AN DORN FUAR
(Air a sgrìobhadh sìos an 1933 le Calum Iain MacLeòid, Antigonish, Alba Nuadh, o’n aithris aig Dr. Fearchar Macrath, nach maireann, Ràtagan, Gleann Seile, Cinn t-sàile Mhic Coinnich, Alba.)
’Sann an Uig Leódhais an àite ris an abrar an Airigh Dhubh ri taobh Loch Croistein, a rugadh an curaidh ainmeil sin ris an cainte Mac Crùislig.
’Se Mac Amhlaidh a theirte ris a’ Mhorair a bha a’ sealbhachadh an fhearainn mun cuairt. Bha daingneach làidir aige air a ghléidheadh le gaisgeich thapaidh aig bun Loch Miabhaig.
Cha robh Mac Crùislig ach ’na dhuine bochd a bha a’ cosnadh a lòin mar a b’fheàrr a b’urrainn da. An dràsda agus a rithist bhiodh e a’ dol a-mach cuide ris a’ Mhorair a thogail creiche an aghaidh Chlann Mhic Gille-Mhuire an Nis.
Bha triùir mhac aige, agus a h-uile latha bu mhiosa a thigeadh, bha aca ris an loch a shnàmh o thaobh gu taobh trì uairean an aghaidh na gaoithe, agus trì uairean a’ ruith air falbh. Chuireadh Mac Crùislig suas dà chrann dìreach san uisge. Bha sia ceuman diag dìridh annta mun ruigte crann a chuir e tarsaing air am mullach. Bha aig na h-òganaich ri coiseachd air ais ’s air adhart air a’ chrann tharsaing a h-uile latha bu ghairbhe a bha a’ ghaoth, agus a bharrachd air sin bha aca ri cloich san robh sgéile de chudthrom a thogail suas air taod a dh’ionnsaigh a’ cheum-dìridh a b’àirde.
Bha latha nan cluichean is iomairt nan lùthchleasan air a chumail a h-uile bliadhna san achadh air bialthaobh Dùn a’ Mhorair, is bha nighean a’ Mhorair an còmhnuidh an làthair a’ coimhead air ceatharnaich Uige a’ strì airson na duais a b’àirde, is b’e sin damh.
Dh’fhalbh an gille bu shine aig Mac Crùislig is thug e a-mach an damh dà bhliadhna an déidh a chéile. Chaidh cliù mac Mhic Crùislig fad is farsaing, is mar is minig a thachair, thòisich eud a bha mór eadar e fhéin is na co-fharpaisich eile a bha a’ strì.
Thàinig an treas bliadhna, is a rithist choisinn mac Mhic Crùislig an damh, ach thuirt Mac Amhlaidh ris nach fhaigheadh e an duais mur a tugadh e a-mach “dòrn fuar”, ’s e sin ri ràdh; dh’fheumadh e cròcan an daimh a shniamh ás le dhùirn an làthair mórdhalachd na sgìre air fad. Thuirt e gun deanadh e seo nan cumadh Mac Amhlaidh fhéin an damh.
“Bha dùil agam”, ars am Morair, “gur duine treun thu gus a nis”.
Ghlac sùil a’ churaidh òig aon aiteal air gnùis àlainn ban-oighre Mhic Amhlaidh; chlisg a chridhe ’na chom; bhuail e dòrn air an damh, is thuit e fuar marbh air an achadh. Shniamh mac Mhic Crùislig na cròcan ás an damh le aon spìon; thilg e iad air bialthaobh a’ Mhorair, is an sin ghabh e am monadh air dhachaidh.
Cha robh Mac Crùislig agus na gillean fada air an Airigh Dhuibh nuair a shìn am farmad air beothachadh a rithist.
“Féidh an t-saoghail mhóir aig Mac Crùislig gun am brochan fhéin aig càch”, theireadh cuid.
“Chan iongnadh ged a bhiodh na gillean aig Mac Crùislig tapaidh”, theireadh cuid eile.
“Chan fhada bhios sithionn aig Mac Amhlaidh fhéin”, arsa Mac Cuinn Ghlinn Bhaltois.
Thàinig seo gu cluasan a’ Mhorair, ’s chaidh riaghailt is àithne a chraobh-sgaoileadh gu feumadh gach arm san dùthaich a bhi air an tionail do’n Dùn.
“Bidh am bàs ann”, arsa Mac Crùislig, ’s e a’ liùbhradh nan arm aige fhéin.
“Ma bhios, bitheadh”, arsa Mac Amhlaidh. “Tha an reachd air a dhèanamh, agus feumar a choimhlionadh”.
Nuair a thàinig dùbhlachd is sneachd a’ gheamhraidh, ’sann a thog Mac Crùislig agus na gillean orra go Beinn Shuaineabhal le eallach choirce oir bha lànfhios aca gum biodh na féidh gu math acrach aig an àm seo. Shìn iad air sgaoileadh a’ choirce an sud ’s an seo gus an d’ràinig iad an Airigh Dhubh. Chuir iad tuilleadh coirce san t-sobhal, is dh’fhàg iad an dorus fosgailte, is taod mór ceangailte ris. Theann na féidh air ith a’ choirce. Ràinig iad sobhal Mhic Crùislig, is chaidh an treud a-steach mar a bhà iad, cruinn còmhla. Tharraing Mac Crùislig an taod, agus dhùin an dorus air na féidh. Chaidh na gillean a-steach, is thagh iad an damh a b’fheàrr a bh’ann, ’s dh’fhalbh am bodach leis gu Caisteal a’ Mhorair.
