Scotland Lives. LeBilly Wolfe. Reprographia.
Dun-Eideann, 1973. £1 .50.
Tha ainn Billy Wolfe tric gu leòr anns na pàipearan-naidheachd na bliadhnachan seo, agus is dòcha gum bì greis mhath fhathast. Tha e iomchaidh gu leòr gun tuigeadh daoine dé seòrsa duine a th’ann agus dé na beachdan a th’aige. Bidh feadhainn a’ cur an céill am beachdan air gun rannsachadh a dhèanamh an toiseach, agus bidh feadhainn ann nach atharraich am beachd as bith dé chanas e fhéin no càch, coltach ris a’ mhèinear ann a West Lothian a sheas air a bheulaibh ’s a thilg smugaid ’na aodann. Ach bidh barrachd foighidinn na sin aig a’ mhór-chuid an Albainn, nuair a smaoinicheas iad air mar a tha na Nàiseantaich an dràsda a’ cur eagal am beatha air poiliticearan de ’n a h-uile seòrsa anns an dùthaich seo.
Anns an leabhar aige tha Wolfe ag innse beagan mu dheidhinn
Duine sam bith a leughas an leabhar seo bidh tuigse nas fheàrr aige air feallsanachd an S.N. P., agus air eachdraidh a’ ghinealaich seo. Agus faodar a chreidsinn gur h-i an fhìrinn a th’aig Wolfe nuair a tha e ag ràdh: “I am not active in the S.N. P. just to get an independent Parliament in Scotland. I am in the S.N.P. to try and play a part in securing a better Scotland for succeeding generations, free in every way which is morally justifiable”.
R. McT.
title | 2 |
internal date | 1974.0 |
display date | 1974 |
publication date | 1974 |
level | |
reference template | Ruaraidh MacThómais in Gairm 88 %p |
parent text | An Sgeilp Leabhraichean |