LAGH NA CROITE — CORRA BHEACHD
Iaìn Murchadh MacMhaoìleìn, Leodhas
“Bu chòir dhan a’ chroitear cothrom a bhith aige a chroit a cheannach aig prìs reusanta—mas e sin a thoil.
“Ach cha bu chòir dha cead fhaotainn a reic ri neach ’sam bith. Dh’fheumte srian a chumail air có a gheibheadh croit, dìreach mar thathas a deanamh an ceartuair.
“Ma bheir oighreachd talamh croitearachd—àiteach no innis—bho chroitear air son gniomhachais bu chòir dhan a chroitear dàrna leth, co dhiùbh, na pris fhaighinn. An dràsda gheibh croitear an luach-àitich a mhàin agus theid an luach-leasachaidh chun an uachdarain. Chan eil sin ceart.
“Agus ma tha croitear air son gniomhachas a chur air bhonn e fhéin cha bu chòir gu’m b’ urrainn an t-uachdaran stad a chur air.
“A thaobh nationalisation, tha slaic mhath de’n chroitearachd mar sin a cheana. Tha Rùnaire na Stàit a riaghladh troimh Roinn an Aitich ’s an Iasgaich an iomadh cearnaidh de na seachd siorrachdan agus tha na croitearan a faighinn beagan iomall air a sinn. Ach chan eil mi de’n bheachd gu bheil priomh-chòir aig stàit no uachdaran air an fhearann. ’Sann tha chòir sin aig a chroitear a rinn croit de shliabh lom le fallus gruaidh is móran spàirn”.
title | Iain Murchadh MacMhaoilein, Leodhas |
internal date | 1974.0 |
display date | 1974 |
publication date | 1974 |
level | |
reference template | Iain Murchadh MacMhaoilein in Gairm 87 %p |
parent text | Lagh na Croite – Corra Bheachd |