[209]

TIR NA GAIDHLIG ANN A LINN NA H-OLA

le RUARAIDH MACTHOMAIS

Tha sinn ann a suidheachadh annasach an dràsda a thaobh staid na Gàidhlig ann an Albainn. Tha aGhàidhlig, mar gum beadh, afàss acrìonadh aig an aon àm, agus a rèirs an t-sùil a bheir sinn oirre gheibh sinn shealladh dhi a tha glé ao-coltach ri chéile. Gheibh duine an shealladh sin ann an Eirinn cuideachd, far a bheil Gaeilge acrìonadh air taobh an iar na dùthcha agus nas trice air beul an t-sluaigh na shaoileadh tu an iomadh àite, oir thug na h-Eireannaich rud math de dhurram dhinan obair riaghlaidh, anns na pàipearans mar sin. Cha robh iad ga cumail a dhaon ghnothaich airson an Naoimh Pàdraig, ach ga cur ri daghaidh gach uair a thadhladh tu Oifis Puist no bus-áros.

Ach ged nach do rinn sinn an t-adhartas sin tha an aon seòrsa spioraid beò ann an Albainn. Tha e dhìth oirnn ar gnè nàiseanta fhìn a ghleidheils a dhìon, agusse an rud as motha tha toirt de dhòchas dhòmhsa an diugh gu bheil mi faicinn an dìth agus an iarraidh seo air sluagh na dùthcha againn. Tha móran ann an Albainn den bheachd nach fhaod sinn aGhàidhlig a leigeil bàs, air eagals gu leig sinn Alba bàs. Bu chòir dhuinn a bhi agabhail cothrom air achothrom sin.

Tha fios agam gu bheil móran dhaoine air Ghalldachd an diugh a tha ag iarraidh aGhàidhlig a ghleidheil. Tha stàit-sheirbheisich ann an Tigh an Naoimh Anndrais an Dun-Eideann a tha deònach cuideachadh leinn; Goill a dhiarradh tuilleadh Gàidhlig nar sgoiltean (agus seall an taice làidir a tha maighstirean-sgoile Gallda atoirt don Ghàidhlig an Steòrnabhagh agus air an Oban); luchd-sgrìobhaidh agus luchd-sgrùdaidh a tha acur fàilte air an litreachas ùr againn. Tha dùil agam gur h-ann nas motha bhios an gean seo afàs mar a bhios modhan riaghlaidh ag atharrachadh ann an Albainn.

Ach air a làimh eile tha an luchd-teagaisg (cus dhiubh) a chanas nach fhiach e an t-saothair tuilleadh, na pàrantan a tha cho dèidheil air foghlum anns nach bi lide de Ghàidhlig, na daoine air an cuireadh e masladh nan cluinnte abruidhinn Gàidhlig iad is daoine spaideil


[210] Beurla san éisdeachd. Na comhairlichean-siorrachd an Inbhir Nis a sheas cho daingeann an aghaidh na Gàidhlig (agus is mise rinn an toileachas nuair a chuala mi gun dfhuair pàirt aca cùl na còmhla).

Mar as trice, chan eil mise acoireachadh nan daoine a tha ag obair an aghaidh ar cànain mar seo. Tha fios agam gur h-ann tha achoire air an rian a thagainn, an rian anns a bheil sinn beò ann an tìr na Gàidhlig. ’Se an rian tha ceàrr, chan e na daoine. Agus ma chuireas tu daoine ann an lùib galair, chan eil math bhi préisigeadh riuthas gan càineadh a chionns gun do ghabh iad an galar. Mas e an rian tha ceàrr, chan eil air ach an rian atharrachadh.

