An Sgeilp Leabhraichean
Sguaban Eorna. Le Domhnall lain MacDhomhnaill. Club Leabhar, 1973. 90p.
An t-Adhar Ameireaganach. Le Iain Mac a’ Ghobhainn. Club Leabhar, 1973.
Tha dà mhodh-sgrìobhaidh againn sa’ Ghàidhlig an diugh, tha Uille[am] MacMhathain a’ ràdh anns a’ Roimh-Ràdh ann an Sguaban Eorna, agus, bho “nach ionnan ealain dhaibh”, cha bu chòir dhuinn a bhith gan coimeas ri chéile. Ach ’se sin dìreach a tha mise dol a dheanamh, tha eagal orm, le bhith a’ cur an dà leabhar seo san aon mheigh.
Bu chòir dhomh, tha mi creidsinn, mo chreud-litreachais a chur am follais sa’ cheud dol-a- mach. Tha mise ag iraraidh ann an litreachas chan e a-mhàin ealain is cur-seachad-tìde tlachdmhor ach gun tugadh e cuideachd dhomh fiosrachadh ùr agus fosgladh sùla. ’Se a’ rud mu dheidhinn bàrdachd an t-seann nòs, chan e gu bheil ealain innte a tha eadar-dhealaichte bho’n ealain aig leithid Iain Mhic a’ Ghobhainn, ach nach eil innte, glé thric, ach ealain a-mhain.
Abair ealain, ge ta. Tha rannaigheachd MhicDhòmhnaill ceòlmhor, siùbhlach; tha a’ Ghàidhlig aige torach, lìomhte; cuiridh e dealbh fa chomhair a’ leughadair (no a’ luchd-éisdeachd) cho snasail ’s cho seòlta ’s a dh’iarradh tu:
“Slaic nan stuadh sa’ chròic”;
“Seillein gu srianach a’ càrnadh”;
“Cha chuireadh still gaoth na truaill bhon a’ chòrs mi”;
“Beatha réidh-shligheach lìonte
Nach deanadh géilleadh na strìochdadh,
Tinneas deurach na h-iargain ’ga beàrnadh”;
“Chuir do sheirbheis ’s gach cuspair dhi
Fuil bu deirg ann an cuislean na Gàidhlig”;
air BARD PHAISLIG
[376]’Se fileantachd neo-chumanta am prìomh chomharra air bàrd-baile math. Tha Gàidhlig Mhic a’ Ghobhainn, air a’ làimh eile, lom, gun sgeadachadh, geur. Chan e laigse a tha an seo idir ach sàr-ealain de ghnè eadar-dhealaichte. Cha mhò is e buaidh na Beurla a tha ann—ach dìreach gu bheil a’ Ghàidhlig a-nise ga cleachdadh airson rudan airson an robh a’ Bheurla air a cleachdadh o chionn fhada agus tha buaidh mhór aig adhbhar-sgrìobhaidh air a’ mheadhon-sgrìobhaidh—air cruth na cànain.
Bha aon uair air a’ Ghaidhealtachd daoine air am pàigheadh airson a bhith a’ deanamh bàrdachd a’ moladh nan daoine móra. Bho nach robh cridhe nan daoine sin, mar a bu trice, anns an obair, bha e dualtach gum biodh fada bharrachd ùigh aca ann an cruth na bàrdachd agus ann a bhith a’ deanamh dealbh bhrèagha na bha aca ann a bhith cur na fìrinn fa chomhair a’ leughadair. Tha an dualchas sin beò fhathast. Mar sin, nuair a sgrìobhas Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill mu dheidhinn Uibhist, cha leig a leas dùil a bhith againn ri guth air na ciorraman ’s na guirein (tha fhios gu bheil iad ann—tha sa h-uile h-eilean eile co-dhiù).
Tha ciorram air choireigin air a h-uile duine anns an Adhar Ameireaganach, ge ta—tha iad lagchuiseach no miosa no dìreach mì-fhortanach. Tha iad an dàrna cuid uabhasach fhéin aonaranach no fo smàig cuideigineach. ’Sann troimh ’n mhac-meanmna a-mhain as urrainn dhaibh faighinn saor is cuing an t-saoghail seo (e.g. an nighean anns na “slums” a bhios a’ leughadh Shelley).
Tha a bhith a’ coimhead air an taobh dhorcha fasanta an diugh ann an litreachas air feadh an t-saoghail an aon dòigh ’s a bheil e fasanta, anns an dualchas dham buin Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill, a bhith an còmhnaidh a’ coimhead air an taobh shoilleir. Tha an dà leabhar a’ fàs a-mach á dualchas sònraichte ach (ged a tha, mar eisimpleir, beagan feallsanachd aig an Dòmhnallach), tha Mac a’ Ghobhainn a’ cur fad a bharrachd, as a mhac-meanmna fhéin, ris an dualchas mar a fhuair e e.
Tha Mac a’ Ghobhainn a’ ruith air iomadach cuspair is ceàrnaidh dhan t-saoghal agus tha buaidh air a bhith aig litreachas iomadh cànain air. Tha té de na sgeulachdan mu dheidhinn eilthireach Gaidhealach nach eil ga fhaireachdainn fhéin aig an taigh an dàrna cuid anNew Yorkno, nuair a tha e a’ tilleadh, air a’ Ghaidhealtachd. ’S màite gura e a tha againn an seo ach dealbh air Mac a’ Ghobhainn—agus air sgrìobhaichean Gàidhlig eile d’a sheòrsa. Chan ionnan sin do
Tha fhios aig an Dòmhnallach có e is có d’a bheil e a’ sgrìobhadh. Chan eil aig Mac a’ Ghobhainn, saoilidh mi—ged nach e laigse a tha an sin nas mò.
Tha an Dòmhnallach a’ toirt dealbh dhuinn air an duine chumanta, Mac a’ Ghobhainn air an duine neo-chumanta. Tha bòidhchead Sguaban Eorna àrsaidh, lìomhte mar sheann òr (no mar sguaban abaich eòrna), tha bòidhchead An t-Adhar Ameireaganach ùr, cruaidh mar stàilinn (no togalaicheanNew York). Tha Sguaban Eorna mar dheireadh sgeulachd, An t-Adhar Ameireaganach mar thoiseach sgeulachd ùr( ’s gun fhios an e sgeulachd fhada no thoilichte). Tha an Dòmhnallach cho blàth ciatach, Mac a’ Ghobhainn cho cruaidh snorach. An Dòmhnallach cho—well, Uibhisteach . . .
“Am bu chòir dhuinn cùl a chur ris an t-seann nòs? ”, tha Mac-Mhathain a’ faighneachd. Cha bu chòir: bu chòir àite a bhith ann do na dhà. Ach, a thaobh nach gabh litreachas coimeas ach ri litreachas d’an aon ghnè—gum bu choir caochladh shlatan-tomhais a bhith againn ’s gun ghin dhiubh nas cudtromaiche na chéile—cha téid mi leis an sin idir. Tha an dà leabhar seo math, gach fear ’na dhòigh fhéin, ach ’se An t-Adhar Ameireaganach as fheàrr.
DOMHNALL IAIN MACLEOID
title | 1 |
internal date | 1974.0 |
display date | 1974 |
publication date | 1974 |
level | |
reference template | Dòmhnall Iain MacLeòid in Gairm 88 %p |
parent text | An Sgeilp Leabhraichean |