsan làmhan abhalaich-sa cho aighearach ri cànan air an t-saoghal.

Bu chaomh leam na bfhaide thoirt air asgeulachd seo oir tha tòrr innte a tha mi airson a mholadh, ach ma tha mi dol a ràdh dad idir mu dheidhinn chàich feumaidh mi a fàgail.

Tionndaidh gu d. 96

[94] [95]
[96]

Tha an dara sgeulachd afalbh á Leódhas a dhionnsaigh abhaile-mhóir a-measg Gàidheil òga an diaspora. Is e sgeulachd seo an bu lugha chòrd rium aca. ’S dòcha gu bheil mi fàs ro aosda, ach shaoil leam gu robh i rudeigin amh an taca ri càchnach eil achòmhstrì an inntinn aghille buileach creideasach. Ach aig amannan tha i adolna sgeulachd mhìorbhuileachAileans athair anns a’ restaurantgu h-àraidh.

Air ais a Leódhas annsAGhamhainn,” gnè sgeulachd eile. Tha a h-uile aon de na sgeulachdan seo tur eadar-dhealaichte bho chéile, adeanamh follaiseach dhuinn cho iomadh-thaobhachs a tha tàlann an ùghdair. An uair a bha mi leughadh na -sa bha achailleach afaighneachd dhomh gu bha ceàrrs mi air lachan mór a thoirt asams mi leughadh man bha an dàir atighinn cho tric air crodh abhaile nuair a bha na boireannaich airson faighinn a-mach man a bha bodach an tairbh afaighinn air adhart leis abhean òg. Agus leis acholtas a bha air Caileans e coimhead air oir suas sliasaidean Mhàiri chan fhada gum bi Lord Longford as deidh an ùghdair.

Faic Iain MacAesop Moireach ann anIgnig Dannsair,” fable grinn air a cur ri chéile gu ciatach. An deidh sin tha sgeulachd chumhachdach mu dheidhinnmisfitsGhaidhealach anns abhaile mhór, an dara fear letheach ás a chiall leis an deochs an aithreachas agus am fear eile rud beagsimpleairson daoine cruaidh abhaile mhóir. ’S air ais gu dibhearsain na cruaich mhònaich ann amMòine Dhòmhnaill is Ordag An Bhàin,” làraidh mhònach cho éibhinn aighearachs a chaidh a riamh a lìonadh.

Chan eil na sgeulachdan afàs càil nas laige man a tha thu atighinn gu deireadh an leabhair. ’Se asgeul mu dheireadh a chuir minntinn fhéin buileach air bhoil agus is fhaide dhfhuireasnam chuimhne. Man eil sinnsirean aig Isteam an Ghomb (ainm do-labhairt!) anns aGhàidhlig tha gu leòr ann an cànanan eile. Man a bhios iad ag ràdh mu na steud-eich tha e le Gargantua a-mach á Titus Groan ged nach canainn nach robh làmh aig Gogs aig seud no dhà eile a tha air a dhol ás mo chuimhne anns aghnothaich. Ach leugh asgeula dhuit fhéin.

Tuigidh sibh, fhearaibh, gun chòrd aleabhar anabarrach rium. Le leabhraichean dhan t-seòrsa seo tillidh gu leòr a sguir a leughadh na Gàidhlig thuice rithist is iad afaicinn gu bheil i a cheart cho comasach air làimhseachadh cùisean alatha an diugh ri cainnt sam bith eile. Tha tàlann is grinneas cainnte an ùghdair seo adeanamh sin follaiseach.

Siuthad ma tha, a laoichean, tog do pheanns dean leabhar eile cho luaths a chuir Dia piullag ort!

UILLEAM MOIREASDAN.

title2
internal date1973.0
display date1973
publication date1973
level
reference template

Uilleam Moireasdan in Gairm 85 %p

parent textAn Sgeilp Leabhraichean
<< please select a word
<< please select a page