Mus toir mi sùil air an rian sin, gu , tha mi airson beagan a ràdh mun ghleac a thagainn uaireannan eadar gleidheadh agus leasachadh no fàs. Chan eil mi asmaoineachadh an dràsda air aghleidheadh air am bi luchd nam pàipearans an T.V. abruidhinn cho tric: air aghleidheadh sin a tha acumail obair air falbh, acumail dhaoine bho bhi deanamh rudan anns an dùthaich aca fhéin, gleidheadh Ratharsaidh don Dotair Uaine, no taobh siar Rois do Wills, no taobh siar Chataibh do Vestey. Tha feum againn air sùil gu math biorachs gu math aognaidh a chumail air aghleidheadh sin, achse slaiceadh poiliticeach tha na daoine sin afeumachdainn. Achse thagam an dràsda gleidheadh de sheòrsa eile. ’Se sin gleidheadh a tha gu leòr asmaoineachadh a tha ceart is deatamach a thaobh ar dualchais. Tha iad ann a dhiarradh gach ann am beatha nan Gaidheal a bhi mar a bha e riamh, daoine a chumadh aGhàidhlig mar nàdur Clachain ann an Exhibition Ghlaschu, 1938. Tha iad ag iarraidh na h-aon òrain a bhi againn a chaoidh, gun sgàile-tionndaidh thighinn air abhàrdachd againn, daoine a bhi ag obair gun sgur air na seann sheanfhacails na tòimhseachain, ag innse nan aon sgeulachdan, acaitheamh an aon aodaich, ag adhradh an aon iodhal-adhraidhs a bhaca riamh. Tha gleidheadh glé mhath do dhaoine sgìthe, achs suarach cho maths a tha e mar phrionnsapal do dhuine tha airson a bhi beò anns an t-saoghal mhór. Tha gleidheadh math mar dhìon ach cha dean e cosnadh dhuinn.

Se rud cudthromach tha seo a thaobh foghluim. Bu chòir dhuinn a bhi air ar n-aire le rian foghluim a tha aleigeil a thaic ro mhór air gleidheadh, air an t-seann nòs. Tha barrachd feum againn air òrain ùra na thagainn air seann òrain, maths ga bheil iad. Tha barrachd feum againn air faclan airson ‘oil rig’ agus ‘compressor’ na


[211] airsoncas-chromaguscrùisgean’. Tha barrachd feum againn air sgrìobhadh fa chomhair an latha, no journalism, na air seann sgeulachdan. Chan e gu bheil mise cur an aghaidh ùidh a bhi againn ann an eachdraidhs ann an sgoileireachd, ach aon uairs gu stad cànan is litreachas a dhfhàs tha iad atòiseachadh abreothadhs acrìonadh.

Tha mi deimhinnte gun dean sinn feum nach beag don Ghàidhlig le bhi ga leigeil ma sgaoil bhon t-seann saoghal, agus gu h-àraidh le bhi leigeil le daoine òga crathadh math thoirt dhi, le bhi deanamh feum dhi son rudan a thair an aire is faisg air an cridhe.

Tha seo fìor cuideachd a thaobh ar n-obairs ar caithe-beatha làitheil. Le linn na h-ola, tha leasachadh mór adol a thighinn air aGhaidhealtachd: an taobh siar cho math ris an taobh an ear, Innse Gall cho math ri Sealtainn. Tha daoine ann fhathast a chuireadh an aghaidh seo, ach faodaidh tu bhi cinnteach nach eil obair a dhìth orra-san, no air an teaghlaichean. Co-dhiù, saoilidh mi nach gabhadh an obair ùr seo a mùchadh. Is dòcha gun gabh i srian is rian a chumail oirre. Ach is cinnteach gum bu chòir dhuinn a bhi cur fàilte air an obair ùir seo, leis achothrom fàis a thigna lùib, leis aghealltanas a thaice air cothrom a thoirt don òigridh fuireachnan dùthaich fhèin mas e sin tha iad ag iarraidh. Mura cuir sinn fàilte air abheatha sin chan eil againn ach a bhi acumha os cionn na ciste.

