Burt ’s Letters from the North of Scotland. The Scottish Reprint Library. John Donald Publishers Ltd.Dun-Eideann. 1974. 2 Leabhar. £12 .00.
Chan eil ach bliadhna no mar sin bho thòisich na clò-bhualadairean ùra seo a’ cur a-mach leabhraichean. Is math gu bheil Dun-Eideann, a bha uair cho dèanadach a thaobh clò-bhualaidh (mus do thòisich na Sasunnaich a’ slugadh nan companaidhean Albannach) a’ tòiseachadh ás ùr. ’S iomadh “obair latha tòiseachadh” a dh’fheumas a bhi againn mus bi an dùthaich againn ceart a rithist ás deidh na dh’fhuiling i, gu h-àraidh anns a’ cheud bliadhna bho thòisich Keir Hardie ag iarraidh làmh a bhi aig na h-Albannaich ’nan riaghladh fhéin.
Tha a’ chuideachd aig John Donald an dùil grunn math de leabhraichean iomraiteach mu dheidhinn Alba ath-bhualadh, agus chuir iad a-mach mar thàThe Scots in Germany, le T. A. Fischer, agusBothy Songs and Ballads, le John Ord. Tha iad air an leabhar aig Burt ath-bhualadh car mar a bha e an 1754, ach gun do chuir iad an roimh-ràdh a bh’aig R. Jamieson an clò-bhualadh 1876 cuide ris. Tha an dà leabhar air an clò-bhualadh gu fior ghrinn, agus ged a tha iad daor is fhiach iad a bhi ri làmhan dhaoine a rithist.
Chan eil aobhar ann cunntas mhionaideach a thoirt air leabhar cho iomraiteach. Chaidh na litrichean a sgrìobhadh eadar an dà chogadh Seumasach—a’ mhór cuid dhiubh is dòcha eadar 1730 agus 1740, le Sasunnach a bha ’na oifigear airm timcheall Inbhirnis. Tha rudan grànda ann gun teagamh. Seo Piullaidh ag innse mu ’n aoigheachd a fhuair e bho cheann-feadhna tuath air Inbhirnis, ’s chan eil fhios có bu leòmaiche fear-an-tighe no an aoigh:
“We had very good Wine, but did not drink
much of it; but one thing I should have
told you was intolerable, viz, the number
of Highlanders that attended at Table, whose
Feet and foul Linen, or Woollen, I don’t
know which, were more than a Match for the
Odour of the Dishes”. (d.160-61).
Bha na Sasunnaich bhochda a riamh math air a bhi deanamh sgeig air daoine eile, neònach ’s ga bheil iad fhéin. Ach mus robh Burt glé fhada air a’ Ghaidhealtachd dh’ionnsaich e barrachd modh, agus coltach ri feadhainn eile ’sann a dh’fhàs e rud-eigin ceangailte ris an dùthaich ’s ris na daoine. Co-dhiù faodar a ràdh mu dheidhinn gun do dh’fhàs e mothachail air cho eadar-dhealaichte ’s a bha an sluagh seo bho ’n t-sluagh air a robh e eòlach, ’s gu robh an diofar a’ ruighinn na b’fhaide na siabunn. Agus air sgàth na tuigse sin— ’s chan eil aig a h-uile duine tha sgrìobhadh á Inbhirnis—tha e a’ cur nar sealladh, agus a’ cumail air chuimhne, iomadh criomag a bha air a dhol fodha ann an sprùilleach nan linntean.
R. McT.
title | 3 |
internal date | 1974.0 |
display date | 1974 |
publication date | 1974 |
level | |
reference template | Ruaraidh MacThómais in Gairm 88 %p |
parent text | An Sgeilp Leabhraichean |