[241]

OIDEAS NA CLOINNE

naidheachdan beaga, agus dàn,

air an cur ri chéile leis A’ Bhàrd Bhochd (Tormod MacLeòid, nach maireann)

Mar a thainig an car am beul na leobaig

Tha cuid ag ràdh gur ann airson a bhith acur carna beul ris na h-èisg eile a thainig e ann. Tha seona rabhadh do chloinn gun iad a bhith adeanamh seo.

Tha sgeul eile mu dheidhinn achar seo. Bha Colum Cille uair ri dol thairis air fadhal cas-ruisgtes an tràigh a-muigh. Bha leóbagna laighe air an tràigh is thuirt Colum Cille rithe, “Tha imrich an seo, a leóbag”. Thuirt an leóbag, “A Cholum Chille léith, cuiridh mi carnam bheul amagadh ort.” Thuirt Colum, “Chan eil mise ag iarraidh air Dia ach an car sin a bhithnad bheul-sa gun tighinn ás.” Tha an car sin am beul na leóbaig on sin gus alathan diugh.

* * *

Mar a fhuair am bru-dearg am broilleach dearg

Nuair a bha Crìosd air achrann-ceusaidh, dhfheuch am brù-dearg ris na tairgean a bha troimh A làmhan a tharraing ás. Dhfhailich sin air, ach chaidh an fhuil air a bhroilleach is tha e dearg bhon sin.

* * *


[242]

Mar a dheirich a dha de na seanfhacail

Is fheàrr am partan tuathalan na bhith gun fhear-taighe.”

Bha dithis bhoireannach roimhe afuireach còmhla, agus ghoid an dàrna min á poca na téile. Chuir an air an deach amhin a ghoid partan tuathalan, anns a bheil gath nimheil, ann am beul a poca mine, agus nuair a chuir an téile a làmh ann, air son tuilleadh a ghoid, chaidh an gath innte. “Tha an donasna do phoca,” dhéigh am meàirleach. “Tha,” ars an téile, “nuair tha thusann, achs fheàrr am partan tuathalan na bhith gun fhear-taighe.”

Is math an còcaire an t-acras.”

As deidh do Dhòmhnall Ballach an ruaig a chur air arm Alasdair Stiùbhart, Iarla Mhàr, aig Blàr Inbhir Lòchaidh, 1431, theich Alasdair le a bheatha troimh gharbh-chrìochan Loch Abair. Aon latha ann an Gleann Ruaidhs e afannachadh leis an acras, thachair e ri cailleach bhochd agus dhiarr e biadh oirre. “Chan eil agam,” ars ise, “ach làn mo dhùirn de mhin eòrna ach tha thu di-beathte.” Ghabh Alasdair e gu taingeil is shuidh e sìos ri taobh Allt Acha-na-Beithich, thug e dheth a bhròg, agus le uisge ás an t-sruthan rinn e stapag is thuirt e:

Is math an còcaire an t-acras,
S mairg a tarcuis air biadh;
Stapag eòrnan sàil mo bhròig
Biadh a bfheàrr a fhuair mi riamh.”


Cuid de Eoin aBhailes na Lota

Bidh an Uiseig non Topag air chrith anns an speuran,
Aseinn air a sgéith cho àrds a sealladh dhut;
Chan eil eun anns an ealtainn le binneas a teudan
Gu seinn, is gu seinn, is gu seinn is gu feadalaich.

Ma thig sibh air nead na topaig saphàirce
Le cóig uighean àlainn an àite na ceithir innt
Se nead Topag Móire tha sin fo ur làmhan,
S ma bhios sibh rithcàirdeil gu bràth gum bi rath oirbh.

Gheibh sinn an Smeòrach aig bailes air mòintich
S i liubhart a crùn-luath gach oidhche mus caidil i;


[243]

Is seinnidh i ruinn dhut trì uairean gu sunndach
Gus an dean i tur cinnteach gun cluinn is gun tog thu e.

An tuill mu na dorsans fo oirean an taighe
Bidh Dìdigean Breaca le neadans gach àit’;
Tha iad daonnan ariagail, asabaid, ’s astialladh,
Gu h-àraidh ma thilgeas tu biadhadh gu làr.

Bidh Glaisean na sitig crainnteachd agheamhraidh
Mu thimcheall nan dorsan, e fhéins am Brù-Dearg;
Tha fios aig na balaich ganntachd an earraich
aige than t-aran is fasgadh bhon stoirm.

Thig eun dhan achlóbhar is e do bhódhradh,
An Traon le sgal dórainn mar eun ann an cràdh;
S ged dhitheadh tun talamh chan fhaic thu dheth sealladh
Ach cluinnidh tu ghearain le ràn air muin ràin.

Bidh Calaman nan Creagg ithen t-sìl ás na calgan,
Rud nach còrd ri luchd-talmhainn bhios ga fuadach bhon lot;
Achs cinnt gur e Dia chuir an t-eun chun an arbhair
Gus biadh a thoirt dhachaigh gu chalamain beag bochd.

titleOideas na Cloinne
internal date1974.0
display date1974
publication date1974
level
reference template

Tormod MacLeòid in Gairm 87 %p

parent textGairm 87
<< please select a word
<< please select a page