[233]

FLIUCH DO SHUIL

le EILIDH WATT

THEAGAMH gur ann ri linn dhomh a bhi acoimhead ro fhada is ro thric air an Eabhrach, Uri Geller, is a chuid bheairtean a thainig na smaointeannam cheann. Cuiridh mi sìos iad a-nis.

Dhaithris Iain Napier, is e sin Napier nan Logarithms, mar a chaidh uisge airgid a chrathadh air fhéin is ena naoidhean, an uair a bha a phàrantan am beachd gun robh e air a chronachadh. Ach is fada bhon am sin oir rugadh esan ann an 1550. Dòcha gum bheil ena ioghnadh nas motha gum baithne dhomh duine no dithis mum aois fhéin air an deach an dearbh chleas a dheanamh.

Tha e duilich a ràdh cho làidir is a tha beachdan den t-seòrsa seo an diugh, ach faodaidh e bhi gun canar fhathast, eadar fhìribh is mhagaidh, “Fliuch do shùil.” Air an làimh eile, is e mo bheachd nach eil an ràdh, “Tha e air a chronachadh,” air a cleachdadh ach ainneamh ged bha i bicheanta gu leòr a-measg sheann daoine nuair a bha mise òg. Theirte an uair ud gun robh duine no beothach air a chronachadh mu bha amharas aca gun deach cron a dheanamh air ri linn is gun do laigh androch shùilair.

Faodaidh e bhi gum be na h-Eabhraich a dhàraich am beachd seo, ach, troimh na linntean, is feadh an t-saoghail gu léir, bha creideas aig daoine ann am buaidh na sùla air son math no olc. Ach mar bu trice airson an uilc. Anns an linn againn fhìn chuir an Eaglais an aghaidh abheachd seo ged bha uair eile dha sin mar a chì sinn ma leughas sinn ùrnaigh fear de na Beatunaich, feadhainn air nach robh cion foghluim no cion diadhachd. Is i ùrnaigh a thann a chòrd rium fhìn ach is dòcha nach aithne do na h-uile neach i, is mar sin cuiridh mi sìos i air fad oir tha a mhathas oirre i a bhi goirid.

O Thì bheannaichte cùm rinn is cuidich rinn. Na tuiteadh do ghràs oirnn mar an t-uisge air druim agheòidh. An uair a bhitheas fearna eigin air gob an rubha cuidich fhéin leis. Bi mun cuairt dhuinn air tìr is maille rinn air cuan. Gléidh an t-aosda is an t-òga, an mnathan is ar pàisdean, ar spréidh is ar feudal, bho cheannas nan sìthichean agus bho mhì-rùn gach droch shùla.

Bitheadh slighe réidh romhainn, is crìoch shona aig ar turas.”

Anns an dol seachad, agus cho fads is aithne dhomh, chan eil sinne anns an latha an diugh acleachdadh an fhacail, “feudal”, a tha aciallachadh


[234] , tha mi an dùil, saoibhreas de spréidh, ach nuair a their sinnMfheudailis sinn acur facal gràidh air neach is toigh leinn.

Mar a thuirt mi a cheana, cha robh na facalan, no na beachdan a thug beatha dhaibh, air a dhol bàs nuair a bha minam phàisde is baithne dhomh fear arinn snàthainngus an cronachadh a thoirt far beothach air an robh e an dùil a thuit droch shùil.

Achiad turus a thug mi an aire do na beachdan seo is mar a chathaichtenan aghaidh bann nuair a bha sinn adeanamh ar dachaidh ann an Ceanntìre is mi fhathastnam phàisde. Air latha geal samhraidh bha mi fhìn is mo mhàthair a-muigh aig cùl an tighe is ise trang amaistreadh. Thainig ban-nabaidh a mhuinntir Iùraidh an rathad, is eadar fhìribh is mhagaidh, dhfhaighnich i de mo mhàthair an robh eagal idir oirre gun rachadh an toradh a thoirt bhon chrodh, nam be is gun tuiteadh droch shùil air amhaistreadh. Bha iad abruidheann anull is a-nail mu dheigheann nam beachdan seo is mar chuirtenan aghaidh agus mi fhìn gam mion éisdeachd. Nuair a nigh mo mhàthair an crannachan chan fhaca mi fhìn beairt a bfheàrr no ribean dhearg a cheangal le cnot snog air an lonaid, a bha atiormachadh ris aghréin. Air do mathair tighinn an rathad cha bu loma luaithe a laigh a shùil air seo na ghabh e seachd leuman den chuthach ged thuirt mo mhàthair nach robh ach mise air a bhi ri fealla-dhà.

Theagamh gun do ghrabh a ghrad fhearg mun tachartas seo air minntinn oir bheachdaich mi air bhon thainig mi gu ìre is thainig mi gun cho-dhunadh nach dug e fainear bu bhrìgh don duanaig as tric a ghabh e dhomh is mi air a ghlùin, ged thuig e bu chiall den ribein dheirg. Ged is tric a chuala mi an duan chan eil an diugh air chuimhne agam ach an loine,

Làir dhubh bhreabach anns na creagan,
Làn an dùirn de chaora dearga am bun a h-earbaill
Is ina ruith.”

Bha na caoran gus an làir dhubh a ghleidheadh mar a bha an ribean dhearg gus toradh achruidh a ghleidheadh.

