AM BAILE AGAINNE
le Ruaraidh Iain MacLeòid
Tha seachd tighean ’nan sreath bho’n chidhe chun a’ chladh anns a’ bhaile againne. Tha iad a sin an nochd, biùgan soluis anns gach fear, mar sreath rionnagan.
Anns a’ chiad tigh bha Mòrag is Coinneach sàmhach aig an teine; Catrìona, a nighean a b’ shine leatha féin ’na guraban air a’ bheinge; Fionaghal, a nighean a b’ òige, a’ cluich air an làr le sligean a lorg i feasgar air a’ chladach. Bha Catrìona a’ caoineadh. Bha h-athair fiadhaich, bha màthair duilich. An ceann ùine thubhairt Coinneach, “ ’S fheàrr fhios a bhi aig an dotair, ’s aig a mhinistir—chan fhada gum bi e air feadh a’ bhaile co-dhiù. Teaghlach gun thaing. Mise ’s do mhàthair nar cuis-nàire. ’S iongantach gum faigh e a bhaisteadh co-dhiù nuair a thig e.” Bha’n tigh sàmhach, feargach, duilich. Farmad gu robh a latha féin do thogail cloinne seachad agus latha eile tòiseachadh . . . . ’sann a bu chòir dhith a bhi air a dòigh, ach bha i a’ smuaineachadh gur i féin a bha air a dhol ceàrr ’s nach bi Catrìona, air dòigh a choireigin. Mu dheireadh thubhairt i; “Tha mi ’n dòchas gur e balach a bhitheas ann: chan eil a’ feitheamh air boireannach anns an àite seo ach obair is bròn.”
Anns an dara tigh bha Sandy agus Mairead a’ gabhail an Leabhair. Salm, soisgeul is ùrnuigh. Nuair a dh’éirich iad far an glùinean thubhairt Mairead, “Bu chòir dhut innseadh dha’n mhinistir.” “ ’S iongantach mar a bheil fios aige.” “Bhiodh e coltach dhutsa leigeil fhaicinn dha na tha dol air adhart sa’ bhaile seo ’s tu nad eildeir. Mar a leig, leigidh mise.” “Tha fios aige glé mhath—chluinneadh tu an eughach a bh’air Coinneach feadh a’ bhaile.” Leis a sin chaidh iad a chadal. Bha’n tigh socair, tèaruinte, mar anam air a theàrnadh. Cha robh teaghlach aca.
Anns an treas tigh bha Banntrach Mhurchaidh an Iasgair a’ riarachadh suipeir air seachdnar mhac. Bainne teth agus aran. Eóghain a bu shine—ochd-bliadhn’ -deug, làidir, sèimh, stòlda, coltach ri athair. Domhnall Iain—sia-bliadhn’ -deug— ’se bha math anns an sgoil! “Eóghain, nach cùm thu bhiadh ri Dollaidh.” Niall—ceithir-bliadhn’ -deug—cha robh ann an Niall ach lethchiallach, ach dheanadh e pàigheadh-seachdain air an“Silver Darling”fhathast, ’s bhiodh cuibhreann air a chur a-mach dhàsan cuideachd. Murchadh—trì-bliadhn’ -deug—àrd, caol, dorch, ’se cìobair a bhiodh ann . .
Alasdair—seachd bliadhna—bàn agus ao-coltach ri càch—bha e bruidhinn air a bhi ’na mhinistir—aig aois! Donnchadh—cóig bliadhna—a’ ghràin a bh’aige air an sgoil! Dollaidh a b’òige—cha robh ann ach leanabh fhathast, chan fhaca e athair riamh, cha robh ach trì mìosan eadar am bàthadh ’s am baisteadh. Mas deach iad a chadal las Seonag coinneal san uinneig, dh’fhàg i na cùirtearan gun tarruing, ’s an dorus gun ghlasadh—gun fhios nach tilleadh Murchadh. Bha Dollaidh air tuiteam ’na chadal nuair a chuir i dha’n leabaidh e anns an rùm aig Eóghain, Dòmhnall Iain is Niall. “Gu robh Dia ga ar beannachadh ’s gar gleidheadh, Amen.” Dollaidh, an seachdamh gille— ’se bhiodh annsan dotair.
Anns a’ cheathramh tigh bha Calum Ailein a’ cur leabhraichean na bùtha air dòigh. Cùnntasan gan deanamh an àird, òrduighean a’ falbh gu na buidsearan, muinntir an arain, muinntir an uisge-bheatha. Bha e a’ fàs doirbh, baraill-bhròg, ràcain-feòir, làmpaichean-parafin agus pumpaichean bhìosagail fhaighinn. “Bha bhùtha fada na b’fheàrr ann a linn t’athar,” bha Annag air a ràdh ris an latha sin féin aig a van. Cha robh uimhir seo do dh’obair leabhraichean aige co-dhiù. Ach nuair a dhùin e an leabhar aig leth-uair an déidh aon-uair-deug mhothaich e gu robh a phrothaid an àird an t-seachdain seo rithist. ’Se na bha e reic de dheoch a bha ga dhèanamh. Thug e thuige Leabhar eile.
