[279]

An Sgeilp Leabhraichean

Aonghas Caimbeul, A’ Suathadh ri Iomadh Rubha

Gairm 1973 £1.80

Tha còrr agus deich bliadhna fichead ann o thuirt fear ás an Apainn, nuair a bha bhàrdachd aig Somhairle Mac Gill-eain is aig Deòrsa Caimbeul Hay ùr nodha, gur e seo am boillsgeadh gréine ma dheireadh a chìte air speur na Gàidhlig gu bràch. An déidh seo bhiodh latha nan Gàidheal seachad. Saoil theireadh an duine sin an diugh, na robh e beò?

Stoc achànain asìor chnàmh gun teagamh, ach an litreachas asìor chraobhadh, chan ann asìor thighinn fo bhlàth an ciaradh an anmoich a thachras a leithid sin idir. Chan agradh ach duine gun bhreithneachadh gu bheil gach leabhar ùr a tha tighinn on chlò dhan an aon fheabhas, ach tha dha-na-trì air nochdadh o chionn ghoirid a mhaireasnan comharran-crìche fhads a bhios cuimhne oirnn mar shluagh.

Tha mise meas an leabhair a tha seo air fear dhiubh: ri linn sin, acur Aonghuis Chaimbeil á Nis an Leódhus san aon sreath ri Mac-Mhaighstir Alasdair is ri Donnchadh Bàn mac an t-Saoir, is ri gach ùdar Gàidhealach eile dhan t-seòrsa aca sin a leag stéidhean ar litreachais.

Go ruige seo, cha do sgrìobh aona Ghàidheal Albannach eachdraidh a bheatha fhéinna chànan fhéin. Tha sin againn a-seo a nise (a thainig do Chomunn nan Leabhraichean Gàidhlig) agus is math a bfhiach i fuireach rithe. Ga nach biodh ann ach na thainig air crannchar an duine, na chunnaig is na chuala is na shiubhail e, is mar a thachair an saoghal ris, bu mhór an beud nam be is gun deach sgeul a bheatha air chall.

Rugadh an Puilean, mar a theirear ris aig baile is bhuaidhe, anna Suaineabost Nis an 1903. Nuair a bha e ceithir bliadhna deug a dhaois, thog an teaghlach air falbh a Bhearnaraidh na Hearadh, far a robh


[280] athairna mhiosionaraidh san Eaglais Shaoir. An déidh dha bhi trì bliadhna am Bearnaraidh, ri buachailleachd is eile, chaidh e go chosnadh a dhEilean Easaidh aig na Stiùbhartaich, meur do dhfhine uasal á tir-mór aig a robh Gàidhlig. An 1924 ghabh ena sheòladair air na yachtaichean—“cuckoo sailormar a theireadh maraichean achuain-mhóir ri a leithidach a bharrachd air còrsaichean Alba fhaicinn rainig esan an Fhraing is an Eadailte. Thainig an uairsin fiaradh neònachna shlighe (le leibideas, a réir agalladh fhéin) agus ghabh e san Arm Cheangailte. Bha aonta seachd bliadhna air; chuireadh a-null dha na h-Innsean e; bha e ann an cogadh an aghaidh nam Pathans. Fhuair e ma sgaoil an 1931, fo eòlas chóig bliadhna eile agus duais fichead not sa bhliadhnana lùib. A chionns go robh an t-airgead gann, dhaontaich e ri sin a shìneadh a cóig eile rithist, ann an 1936. ’Se bun a bhann gu robh e air fear dhan cheud fheadhainn a thogadh dhan arm nuair a thòisich an Cogadh an 1939. Ach chan e sin innse na sgeòil. Ann am blàr St. Valery rinneadh prìosanach dheth; cuide ri iomadh fear eile chaidh iomain dha chois, latha an déidh latha, pàirt dhan astar is e ann an cràdh puinnseanachaidh o dhroch bhiadh, a-mach ás an Fhraing, troimh Bhelgium agus a-steach dhan Olaind. Theich e orra a sin; ghlacadh a rithist e; gos ma dheireadh thall gun dainig an t-slighe go ceann am Poland. Sin far a robh e gos a robh an cogadh go bhi seachad ach tha fàitheam a bharrachd ga chur ris an stòiridh an uairsin. Nuair a bha na Ruiseanaich adlùthachadh air achàmp aca, dhfhalbhadh leotha rithist, air aChoiseachd Fhada, mar a thaige fhéin oirre; agus abair coiseachd. Tha map aige sa leabhar is e sealltainn mar a ghabh iad; á Poland go ruige am Baltic; an iar is a deas seachad air Hildesheim, agus a sin an ear cho fada ri Magdeburg. ’Sann a sin a thainig na h-Amearaganaich orra. Eadar laigead aphrìosain agus tinneas agus allaban na slighe uabhasaich a bha sin: “Cha mhór gun robh spiol feòla air chnàmh oirnn. ’Se slochdan a bha an àite cruinne nam màsan agus cha robh air achalpa ach craiceann slibiste air nach robh iosgaid ri lorg”. An déidh dha gach duilgheadas a dhol seachad, thill Aonghas Caimbeul a Leódhus agus sin far a bheil a dhachaigh an diugh. Phòs e air abhliadhna 1933 is thog e fhéin is a bhean seachdnar a theaghlach.