Gus an latha an diugh chìtear ann an iomadh iodhlann chruach, no làimh ri tigh tuathanaich, achraobh chaorann afàs. Faodaidh sinn a bhi an comain an rìgh Seumas VI airson sin. Bha esan am beachd gun robh e air a chlaoidh le oibrichean cumhachan an dorchadais agus mar sinnaMhagnum Opuschomhairlich e a bhi adíon spréidh le meanglanan den chraoibh seo. Len toradh deàlrach, dearg, bha iad air an crochadh ri àrd-dorus na bàthcha is bha lonaid achrannachain


[235] ain air a dèanamh de fhiodh na craoibhe seo.

Bha creideamh ann am buaidh na droch shùla beò, làidir, chan e mhàin ann an Earraghaidheal, anns na h-Eileanan Tarsaing, is ann an Uibhist, na bfhaide na bha e ann an àiteachan eile den Ghaidhealtachd, ach bhitheadh gach beulaithris daonnan glé choltach ri chéile ged bhitheadh atharrachadh ainm, is àite, is àm unnta. Bhitheadh an capall mhath, shunndach, deiseil gu dhol an gréim na h-obrach nuair a thigeadh an rathad air an robh amharus aig daoine i bhi ri obair na droch shùla. Mholadh i an capall is ghabhadh i a rathad. Mur do dhiarr am fear leis bu leis am beothach gleidheadh a bhi air, dòcha, mun cuireadh iad crìoch air achiad chlais, gun tigeadh crithean air abheothach is bhitheadh e na bu fhluiche le fallus na ged bhitheadh e ri gainmheach bho ìochdair achladaich.

Ach ma bha feadhainn ann aig an robh droch shùil bha feadhainn eile ann dam baithne a bhi ag obrachadhna h-aghaidh. Ann an Uibhist chuirte brath gu bean den t-seòrsa seooir mar bu trice be boireannaich aig an robh an t-eòlas seois thigeadh iis dheanadh i snàthlain”. Ann a bhi deanamh snàthlain chan e mhàin gun ceangladh i an snàthain dearg ach chanadh i duanagan no seunan àraidh fads a bha i dol deasail mun each. Dhfheumte na facalan abairt. Bha mi fada mun do thuig mi carson nach fóghnadh ach an ràdh. Cha dean e an gnothach a bhi ga smaointeachadh. Feumar an ràdh.

Theagamh gum bheil an creideamh ann a bhi dol deasail nas sine na beachdan nan Eabhrach oir is e a bhi deanadh aoradh don ghréin a dhàraich e.

Mar a thuirt mi cheana baithne dhomh fear anns an Eilein Sgitheanach aig an robh an t-amharus gun do laigh droch shùil air agh brèagha a bhaige. Bha mi anns an éisdeachd an uair a dhaithris e gun do chuir e uisge airgid air abheothach, uisge a chaidh a tharraing á srùlag air an robh am beò is am marbh adol thairis, uisge a bha air a thogail aig an àm sin de thìm nach leis an latha a dhfhalbh no leis an latha a tha gu tighinn.

na briathran a thuirt thu? ”, chaidh fhaighneachd dhe.
Facalan nach abair mi ri mbheò a rithist.”
An robh do sgian luigh agad?”

Thainig stad ann mar gun robh e asgrùdadh bhair chùl na ceiste is an uair sin thuirt e, “Bhà. Ach dhi?”

An deach an t-agh am feobhas?”


[236]

Chaidh. Tha an t-agh ceart gu leòr.”
nis a tha cur riut?”

Mi fhìn. Tha mi acantainn nach deanainn a rithist an a rinn mi ged nach bitheadh ladhar no luighean ann am bàthach agam.”

Is bu treun, calma, am fear a chuir cùl ris na beairtean seo. Is cha robh cion sannd an t-saoghail air.

Is an chumhachd a chuir an t-agh am feobhas? Bha e nas fhusa thuigsinn ciamar a rachadh leanabh am feobhas oir ghabhadh màthair an tuilleadh saothair ris. Ach an ceangal a tha iomadh uair eadar duine is ainmhidh?

Bha daoine den bheachd gun robh cuid ann aig an robh an droch shùil gan aindeoin. Is e gòraiche mhór a tha an seo nuair a theirear ann an Gàidhlig e. Tha e nas fhusa gabhail ris is a thuigsinn nuair a theirear, “Hes accident prone. ”

Is mar a bha cuid ann a dheanadh cron an aghaidh an toil bha cuid ann a bha na bu bhuailte na chéile gu bhi air an cronachadh. Mar a chì sinn ann an ùrnaigh a Bheatunaich be sin mnathan is clann. Chan aithne dhomh gun cuala mi riamh iomradh air sùil a laigheadh air fireannach no air beothach nach deach a ghearradh: tarbh no àigeach.

Bhathas ag iarraidh air fear aig an robh droch shùil a dhaindeoin gum fliuchadh e a shùil. Bha an smugaid mar shamhladh air fear sònraichte de na ceithir eileamaidean, uisge is teine, gaoth is talamh. Tha fios gum bheil cuimhne aig feadhainn a bhitheadh adol gu fèill nan each mar a chuireadh fear smugaid air bois aig àm a bhi dùnadh a chumhnant. Is e mo bheachd gum be an aon fhreumh a dhàraich an robhadh, “Fliuch do shùil,” is a dnàraich an cleachda a bhi cur smugaid air bois.

Ged bha an Eaglais acur an aghaidh nam beachdan seo chan eil mi ag ràdh nach ann bho theagasgan aBhìobuill tha na beachdan seo ag éirigh. “ eile is ciall don deichibh àinte: Na sanntaich tigh do choimhearsnaich; na sanntaich bean do choimhearsnaich ... ”

titleFliuch do Shùil
writersEilidh Watt
internal date1974.0
display date1974
publication date1974
level
reference template

Eilidh Watt in Gairm 87 %p

parent textGairm 87
<< please select a word
<< please select a page