Ach ma thig obair na h-ola, is tuilleadh dhi, seòrsa smachd bu chòir dhuinn a bhi againn oirre. Ma theid sin fhàgail an urra ri companaidhean na h-ola, bheir iad luchd-obrach a-steach, togaidh iad bothain dhaibh, bidh ò1 is cearrachd is siùrsachd gu leòr ann, bheirear an ola gu tìr, reicear i, agus teichidh iad gu àite eile, afàgail lom-sgrios is daoine brùite ás an déidh. ’Se sin as ciall do dhobair na h-ola mura bi smachd oirr, as bith an tig aphrothaid gu companaidhean na h-ola no don Riaghaltas. ’Se tha dhìth oirnn obair a leanas, ola nach teirig ann am fichead bliadhna, agus gu seachd àraidh, an seòrsa riaghlaidhriaghladh ionadail no nàiseanta, no riaghladh a dhaon ghnothaich, riaghladh ad hoca ni planaichean le feuman na coimhearsnachd, uile fheuman na coimhearsnachd, san amharc. Chan eil e an comas companaidh ola seo a dheanamh: tha iad asmaoineachadh air am feuman fhéin, feuman an luchd-pàirt a tha ag iarraidh aon rud is aon rud a-mhàin, tuilleadh airgid.

Se an rians am plana bu chòir dhuinne bhi lorg, plana air a dheanamh le daoine tha faicinn gu bheil caochladh sheòrsachan coimhearsnachd saGhaidhealtachd, agus cuid dhiubh air an comharrachadh a


[212] thaobh cànain, agus gum bu chòir sin a chuimhneachadh, agus a thuigse. Bu chòir an obair a thoirt air aghaidh ann an dòigh rianail. Bu chòir tighean, is stansaichean thighean a chur an tairgse dhaoine leis achiad chothrom ga thoirt do mhuinntir an àite. Bu chòir gum biodh obair na h-ola air a tairgse an còmhnaidh anns na ceàrnan Gàidhlig do luchd na Gàidhlig, far an gabh seo dèanamh idir, an Sealtainn do na Sealtainnich, air achosta an ear do na Searaich. Anns achumantas co-dhiùchan eil mig ràdh gu feumten còmhnaidh cead a dhiùltadh do Shealtainneach a bha ag iarraidh tighinn a dhobair san Eilean Sgitheanach. Ma tha a leithid seo a phlana adol an aghaidh Achd nan Cinneach, bu chòir an t-Achd sin atharrachadh.

Agus bu chòir gun tugadh an olana cois leasaichidhean móra do shluagh dùthchail na Gaidhealtachd. ’S fhada bho chuala sinn mu linn an àigh a bha an Riaghaltas (seadh, an ath Riaghaltas) adol a thoirt chun na Gaidhealtachd. Chan e dìreach raon-cluiche do Phort-rìgh, no Dachaidh do na Seann Daoine air an Tairbeart. Chan eil mi ciallachadh dìreach rathad math bho depot na h-ola chun abhaile as fhaisge, seirbheis-adhair do dhurracha móra na h-ola, sgoil don cuid cloinne. ’Se tha dhìth orm coltas feabhais uile-thimcheall: ròidean-mònach nas fheàrr do na bailtean, meadhonan cur-seachad, leabhar-lannan, sgoiltean nas fheàrr, colaisdean son tuilleadh foghluim le cùrsaichean an teicnic na h-ola agus teicnic an iasgaich, agus anns na sgilean tha feumach do luchd-obrach eile, meadhanan airson ealain na Gàidhlig, cothrom nas fheàrr air iasgach is a leithid (far a bheil cus bhàillidhean is gheamairean acur bacadh air daoine), meadhon son beachdan nan Calbhineach a sgrùdadh, agus meadhanan son sgrùdadh beachdan nan Caitligeach agus creideamhan eile, meadhon son leabhraichean Gàidhlig a chlo-bhualadhs fhoillseachadh, musaem caitheamh-beatha an t-sluaigh, colaisde pìobaireachds a leithid sin.

