An Sgeilp Leabhraichean
Kenneth MacKinnon, The Lion’s Tongue.Club Leabhar Inbhirnis. 1974. £1.00 (£2, còmhdach cruaidh).
Tha Coinneach MacFhionghuin air leabhar feumail a sgrìobhadh ged is ann am Beurla a tha e, agus ged is ann bho’n taobh a-muigh a tha e fhéin, agus rud math de’n fhiosrachadh aige bho’n taobh a-muigh. Chan eil teagamh nach fhaodadh an leabhar a bhi na b’fheàrr, agus na b’fheumaile, nan robh an t-ùghdar air a bhi na b’fhosgailte ri fiosrachadh a fhuair e, ach tha leabhraichean eile ann a bheir iomradh nas coimhlionta do dhaoine. Bheir mi eiseamplairean an seo air na rudan sònraichte tha fo m’aire, agus beagan iomraidh air na rudan matha cuideachd.
Tha an leabhar air òrdachadh ann an riochd eachdraidheil, ach tha e soilleir nach eil an t-ùghdar ro eòlach ann a seann eachdraidh na Gàidhlig agus nan cànanan a tha air am bruidhinn ann am Breatainn. Tha e de’n bheachd gur h-e na Gaidheil a thug fiosrachadh air sgrìobhadh agus foghlum eile do na h-Anglo-Sacsaich cho fada deas ri Lunnainn. Cha b’fhuilear dha gabhail air a shocair, ged a bhiodh criomag bheag de’n fhìrinn aige! Tha e a’ cur nan laoidhean Oiseanach do’n aon linn ris na seann sgeulachdan (sàgachan) agus a’ cur nam bàrd os cionn nam filidh. Is dòcha gun robh an leabhar air a bhi na b’fheàrr a’ tòiseachadh san t-seachdamh linn deug. Co-dhiù tha cùisean a’ dol nas fheàrr leis bho àm Laghan Idhe(Statues of Iona)an 1609, agus tha cunntas an ìre mhath cothromach aige air suidheachadh na Gàidhlig anns an 18mh agus an 19mh linn, ’s e a’ ruith gu cabhagach air beachdan an Ollaimh MhicIain (a bha air taobh na Gàidhlig) agus air an obair theagaisg a rinn an S.S. P.C. K na Comunnan airson sgoiltean Gàidhlig (Glaschu, Dun-Eideann, Inbhirnis), Comunn nam Ban, na h-Eaglaisean, agus Comunn Gàidhlig Lunnainn. Tha e feumail eadhon eachdraidh chabhagach a bhi ann de’n t-seòrsa seo,
Tha beagan de choltas na cabhaig air na sgrìobh e mu’n fhicheadamh linn, agus tha e soilleir nach eil làn fhiosrachadh aige mu gach cùis. Chan eil guth air na cruinnichidhean feumail a chuir an Comunn Gaidhealach air adhart eadar 1920 agus 1939, no air na Còmhdhailean a chuir Colaisde Jordanhill air adhart eadar 1955 is 1965. Geci tha iomradh air obair a’ Choimitidh a chuir ri chéileGaelic -speaking Children in Highland Schools,chan eil fios aige mu’n cheangal a bha eadar an Coimitidh sin agus na poilisidhean ùra Gàidhlig an Siorrachd Inbhir-Nis, agus cha chreid mi gu bheil iomradh idir air an Ollamh Iain MacGillEathain, a rinn uiread gus na poilisidhean sin a chur an gnìomh.
Cha mhotha tha guth air an obair a rinn an Coimitidh airson Leabhraichean-sgoile Gàidhlig, obair fheumail gu h-àraidh anns na ciad bhliadhnachan, nuair a bha iad ag obair an co-bhoinn ri Clò-bhualaidhean Gairm agus a’ cur leabhraichean ùra an tairgse nan sgoiltean. Bha Roinn nan Cànanan Ceilteach an Obar-Dheadhain ’s an Glaschu air beagan a dheanamh an seo cuideachd. Chan eil guth a rithist air Bòrd a’ Cheusnachaidh, is Gaidheal math air a cheann, agus am Pannal Gàidhlig aig a’ Bhòrd, air a robh mi fhìn mar fhear-cathrach grunn math bhliadhnachan. Ach is gann gu bheil guth air Gairm fhéin, agus air Clò-bhualaidhean Gairm, agus ’se eachdraidh annasach a leigeadh an leithid troimh a làmhan. Ach fuirich ort, tha eachdraidh a’ Chlub Leabhair ann, agus ann an dealbh de leabhraichean ùra Gàidhlig chì thu seachd bho’n Chlub agus trì bho Ghairm, mar gum biodh an duine a thagh iad an dòchas gun togadh daoine gur h-ann mar sin tha cùisean. Cha ghabh eachdraidh a fiaradh cho furasda sin.
Tha rudan nas feumaile ann far a bheileas a’ sgrìobhadh air beachd an t-sluaigh air a’ Ghàidhlig ’s air a’ Bheurla, agus mar a ghabhas staid na Gàidhlig neartachadh an diugh fhéin agus anns na bliadhnachan tha romhainn. Air sgàth nan rudan sin tha mi a’ moladh an leabhair, agus a’ guidhe gun dean e feum. Agus tha mi’n dòchas gu faic sinn cunntas bho làimh eile, a bhios nas cunbhalaiche, ’s nach bi cho leth-oireach ris a’ chunntas seo.
RUARAIDH MACTHOMAIS
title | An Sgeilp Leabhraichean |
internal date | 1974.0 |
display date | 1974 |
publication date | 1974 |
level | |
reference template | Ruaraidh MacThómais in Gairm 89 %p |
parent text | Gairm 89 |