TIRIODH
Le Niall M. Brownlie
’Na laighe san iar an iomall a’ chuain,
Tha eilean beag uaine, dachaidh mo chrìdh,
An t-àite as bòidhche tha daonnan ’nam smuain
Eilean mo ghaoil ’se eilean Thiridh’
N.M. B.
Tiriodh, Tiridhe, no Hithe; ciod e as ciall do dh’ainm an eilein bhig seo? Tha e air a ràdh gum bheil freumh-fhaclach Thiriodh neo-chinnteach. A réir eachdraidh Adamnan air beatha Chalum Chille ’se Hithe no Ethica Insula a b’ainm do’n eilean aig an àm seo agus tha e ’g innseadh dhuinn gun robh manachain suidhichte ann fo riaghladh Aba d’am b’ainm Baithne, a bha ann an dlùth chàirdeas do Chalum Cille. Mu thrì mìle bho Phort-na-Luinge (Campus-Luinge) air am bheil Adamnan a’ deanamh iomradh, tha baile beag d’an ainm Baile-Mhic-Bheotha, agus a rèir beul-aithris, ’sann an déidh Bhaithne a tha an t-àite seo air ainmeachadh. Chan eil teagamh sam bith nach robh dlùth-cheangal aig Calum Cille agus a chuid mhanaich ri Tìr ìosal an eòrna do bhrìgh ’s gum bheil móran de làraichean eaglaiseach eile air feadh an eilein, mar a tha Teampull Choinnich, Teampull Réilig Odhrain, Caibeal Thòmais, agus móran
“Do theaghlach ri ’n àireamh ’s gach fòghlum as àirde
An iomadach àite, anns gach ceàrn deas is tuath
Tha cliù ac’ air sàile, nach caill iad ’s nach bàsaich
Cho fad’ sa bhios bàta a’ snàmh ann an Cluaidh.
(A. MacDhòmhnaill)
Is i a’ Ghàidhlig ceud chànan an t-sluaigh ann an Tiriodh, ged nach eil i air a cleachdadh cho tric agus a bu chòir, agus saoilidh mise gum bu chòir dhuinn barrachd suim a ghabhail do na sgrìobh Uilleam MacPhàil nach maireann, Bàrd na Croise anns an òran a rinn e do’n Ghàidhlig bho chionn leth-chiad bliadhna air ais; seo beagan de na sgrìobh am bàrd:
’S beag an t-iongnadh mi bhi tùrsach
Bhon a spùinn iad oirnn ar cànan,
’G innseadh dhuinn cho beag ’s tha dh’fheum innt’
’S nach eil feum a bhi ’ga h-àrach;
Chaidh nithean sean a chur air chùl,
Is saoghal ùr againn ’na àite;
Bidh e dhuinn a rèir na linn seo
Nach eil brìgh dhuinn anns a’ Ghàidhlig.
’Sann a sgaoil i mach a geugan
Ann an “Eden” anns a’ ghàrradh,
Far ’n do phlànntaich ar ceud sinnsir,
Bha gach lus a chinn a’ fàs ann;
’S fòs gus searg iad ás le chéile
Lusan, sléibhtean, ’s beanntan àrda,
Bidh a’ chànain seo gu siorruidh
Anns na glìnn an Earra-Ghàidheal
’S bidh i anns an eilean ìosal
Far ’n do chinn mi’n tùs mo làithean;
An t-àite ’s bòidhche air an t-saoghal,
’S lìonmhor laoch a rinn e àrach;
Eilean còmhnard ’s ainm dhà Tiriodh
Air ’n taobh shiar de dh’Earra-Ghàidheal
’S cha robh coigreach fo bhratach
Riamh làn acrais ga fhàgail”.