Sin, ma thà, taisean na h-eachdraidh seo. Mar a thubhairt mi, dhfhoghnadh na thachair dhan ùdar gos leabhar inntinneach ùiseil a chur ri chéile. Ach sann a tha mathas na h-obrach a tighinn á inntinn is á meanmhain an sgrìobhadair. ’Se bàrd a thann, do theaghlach


[281] anns a bheil bàrdachd aruith, roimhe-san is ás a dheaghaidh: chuir e mach leabhar bàrdachd e fhéin o chionn bhliadhna. Tha bhreithneachadh geur, tha chuimhne làidir, chan e beachdan dhaoine eile a tha e cur an céill air puing sam bith a thogas e. Agus is aithne dha aGhàidhlig. A dhuine chridhe, mara h-aithne dhà-san sin! Tha chainnt a tha e cleachadh air a stéidheadh air Gàidhlig Leódhuis, ach tha i air a cothlamadh is air a meudachadh. Tha Gàidhlig aBhìobuill is leabhraichean eile san deilbh; a siod is a seo thig thu air Gàidhlig na Hearadh— ‘Tha mi an dòchastha e rádh, ‘nach bu mhisde mo Ghàidhlig riamh ionaltradh a bhi aice air thaobh agharradh-crìche’, is gu dearbha chan eadh; cainnt àiteachan eile cuideachd, is dòcha; agus chan eil athadh sam bith air romh ghnàs Beurla ma shaoileas leis gu bheil e riatanach sin a chur a sàs. Tha seo uile gun teagamh afàgail na Gàidhlig aige gu math toirteil, ach tha sgoinn na h-inntinn ga cumail siùbhlach; ’sann ainneamh a chuireas i mhaill as lugha ort.

Mar a dhfhaodar a thuigsinn, tha an stòiridh cho annasach dhi fhéin gu bheil e an ìre mhath do-dhèanta dhut an leabhar a chur sios aon uair is gun tog thu e: cha be cadal na h-aonoidhche chaill mise air a sgàth idir agus mi nise air a leughadh trì uairean. Ach an rud as mutha thogas inntinn an leughadair, ’se seo: gu bheil fiosrachadh aige fad na h-ùine gu bheil e gluasad anna saoghal Gàidhealach co-dhiùbh sann an Leódhus a tha e no thall sna h-Innsibh, no an càmpa nan Gearmailteach. Tha sin fìor fiù is go ruige na naidheachdan beaga éibhinn a thachras riut air gach trotha. Their cuid gu bheil cus dhiubh ann. Faodaidh gu bheil, ach boinidh an fhealla-dhà seo do dhinntinn an ùdair a cheart cho cinnteach is a bhoineas amhisneachd a chum beothail aigne anns gach gàbhadh sa robh e; is chan eil a h-aon dhe na buadhan sin dad nas dlùithe dha nàdur na tha am breithneachadh cruaidh, neoeisimeileach a tha deàrrsadh tron t-seanchas aige o thùs go éis. A chùl air sin, se naidheachdan goirid (biodh iad éibhinn no tiamhaidh) air tachartas an t-saoghail cuid mhath dhar beulaithris bheò an diugh, is chan è Eachdraidh na Féinne, fiachail is gu robh sinna latha isna àite fhéin.

A réir a theiste, ’se am Puilean a chuir air bhonn acheud fhear dhe na taighean iomraideach ris an canar naBothain”. Tha e ag innse mar a bha iad gun taigh-céilidh, ri linn is mar a dhatharraich cleachdadh na dùthcha, is mar a chuir iad rompa bothan céilidh a thogail far am biodh cead is cothrom cluiche againn gun dragh do dhaoine eile . . . . . . ’na thaigh-céilidh do neach sam bith a thigeadh ann! Se sin a bhann cuideachd


[282] , an toiseach, ‘gus na rinn na mic stròdhail gràinealachd dheth’. Tha aithreachas gu leòr air an diugh dha thaobh, is chan eil e ga chleith, oir boinidh e dha bhi cheart cho cruaidh, agus tric nas cruaidhe, air fhéin na tha e air daoine eile. Gu dearbha, chan eil cuimhne agam gun dug mi an aire air feadh an leabhair gu 1éir do dhaon suidheachadh sa bheil e gabhail a leithsgeul fhéin.

