[153]

NAIMHDEAS DO’N GHAIDHLIG

le RUAIRIDH MACFHIONGHUIN

THA sinn acur fàilt air Gairms e a-nise air bliadhna air fhichead a ruigheachdràitheachan beag cruaidh, mhair e beò agus shoirbhich leis ann an saoghal coimheach far an dfhuair móran de a cho-aoisean bàs. ’Se rud duilich a tha ann ràitheachan no mìosachan Gàidhlig a chumail beò, eadhon a-measg chàirdean. Ach ann an suidheachadh far a bheil na càirdean caran gann agus na nàimhdean pailt gu leòr feumar aideachadh gun do dhleas Gairm urram agus cliù a tha da-rìreamh sònraichte. Tha sinn an dòchas nach fannaich e ach gun teid e bho neart gu neart anns na bliadhnachan ri teachd.

Mar a bhios na bliadhnachan adol seachad, a réir coltais bidh an cathagus se cath a tha annair sgàth na Gàidhlig asìor fhàs nas teotha, oir tha na h-eascairdean afàs nas dàine agus nas guiniche. Tha na sionnaich atighinn a-mach ás na tuill: tha iad a-nise soirbh am faicinn air an làraich luimtha iad adeanamh dheth gu bheil alatha leotha agus gu faod iad ar breabadh mun cuairt mar a thogras iad. Bàbhaist do ar nàimhdean a bhith ag oibreachadh fo lùraich: bha tomhas de nàire acur beagan bacaidh orra. Ach an diugh chan eil eadhon nàire chumanta acumail sréine rin gamhlas.

Chan eil cleith sam bith aig Lord Burton air a mhì-rùn don Ghàidhlig agus do gach a bhuineas dhi. Cluinnear a ghuth ròcailna h-aghaidh ann an Taigh nan Tighearnan an Lunnainn agus aig Coinneamhan na Siorrachd an Inbhirnis. Bodach gun nàire, ann an iomadh seadh tha e togail oighreachd an Fheòladair Mhóir a bha amilleadhs amùchadh air feadh na Gaidhealtachd as deidh Blàr Chuil-lodair. Tha sinn afàs sgìth de bhòilich Lord Burton: tha e an glan uair a chluasan a shùghadh.

Ma tha na pàipearan-naidheachd ceart, bha Lord Burton adeanamh a leithid a mhaoidheadh lagha air Iain Nobles gu saoileadh duine gur e fìor reubaltach a bha san duin-uasal sin. Bheirteadh bhuaithe fearann le cumhachd alagha, bha Burton agus a chomhairlich ag[154]


[155] ràdh. Agus an cron uabhasach de robh Iain Noble ciontach? An robh e dol a chur Ealghal agus Na Torrannan smàl? An robh Cuithe-Fraing gu bhith air a cur ri talamh? idir an t-uabhas a bha feitheamh air muinntir an Eilein Sgiathanaich? Bha dìreach gum biodh cuid a dhainmean àitean Gàidhlig air an cur suas air clàran còmhla ris na h-ainmean Beurla. Tagradh reusanta gu leòr, chanadh duine ciallach sam bith. Rud cuideachd a chòrdadh ri luchd-turais.

Ach cha be Lord Burton a-mhàin a nochd a mhì-rùn don Ghàidhlig agus a rinn cùis-bhùrda dheth fhéin: bha na comhairlich ri shàilach aon duine. Thoireamaid urram don Urramach Seumas Moireasdan, ministear na h-Eaglaise Saoire ann an Uibhist-a- Tuath. ’S airidh e air moladh. Ach feumaidh sinn ainmean chàich fhaighinn oir, anns achath a tha romhainn, tha e iomchaidh gur aithne dhuinn ar nàimhdean a cheart cho cinnteachs is aithne dhuinn ar càirdean. Tha an t-àm air tighinn anns am feum nàimhdean ar cànain seasamh suas agus a bhith air an cunntas a chums nach deanar mearachd ann an roinn na coire. *

Tha e coltach nach eil cabhag sam bith air Lord Burtonna dhéiligeadh ris an Dr. Green a tha an deidh call mór a dheanamh ann an Ratharsaidhtha e aig an dearbh àm seo acur an aghaidh uisge fuar a dhol gu muinntir an eilein air abhonn gum bi tuilleadhs a chòir a dhuisge aca! Agus tha Sir Hereward Wake ann an Abhainn-suidhe air a dheagh chòmhnadh le rathaidean móra. On a tha Lord Burton cho ealamh gu leum gu lagh, tha sinn an dòchas nach eil lagh ann an Siorrachd Inbhirnis.

