Mairead Nìc a’ Phearsaìn, an t-Eilean Sgìtheanach
“Bha mise uile gu léir an aghaidh a’ lagh ùr a bha naConservativesan dùil a thoirt a-staigh. Chuireadh e prìs eagalach air na croitean. Bha bruidhinn an toiseach air gu robh prìs gu bhith air a h-ainmeachadh anns a’ lagh ach faodaidh iad a-nise, a réir choltais, prìs sam bith a thogras iad iarraidh orra. Agus tha prìsean fearainn a-nise uabhasach àrd. Carson a bhiodh sinn a’ cur fiachan mar siud oirnn?
“Tha a’ Labour Partyag iarraidh gun ceannaicheadh an Stàit na fearainn—cha bhiodh oighreachd idir ann ach
“Anns a’ cheann seo de’n Eilean ’sann leis a’ Stàit—anDepartment of Agriculture—a tha na croitean uile. Nise, ann an Sléibhte, far a bheil oighreachd fhathast, chan eil an diugh ach aon sgoil—tha trì no ceithir air dùnadh leis mar a tha a’ sluagh a’ falbh—ach an seo a-bhos ’sann a tha a’ sluagh a’ fàs lìonmhor.
“Faodaidh sinn rud sam bith a dheanamh—chan eil a’ Stàit cruaidh idr oirnn. Faodaidh sinncaravan siteno leithid sin a dheanamh—cho fad’s a chumas sinn rud beag fearainn airson obrachadh.
“ ’Se an aon rud a tha ceàrr—ma tha duine a’ fàgail chan eil e faighinn gu leòr ach gabhaidh sin leasachadh gun na croitean a cheannach.
“Carson a bhiodh sinn a’ pàigheadh nan uachdaran co-dhiùbh ’s gun iad air càil a dheanamh ris an fhearann?”
title | Mairead Nic a’ Phearsain, an t-Eilean Sgitheanach |
internal date | 1974.0 |
display date | 1974 |
publication date | 1974 |
level | |
reference template | Mairead Nic a’ Phearsain in Gairm 87 %p |
parent text | Lagh na Croite – Corra Bheachd |