FACAL NA COMHAIRLE
le Tormod Domhallach
Anns na làithean dòruinneach anns an robh gorta agus iomadh uireasbhuidh ann an eileanan taobh an iar na h-Alba, dh’fhalbh gille òg ar sgeòil, mar a rinn iomadh fear eile, á aon diubh a shireadh cosnaidh agus beòshlainte, gu tìr-mór.
Mu dheireadh thall, an déidh móran siubhail a dheanamh a chaith a bhrògan bharr a chasan, thàinig e gu tigh tuathanaich air an do dh’iarr e muinntireas. Thubhairt an tuathanach ri:— “Tha thu làn tì-beadaidh fuireach an seo cho fad’ ’s a thogras thu, gheibh thu do bhiadh agus do leabaidh ach duais eile chan urrainn mi thoirt dhuit. An uiridh thainig earchall air mo spréidh leis an ghalar-ghreadhain, nì a dh’fhàg mi gu ìre bhig cho bochd riut féin.”
Chòrd coltas an tuathanaich agus aideachadh onarach cho math ris an òganach agus gun do dheònaich e fuireach maille ris air a’ chùmhnant a chuireadh mu choinneamh.
Chuir an sgalag suas ri bliadhna seachad san dachaigh ùir anns an do mheal e araon sonas is caidreabh. Cha robh dìth no deireas air ann an dòigh sam bith. Ged a fhuair e an obair car trom anns a’ cheud dol a-mach, chan fheumte a bhi an gréim innte tuilleadh is moch no anamoch.
Air do hearann a mhaighistir a bhi dlùth do phort mara, fhuair an t-eileanach eòlas air na h-uiread de òganaich eile a thàinig gu bhi ’nam fìor chàirdean dha. Thachair do chuid dhiubh seo a bhi aig muir, a’ seòladh do chaochladh àiteachan ach mar bu trice do dhùthchannan fad’ ás na h-àirde an ear. Rinn an cuid sgeulachdan taitneach mu na tìrean céin uiread de ghréim air inntinn ’s gun do chuir an òigear roimhe gun leigeadh e dheth obair an fhearainn ’s gun leanadh e a’ mhuir maille ri a chomh-aoisean eile.
Cha robh sin doirbh a dheanamh oir fhuair caraid àite dha maille ris féin air soitheach a bh’air bheul seòladh.
Nuair a chuala an tuathanach na bha ann an rùn a sheirbhisich a dheanamh, thubhairt e ris— “Bidh mise da-rìribh gad ionndrain
“Chuireadh bòid orm mun tréig mi an saoghal seo gum fàg mi Facal Na Comhairle aig aon fhear eile, nì a dh’fheumas thusa thu féin a dheanamh ma ni thu ionnsachadh bhuam. A bhàrr air sin bheir thu leat an cat glas a rinn a leithid de thaobh riut bhon a thàinig thu do mo dhachaigh. Tha fios agad mar a bha e ga do choinneachadh leitheach slighe a h-uile oidhche n’ar a bhiodh thu a’ tighinn dhachaigh bho t’obair. ’Se brod an t-sealgair a tha ann dheth a gheibh thu féin is càch ro fheumail anns an t-soitheach seòlaidh oir tha iad ag innse dhomhsa gu bheil iad uile glé làn de rodain.”
’Se saoidh a bh’anns an tuathanach, a theagaisg do’n sgalaig na seachd ceuman dìomhair bho’n d’fhuair e Facal Na Comhairle.
Air an latha a màireach, an àm beannachd a ghabhail le a sheann mhaighistir, thug Taog, oir b’e seo a b’ainm dha, leis an cat glas a ghiùlain e gu cùramach ’na achlais gus an do ràinig e an long.
Sheòl na maraichean anns an òg-mhios is thug an long cóig mìosan air an turas mun do ràinig i a ceann-uidhe. N’ar a chuimhnichear air a liuthad port air am b’éiginn tadhal agus a’ mhaille a chuireadh orra le droch shìde, is ann a rinn an soitheach cala dheth ann am fior dheagh àm.
