[206]

Seonaìdh MacLeoid, Na Hearadh

Mar a tha cùisean timcheall seo, chanainn-sa nach robh achuid as motha buileach leis alagh ùr a bha naConservativesan dùil a thoirt a-staighbha iad asmaoineachadh gu robh e car fosgailte. Tha feadhainn an seos chan eil ùidh aca ann an croitean agus dhfhaodadh iad an reic, ’s dòcha, ri daoine nach cumadh achroit adol. Dheanadh seo milleadh air bailtean chionn mar a dhfheumas daoine an obair—grazings committees,faingeana dheanamh còmhla.

Tha achuid mhór asmaoineachadh gu feumadhclausea bhith ann gus am biodh e comasach donSecretary of State—no an Coimiseanstad a chur air a leithid sin a ghnothaich. Can, nan tigeadh duine lecheque booká Lunnainn bhiodh e -choltach gu faigheadh esan croit airson a bhith ann seachdain no dhà anns abhliadhna. Ach tha daoine toilichte gu leòr cothrom fhaighinn an croit a reic ri fear a bha dol a dhfhuireach inntes adol ga h-obrachadh.

Tha feadhainngu h-àraidh shuas taobh Leódhuisairson gu faodadh iad croitean a cheannach gun riaghailtean—restrictionssam bithgum biodh iad dìreach mar uachdarainach tha achuid as motha an seo airsonma dhfhaodas daoine an croitean a cheannachgum bi srian air choireigin ann.

Tha e duilich dealbh cheart fhaighinn ach chanainn-sa gu bheil mu 80per centde na daoine an seo fàbharach cothrom fhaighinn an croitean a cheannachaig suim reusanta.

BhaUnionna Croitearan ag iarraidh gun ceannaicheadh màl fichead bliadhna achroit. Tha mise den bheachd gur e sin an dòigh as fheàrr.”

titleSeonaidh MacLeoid, Na Hearadh
internal date1974.0
display date1974
publication date1974
level
reference template

Seonaidh MacLeòid in Gairm 87 %p

parent textLagh na Croite – Corra Bheachd
<< please select a word
<< please select a page