[15]

AM BUCAS

le Iain Moireach

CHA robh am bucas glé mhór, gu dearbha. Dìreach cho mór is gun deidheadh aig a bhràthair-beag air cadal ann, nan tarraingeadh e a ghlùinean suas gu a bhroilleach. Chaidh a chur ri chéile air son canastairean bìdh a ghléidheil fhads a bhiodh iad air an rathad o àiteigin chun an taigh-òsda. ’Sann aig cùl an taigh-òsda a fhuair iadsan e. Pàipear làidir donn-odhar, sgrìobhadh agus dealbhan air an taobh-a- muigh agus cromagan beaga iarainn suas oisean dheth, ga cheangal.

Se am bucas a bfheàrr a bhair a bhi aca fhathast, fada fichead. Sheall e ris an sgrìobhadh choimheach agus na dealbhan. Nan deidheadh aige air cuimhne a chumail orra. Ach cha deidheadh. Cha robh leughadh aige, fiùsna chànan fhéin, agus bha e sgìth, agus cha robh fhios càite am biodh e nuair a thigeadh orra bucas eile a lorg. Cha robh fhios am biodh bucas eile ann. Nan sguireadh an cogadh, cha bhiodh bucais ann. dhèanadh e an uairsin? dhèanadh a bhràthair-beag, is e air a leth-chois? Ach chan eil an sin ach gòraich, bha an cogadh ann a riamh agus bucais choimheach air cùl nan taighean-òsda, agus bhitheadh.

Bha saighdear agus siùrsach le ceumannan cama atighinn faisg. Ise, thuigeadh e ise, is i bruidhinn air airgead, air prìsean, adèanamh bargan. Ach bha saighdear aglogail is abrunndail agus làn a dhùirn a dhairgead-pàipeir aige. feum a bhann am bargan dhàsan, duine beartach le aodach gu leòr agus biadh?

Stad achàraid nuair a chunnaic iad an dithis bhalach agus am bucas ris abhalla. Chrom an saighdear agus sheall e anns abhucas far an robh am bràthair-beagna chadal mar naoidhean anns abhrù. Chunnaic e achas ghoirid.

Bheil e OK?”

Thuig esan air bad, nam biodh e glic, gun toireadh e airgead bhon t-saighdear. Thug e sùil suas air aodann abhoireannaich agus chunnaic e an nàimhdeas. Bha an t-acras oirrese cuideachd.

Rinn e air éirigh mar nach biodh lùths ann, a shùil air an t-saighdear, agus nuair a fhuair e a chasan fodha, sheas e is a cheann crom ri taobh abhucais.

Mo bhràthair,” ars esan.

Càite bheil - - - ? a bheil dathair - - - ?”


[16]

A bhleigeard bhig,” bha ise ag ràdh gu socairna chànan fhéin, “a mheabain . . .”

Tha a chas air falbh dheth,” thubhairt e. Thog e a làmh, acomharrachadh a-mach àird air choireigin. “Shuas aig arathad. Shell. Na dùisg e,” ars esan.

Bha an saighdear acoimhead ris an fhear bheag. Cha robh cuimhne aige air abhoireannach tuilleadh.

A, a mhastaig, isein,” ars ise ris-san. Agusna chànan fhéin ris an t-saighdear, chuir i mach srutan cainnte, cho luath is gur gann a thogadh e brìgh nam facal. Gur ann a bha esan ag obair dhan nàmhaid, nach e a bhràthair a bhanns abhucas idir, na creid, gur e bhann ach biathadh, bonn airgid a gheibheadh e nach stadadh e aigesan, achna pheilear ann am broilleach saighdeara charaid, ’s mathte.

No mo bhroilleach fhìn, bha an saighdear asmaoineachadh. Bha dealbh de bheans de chlannna bhroilleach. Nam biodh gunna aige. Tudan beag de bhalachs cha burrainn dhut earbsa chur ann.

Leig am balach e fhéin gu h-éiginneach sìos air achabhsair.