Mar a thubhairt an saoidh, rinn an cat glas beartan mìorbhuileach air bòrd a’ bhàta nach robh seachdain air sàl n’ar a mharbh i a h-uile rodan a bha air a feadh ged nach bu bheag an àireamh. Dh’fhàs na seòladairean uile, bho’n an sgiobair thun a’ chòcaire, cho miosail oirre ’s nach b’urrainn iad ach air éiginn a leigeadh ás an sealladh.
Nuair a rànas port crìche an turus cuain, far am feumte fuireach eadar cóig-latha-deug agus trì seachdainean, a’ cur a-mach luchd agus a’ gabhail luchd eile ’na broinn, chaidh na gillean air tìr cho luath ’s a fhuair iad an tuarasdal. Mar a chleachd, rinn iad air a’ chiad tigh-òsda is thug iad leotha an cat, a chionn ’s nach leigeadh an eagal
O a rìgh, is ann rompa-san a bha an sealladh anns an tigh-òsda le luchainn ’nan ceudan, air an ùrlar, air na sgeilpichean, a-measg nan soithichean dighe is air na bùird thall ’s a-bhos. Chan fhac Taog an leithid riamh ’na bheatha. Am beagan luch a chunnaic esan an Alba theicheadh iad cho luath ris an dealanach roimh bheathach no roimh dhuine. Cha b’e sin dhaibh seo e, bha iadsan cho callda, tàideach, dàna ’s nach mór nach toireadh iad an gréim á beul neach, is ged a rinneadh iomadh innleachd airson cuir as dhaibh, dh’fhairtlich siod gu tur air daoine.
Cha b’fhada, co-dhiù, gus am faca an òsdair is a mheud ’s a bha an làthair de a cho-luchd-dùthcha rud nach fac’ iad riamh roimhe. Leum an cat glas á lamhan Thaoig, siod am bad nan luchainn e, ga marbhadh ’nam ficheadan mar gum biodh le aon bhuille de a spòig. Cha robh fios aig muinntir an àite dé am beathach a bha ris an léir-sgrios. Chan fhac iad cat roimhe siod, cha robh a leithid de chreutair ri cat anns an dearbh cheàrn ud.
Mun deach dà uair an uaireadair seachad cha robh aon luch air fhàgail beò chan ann a-mhàin ann an seòmraichean an òil, ach anns a’ chuid eile de’n tigh còmhnuidh. Nam bu rud e ’s gun do thàrr té ás le a beatha ’s e falbh gun tilleadh a bha ann. Bho’n àm ud a-mach cha do mhothaich neach a bhuineadh do ’n tigh-òsda do luch no do bhlàth lucha.
Chaidh sgeul an àigh gu grad air feadh an àite. Cha robh latha nach robh tadhal sluaigh air an luing ’s a h-uile neach, òg is inbheach, àrd is ìseal, bochd is beartach airson aon sealladh fhaicinn de’n bheathach annasach a rinn glanadh cho mìorbhuileach air an tigh-òil. Cha b’urrainn an òsdair a bhuidheachas a chur an géill mar bu mhiann leis ach chuir e ceud guinea òir ann an làmhan Thaoig.
Cha b’fhada gus an do ràinig an deagh sgeul lùchairt an rìgh. An taobh a-stigh de chóig latha thàinig an uidheam ghiùlain bu bhriagha air a tarruing le ceithir each gheal thun na lamraig gu cliathach na luinge, ’na broinn bha ceathrar theachdairean bho’n rìgh le cuireadh dùrachdach gu Taog bho a mhórachd, e féin agus an cat a thighinn maille riutha thun a’ chaisteil.