Anns a’ chóigeamh tigh . . . . well, cha chanadh tu tigh ris. Bha Raghnall an Ròn beò fo mhullach sinc am broinn bhallachan cloiche, le dà bhocsa-sgadain far an do chleachd na h-uinneagan a bhi agus poca canabhas a’ crochadh ris an dorus. Bha teine mór am meadhon an làir, leabaidh anns a’ chornair. Bha Raghnall ’na shuidhe cho faisg air an teine ’s a dheidheadh aig air, ’na dheise ghorm a chleachd a bhi air a’ seòladh, gu ruig a bhonaid-bhiorach—“Cheese cutter”. ’Se latha math a bha air a bhi aige an diugh, latha an Allowance—sin a dh’fhàg ’na dheise e. Bha e air cuairt a ghabhail chun a’ chidhe feasgar agus air feed chudaigean a thoirt dhachaidh leis. Bha leabhar mór fosgailte air a ghlùinean, peansail ’na dhorn agus seann phaidhir ghloinneachan crochte mu amhaich. Cha robh duine a’ cur dragh air—bha sin cho math oir ’sann a bha ’n duine stiùradh cùrsa gu Capetown—Capetown, abair àite math—tìde mhath, a dhuine! Thog e shùil. “Keep her set at that for the rest of the watch, Smith. We should be off Capetown at first light. It’s been a good voyage. ”Dhùin e an leabhar, smàl e an teine, ’s chaidh e chadal. ’Se latha
Anns an t-siathamh tigh bha Ceit Anna a’ deanamh cupa tea do Evelyn. Dithis bhoireannach òg, m’an deich air fhichead. Bha Evelyn aotram, sgiobalt, ach bha Ceit Anna air tuiteam ann a feòil bho phòs i. ’Sann á Dun Eideann bha Evelyn, ’s bha i féin ’s an duine air tighinn a dh’fhuireach dha’n eilean airson a bhi faisg air a h-athair, ’s a màthair a bha air feu a ghabhail aig ceann eile a’ bhaile. “I can’t get used to Jock being out late like this; he says he’s working but he smells of drink. All he wants when he gets home is his dinner and his bed. ”Bha Ceit Anna féin air a bhi pòsda aig Seonaidh cóig bliadhna. Bhiodh Seonaidh ag iasgach, nuair nach biodh e slupraich anns a hotel. Bha ceathrar chloinne aca, triùir nighean is balach. “It’s like this”ars ise, “men are like that. My father was the same, so I’m used to it all right. As long as Johnny keeps me in money and the kids decent I don’t mind. They’ll be back at twelve. ”Chuir i cupa air a’ bhòrd mu choinneamh na té’ile, le pìos céic, dà bhriosgaid is sgona gu cùramach ri thaobh. “I must learn how to make scones like yours, Kate Ann”ars ise.
Anns an t-seachdamh tigh, bha Alasdair Og ’s a bhean air a dhol dha’n leabaidh. Tigh ùr math. Am fearann air a dheagh chumail. Cha robh iad ach air pòsadh. Bha bùtha aig athair Bhellag ann am Portrìgh, ’s mar sin cha robh dad a dhìth orra. Bha Alasdair air a bhi troimh’n fhoghlum an Dun Eideann, agus bha e air tilleadh dhachaidh a dh’obrachadh an fhearainn. Shealladh esan dha’n bhaile ciamar a dh’obrachadh tu crodh is caoraich, mar a bha’n duine bochd air a chumail sìos, ’s nach robh feum air Dia. Cha robh e air guth a ràdh ri duine ach bha e ’na bheachd seasamh airson a’ Chouncil as t-earrach. Cha robh a bheachdan a’ còrdadh ris a’ mhinistir, na ri móran eile. Cha robh na ri athair Bhellag—b’ esan an Councillor.
Anns a’ mhansa bha Mgr. MacDhòmhnaill a’ cur crìoch air searmon. Searmon math cruaidh, smiorail. Dh’fheumadh e am baile seo a thoirt gu rathad. Searmon an aghaidh adhaltranas, an aghaidh teagasgan-mearachdach, an aghaidh miann an airgid, searmon an aghaidh a bhi beò air an Assistance, an aghaidh deoch làidir, searmon an aghaidh creidimh gun tigeadh na mairbh air ais bho ghrunnd na mara . . .
Bha Seumas ’na shuidhe air baraille aig a’ chidhe, a’ coimhead na rionnagan. Cha robh gan coimhead ach e féin. Ma bha an Ròn
title | Am Baile Againne |
internal date | 1974.0 |
display date | 1974 |
publication date | 1974 |
level | |
reference template | Ruaraidh Iain MacLeòid in Gairm 89 %p |
parent text | Gairm 89 |