“Tìodhlac do’n Mhorair”, arsa Mac Crùislig. “Ach ciamar air an t-saoghal mhór a fhuair thu seo Mhic Crùislig ’s do chuid airm san Dùn?”
“Cha robh uiread de chothrom riamh aig Mac Crùislig air na féidh ’s a th’aige a nis”, ars am bodach.
A riamh o’n latha sin chuir am Morair roimhe gum faigheadh e làmh an uachdair air Mac Cruislig ’s a chuid sheòltachd.
Thàinig an seo latha nach fhacas a riamh a leithid le franadh gaoithe, is marcan-sìne a’ danns’ air bhàrr na mara. Chaidh fios a chur air na gillean aig Mac Crùislig gu feumadh iad falbh leis a’ Mhorair sa’ bhirlinn a thogail creiche an Eilean Bheàrnaraidh.
Bha Mac Cuinn agus fear mór eile air an stiùir, is nuair a chunnaic e an gille a b’òige aig Mac Crùislig a’ fàs bàn leis an fhuachd, dh’éigh e le sgal-mhagaidh, “Cha dean na féidh feum air cuan an diugh” “Seo agaibh”, ars esan, nuair a bha iad aig Gob a’ Chorrain a Tuath, “far na bhàth sinn Mac Gille Mhuire a sheachdain gus an nochd”.
“Mata a bhodaich”, ars an gille mór aig Mac Crùislig, ’s e a’ breith air a’ chrios leathrach a bha mu mheadhon Mhic Cuinn. “Bidh tusa a’ gabhail a-mach ás a dhéidh”, is shad e seachad e.
Ghlac e an stiùireadair eile, is sgailc e suas mu na tobhtaichean e.
“Tuilleadh aodaich!” dh’éigh e, ’s e breith air an fhalmadair.
Am prioba na sùla bha a’ bhirlinn a’ siubhal gu greimeil, socrach air bhàrr nan tonn. Bha onfhadh a’ chuain, is trod na fairge a’ dùsgadh mac-alla an Creig na h-Iolaire ’s a’ Bhuidhe Mhór nuair a shàth iad seachad.
“Eireadh fear agaibh a Mhic Amhlaidh”, ars an gille mór, “agus sealladh e dhòmh-sa mo chùrsa”.
Chuir am Morair fear ’na sheasamh an toiseach na birlinne, is mun tàinig ciaradh an fheasgair bhuail iad feamainn Bheàrnaraidh.
Bha Dòmhnall Mór nan Con á Tolostaidh a’ Chaolais a’ feitheamh orra le fichead treunfhear air a chùl.
Dh’iomain Mac Crùislig is na gilleam fir Tholostaidh rompa leis na lainn-mhóra mar gum biodh caoraich, ach rinneadh prìosanach deth Mac Amhlaidh.
Mu bhristeadh na fàire chuala iad Mac Amhlaidh a’ sìor-éigheach an àite dìon far an do dhruid Dòmhnall Mór e.
“Tha mi ’nam phrìosanach”, ghlaodh Mac Amhlaidh.
“Matà, a Mhorair chan fhada a bhios sibh-se mar sin”, fhreagair an gille mór, is le leum cheithir-bonn bhris e an dorus le a shàilean.
Fhuair e Dòmhnall mór ’s a dhruim ri balla, ’s a’ chorc mhór ’na làimh dheis. Spìon e a’ chore ás a làimh: thog e suas fear Tholostaidh mar gum biodh leanabh, ’s bhris e a dhruim air a ghlùin.
Mar sin bhuanaich iad an caladh aon uair eile.
Chuir iad a’ bhirlinn air sàl, ’s rinn iad calg-dhìreach air na h-Uigean. Nuair a ràinig iad an Caisteal ’s e gul is bròn a choinnich riutha an sin.
“Dé a tha ceàrr air Sliochd Amhlaidh an diugh?” dh’fharraid am Morair.
“Cailin a’ chuailein rìomhaich air a goid aig Tormod Torcuill nan Loch, is na fiùrain air falbh”.
“Air sàl a rithist Chlann Amhlaidh”, ghlaodh Fear Uige. “Gearraidh sinn an t-aithghearr aig Sgealascro, ’s mun cuartaich iad ceann Loch Ròg lorgaidh sinn iad le Conan”.
Bha a’ chamhanaich air soillseachadh nuair a dhìrich na seòid bruthaichean Sgealascro, is chrùb iad an sin a-measg na raithnich. An ùine bhig dh’eirich a’ chalg air Conan. A-mach a thug e is Iain Mac Crùislig ás a dhéidh. Bha Iain cho lùthmhor ’s gun chùm e Conan air fàire. Thòisich an sin an iorghuil a b’uabhasaiche a chuala cluas. Aig abhainn Cheann a’ Loch lorg Conan Tormod Torcuill ’s a chuideachd. Leum e ’na sgòrnan ’s ghrad leag e san fhraoch e. Rug an Gille Mór air Tormod Torcuill, is le aon sguabadh sgar e a cheann o choluinn.
Ghiùlain an Gille Mór nighean a’ Mhorair dhachaidh. Phòs e ’s fhuair e Conan mar thochar; is tha iad ag ràdh gun robh an Gille Mór a riamh an déidh sin mar a bha Rìgh na Féinne nuair a thuirt e:—
“Cha toir Fionn a bhean do aon neach fo’n ghréin,
’S cha dhealaich e ri chù gus an téid an ùir air fhéin”.
title | An Dòrn Fuar |
internal date | 1974.0 |
display date | 1974 |
publication date | 1974 |
level | |
reference template | Calum Iain MacLeòid in Gairm 87 %p |
parent text | Gairm 87 |