Cha robh a dhol ás aig Taog, cha deanadh diùltadh feum. Dh’fhalbh esan agus an cat glas maille ris na teachdairean. Cha robh comhradh aige ach ri aon de’n cheathrar do bhrìgh ’s gur e an aon
Mun deach iad a-steach air cachaileith a’ chaisteil, stad fear stiùiridh na còmhdhail air beulaibh tigh ìseal anns am faca Taog dithis de fhreiceadanan fo’n làn armachd. Thubhairt an eadar-theangadair ris— “feumaidh thu tighinn a-mach a nis agus dol a-steach an seo airson gun téid do thomhas,” briathran a chuir ìoghnadh gu leòr air an t-seòladair. Rinneadh seo. Sheas Taog air slige meidh iaruinn agus thugas fa-near gu robh sé clachan deug de chudthrom ann. Air ball chaidh a threòrachadh do aon de sheòmraichean an rìgh.
Is ann an siod a bha an lùchairt rìomhach le seallaidhean nach do smaoinich an aoidh gu faiceadh e anns an t-saoghal seo ged a bhiodh e ann gu sìorruidh.
Bha an ùrlar air a chòmhdach le bratan ioma-dathach bho Persia, gach ball àirneis a’ deàrrsadh leis a’ gheiltrigeadh a b’àille. An teis meadhon an ùrlair chunnaic e tùisear àrd alabastor ’na sheasamh air ceithir chasan de umha fìorghlan, is air gach cas ìomhaigh nathrach ga h-amaladh mun cuairt.
Cha b’fhada gus an do dh’fhosgail dorus eile ann an cliathach an t-seòmair agus feuch an rìgh le cuideachd sgairteil de luchd frithealaidh.
Chuir an rìgh aig an robh gu leòr de Bheurla, fàilte chridheil air Taog agus mar a b’fheàrr a b’aithne dha rinn esan ùmhlachd mhodhail do a mhórachd.
Thug an rìgh sùil le ìoghnadh air a’ chat ghlas, oir ged a b’ fhileanta a Bheurla, cha robh e riamh ann an tìr anns am faiceadh e an dearbh sheòrsa beathaich. Labhair e ris an aoidh mar a leanas— “Ged is iomadh neach a thadhail air mo dhachaigh, cha do sheas fathast aon air m’ùrlar ris an do rinn mi uiread de thoileachadh ’s a rinn mi riutsa. Tha mo chaistealan-sa agus taighean mo shluaigh gu léir air am milleadh le plàigh de luchainn agus de rodain. Tha iad anns a h-uile h-àite ’na mo sheòmraichean bidh, ’na mo sheòmraichean cadail. Is ann an cisteachan iaruinn a tha ar biadh gu léir an gleidheadh. Tha iad air tuill a dheanamh troimh na cisteachan fiodha anns am bheil mo dheiseachan aodaich an gleidheadh agus air an fheadhainn as feàrr dhiubh sin a mhilleadh, ach rud as caillte buileach, fhuair iad air feadh mo leabhraichean ’s a-measg phaipearan luachmhor air an do rinn iad mìn chagnadh.
“Chuir mi tagradh gu m’uile chomhairlichean is thun nan daoine as glice th’anns an rìoghachd airson am b’urrainn iad seòl fhaotainn
“Tha mi nis air gealltanas a chraobh-sgaoileadh gu faigh duine sam bith a sgiùrsas na rodain agus na luchainn bho’m dhachaigh a chudthrom féin de bhuinn òir agus ma dh’fhuadaicheas e an t-iomlan diubh an ceann trì seachdainnean gheibh e a roghainn de mo shé nigheanan airson a pòsadh, le a cudthrom féin de òr agus an treas cuid de mo rìoghachd mar thochradh.”