Duine sam bith a chuireas air adhart beachdan den t-seòrsa sin, tha e dualtach gun tionndaidh daoine eile airs gun can iad nach eil an sin ach rudan gun seagh, rudansgireachail’, gu feum sinn a bhi faiceallach nach cuir sinn an t-eagal air na companaidhean ola bhochda a tha acaitheamh an uile mhaoin atoirt na h-ola ás achuan do Bhreatainn, no is dòcha gun cluinn thu feadhainn ag ràdh nach fhaod sinnmeigh nam pàidhidheana chur air uideal. Meigh nam pàidhidheanabair iodhal-adhraidh. Ach feumaidh sinne leantainn ris na beachdan againn fhìn, agus an craobh-sgaoileadh. ’Sann againne as


[213] fheàrr fios tha dhìth oirnn, is bhiodh iomchuidh, agus ma bhios sinn duineil gu leòr theid an leinn.

Mar a thuirt mi mar thà, ’se an rian riaghlaidh tha ceàrr, chan e na daoine tha beò fon rian sin. Tha an rian riaghlaidh sin air a riochdachadh dhuinn ann an grunn dhòighean: (achiad dòigh) tren Riaghaltas, a tha fad air falbh, adeanamh nan laghan gun a bhi atuigsinn gur h-e àite air leth a thann an tìr na Gàidhlig, le feuman air leth; a rithist tha an rian riaghlaidh ag obair troimh sheirbheis na Stàit, troimh na cùirtean, troimhn lagh; agus a rithist, troimh na seirbheisean foghluim. Agusse sin na rudan a dhfheumas sinn atharrachadh. Ma tha duine ann a tha ag obair le uile chridhe anns na riantan sin, chan eil fhios agam a bheil móran feum ann do luchd na Gàidhlig. Ach tha gu leòr tha ag obair annta, agus alàn thuigsinn ciamar a tha iad ag obair, agus faodaidh iad sin feum mhór a dheanamh dhuinn. Agus tha feum againn air daoine a thuigeas ciamar a ghabhas an rian atharrachadh, agus ciamar a ghabhas rian nas freagarraiche a dheilbh.

Bu chòir dhuinn toiseachadh gun dàil adeanamh nam poilisidhean ùra a tha gu bhi freagarrach do shluagh na Gàidhlig. Poilisidh airson luchd-obrach a tha siubhal bho àite gu àite, gus dìon a thoirt don choimhearsnachd, ’s do chànan na coimhearsnachd, anns am bi iad ùine gheàrr; poilisidh son sgoiltean a tha a cheart cho bàigheil don bhaile bheags do rian na tuathas tha e don ard-sgoil; poilisidh air mar a bu chòir Gàidhlig a chleachadh gu follaiseach, air postairean, air togalaichean, an ainmean shràidean is ròidean, air litricheans mar sin air adhart. Agus an uair a tha gach poilisidh deiseil againn, bu chòir dhuinn a dhol a-mach air an t-sràid leotha, agus a-steach do chomhairlean sgìreachd is do chomhairlean nam mór-roinn; bu chòir dhuinn an cur an céill tre gach meadhon a thann. Agus bu chòir dhuinn comharradh a chur air duine sam bith a tha cur an aghaidh ar cainnts ar dualchas air aGhaidhealtachd. Ma tha tighean-òsda aca, rachamaid a dhfheadhainn eile, ma tha garaids aca theirigeamaid don ath bhaile. Ma iad motharnan guthan coimheach air na comhairlean againn bu chòir dhuinn am freagairt nar cainnt fhìn, agus coguis na dùthcha, coguis Albainn, a stuigeadh unnta. Oir feumaidh cuimhne bhi againn gu bheil coguis Albainn leinn anns achùis seo, agus nas motha leinn mar a tha gach ùr atighinn. Agus tha sin fìor cuideachd ann an còimhstri sam bith a thag éirigh eadar an croitear Gaidhealach agus an t-uachdaran coimheach, no an t-uachdaran a dhionnsaich modhan is cainnt choimheach. Bu choir dhuinn a bhi ag iarraidh


[214] barrachd smachd air fearann na Gaidhealtachd, móran a bharrachd air na thagainn, ged a bha Riaghaltasan againn fad bhliadhnachan a bha aleigeil orra gu robh coguis aca a thaobh còirichean fearainn is còirichean nan uachdaran.

