ASAL BHALAAM
le Eilidh Watt
Ghabh mi am barrachd tlachd ann a bhi a’ leughadh na sgrìobh an t-Urr. Iain MacAonghuis ann “Buidseachd is Dìomhaireachdan Eile” chionns gun dòcha an deach mi fhìn is e fhéin àrach air na h-aon sgeulachan. Ged a ghin na sgeulachan sin na h-aon cheistean nar n-inntinn faodaidh e bhi nach dainig sinn chun an aon cho-dhunadh. Ann am “Buidseachd is Dìomhaireachdan Eile” chaidh iomradh a dheanamh air dithis chràbhach, foirbhidh, a bha a’ coiseachd ás Gleann Dail gu comanachadh Shìosort. Air Mòinteach Ostail, àite còmhnard, riabhach, air nach bu tric a dheanadh fear a mhothachaidh dàil, thachair riutha fear a chuir iompaidh orra iad a thilleadh; ach b’e fear e a theich, ged dh’fhàg e patan gorma orra, an uair a dh’iarr iad cobhair bho’n Tighearna.
Saoilidh mi gum bheil an sgeul seo glé choltach ris an sgeul a tha air a h-aithris mu Iàcob an uair a dh’fhan e leis fhéin a dh’aon-ghnothuch, aig Jabbac, is ris an do ghleac duine gu briseadh na faire, duine, a dhiùlt ainm innseadh, duine a bhuin ri fèith na sléisde aig Iàcob is a thug gun robh ceum bacach ann an Iàcob riamh tuilleadh. Duine corporra?
Anns an aith-ghearra sgeòil a thug na h-Athraichean dhuinn thuirt iadsan, “Ghleac Iàcob ri aingil an Tighearna”. Ach dh’ fhalbh na h-Athraichean is chan aithne dhòmhsa, nach eil ach aineolach air am beachdan, an do dhealbh iad dhuinn gu h-eagarrach dé bha ’nan inntinn nuair a bha iad a’ deanamh iomradh air ’aingil an Tighearna.’ Troimh na linntean rinn iad iomradh air ’aingil’ ach am b’e an t-aon ìomhaigh a bha ’nan inntinn is tha nar n-inntinn an diugh? Mar e, cuin, is carson, a dh’atharraich ar beachdan? Cha d’rinn mise ach luath-ruith thairis air leabhraichean a’ Bhìobuill, ach chan eil teagamh agam gum bheil ministearan na h-eaglaise ann, a tha a’ leughadh, is a’ sgrìobhadh an ‘Gairm’ a chuireadh solus air na ceistean seo. Nan togradh iad chuireadh iad soilleireachd air ciamar a tha ar n-inntinn ag obrachadh. No ciamar a tha i air a h-obrachadh.
Tha mi a’ tuigsinn gum bheil am facal, ‘aingeal’, a’ ciallachadh ‘Fear a thig le teachdaireachd bho Dhia’, gun do thog na Greugaich
Ma tha mi a’ tuigsinn luchd na feallsanaich, chan eil iad mar aon ’nam beachd. Tha feadhainn dhiubh de’n bheachd gum bheil Cumhachd ann a tha an taobh a-muigh dhinn bho’n tarraing cuid, cothrom air gniomhan a tha os cionn nàdur a chur an céill. Their cuid eile gum bheil gach nì a tha sinn a’ creidsinn ag éirigh is a crìochnachadh nar n-inntinn fhéin. Có air taobh a tha an ràdh, ’Ge be nithean air bith a dh’iarras sibh ann an ùrnuigh, creidibh gum faigh sibh, agus gheibh sibh e’? Their cuid nach eileas a’ ciallachadh ach nithean spioradail: ach tha na facalan ag ràdh gu soilleir, diongmhalta, ge b’e nithean air bith.