“O a rìgh,” fhreagair Taog, “theid agamsa air an gnìomh ceudna a dheanamh roimh mheadhon na h-oidhche an nochd!” “Cuiridh sinn dearbhadh air do chomasan,” ars an rìgh, a thug àithne do a chòcairean trinnsear de chàise a thoirt a-steach ’s a chur air an làr agus uile dhorsan nan seòmraichean fhosgladh. Rinneadh mar a dh’iarradh, thugadh air adhart an càise, dh’fhosgladh na dorsan ’s a-steach thàinig sgaoth an uamhais de na luchainn. Ma thàinig, siod an cat glas ’nam bad is mar a thachair san tigh-òsda, cha b’fhada gus an robh iad ’nan cùirn marbh aige air an ùrlar. Thachair seo mu ochd uairean anns an oidhche agus mu dheich cha robh luch no rodan, no blàth a h-aon diubh ri fhaotainn anns a’ chaisteal.
Is gann gun creideadh an rìgh a shùilean. Fhuair a lùchairt cùidhteachadh iomlan oir chan fhacas luch no rodan innte ’na dhéidh siod tuilleadh.
An sin thuirt an rìgh ri Taog— “Seasaidh mise an nochd féin ri mo ghealladh. Chuir e neònachas ort carson a chaidh do thomhas mun tàinig thu thar starsach m’ fhàrdaich. ’Se seo an aobhar, tha thu nis a’ dol a dh’fhaotainn do dhuais—sé clachan deug de bhuinn òir, ’se seo do chudthrom. A thuilleadh air sin gheibh thu do roghainn de mo shia nigheanan ri a pòsadh agus an treas cuid de mo rìoghachd.
“Mun gabh am pòsadh àite tillidh thu do do dhùthaich féin, a tha mar a chaidh innse dhomh-sa cian fad’ ás. Bheir thu leat tiodhlac òir bhuam-sa do’n tuathanach chòir bho’n d’fhuair thu an cat luachmhor. Thig thu air ais do’m dhùthaich-sa leis a’ chiad luing a gheibh thu agus bheir thu leat leth-cheud cat, cóig thar fhichead dhiubh fireann agus cóig thar fhichead boireann.”
Le siod a ràdh thionndaidh an rìgh ri aon de a luchd frithealaidh air an do dh’iarr e dol do sheòmar an àrd dhraoidh agus impidh a chur air e a thighinn gu grad ’na làthair-san, e a thoirt tùis na draoidheachd leis agus lasadair. Chuireadh teachdaire eile do sheòmar nan sia bana-phrionnsachan airson iadsan cuideachd a thighinn an làthair an righ.
Thàinig an àrd dhraoidh am follais a’ giùlain anns an dàrna làimh adharc a’ chinn agus nam bannan airgid anns an robh an tùis is anns an làimh eile lasadair fada céire, laiste.
Thuirt Taog ris féin nach fac e neach riamh cho flathail ’na choltas ris an draoidh. Cha robh nì timcheall air nach do thog aire—àirde, suas ri seachd troighean—aodach, culaidh cho geal ri sneachd na h-aon oidhche sìos gu a shàiltean is crios òir mu a theis meadhon—fhalt tiugh, geal mar bhainne, a’ ruigheachd a ghuaillibh—fheusag chas de’n aon ghile, a’ còmhdach bràighe a bhroillich.
Air do inbhe an àrd dhraoidh a bhi air a mheas os cionn rìgh talmhaidh, cha do chrom se e féin idir n’ar a choinnich iad ach thuirt e— “Sìth gu robh dhuit O a rìgh!”
Cha b’fhada gus an do nochd na bana-phrionnsachan, a sheas ’nan sreath air beulaibh an athar. Am meadhon nan cóignear aca bha hùman mór caillich agus moire ’sann oirre féin a bha an dronnag thomadach air an seasadh an cliabh mòna gun chunnart taomaidh ged nach biodh iris idir ann ga cheangal mu a guaillibh. Bha, aodann na caillich gnutha, grathail, a sròn cho fada ri sgonn de churran gàraidh is air bàrr na sròine balldòrain mór is trì gaoisdeanan fada, dubh a’ fàs a-mach ás.