Mas do thill sinn an dràsd,” ars an saighdear ris an uisge, “bha sinn acuartachadh baile beag. Latha grianach. Daoine asùnnsail agus abruidhinn mu na dorsan. Agus chuala sinn bhrag gunna agus shuidh an duine bha coiseachd ri mo thaobh. Shuidh e, plub. ’S leig e ás a ghunna, agus acoimhead roimhe. Aon fhacal cha dubhairt e. Thachair a h-uile-cail cho luath. Sgap sinne agus thàinig sinn orra gu faiceallach bho gach taobh. Agus a Dhia cha do ghluais duine bho dhorus. Sguir iad a bhruidhinn, ach sheas iad is shuidh iad mar a bha iad. Balbh. Lùthaigeadh tu am pronnadh gu bàscho liugachs cho brònachs cho cealgach, na coin. Bith ciamar, thòisich na gunnaichean. ’S an creideadh tu, nuair nach robh aon sgamhan beò dhiubh air fhàgail, chaidh an sàirdseant a mharbhadh. An cliathaich a chinn. Balach beag le gunna. Giullan de do sheòrs-sa, mu aois mo bhalaich fhìn. Sgàth Chrìosda, Dhia. Thugainn.”

Rug e air ghàirdean oirre gu grad.

Chuala am balach i asiotaraich. Thog e a ghuth.

Cha bu mhise bha sin,” ars esan, is e ag éirigh.

Thionndaidh an saighdear air a shàil. Rinn e lachan gàire.

O cha bu tu.”

Agus dhatharraich a ghuth a ghleus.

Cha bu tu. Tha fiosam.”


[17]

Bha mise lorg bucas ùr,” ars esan. “Dha mo bhràthair.”

Mar a bha am bràthair-beagna chadal, bha an dara làmh aige acrochadh air taobh-a- muigh abhucais. Chunnaic an saighdear gun robh na meuran beaga gu socair ri gluasad mar a dhèanadh iad air leabaidh shìoda, ged a bha iad sgreabach, gàgach. Cha robh fhios chitheadh a leithidna chadal.

Greas ort,” ars am boireannach is i asadadh a cruachainn.

Tapadh leat, a shaighdeir, son bruidhinn,” ars esan is e ga chàradh fhéin air achabhsair fhliuch a rithist. Thog e a làmh agus rug e air làmh a bhràthar-bhig.

Gheibh sinn biadh a màireach,” ars esan, mar gum biodh e bruidhinn ri bhràthair. Ach ann an cainnt an t-saighdeir.

Ma tha thu tighinn, thig,” ars ise, atilleadh. “Fàg am meigearlan sin. Tha cogaidhean eile ann . . .” Agus rinn i gàire.

Tha,” ars an saighdear, agus ghàir e fhéin gu socair.

Thug e airgead ás aphasgan a bha fhathastna làimh.

O taigh na galla oirbh péin is air ur cuid cogadh! tha mise –– carson air an aon saoghal a chruthaich Dia a tha sibh rium-sa co-dhiù?

Bha a ghuth gu sgàineadh.

Thill an siùrsach gu ealanta, lùbach gu thaobh agus chuir i an làmh aige ri a colainn.

Nach e sin, eudail. Coma leatsa. Trobhad a nis mas bi an oidhche seachad.”

dhiog,” ars an saighdear, agus tharraing e a rithist airgead-pàipeir ás aphasgan.

Cuimhnich,” ars ise. “Rinn sinn bargan, é?”

Taigh na galla,” ars esan fo anail.

Nuair a bha iad air a dhol ás an t-sealladh, phut am balach air a bhràthair.

Eirich a nis,” ars esan.

Leum a bhràthair as abhucas is leig e a thac air-san.

Siùrsaichean na croich,” ars am balach. “Bha an saighdear dol a thoirt dhomh rud.”

Thog e leis am bucas agus choisich iad pìos eile.

titleAm Bucas
internal date1973.0
display date1973
publication date1973
level
reference template

Iain Moireach in Gairm 85 %p

parent textGairm 85
<< please select a word
<< please select a page