[283]

Alexander Solzhenitsyn, August 1914. Air eadar-th. le Michael Glenny. Lunnaìnn 1973

Nuair a tha sinn ro mhath air ar dòigh leis na tha an luchd-sgrìobhaidh againn fhìn adeanamhagus tha greis bho nach robh a leithid a dhaobhar toileachais againn ann an Gàidhligs a thagainn na bliadhnachan seo— ’se rud math a thann tionndadh gu dùthaich eile, no cànain eile. ’Se rud math tha sin co-dhiù, oir chan eil aobhar aig an


[284] fhear-sgrìobhaidh a bhi air a chuingealachadh ri a dhùthaich fhéin: tha mion-fhaireachdainn an fhir-ealain an diugh air leudachadh mar a tha an saoghal air fàs beag agus cruinn fo bhuaidh an itealains an réidio agus fo bhuaidh ealdhain. Ach leudaichtes ga bheil e, agus fanns ga bheil cuid de na crìochan air fàs, tha feum aig an fhear-ealain fhathast air cànan, agus is dòcha dùthaich, ris a bheil e ceangailte, no co-dhiù far a lorg e bonn-stéidh.

Se bhi leughadh an leabhair aig Solzhenitsyn a thug orm smaoineachadh air na rudan sin, oir tha an t-ùghdar ainmeil Ruiseanach seo air gréim làidir fhaighinn air ùidh luchd-leughaidh ann an iomadh dùthaich, ach cha bhi duine leth-uair a thìde ga leughadh mus fhairich e cho ceangailtes a tha e don Ruis, gu bheil deagh phàirt den chumhachd aige atighinn á ùir na dùthcha sin. Tha e furasda dhuinn fhaicinn ged a tha luchd-riaghlaidh na Ruis ga chuingealachadh, nach eil e ag iarraidh air falbh. Mar a chunnaic sinn, thainig air falbh ás an Ruis mu dheireadh.

Tha an leabhar seo, August 1914, mar achiad earrainn de sgeulachd fhada, as bith cuin a chì sinn achrìoch aice. Ged a tha còrr is sia ceud duilleag ann, chan eil ach mu cheithir-la-deug adol seachad bho thùs gu éis. Ach leis an dòigh a thaige air sgeulachd innse, tha sinn gar toirt a dhiomadach àite anns acheithir-la-deug ud, agus am broinn iomadach inntinn, sean is òg, aotrom is domhainn, agus tha na tha sinn atogail ás na h-inntinnean sin gar toirt air ais ann an eachdraidh, agus gar sméideadh air adhart. Tha sinn afaicinn, chan e mhàin mar a chaill Ruisia achiad bhatal anns achogadh (Tannenberg), ach mar a dhubh an call sin cliù nan seann cheannardan agus cliù achlas dam buineadh iad. Agus aig an aon àm tha sinn afaicinn an t-saoghail ùir ga bhreith. Duine sam bith a leughCancer Ward, leis an ùghdar seo, bidh fhios aige gu robh rudan dorch anns a n t-saoghal ùr cuideachd. Chan epropagandatha aig an ùghdar seo, ach gleac gu math cruaidh ris an fhìrinn a leughadh.

Coltach ri Cogadh is Sith, le Tolstoy, tha an leabhar seo atoirt sgrìob fhada, is tha e acur thairis le luchd-compàirt de iomadach seòrsa. Tha pàirt den tuairisgeul anabarrach mionaideach, air dhòighs gu saoil thu gun aithnicheadh tu na craobhan is na trainnsichean nam faiceadh tu iad. Agus mus bi an leabhar mu dheireadh anns an t-sreath againn, saoilidh sinn, is dòcha, gun do thachair sinn ri sluagh Ruisia


[285] air fad. ’Se sin, air dòigh, a tha Solzhenitsyn afiachainn ri dheanamh: ri cràdh, is uaill, is teagamh, is buaireadh, is aoibhneas a dhaoine a ghlacadh anns an lìon as caraiche a chaidh a dheanamh fhathast leis achinne-daonnalìon fhaclan. Tha ena aobhar smuain agusna thogail inntinn is cridhe a leithid seo a dhoidhirp a leantainn.

R.M.T.

titleAlexander Solzhenitsyn, August 1914
internal date1974.0
display date1974
publication date1974
level
reference template

Ruaraidh MacThómais in Gairm 87 %p

parent textAn Sgeilp Leabhraichean
<< please select a word
<< please select a page