Thionndaidh an rìgh ri Taog agus thubhairt e ris— “Tagh an nis an té ás feàrr leat de mo nigheanan!” nì a chuir an seòladair fo imcheist throm oir bha na cóignear aca cho maiseach ’s nach robh taghadh idir soirbh, ach bha a’ chailleach cho grànnda ris a’ Mhac Mhollachd!
Anns an dearbh mhionaid thàinig Guth Na Comhairle a chagair ann an cluas Thaoig— “Gabh a’ chailleach, gabh a’ chailleach, gabh a’ chailleach. Cuimhnich a tochradh, cuimhnich a tochradh, cuimhnich a tochradh. A cudthrom féin de òr, a cudthrorn féin de òr, a cudthrom féin de òr. Tha i cho trom ri triùir de a peathraichean, cho trom ri triùir de a peathraichean, cho trom ri triùir de a peathraichean. Chan e an seanmhair a th’ann, mar a tha thu an dùil, chan e an seanmhair a th’ann mar a tha thu an dùil, chan e an seanmhair a th’ann mar a tha thu an dùil. Chan eil an fhìor mhaise ach fo’n a’ chraiceann, chan eil an fhìor mhaise ach fo’n a’ chraiceann, chan eil an fhìor mhaise ach fo’n a’ chraiceann. Cha bhi a’ chailleach beò gu sìorruidh, cha bhi a’ chailleach beò gu sìorruidh, cha bhi a’ chailleach beò gu sìorruidh!”
Thubhairt Taog ris féin gu robh rud anns a ’ ghuth agus air dha comfhurtachd nach bu bheag fhaotainn bho’n dearbhachd— “Cha bhi
“Ille òig”, fhreagair an rìgh, “tha do thaghadh a’ cur an géill gliocas nach eil coitcheann aig òige no aig aois. Chan eil thu a’ faicinn nì de chomharradh maise air do rogha céile ach an taobh a-stigh de dheich mionaidean, atharraichidh thu do bheachd!”
Thug an rìgh àithne do’n draoidh e a losgadh tùis na draoidheachd. Chaidh an draoidh naoidh uairean deiseil air an tùisear, (naoidh, àireamh ro dhìomhair, anns am bheil araon dàn agus cumhachd mar bu mhath a b’aithne do’n fheallsanach Pythagoras agus do sheann Cheiltich Ghalatia). An sin dhòirt e taom de’n tùs bho’n adhairc a-steach do’n tùisear. (Bhuineadh an adharc cheudna uaireiginn do tharbh geal anns nach robh aon bhall dubh, nan robh, cha bhiodh a bheag sam bith de bhuaidh leatha).
Chuir e an lasadair céire ris an tùis bho’n do dh’éirich baideal de cheò dubh-ghorm a chaidh ann an cumadh com boireannaich. Rinn an ìomhaigh cheò air a’ chaillich, chaidh i naoidh uairean deiseil orra is anns an naoidheamh uair shìolaidh a’ chailleach tur á sealladh is ’na h-àite chunnacas an òigh bu bhriagha air an do dh’amhairc sùil duine bho thoiseach a’ chruthachaidh. Bheireadh a’ mhaise cheudna dùbhlan do na samhlaidhean as àille anns an t-saoghal nàdurra a cur an géill gu h-iomlan.
Ma ghlacadh sùil Thaoig cho mór agus nach b’urrainn dha a priobadh ach a’ sìor amharc na h-ighne, ghlacadh a chridhe a theab stad fo luchd a shòlais.
Labhair an rìgh a rithist ri Taog— “tha mo nighean agad an nochd fo ghealladh pòsaidh. Fuirichidh thu maille rinn féin ann an seo gus an seòl do long. Fàgaidh thu againn an cat glas is bheir mi dhuit mo ghealladh gum bi e air a dheagh bheathachadh, gu nochdair gach coibhneas dha gus an till thu air ais.”
An ceann cóig latha sheòl Taog do Alba maille ri a luchd eòlais. Air do’n aimsir a bhi soirbheachail, cha tug an soitheach idir cóig mìosan air a turus dhachaigh.
