BUIDSEACHD IS DIOMHAIREACHDAN EILE
leis an Urr. IAIN MACAONGHUIS
THA sinn an diugh nas foghluimte na ar n-athraichean, agus bithidh daoine a’ deanamh beagan sealltainn-sìos air cuid de chreidimhean na linntean a dh’aom. Gu h-àraidh, cha bhi sinn a’ gabhail móran suim do naidheachdan mu bhuidsichean is gnothaichean mì-thalmhaidh eile. Ach aig an aon àm, nach eil sinn gu tric a’ faighinn taitneachd is cuis-eagail ann an nithean os cionn nàduir? Nach do leugh sinn anns na pàipearan o chionn ghoirid gu robh buidheann de dhaoine sean is òg, fir is mnathan, a’ cleachdadh a bhi a’ frithealadh an ‘aifrionn dhubh’, is e sin adhradh do’n diabhal, beagan mhìltean a-mach á Dun-eideann? Na cuireadh sin cus ioghnaidh oirnn. Bha al leithid sin a’ tachairt anns gach linn. Sgrìobh Iain Buchan ùrsgeu mhath mu sgìreachd àraidh air Galldachd, do’m b’ainm“Witchwood”. Bha earrann de’n t-sluagh, eildearan diadhaidh air an ceann, air an tarraing a thaobh le buidseachas. Ag adhradh Dhé anns an eaglais air an t-Sàbaid agus a’ deanamh umhlachd is ìobairt do’n Diabhal ann an coille uaigneach mu mheadhoin oidhche. Bha brod na fìrinn anns an ùrsgeul. Is e a’ cheist, dé tha a’ gluasad dhaoine measail, glé choltach ri muinntir an latha ’n diugh, chum a leithid seo de chlaonadh? Gun teagamh, tha sinn uile buailteach a dhol air seacharan. Chuala sinn an fhìrinn sin tric gu leòr. Ach carson tha daoine a’ dol air faontradh air a’ cheart dòigh seo? Tha mi smaointinn gu bheil earrann dhìomhair de ar nàdur a tha acrach airson eòlas mì-thalmhaidh, a tha faotainn aig an aon àm toileachas agus uabhas ann a nithean folaichte an dorchadais. Agus bha is tha daoine ann, fir is mnathan, aig a bheil an comas an co-chreutairean a thàladh ás an deidh chum nithean toirmisgte a rannsachadh.
An dràsda ’s a rithist, bithidh an saoghal a’ cur ás leth duine àraidh gu bheil cumhachdan mì-nàdarra aige, gun aon fhios aige fhéin air beachdan a nàbaidhean. Dh’éirich is sgaoil am fathunn gun do dh’
Mu dheireadh na h-ochdamh linn deug, fhuaireadh cnapach de bhalach mu aois chóig bliadhna dheug marbh ann am bad aonaranach faisg air Beul na Trì Allt(Fairy Bridge). Bha na lotan air a chorp a’ nochdadh gum b’e mort a bha ann. Có na ciontaich, no carson an gnìomh oillteil? Nam biodh Barlow agam ri’m thaobh, dh’fhaodadh gum fuasgladh e an tòimhseachan gu grad. Ach seo mar a mhìnich muinntir Bhartarnis a’ chùis. Bhuineadh am balach do Bhatarnis, agus bha am fuaim a’ dol gu robh comunn bhana-bhuidsichean glé bheothail anns an àite, agus gum b’iadsan a bu mhàthair-aobhair de thachartasan mì-shealbhach, galair anns a’ chrodh, bàthadh a-measg nan iasgairean, euslaintean gun dùil a-measg dhaoine òg, làidir. B’e balach rannsachail, tuigseach bha anns a’ ghille. Air dha bhi aon oidhche air turas ann an Gearraidh, taobh tuath Bhatarnis, mhothaich e solus ann am bothan a bha fàs. Thionndaidh e a thaobh a choimhead dé bha dol. Sheall e a-stigh air an uinneig bhig. Bha crùisgean a’ toirt solus do’n rùm. Air an làr, bha mias uachdair, agus trì chait dhubha a’ sàsachadh an acrais; is bha rudeigin ’nan cruth a bha a’ cur ’na chuimhne trì sheann mhaighdeanan mu’n robh cagarsaich a’ dol gun robh iad a’ gabhail gnothach ri dìomhaireachd mì-thalmhaidh. Chuir an smaoin crith air, is air dha gluasad, gu mì-fhortanach, rinn e fuaim beag. Chual e aon de na cait ag ràdh: “Tha sinn air ar brath”. Chaidh an solus a chur ás. Rinn an gille air a dhachaidh gun dàil,
Chruinnich faoin-sgeulan neònach timcheall an t-ainm aig Iain Garbh Mac ’Ille Chaluim, triath Ratharsaidh, esan a chaidh a bhàthadh faisg air cladach sear Thròndarnais anns a’ bhliadhna 1672. Gaisgeach gun cho-ionnan ’na linn, laoch òg foghainteach, bha a chliù mar churaidh sgaoilte fad is farsaing air feadh na Gaidhealtachd. An urrainn sinn reusan talmhaidh a lorgachadh carson a lean a leithid de sheanchas buidseachd a bheatha is a bhàs?