Tha Tiriodh suidhichte air feud (lat.) 56 ½o, mu ochd mìle deug siar air Muile; tha e ìosal còmhnard mu thrì mile deug air fhad agus mu shia mìle air leud, far an leithne e, agus tha e a’ còmhdach mu sheachd mìle deug acair. Ann am meadhon an eilein tha réidhlean mu mhìle gu leth acair de thalamh gainneimh agus tha cala itealan suidhichte an seo. Ri linn an Dotair ’Ic Lachlainn, Bàrd Ra-thuaith, ’sann aig Donnchadh Caimbeul (Donnchadh na Ruighe) a bha aonta an réidhlein seo, agus ’sann do nighean a’ Chaimbeulaich a rinn an Dotair an t-òran:
Mi ’n seo ’nam shíneadh air an t-sliabh
’S mi ri iargain nam bheil bhuam,
’S tric mo shùil a’ sealltainn siar
Far ’n laigh a’ ghrian sa’ chuan.
A rèir beul aithris, bhiodh an Dotair a’ tighinn le eithear ás a’ Mhorairne gu Tiriodh a dh’fhaicinn nighean fear na Ruighe, agus tha dearbhadh air an seo anns na rannan a leanas:
Nuair a shìn mi dhuit mo làmh
Air an tràigh a’ fàgail tìr,
’S ann air éiginn rinn mi ràdh,
“Soraidh leat a’ ghràidh mo chridh’ ”.
Nuair a thog mi riut mo chùl,
Chunnaic mi thu brùchdadh dheur;
’S ged a shuidh mi aig an stiùir,
’Sann a bha mo shùil am dhéigh”.
“Chum iad ‘Caesar’ as le chuid. ‘Legions’, ’s fir Lochlann ghéill iad do Chaledonia”. Tha briathran a’ bhàird glé fhìor, ach ged nach do ràinig legions nan Ròmanach cladaichean sgàirneach, fosgailte Thiriodh, cha b’e sin do na Lochlannaich, agus bha an t-eilean fo a smachd ro iomadh bliadhna; tha dearbhadh gu leòr air an seo oir chan eil geodha, oirthir, rubha no tràigh anns an àite nach e ainm Lochlannach a tha orra. Anns a’ bhliadhna 1266, trì bliadhna an déidh blàr na Leirge, fhuair clann Dòmhnuill ùghdarras thairis air Tiriodh, ach an uair a chaill iad-san an cumhachd aig làmhan an Rìgh Seumas, fhuair clann Gill ’Leathain an t-eilean, agus mhair
Chan e uachdarain mhath a bha sna Caimbeulaich agus is iomadh gnìomh mì-chneasda a rinneadh fo riaghladh Diùcan Earra-Ghhidheil, agus gheibhte móran sgeulachdan mu na nithean sin ann am beul-aithris an t-sluaigh. Ma bha guin agus gamhlas aig na Tirisdich do na Diùcan, bha gràin na creiche aca air na bàillidhean; cha chuala mise na bodaich a’ moladh ach aon bhàillidh a bha san eilean ri linn na Caimbeulach, agus b’ esan am bàillidh Dòmhnall a bha san duthaich mu dheireadh na h-ochdamh linn deug. Gheibh sinn dearbhadh air àgh an duine chòir seo anns an òran a rinn Gilleasbuig MacPhàil do mhic a’ Chaimbeulaich; seo beagan de na thubhairt am bàrd mu’n bhàillidh:—
“Gum bheil sinne fo chùram ’s neo-shùnndach a tha sinn,
Bhon a dhealaich rinn Dòmhnall ’s bàillidh òg tighinn ’na àite
Tha ar nàdur ro-mhùchte, ’s bagradh ùr h-uile là oirrin.
Bhi gar cur feadh an t-saoghail, gun fios co’n taobh anns an tàmh sinn;
Mo rùin geal òg.
Bha sinn roimhe seo socrach, làn cothruim ’s toil-inntinn,
Fo’n uachdaran àghmhor, b’ ainneamh iad anns na rìoghachdan,
Aon bheireadh dhiot urram, anns na b’urrainn thu dhìoladh,
Gun robh sonas le buaidh air ceann na tuatha bu phrìseil.
Liuthad aon a bha do-lom ’s a thòisich am bochdainn,
Nach robh aige de stòras na cheannaicheadh brògan na stocain,
Dh’fhàg sibh e glé shàbhailt gun chùram màil air no stoc air,
Ach de dh’airgiod a shaibhreis dhol ga phàigheadh an toiseach;
Mo rùin geal òg.