Agus mura cuir sinn ás don rian riaghlaidh a tha air a bhi againn, cuiridh e ás dhuinne, mar a tha e air a bhi dèanamh fad ghinealaichean.

Dhiarrainn Roinn an Leasachaidh an Dun-Eideann fhaicinn acur air bhonn buidheann-obrach a dheanadh sgrùdadh air na cùisean sin, agus a bheireadh stiùireadh, oir tha na gnothaichean sin adol os cionn nan roinnean ionadail. Is gann gun do leig Bòrd Leasachaidh na Gaidhealtachd air idir gu bheil tìr na Gàidhlig ann, ’s cha mhotha thug Riaghaltas gu cùirt iad ged a rinn iad dearmad air an dleasdanas a thaobh dualchais is rian co-chuideachd na tìre sin. Tha beachd agam gu bheil móran de shluagh na h-Albainn air ar taobh anns aphuing seo, agussann mar sin a tha mi ag iarraidh oidhirp Albannach.

Dhfhaodadh am buidheann-obrach sgrùdadh a dhèanamh air fìor fheuman nan coimhearsnachdan Gàidhlig ann an linn na h-ola. Ciamar a bhuineadh an leasachadh a thig bhon ola ri gnè nan roinnean Gàidhlig sin? aghnè foghluim a bhiodh iomchuidh dhaibh, an t-àite bhiodh aig aGhàidhlig ann am beatha an t-sluaigh, agus an t-àite bhiodh aice ann an Albainn gu h-iomlan? Agus dhfhaodadh am buidheann-obrach buidheannan beaga chur air ghleus an suds an seo, gus sgrùdadh a dhèanamh air cuspairean sònraichte.

Chan e gu fàgainn gnothaichean an urra ri coimitidh no buidheann sam bith. ’Sann aig daoine fa leth tha beachdan ùra is beachdan annasach, chan ann aig coimitidh. Bann mar sin a rinn sinn iomadach adhartas ann an saoghal na Gàidhlig anns an fhichead bliadhna chaidh seachad, ’s anns na ficheadan roimhe sin. Is urrainn dhuinn, nar dòighean fhìn, rudan a spreòdadh air Buill Pàrlamaid, air comhairlean, air buidheann sam bith aig a bheil ùghdarras. Mar sin tha mi dol a thoirt tarraing air rud no dhà a dhfhaodadh aon duine, no còmhlan beag, a dhèanamh, an suds an seo air feadh na dùthcha.

Tha rud math de dhobair a dhfhaodamaid a dhèanamh air aGhàidhlig fhéin, abair air na faclan a ghabhadh cleachdadh timcheall obair na h-ola. Chan eil sinn buileach falamh idir, nuair a smaoinicheas tu air na bha de Ghaidheil ag obair ann an gàrraidhean shoithichean agus mar innleadairean ann am bàtaichean agus ann an iomadach seòrsa obair eile. Cha bfhuilear dhuinn cleachdadh na bu shuidhichte


[215] a bhi againn a thaobh coinneamhan a chumail tre mheadhon na Gàidhlig, agus cothrom a nis aig feadhainn de na comhairlean againn barrachd Gàidhlig a bhi aca. A rithist, cha bu mhisde ar luchd turais barrachd Gàidhlig fhaicinns a leughadh, gun luaidh air a cluinntinn, agus tha beagan sgioblachaidh ri dhèanamh mus cuir sinn gach cairt menu an òrdugh, ’s mun deilbh sinn postairean is sanasan a bhios freagarrach. Cha bfhuilear dhuinn stiùireadh a thoirt seachad anns na cùisean seo do Ghoills do choigrich a tha feumach air. Bfheàirrde sinn cuideachd barrachd de shanasan-reice Gàidhlig fhaicinn am pàipearans air ballachan, agus eadhon air filmicheans ann an tighean-dhealbh. Cha bhiodh e ás an rathad nan deanadh na leabhar-lannan air aGhaidhealtachd barrachd feum de Gàidhlig air postairean agus tre bhi cur air adhart leughadh bàrdachd agus deasbad mu sgrìobhadh. Agus cha bfhuilear do na leabhar-lannan air feadh Alba barrachd de leabhraichean Gàidhlig a bhi aca. Bhiodh iad aca nan iarradh daoine sin orra.