Tha e cruaidh air an eaglais. Chan ann le cròic feirg is aineolais nach biodh doirbh a chur an dàrna taobh, ach gu fosgarra duineil adaingneachadh gach cùis a tha e togail. Chan eil e idir dhan ghnè a bhios adiomoladh achreideamh air aGhàidhealtachd, no an Alba, is acur an ìre gu bheil staid gach cinneach eile iomlan taghta. Fhaic na thaige ri ràdh ma na h-Innsean. Tha e toirt iomadh slaic is roiseadh air an fhuar-chràbhadh a tha dol a réir a bheachd-san, an aghaidh spiorad an t-soisgeil. Cha doir seo oilbheum do dhuine sam bith nach eil dhan fheadhain a dhiarradh clos a chur air rèiteachadh nan ceistean cudromach sin fa chomhar an t-sluaigh. Ach tha na h-uimhir dhan t-seòrsa ann, air gach taobh. Molamaid fosgarrachd an duine seo nach cleachd beul-brèagha; molamaid cuideachd e air sgàth is nach ann á sgairte-falaich a tha e losgadh nan urchraichean.

Tha naidheachd car smaoineachail aige air ministearsoisgeulachaig àm aChogaidh Mhóir a bha teagasg gu robh bàs sachogadh, air sgàth Bhreatainn, ’na bharantas air dorus fosgailte gu Pàrras. Soisgeul na h-ìmpireachd. Ach ma choinneamh sin tha iomradh tairis aige air leithid Mhgr. Ruairidh MhicLeòid . . . . ‘Is fhada bhios cuimhne chùbhraidh air ann an Sgìre Nis’.

Uaireannan gheibh thu binn gun lethbhreith agus fealla-dhà aige còmhla air an snìomhna chéile. Ag innse man taigh-fhaire: ‘ ioghantach, nuair tha seann nòsan eile air an cur a thaobh, ’sann tha an deas-ghnàth tha seo asìor mheudachadh . . . Tha seanfhocal air fhìreanachadh an seo, gum bfhèarr dol ás an t-saoghal na dol ás fhasan, agus gu cinnteach tha an dol-ás air a ghlòireachadh an Leódhas gu mór seachad air an dol-ann’.

Tuigear nach gabh feabhas leithid seo do leabhar a chur an céill le cearb a shracadh as thall s a-bhos: feumar a leughadh san iomlan. ’Na dheaghaidh sin, mairidh rudan sònruichte cho beò, soilleir fa chomhair na h-inntinn is nach urrainn dhan fhear a leugh gun a bhi bruidhinn orra . . . AChoiseachd Fhada á càmpa nan Gearmailteach: tha sin cho math is a chaidh riamh idir a sgrìobhadh an Gàidhlig. Seòladh Caolas na Hearadh; an turus a dhfhalbh e fhéin is Dòmhnall


[283] Mór air oidhche ghailbheach BliadhnUire a dhiarraidh an Dotair Ros do thé a bha faisg air àm a h-asaid san eilean bheag iomalach sin; an turus eile a bha Dòmhnall abagairt air Dun-Arrain aleum leis an eathar, is mar a shàbhail iad! Bu toigh le Aonghus Caimbeul an seòl: ‘Bha an t-eathar fo a h-aodach is i sraonadh na mara dhòmhsana cheòl, ’na bhàrdachd bhalbh agusna dhùbhlan. Aig fulang a giùlan, i snaidheadh troimhn tonn, a cnagan beòil asgoladh air taobh an fhasgaidh, steall geal ri tighinn ort bho ghualainn an fhuaraidh, borbhain-cròmain fo a h-aisnean, cainb is uidheam air chrithean . . . ’San Arm Cheangailte: e fhéin is na Pathans ag èaladh air a chéile san dubh dhorchadas; achailleach mhór thomadach crom os cionn an teine, gun-oidhche do phoca-flùir oirre agusWarhorse Brand 140 lbssgrìobht air a cùlabh; am balach a thainig ás an Fhraing air fòrladh ri linn aChogaidh Mhóir: “Sann an déidh tighinn air tìr an Steòrnabhagh air an t-slighe dhachaidh . . . a chuala (e) gun deach an treas fear de bhràthraibh a chall. Leis nach leigeadh meud a bhròin agus a chlaoidh spioraid leis aghaidh a chur air an dachaidh, ’se tilleadh an oidhche sin air ais dhan trainnse a rinn e”.

Ach chan eil mi ach ataomadh achuain ri sìolachan. Bu chòir Suathadh ri Iomadh Rubha a bhi aig a chuile Gàidheal, Eireannach no Albannach, a leughas an cànan. Gheibh am fear a sin na dhiarras e do dhfhiosrachadh ma thaighean-dubha is ma bhainnsean, ma chor an t-sluaigh is a chleachdadh latha a dhaom; gheibh e cuideachd dealbh air saoghal Gàidhealach an latha an diugh; is gheibh e dealbh air saoghal nas fairsinge na sin. Seo agaibh teisteannas aon duine, le sealladh slàn, le bhreithneachadh fhéin isna bhriathran fhéin, acur an céill dhuinn na dhfhoillsicheadh dha riamh. Cha robh riamh roimhe a leithid againn.

IAIN MACAONGHUIS

titleAonghas Caimbeul, A’ Suathadh ri Iomadh Rubha
internal date1974.0
display date1974
publication date1974
level
reference template

Iain MacAonghuis in Gairm 87 %p

parent textAn Sgeilp Leabhraichean
<< please select a word
<< please select a page