EOLAS AIMSIR (3)
le D. A. MACGILLEATHAIN, STAFAINN
Aontaichidh mòran ris a’ bheachd gur miosaStatisticsna an tulabhreug. ’Si casaid cuid eile gun dearbhar tionnsgal sam bith le àireamhachd. Tha raon rannsachaidh na h-aimsir cho fìor fharsaing agus na riaghailtean cho do-chomharraichte agus gur leisg leat earsba ri beachd àraidh seach a chéile. Tha e coltach ri cuairt fhada troimh mhòinteach bhriste air oidhche dhorcha ’s gun ach biùg beag anns a’ lòchran. A dh’ aindeoin gach innleachd is uidheamachadh, ged a tha adhartas mór a’ tighinn leis gach bliadhna, tha caochlaideachd nan sian mar iarna ròpailte.
Tha cuislean is camaidhean ann an riaghailtean na h-aimsir ach chan eil a’ bhuille cunbhalach na an seòladh cothrom. Ach coma de na leisgeulan!
Tha greis o chuir luchd-àraich sheilean beachd air gun robh na cìrean-meala na bu tomadaiche aon bhliadhna ás na h-ochd. Bhiodh mil pailt an deidh samhradh tioram, grianach agus blàthan aig feabhas. Thachair seo ann an 1947, 1955 agus 1963, ach cha robh an samhradh 1971 cho fìor mhath ri càch. Bha samhradh 1951 agus 1967 na bu ghrianaiche na aon dhiubh sin, agus ma chuireas sinn 1959 (samhradh math eile) eatorra, feumaidh gu robh na seileanan trang dà bhliadhna ás na h-ochd.
Chuir mi fhìn beachd air gu robh gu tric ceangal eadar truimead uisge faisg air gach sia bliadhna deug (2x8), a’ dùblachadh cuairt na meala. Ach chan eil seo cunbhalach nas mò. B’e na trì geamhraidhean a b’fhuaire a bh’ ann o chionn faisg air ceithir fichead bliadhna air feadh Alba 1917, 1947 agus 1963 (an diofar: 30 agus 16 bliadhna). Chan eil sin fada mach agus cha robh geamhradh 1935 fad air deireadh. Tha cunntas nan samhraidhean as tiorma o chionn còrr is ceithir fichead bliadhna glé fhaisg air freagairt do’n bheairteachadh seo. An toiseach, an fheadhainn a bhiodh dùil ri bhith tioram: 1887, 1903, 1919,
Dh’ fheumadh e móran saothair agus ùine gu cladhach a-mach co-chòrdadh sam bith a dh’ fhaodadh a bhith eadar mìosan no ràithean àraidh thar nam bliadhnaichean ’s na linntean gu puing a dhearbhadh. Gun chul-taicecomputerbhiodh e cho mì-choltach ri fear le barra-roth a’ tòiseachadh air an drochaid ùr o Bhaile MhicPhàil gu Beàrnaraidh na Hearadh.
Tha cuisle eile ann nach eil idir cho nochdte no ’s dòcha cho cudromach. Cha mhotha chaidh a dearbhadh fhathast le bheag de chinnt. Tha ceangal eadar seòl na h-aimsir agus àireamh nan spotan a bhios ri’n cunntas air aghaidh na gréine. Tha am breacadh seo nas pailte gach 22-23 bliadhna, agus tha e toirt atharrachadh—beag mo mór—air na tha tighinn thugainn de neart na gréine. Tha diofar aithnichte eadar àirde gach cuairt de’n bhreacadh seo, mar is math a chì sinn nuair a tha na fir-chlise aig àird am mire.
Thug feallsanach Gearmailteach ùine mhór a’ cnuasach eachdraidh sìde air taobh siar na Roinn Eòrpa feadh suas ri 900 bliadhna. B’ainm dha Bruckner agus bha esan de’n bheachd gu robh an t-sìde ag atharrachadh an taobh a-stigh de chóig bliadhn’ deug thar fhichead. Fhreagair an dealachadh seo air geamhraidhean fuara: 1860; 1894; -95; 1929-30 agus 1964-65.
Bhiodh a’ chùis na b’fhasa nam biodh cuibhle na h-ochd a’ fuireach air ghleus mar seo: —8:16:24:32. Chan eil cùisean cho réidh sin. Fiach: —8:16-17:22-24;32-35. Cha bhi thu bharr trì bliadhna ceàrr co-dhiùbh, agus tha prìneachan saor neo-ar-thaing V.A. T. Mur a dean i Eige dheth, nì i Arasaig dheth.
Tha dà nì sònraichte aig am bheil buaidh air teas no fuachd nan samhraidhean againn. An toiseach, dé cho pailt no cho fada deas ’s a tha iomall na deighe faisg airIceland ,agus dé cho fuar ’s a tha an sruth a tha tighinn a-nuas ri cladach Labrador. Nuair tha oir na deighe fada mu dheas bidh e buailteach gum bi samhradh (no geamhradh) nas fuaire am Breatunn. ’Se dh’fhàg an samhradh a’ bhòn-uiridh cho fìor fhuar gun tainig móran de na beanntan-deighe na b’fhaide deas na b’àbhaist an deidh aiteamh an earraich sa’ Chuan Arctic. Dh’-
Aig toiseach na bliadhna 1970 bha còmhdach deighe na mara mu thuath na b’fhaisge oirnn na bha i o chionn ceud bliadhna. Tha luchd-eòlais ag ràdh gu bheil an clogad deighe a tha mu chridhe na h-àirde tuath a’ fàs nas truime agus gu bheil geamhraidhean fuara romhainn: ach, air taobh an fheabhais, bu chòir na samhraidhean a bhith nas grianaiche. Thainig greis cho blàth ’s a bha am Breatainn bho chionn cheudan bliadhna gu crìch goirid an deidh 1940. Anns na trì samhraidh 1933-35 bha am blàths thar a chéile anns na h-Eileanan aig 59.4o. Troimh na ceart mhìosan ann an 1970-72 bha a’ chunntas sìos gu 55.7o. Ach is còir a ràdh gu robh na tri geamhraidhean mu dheireadh fada na bu bhlàithe na chleachd.
Canar gum pàigh Nàdur a cuid fhiachan. Tha na stràcan farsaing, fada air iomairean tìm is aimsir, ach tillidh iad gu ceann na sgrìob. Gus an tomhais sinn an t-astar, an leud is an neart, cha chinnteach leinn cuin a thòisicheas an spealadair air an ath chuairt. Innsidh speuradairean dhuinn—gu na mionaid—cuin a bhios ball-dubh air gréin na gealaich ceudan bliadhna mun tachair iad, ach có dh’innseas le cinnt dé ghnè aimsir a bhios ann Oidhche Shamhna seo tighinn?
Latha math leibh agus gach oidhche socair.
title | Eòlas Aimsir (3) |
internal date | 1974.0 |
display date | 1974 |
publication date | 1974 |
level | |
reference template | D. A. MacGillEathain in Gairm 87 %p |
parent text | Gairm 87 |