Tha Lord Burtons a chompanaich mar a tha iad, ach, a thaobh smior amhì-mhoidh, saoilidh mi gu bheil an t-urram aig Mgr. Prophet Smith ás a’ Highland Development Board.Tha Mgr. Prophet-Smith (làn de ghliocas nan Sealtainneach) ag innse dhuinn gum bu chòir do na Gàidheil an sùilean a thogail bhar an imleagan! Chuala mi cuideachd gun tuirt e faclan a-moladh na Gàidhlig ri còmhlan de chlann-sgoile a bha atadhal air aBhòrd. Tha daoine glé neònach afaighinn fasgaidh agus beatha shocair ann am Bòrd na Gàidhealtachd agus tha e glé dhoirbh a thuigsinn a chuir ann iad.

Nuair a smaoinicheas sinn air call ar dàimhs ar càirdean an chogadh adìon na Rìoghachd seo, chanamaid nach eil a-nise ach aon chùrsa onarach fosgailte do Mhgr. Prophet-Smith agusse sin, e a


* ainm a chaidh a thogail anns na pàipearan, ’se Iain Caimbeul, Sligeachan, agus Alasdair Sutharlan, An t-Ath LeathannFir-deas.


[156]

bhagaichean a phacaigeadh agus a rathad a ghabhail air ais a Shealtainn le ceann crom agus earball ri thòin. Mur dean e sin, feumar -mhodh is aineolas an duine seo a thort gu aire na feadhnach a dhfhasdaidh e anns acheud àite. Tha sinn an Alba agus gu h-àraidh air aGhaidhealtachd mall a chum feirge agus foighidneach ri aghaidh -mhoidh: nan robh Prophet-Smith an iomadh dùthaich as aithne dhuinn, rachadh an aitreabh-oibreach aige a churna smàl ma chluasan agus bhiodh e glé fhortanach nan tàrradh e ás le a bheatha!

Bidh e gu tricna adhbhar-ioghnaidh dhomh fhéin cho ealamhs a tha feadhainnagus gu h-àraidh feadhainn a tha atarraing an tuarasdail á sporan na Rìoghachdair a bhith acur -mhodh an tairgse luchd na Gàidhlig. Aig Mòd Inbhir-àir, thainig gioball beag bragail, Bill Hamilton, on Bh.B. C. a chum a bhith acur naidheachd bhon Mhòd a-mach air aphrógramReporting Scotland”. Agus rinn am fear-naidheachd seo? Chaidh e gu fear de na taighean-òsda agusle cuideachadh on luchd-frithealaidhchruinnich e brìg mhòr do bhotail fhalamh agus ghabh e an dealbh. Aig sia uairean feasgar chaidh an dealbh seo a chur fa chomhair an t-sluaigh leis na briathran: “Dhòl muinntir Albainn Nuaidh na bha seo mus do ghabh iad am bracaist” —an tula bhreug. Chaidh an dealbh a ghabhail ann an Taigh-Osda anStationagus bha ar càirdean á Albainn Nuadh afuireach ann an Taigh-Osda Chaledonian. Chaidh sgrìobhadh gu Mgr. Coulter, Fear-Stiùiridh Albannach aBh.B. C. mun ghnothach shuarach bhreugach seo ach ged a fhuaradh litir mhór bhriathrach bhuaithe, chan eilear fhathast riaraichte agus chan eil an gnothach seachad.

Tha feadhainn ann a tha agiùlan am -rùn eadhon gu mìosachan Eaglais na h-Alba. Feumar Gàidhlig a chur á bith, tha Mgr. Patterson agus Mgr. Brewster ag innse dhuinn oir, ann an searmonachadh an t-soisgeil, chan eil i ach adeanamh roinnean a-measg an t-sluaigh. idir an seòrsa creideimh a tha air cùl seo? ’S truagh da-rìreamh alatha a rug oirnn mur eil ar cànan freagarrach airson a bhith acur an céill an t-soisgeil.

Tha nàimhdean eile againn a tha eadhon taobh a-staigh nam ballachanfaoil an craicinn chaorachfeadhainn a tha aleigeil orra gu bheil iad leinn ach a tha ag oibreachadh nar n-aghaidh. Len gnìomharran aithnichear iad: cha chaill iad cothrom air aimhreit a thogail nar measg. Gun teagamh, chan eil annta ach rabaidean. Gidheadh, feumar sùil a chumail orra.

titleNàimhdeas do’n Ghàidhlig
internal date1974.0
display date1974
publication date1974
level
reference template

Ruairidh MacFhionghuin in Gairm 86 %p

parent textGairm 86
<< please select a word
<< please select a page