Cho luath ’s a fhuair Taog gu port, rinn e air tigh a sheann mhaighistir a ghabh ìoghnadh n’ar a chunnaic e an t-atharrachadh a thàinig air a sgalaig bho’n a dhealaich iad. Dh’innis an t-eileanach sgeul fhada mu gach nì a chunnaic e, mar a chaidh dha fo bhuaidh dhìomhair Facal Na Comhairle is mu euchdan foghainteach a’ chait ghlais.
“Tha cuimhne agaibh,” ars esan, “n’ar a bha sibh a’ toirt eòlais dhomh air Facal Na Comhairle, gun do dh’innis sibh cho feumail ’s a bha e dhuibh féin an àm càis is imcheist anns na bliadhnachan a chaidh seachad. Thubhairt sibh cuideachd— “agus a bhios e fathast dhomh cho fad’ ’s is beò mi”, “seo agaibh dearbhadh air an sin,” is e ’sineadh tiodhlac an rìgh do’n t-seann duine, ultach tàbhachdach da rìreabh, anns an robh trì mìle punnd Sasunnach ann am buinn òir. Air do’n eallach a bhi cho trom b’fheudar do Thaog each fhaighinn a chum a ghiùlain bho’n phort.
Cha robh fios aig an tuathanach gu dé a theireadh e. Cha robh cainnt aige anns am b’urrainn dha a bhuidheachas a chur an ìre. Thàinig luchd ’na amhaich air chor is gun do thòisich e air sileadh nan deur le meud a ghàirdeachais.
Dh’innis Taog do’n t-seann duine gum feumadh e sgrìob a thoirt do eilein a bhreith, a choimhead air athair is a mhàthair.
Fhuair e iadsan gu slàn, fallain. ’Se a thuirt athair n’ar a thug e a chiad sùil air— “O a Thaoig, nach thu féin a thog ort ’s dh’fhàs dòmhail, trom ann am bodhaig seach mar a bha thu cho neulach, caol n’ar a dh’fhàg thu an dachaigh.” “Tha sé clachan deug de chudthrom annam, athair,” arsa Taog, “ach bheir mi an nochd ceithir dhiubh seo dhuibh féin is do’m mhàthair.”
“Bha thu riamh loma làn fealla-dha, a Thaoig”, fhreagair ’athair.
Mhìnich Taog gur e bha e ciallachadh cudthrom ceithir chlachan de bhuinn òir, gu robh esan air fhortan saoghalta a dheanamh, gun do choisinn e làmh nighean rìgh an dùthaich na h-àird an ear agus an treas cuid de rìoghachd a h-athar is gu robh e a’ tilleadh a phòsadh cho luath ’s a ghabhadh e dèanamh.
An déidh do Thaog athair ’s a mhàthair agus a chiad mhaighistir fhàgail ’nan daoine beartach chuir e cùl ris an dùthaich seo.
Thug e leis mar thìodhlac do’n rìgh an nì a gheall e, leth-cheud cat glas, tìodhlac luachmhor do-labhairt, a thug an taobh a-stigh de thrì bliadhna, sgrìob liath an earraich air na luchainn is na rodain.
An diugh chan eil cuimhne aig aon de luchd àiteachaidh na dearbh chuid ud de’n t-saoghal air aon de na creutairean caillteach fhaicinn riamh ’na bheatha.
Phòs Taog a’ bhana-phrionnsa. ’Se an draoidh a rinn am pòsadh agus cho fad’ ’s is fiosrach mise, tha na fionn-oghaichean aige ann thun an latha an diugh agus fhuair gach oighre a thàinig a-mach bhuaithe eòlas air Facal Na Comhairle.
title | Facal na Comhairle |
internal date | 1974.0 |
display date | 1974 |
publication date | 1974 |
level | |
reference template | Tormod Dòmhnallach in Gairm 89 %p |
parent text | Gairm 89 |