[327]

IOMRADH A SCALPAIGH

le Domhnall R. Moireasdan

(1) Iasgach Ghiomach

Le cuideachadh o iasgairean tha mi toirt oidhirp air beagan a sgrìobhadh mu iasgach ghiomach, gu h-àraidh ann an càirdeas ri eilean Scalpaigh anns na Hearadh, far is eòlaich an sgrìobhadair air cluinntinn mun iasgach cheudna.

Nise, o chùnntas an s an diugh, tha mi tuigsinn nach eil na giomaich cho lìonmhor mu chladach Scalpaighs a bha iad bliadhnaichean air ais. Bu chòir dhomh seo a bhi air a dheanamh na bu so-thuigsinnich, is e sin o chùnntais an a fhuair mi o iasgairean a bha ri giomaichri iasgach ghiomach anns na bliadhnaichean a-nuas a déigh achiad Chogaidh Mhóir, 1914-1918tha iadsan aràdh, gu robh na giomaich na bu phailte an uair ud na tha iadn diugh. ’S tha cùnntais o iasgairean ghiomach an lathan diugh aràdh nach eil na giomaich lìonmhor ge be an t-aobhar? Tha na giomaich-chuain (prawns) uaireannan pailt, nach robh idir air an iasgach le cléibh (dhen t-seòrsa chléibhs lìn a thatar acleachdadh an diugh) anns na làithean mun àm a dhainmich mi an seo an toiseach.

Bha iasgairean á Scalpaigh adol dha na h-Eileanan Móra mun do rugadh an sgrìobhaichea dhiasgach ghiomachna h-Eileanan Sianta ma thogras tu— ’s afuireach an àirigh neo ann an àirighean an sin. ’S tha iad beò fhathasd tha min dùil a bheir dhuit neo dhuinn iomradh mu chòmhnuidh air an àirigh anns na h-Eileanan.


[328]

Caraidh ghiomach a thogadh ann an 1916, an eilean Scalpaigh na Hearadh

Than seo dithis bhràithrean, Dòmhnall is Calum MacLeòid, abiathadh nan giomach thair ùrlar na caradh, anns na 1960s


[329]

Bhan ceudna fìor a thaobh a bhi dol a Bhrothluim (Leódhus) gu iasgach nan giomachs gu àirigh (á Scalpaigh)— ’s a Bhalamas (Leódhus) is deas a rìs á Scalpaigh ga Haramadaigh (Caol-na-Hearadh) ’s gu Loch-na-Madadh (Uibhist) ’s gun eilean Sgiathanachs mar sin.

Than nis eithrichean 1974 a bha ri iasgach a sgadain anns agheamhradh, cuid dhiubh mar a bheil iad gu léir adol ann an gréim obair iasgaich ghiomaich-chuain (prawns) an toiseach an earraichs atoirt greis air a sin.

Le misneach is cuideachadh gu h-eithrichean eile fhaotainn dha na h-iasgairean òga a thag éirigh suas, shaoilinn gum biodh ath-bheòthachadh atighinn ann an iasgach ghiomach, is ann an tacar-mara anns an fharsaingeachd.


(2) Anns an stoirm

Eathar iasgaich Scalpach, VILLAGE MAID, ann a stoirm, a-mach o Shròin an Todha, air taobh siar na Hearadh, aig deireadh agheamhraidh, 1974


[330]

Clann-sgoile ann an Scalpaigh, 1970

titleIomradh à Scalpaigh
internal date1974.0
display date1974
publication date1974
level
reference template

Dòmhnall R. Moireasdan in Gairm 88 %p

parent textGairm 88
<< please select a word
<< please select a page