Nis is e mo bheachd fhìn e nach bu chòir dhuinn a bhi a’ sireadh ann an ùrnuigh is tha mi cumail ris a’ bheachd sin a dh’aindeoin gum fac mi ùrnuigh air a freagairt uair is uair. Aon uair chaidh mi, an aghaidh mo chàile, gu coinneamh pìos air astar. Bha an talla làn ach fhuair mi àite suidhe far am faicinn is an cluinninn a h-uile nì bha a’ dol. Direach mun d’rinn fear na cathrach air a chasaibh thainig dithis oga de bhuidheann nan Cailleachan Dubha chun an doruis is sheas iad a’ coimhead mun cuairt, gun àite ann daibh. Smèid mi riutha is chaidh am fear còmhla ris an dàinig mi a shuidhe leis fhéin,
Chaidh na h-argamaidean a thogail a rithist is cha robh an còrr agamsa air na cailleachan ach gun robh mi an dòchas nach cuireadh iad an còrr cheistean. Thainig a’ choinneamh gu crìoch is thionndaich an tè a bhruidhinn rium agus thuirt i, “Bha sinn ri ùrnuigh bho chionn fada is chaidh ar stiùradh gu an seo is fhuair sinn freagairt do ar n-ùrnuighean.” Fads is cuimhne dhomh cha dug i taing dhomh
Nis faodaidh sinn a ràdh ged bha móran anns a’ choinneamh a bha foghlumaichte is tric a tha iadsan uaibhreach, gu h-àraidh nuair a tha gnothaichean cudthromach air an inntinn. Ach saoilidh mi nach eil neach air thalamh a chuireadh an t-olc sin ás mo leth-sa. Ged rùraich mi lann-leabhraichean an deidh an àm cha d’fhuair leabhar a chuireadh solus air an ceist is bho’n uair sin saoilidh mi gun robh na thainig thugam pailt cho brìgheil ri dad a chunnaic mi ann an sgrìobhadh bho’n uairsin.
Mar a thuirt mi is e mo bheachd e nach còir dhuinn a bhi sireadh ann an ùrnuigh. Ma tha Ceartas Iomlan ann saoil an còir dhomh iarraidh gun claonadh e d’am thaobhsa, no do thaohh neach eile ged b’e cho cràbhaidh is gum bitheadh e.
Is mar aom Ceartas Iomlan dé nis a tha a’ deònachadh an nì a dh’iarras e do neach ann an siud is ann an seo? Tha aobhar agam creidsinn gum bheil sin a’ tachairt; chan eil iad uile gam mealladh fhéin.
Nis sùil air an taobh eile.
Dòcha gun do dhìochuimhnich sinn mar a sgrìobh Henry James anns an leabhar, ‘The Varieties of Religious Experience’agus is fheàrr dhomh cur sìos beagan lìnichean ás far am bheil e ag innseadh mun eòlas a fhuair e fhéin is e ’na shuidhe ri taobh a theine fhéin.
“Fear came upon me, and trembling made all my bones to shake. To all appearances it was a perfectly insane and abject terror without ostensible cause, and only to be accounted for, to my perplexed imagination, by some damned shape, squatting invisible to me within the precincts of the room, and raying out from his foetid personality, influences fatal to life. The thing had not lasted ten seconds before I felt myself a wreck, reduced from a state of firm, vigorous joyful manhood to one of almost helpless infancy. ”
Tha e ag ràdh a rithist nach eil facalan aige leis an dealbhadh e an oillt a thuit air an cois a mhothachadh a fhuair e. Is ged b’e cho eagarrach is bhitheas an samhla no an coimeas cha tuig e ach an neach aig am bheil eòlas coimeasach. Is e mo bheachd e gum bheil iadsan nas lìonmhor na dh’aidichear.
A réir mo thuigse air na dìomhaireachdan seo chan eil iad gu feum dhuinn ach dòcha gun tig iad oirnn gus sealltainn dhuinn cho cumhann, goirid is a tha crìochan ar n-eòlais. Thoireamaid sùil air George Fox, duine aig an robh cliù mór airson a chràbhachd is a chuir air bonn eaglais na Methodists. Dé feum a bha ann da ged a b’éigin da dol gu Lichfield, a’ caoidh is a’ glaodhaich airson na fala a chaidh a dhòrtadh anns a’ bhaile ud is gun fhios aige fhéin na aig an fheadhainn a bha ag éisdeach a’ ghaoir a rinn e, gun robh uair a bha fuil na martarach a’ ruith mu chasan an fheadhainn a chuir ás dhaibh. (Chaidh còrr is mìle Crìostaidh a chur gu bàs an siud aig àm Diocletian, anns an treasaibh linn). Dé feum gum faca George Fox sealladh air nàdur na Fìrinn a dhùisg is a ghin ás ùr spiorad na diadhachd ann am mìltean far àireamh nuair nach gluaiseadh e fhéin meur no teanga gu Nayler, a dhlùth charaid is a dheisciobul, a chòmhnadh, ged chaidh a chlaoidh is a phianadh airson bliadhnaichean? An fheàrr eòlas na iochd?
Ceistean. Ach an uair nach bruidhneadh Balaam nach b’eudar do Asal Bhalaam teanga a thogail!
title | Asal Bhalaam |
writers | Eilidh Watt |
internal date | 1974.0 |
display date | 1974 |
publication date | 1974 |
level | |
reference template | Eilidh Watt in Gairm 89 %p |
parent text | Gairm 89 |