Chaidh na croitearan fhuadach á Tiriodh mar a thachair ann an ceàrnan eile de ’n Ghaidhealachd, agus gu sònraichte fo riaghladh a’ bhàillidh mhóir a thainig do ’n eilean mu mheadhon na naodhamh linn deug, agus ràinig cùisean a leithid de staid ’s gun do dh’èirich na croitearan suas an aghaidh a’ bhàillidh agus a chuid mhaoir. Thachair seo anns a’ bhliadhna 1886 agus thainig nithean gu a leithid de dh’ìre agus gum b’eudar do’n stàta saighdearan a chur do’n dùthaich a
“ ’S ro fhada tha ml gu tosdach sàmhach,
Mu’n eilean ghràdhach a dh’àraich òg mi,
Bho’n chaidh a Bhàn-Righ ’s an diùc le chéile
A chur ’na h-éigin tir-réidh an eòrna.
Tha luchd àiteachaidh an eilein ìosal,
Fo ghrunnan mìlteach, gun àite còmhnuidh,
’S e diugh ’na fhàsach aig luchd ar mì-rùin,
A chuir sa’ phrìosan na gillean còire.
An Inbhir-Aora, toll dubh a’ chruadail,
Gun dùnadh suas iad a Luan ’s a Dhòmhnach;
Ach bha de dh’uaisle an com Mhic Ghuaire
’S nach biodh iad uair ann nam fuasgladh òr iad.
Theich na tràillean bho chùis na h-aimhreit,
Mar nì an t-aingidh gun aon an tòir air;
Gun deach an tilleadh: cha robh ach breugan
An cùirt Dhùn-éidinn bu léir sin dhòmhsa.
B’ iad sin na saighdearan smearail lùghmhor,
A thighinn do’n dùthaich, bho chrùn na Bàn-Righ,
Gach fear ma seach dhiubh toirt eachdraidh làidir
Air each Mhic Phàidein bha ’n àite còirneil.
Chaidh sinne a bhuaireadh le luchd an tuaileis
Ach sheasadh suas leinn airson na còrach
Gu fearail cliùiteach air chùl nan Gàidheal
Mar rinn ar càirdean san eilean cheò-mhor.
(I. MacIll’Eathain)
Rinn croitearachd adhartas mhór ann an Tiriodh bho àm na “Land League”; tha na croitearan èasgaidh math gu feum agus tha a bhuil ’s a bhlàth, tha iad gu math air an dòigh an diugh; gum a fad’ a mhaireas.
Anns a’ cho-dhùnadh agus mar chuimhneachan orra-san a sheas agus a dh’fhulaing bho dhroch dhiùcan agus bhàillidhean, agus iad-san a chaidh fhuadach thar sàile mar bhàirlich gun fheum, bu mhath leam crìochnachadh le rannan de bhàrdachd bho Uilleam MacPhàil nach maireann:
Air feasgar ciùin ’s a’ Chéitean
’N àm do ghréin bhi dol fo stùc,
Bha smuaintinnean gam chuartachadh
Is dualach dhomh chur sios;
Càite an deach na gruagaichean
Bu dhreachmhor snuadh an gnùis,
A b’àbhaist dol do’n bhuaile
’N àm tigh’nn a-nuas do’n drùchd.
Tha cuid tha sear is siar dhiubh
Anns gach ceàrn ’s bheil grian cur sgàil
Nach faic an t-eilean iosal,
San do chinn iad ’n tùs an là;
Tha dachaidhean a sinnsearachd,
’Na sìneadh ris an làr,
’S luchd tagradh còir na tìre seo
Cur chìobairean ’nan àit’.
Ach thigeadh àm a’ chruadail oirnn
Is duadhalachd nam blàr;
Chan fhaicear air na raointean seo
ach crodh is caoraich bhàn;
Chan iongnadh cridhe luaineach
Mar an cuan a’ ruith gu tràigh
Bhi aig a’ mhuinntir sin a sgùir
Ach choisinn cliù ’s gach ait’.
title | Tiriodh |
internal date | 1974.0 |
display date | 1974 |
publication date | 1974 |
level | |
reference template | Niall M. Brownlie in Gairm 88 %p |
parent text | Gairm 88 |