A réir coltais bha nàimhdeas aig cumhachdan an dorchadais ris, agus bha nàimhdeas aige-san riutha-san. Bha a fuath uabhasach, Colainn gun Cheann, a’ deanamh sgrios ann a Mòrar Bha dlùth chàirdean aig Iain Garbh anns an dùthaich sin. Chuireadh brath g’a ionnsaigh a’ guidhe air tighinn agus cobhair a thoirt dhaibh. Dh’fhàg e Ratharsaidh is thug e Mòrar air. Dh’innseadh dha gun robh am fuath a’ deanamh a ghnìomharan oillteil far an robh an rathad a’ leantainn a’ chladaich. Aig ciaradh an fheasgair, dh’fhàg Iain Garbh a chàirdean agus chuir e aghaidh air an uabhas. Air nochdadh do’n nàmhaid, bha an gleac nimheil is mhair e fad dhorchadas na h-oidhche; ach mu’n chiad solus, fhuair Iain Garbh làmh-an-uachdair, is theich Colainn gun Cheann, a’ caoidh ’s a’ caoineadh gu tiamhaidh. Chan fhacas tuilleadh an t-uabhas am Mòrar bheannaichte. A nis, chan
A’ teannadh nas dlùithe ri ar linn fhéin, tha cuimhne agam air iomradh a bha a’ dol anns a’ ghleann is mi ’nam phàisde. Tha sin còrr as trì fichead bliadhna air ais. Bha e cumanta gum bitheadh daoine cràbhaidh a’ dol air turas chum òrdaighean comanachaidh. Cha shaoileadh iad air fichead mìle ach sgrìob laghach. Choisicheadh iad à taobh an iar an Eilean Sgitheanaich, agus sheòladh iad á Leódhas
Chuir an coigreach stad orr, is sgraing bhagrach air a ghnùis: “Tha sibh an dùil a dhol gu comanachadh Shniosort, nach eil. Tillibh dhachaidh, tha mise ag ràdh, neo bithidh e nas miosa dhuibh”. Dhiùlt iad gu ciùin modhail, agus air dhaibh dìmeas a dheanamh air a mhaoidheadh, rinn am fear dubh ionnsaigh nimheil orra. Chuir na foirfich an earbsa an cobhair an Tighearna, agus ged a bha chòmhrag teagmhach car ùine, nuair a dh’éigh iad air an ainm naomh, chuir am fear dubh a chùl riutha is chaidh e á sealladh. Ach dh’fhàg e patan liath-ghorm air an aodann agus dochannan cràiteach air am bodhaig. Chum iad air adhart agus fhritheil iad an comanachadh is nochd iad an creuchdan mar fhianuis nuair a dh’aithris iad an sgeul. Ciamar a thuigeas sinn an gnothach seo? Tha aon nì soilleir. Ma chreideas sinn gun d’fhuiling na foirfich dochannan corporra, cha b’e gleac spioradail a-mhàin a chathaich iad. Tha fhios againn gum b’àbhaist do na h-athraichean diadhaidh anns a’ Ghaidhealtachd a bhi an còmhnuidh a’ strì is a’ cogadh an aghaidh nàimhdean spioradail. Bha cuid dhiubh a’ cur teagamh ’nan slàinte spioradail fhéin chionn nach robh iad riamh ann an gleann dorcha sgàil a’ bhàis agus nach d’fhairich iad ’nan anma an cogadh cràiteach air an tug na naoimh cùnntas mionaideach. Cha robh na h-athraichean diadhaidh aineolach air cuilbheartan an Nàmhaid, agus bhitheadh iad a ghnàth a’ riasladh ri buairidhean, ri teagamhan, ri ás-creidimh, ri dìobhail misnich. Air uairibh, bhitheadh an strì cho dian is gun saoileadh iad gum b’e tachartas corporra a bh’ann. Nach robh an duine naomh measail sin, Iain Porteous, ministear Chille Mhoire Sear, a’ marcachd le companach aon lath, nuair a mhothaich iad gu robh cù beag dubh gan leantainn, is a’ diùltadh am fàgail. B’e Mghr Iain a thuig gum b’e an Nàmhaid mhór fhéin a bha còmhla riutha ann a riochd a’ mheasain. Bha esan eòlach air clichdean an deamhain
Bitheadh gach neach suidhichte ’na bharail fhéin. Eadhon an diugh, ged a tha sinn foghluimte thairis air ar n-athraichean, tha fhios againn go bheil cuibhrionn de ar nàdur aoigheil do shaobh-chràbhadh, agus ged nach eil sinn a’ toirt fìor chreideas do bhuidseachd is do thaibhsearachd is do eòlas aognaidh na sgoil-dhuibhe, bheir iad beagan crith oirnn fhathast, crith anns a bheil taitneachd. Anns an naidheachd a thug mi dhuibh mu’n dà Dhaileach, faodaidh sinn a chreidsinn gun robh strì spioradail ’nan anma, cho dian is gu’n do shaoil iad gum b’e cath corporra a bh’ann. Faodaidh sinn a bhi de’n bharail gun d’éirich comhstri eatorra mu phuingean diadhaireachd, agus gun do thionndaidh briathran gu buillean, agus gum b’e an dùirn fhéin a dh’aobharaich na patan gorm air an aghaidh. Fàgaidh sinn mar sin e. Chan eil mise a’ cur móran earbsa anns na faoin-sgeulan mu bhuidseachd is an sgoil-dhubh. Chan fhaca mi taibhse no tannasg riamh. Ach na deanamaid dìmeas idir air na seann sgeulachdan. Ma rannsaicheas sinn, dh’fhaodadh gu faigh sinn criomag de’n fhìrinn ’nam measg.
title | Buidseachd is Dìomhaireachdan eile |
internal date | 1974.0 |
display date | 1974 |
publication date | 1974 |
level | |
reference template | Iain MacAonghuis in Gairm 87 %p |
parent text | Gairm 87 |