Faodaidh sinn móran a dhèanamh gus barrachd Gàidhlig a chur an cleachdadh timcheall oirnn, air soighnichean, abair, no ann am formaichean leithid clàr nan subsadaidh. Is cinnteach gum biodh e na bfhasa tuilleadh subsadaidh fhaighinn tre Ghàidlilig na tre Bheurla. Am bu choir dhuinn cead T.V. a phàidheadh mura faigh sinn prógraman Gàidhlig? Ach ged a phàidheadh, nach eil còir againn an cead fhaighinn sgrìobhte an Gàidhlig, mas e Gàidhlig as cainnt dhuinn? Agus tha obair gu leòr ri dhèanamh cuideachd ann a bhi acur ri chéile thagraidhean no petiseanan, abair air staid is inbhe na Gàidhlig ann an sgoilteans an eaglaiseans an cùirtean lagha.

A-measg rudan eile a dhiarrainn fhaicinn atighinn gu buil a dhaithghearr tha companaidh dràma. ’Se còmhlan beag a thana mo bheachd le daoine a shealladh ri gnothaichean oifis is gnothaichean teicniceach, agus grunnan a bhiodh an sàs anns an dràma, eadar dealbhan-cluiche is revue, is pantomime, is leughadh bàrdachd, is iad asiubhal air feadh na dùthcha, a thuilleadh air a bhi ag obair air T.V. , no adol a dhEirinn is dòcha corra uair. Dhfhaodadh còmhlan den t-seòrsa seo cuideachadh airgid fhaighinn bhon Bh.B. C., bho na Roinnean Ionadail (son obair anns na sgoiltean) agus bho Chomhairle nan Ealadhan an Albainn, no eadhon bhon Bhòrd Leasachaidh fhéin. Ach bu chòir dha bhi air leth bhuapa sin uile. Dhiarrainn gum biodh àite aig achòmhlan dhaibh fhéin, is dòcha am Beinn na Fadhla, bus ri bus ris an Arm.


[216]

Chan eil an sin ach taghadh de rudan a dhfhaodadh sinn a bhi adèanamh, no astrì ri thoirt am bith. Tha feadhainn dhiubh a dhfhaodadh An Comunn Gaidhealach a ghabhail os làimh, agus feadhainn bhiodh na bfheàrr an làmhan eile, is dòcha an làmhan chòmhlanan glé bheag. Tha min dòchas gun tog duine an suds an seo feadhainn de na puingean sin, ’s gu faic sinn air sgàth sin adhartas asìor thighinn air staid ar dùthcha. Chan eil mi fhìn gun dòchas, agus tha mi dol a chrìochnachadh le sreathan a chuir mi ri chéile as t-Earrach:

Tha crathadh de dhaol anns an Earrach seo
air an talamh donn,
com na dùthcha sgìth
le mùchadh sneachda,
caistealan liathair a stormadh le iarann,”
ach crathadh aoil a nis.
Ged tha toinneamh anns an fheur,
marbh-bhrat na bliadhnan uiridh,
tham beò anns an ùir,
beò-aol a bheir fhathast crathadh oirnn.

( ’Se giorrachadh tha seo air òraid a thugadh seachad aig Còmhdhail Bhliadhnail aChomuinn Ghaidhealaich an Dùn-dèagh, air 10.5. 74. Chaidh a chraobh-sgaoileadh air aBh.B. C. an déidh sinFir-deasachaidh).

titleTìr na Gàidhlig ann a Linn na h-Ola
internal date1974.0
display date1974
publication date1974
level
reference template

Ruaraidh MacThómais in Gairm 87 %p

parent textGairm 87
<< please select a word
<< please select a page